Back to recordings

Òran an St. Margaret

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF014i04N ÒRAN AN ST MARGARET


Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archibald MacLellan
Bàrd: Màiri Theàrlaich, Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson



[Archibald MacLellan:] Hug a rà bhi 's gu ga rìribh
Hug a eile hó hi rì o
Tha St. Margaret làidir, cianail
Slàn fo thìr gun till na h-[eòlaich?]


'S e sgeul a thug Seumas 'gam ionnsaigh
'S a' mhadainn an am dhuinn dùsgadh
Gun dàinig na seòid dha'n dùthaich
Sliochd Iain Mhuideartaich na ròiseal


Chaidh mi sìos gu leth-taobh Mhàrtainn
Rinn mi nochdadh ris an t-sàile
'S ann a chunna mi an té bhàn
'S i mach mu choinneamh tràigh na Leòdach


Té bhòidheachd nan guaillean geala
Thàinig oirnn bho thìr an Eilein
Air a' robh luchd nan cùl donna
Siud agaibh na gallain òga


Chan iongnadh leam mar a tha sibh
Bhith gu dubhach, deurach, craiteach
Mun bhean uasal an deagh nàdair
Anns a' chill gun [chail?] gun chòmhradh


Chan ìongnadh leam sibh bhith dubhach
Coimhead air taigh bàn nan uinneag
Far a rogh [robh] ar gaol a' fuireach
'S nach tig is' an-diugh 'nar còmhradh


'S nuair a tho—nach tig sibhs' an-diugh nar còmnaidh


'S nuair a thog sibh na siùil geala
Mach bho bharraibh a' cruinn uaine
Sgoltadh [bharrannan?] ma guaillean
Iùbhrach Ruairidh s i bha [bòidheach/pròthail?]


Nuair a chàraichte fo bhréid i
'S an iubhrach an cuan a reubadh
Mar steud [duibh a chuallach reurach/chruidheach, shunndach, leumrach?]
Ann an réis air réidhlein còmhnard


[BREAK IN TAPE]


Feumaidh tu mo leisgeul a ghabhail. Mhix mi suas an gnothach a' seo agus tha ceathramhan eile agam nach urrainn dhomh tighinn nam chuimhn' orra a-nisd.


[Flora Mae?:] Tha e aig Alec John.


[BREAK IN TAPE]


[AML:] Bha e 'na mhember 'san eilein:


'S member fearail, smearail, [meanbhail?]
'S a dhà shùil mar dhriùchd [na mìn-lach/'nam inntinn?]
Bu mhór do thlachd agus d' fhìrinn
Measg nam mìltean, thug 'ad bhòt dhut.


Chan urrainn dhomh cuimhneachadh air na ceathramhan eile ach bha co-dhiù—[BREAK IN TAPE]—agus tha am piuthar a tìodhlachadh shuas a's a' chladh seo shuas, shin a' seann cladh, thà.


Ach bha i na—


[FM?:] [—pretty sure/smaoinich mise?] bidh Alec John a' gabhail an òran—


[BREAK IN TAPE?]


[John Shaw:] [Gharaiche?]


[AML:] [Bu gharaiche?]. Agus an dòchas gum bi e agad. Bheir thu air—


[FM?:] Bha fhios aigsean nach e fhéin a bha. 'S ann shìos aig [?].


[AML:] 'S ann—


[FM?] —bha e fhéin a' fuireach teann air far a' robh—


[AML:] Bha, ach bha e uile agamas uile agus—[BREAK IN TAPE?] Ceathramhan do dh'Alec John dheth


[JS:] Dh' ionnsaich.





Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 238

Alec Dan MacLellan
Eilean Mhàrgaraidh | Margaree Island 8 recordings Faic pròifil | view profile