GF014i04N ÒRAN AN ST MARGARET Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archibald MacLellan Bàrd: Màiri Theàrlaich, Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson [Archibald MacLellan:] Hug a rà bhi 's gu ga rìribh Hug a eile hó hi rì o Tha St. Margaret làidir, cianail Slàn fo thìr gun till na h-[eòlaich?] 'S e sgeul a thug Seumas 'gam ionnsaigh 'S a' mhadainn an am dhuinn dùsgadh Gun dàinig na seòid dha'n dùthaich Sliochd Iain Mhuideartaich na ròiseal Chaidh mi sìos gu leth-taobh Mhàrtainn Rinn mi nochdadh ris an t-sàile 'S ann a chunna mi an té bhàn 'S i mach mu choinneamh tràigh na Leòdach Té bhòidheachd nan guaillean geala Thàinig oirnn bho thìr an Eilein Air a' robh luchd nan cùl donna Siud agaibh na gallain òga Chan iongnadh leam mar a tha sibh Bhith gu dubhach, deurach, craiteach Mun bhean uasal an deagh nàdair Anns a' chill gun [chail?] gun chòmhradh Chan ìongnadh leam sibh bhith dubhach Coimhead air taigh bàn nan uinneag Far a rogh [robh] ar gaol a' fuireach 'S nach tig is' an-diugh 'nar còmhradh 'S nuair a tho—nach tig sibhs' an-diugh nar còmnaidh 'S nuair a thog sibh na siùil geala Mach bho bharraibh a' cruinn uaine Sgoltadh [bharrannan?] ma guaillean Iùbhrach Ruairidh s i bha [bòidheach/pròthail?] Nuair a chàraichte fo bhréid i 'S an iubhrach an cuan a reubadh Mar steud [duibh a chuallach reurach/chruidheach, shunndach, leumrach?] Ann an réis air réidhlein còmhnard [BREAK IN TAPE] Feumaidh tu mo leisgeul a ghabhail. Mhix mi suas an gnothach a' seo agus tha ceathramhan eile agam nach urrainn dhomh tighinn nam chuimhn' orra a-nisd. [Flora Mae?:] Tha e aig Alec John. [BREAK IN TAPE] [AML:] Bha e 'na mhember 'san eilein: 'S member fearail, smearail, [meanbhail?] 'S a dhà shùil mar dhriùchd [na mìn-lach/'nam inntinn?] Bu mhór do thlachd agus d' fhìrinn Measg nam mìltean, thug 'ad bhòt dhut. Chan urrainn dhomh cuimhneachadh air na ceathramhan eile ach bha co-dhiù—[BREAK IN TAPE]—agus tha am piuthar a tìodhlachadh shuas a's a' chladh seo shuas, shin a' seann cladh, thà. Ach bha i na— [FM?:] [—pretty sure/smaoinich mise?] bidh Alec John a' gabhail an òran— [BREAK IN TAPE?] [John Shaw:] [Gharaiche?] [AML:] [Bu gharaiche?]. Agus an dòchas gum bi e agad. Bheir thu air— [FM?:] Bha fhios aigsean nach e fhéin a bha. 'S ann shìos aig [?]. [AML:] 'S ann— [FM?] —bha e fhéin a' fuireach teann air far a' robh— [AML:] Bha, ach bha e uile agamas uile agus—[BREAK IN TAPE?] Ceathramhan do dh'Alec John dheth [JS:] Dh' ionnsaich.