O mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil meala
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF014i03N O MO NIGHEAN DONN BHÒIDHEACH NAN GORM-SHÙIL MEALLA
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan
Séist: 'S ho rò mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil mealla,
'S truagh nach robh sinn còmhla ged bhitheamaid falamh,
'S o mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil mealla.
'S binne leam do chòmhradh na a' chuthag 's a' smeòrach,
'S 'ad a' seinn mar chòmhlan 's an òg-mhadainn earraich.
Tha mo cheanns' a' liathadh bho chionn iomadh bliadhna,
Cuimhneach air na ciad té a bh' agam riamh 'na leannan.
Tha mo cheann air liathadh bho chionn ioma bliadhna,
Cuimhneach air na ciad té a bh' agam riamh 'na leannan.
'S e mo cheist a' mhaighdeann a bhios na fir a' faighneachd,
Shiùbhlainn leat [...] los na coinnlean a chur air na [galleys?]
Cha chreid mi nach e sin a th' agamas dheth, a-nisde.
Reference sources:
Òrain Luaidh Màiri Nighean Alasdair (K. C. Craig, 1949) p. 35; Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 97