GF014i03N O MO NIGHEAN DONN BHÒIDHEACH NAN GORM-SHÙIL MEALLA Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archie Dan MacLellan Séist: 'S ho rò mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil mealla, 'S truagh nach robh sinn còmhla ged bhitheamaid falamh, 'S o mo nighean donn bhòidheach nan gorm-shùil mealla. 'S binne leam do chòmhradh na a' chuthag 's a' smeòrach, 'S 'ad a' seinn mar chòmhlan 's an òg-mhadainn earraich. Tha mo cheanns' a' liathadh bho chionn iomadh bliadhna, Cuimhneach air na ciad té a bh' agam riamh 'na leannan. Tha mo cheann air liathadh bho chionn ioma bliadhna, Cuimhneach air na ciad té a bh' agam riamh 'na leannan. 'S e mo cheist a' mhaighdeann a bhios na fir a' faighneachd, Shiùbhlainn leat [...] los na coinnlean a chur air na [galleys?] Cha chreid mi nach e sin a th' agamas dheth, a-nisde.