Back to recordings

Òran do Mhaighstir Cailean Grannd, Sagairt Arasaig

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF009i01 ÒRAN DO MHAIGHSTIR CAILEAN GRANND, SAGAIRT ARASAIG


Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon
Bàrd: Iain Ailein , Bàrd Thighearna Cholla , Am Bàrd MacGilleEathain , Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean



Gu bheil m' inntinn air dùsgadh,
'S i 'gam bhrosnachadh sunndach gu[BREAK IN TAPE]sunndach gu dàn;
Nam biodh fiosrachadh réidh dhomh,
Na gun ùraicheadh [géire/gàir'?] air mo chàil;
Tha mi 'n comain an uasail,
Nì nach urrainn mi 'luaidh air an-dràst';
Air na bhuannaich mi eòlas,
Nuair a bha mi 'na chòmhradh Dimàirt.


'S e e fhéin am fear fiachail,
Chaoidh cha leig mi air diochuimhn' mar a bha;
'S bidh mi còmhradh mu a bheusan,
Ri luchd m'eòlais le aoibhneas gu bràth;
Maighstir Cailean, an Granndach,
Tha gan chinneadh [an ceann an luchd/bha e ceannsalachd?] chruaidh;
Cha b' e fòtas na fala,
A rinn sìoladh cho fallain 'na ghruaidh.


'N àm suidhe mu d' bhòrdaibh,
Bu chliùiteach do sheòl ris na dàimh;
Bhiodh a' bhranndaidh gun gainneas,
Le fìon blasta bhith gloineachan làn;
Bhiodh leann làidir 'na searrag,
Anns na cuachan 'cuir thairis gu bàrr;
Bhiodh gach duine làn sòlas,
Sunndach bruidhinn ach ag òl do dheoch-slàint'.


Rinn mi 'm beagan seo 'ghràidhinn,
Mu 'n duin' uasal tha 'n Arasaig thall;
'S tha mi 'n dùil gur e 'n fhìrinn,
Anns gach nì thuirt mi ribh ann 'am chainnt;
Dh'fhaotainn tuilleadh dhuibh innse,
Ach bidh mi tarsainn gu crìch' le mo rann;
Òlam a-nis do dheoch-slàint',
On a fhuair mi an dàn seo gu ceann.


Reference sources:
The Secular Poetry of John MacLean (2007), Appendix 1, Song 40

Jim MacKinnon
Am Pòn Mór | Big Pond 7 recordings Faic pròifil | view profile