Back to recordings

Tha Mise fo Mhulad air Tulaich gun Uaill

0:00
0:00 Download MP3

A’ chiad sreath | First Line

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF068i06 GUR MIS' THA FO MHULAD AIR TULAICH GUN UAILL


Beulaiche: Eòs Ailean mac Ruairidh Chaluim Ghobha | Joe Allan MacLean
Bàrd: Bean Iain Ruairidh | Catherine MacNeil


Bha siud ann, leth-sheann bhoireannach a bha fuireach am paraiste Christmas Island. 'S e Eilean na Nollaig, tha mi tuigsinn, an ainm Gàidhlig a bh' air Christmas Island. Agus bhiodh i bàrdachd—dèanamh roinn de dh'òrain. Agus a' bhliadhna a bha seo bha—cha robh duine a-staigh ach i fhéin 's an duine, is bha 'ad air fàs sean. Agus smaointich i gun dèanadh i—agus gun dèanadh i ceathramhan òrain mu dhéidhinn a h-uile rud a bha 'ga bodraigeadh. Agus a' mhadainn a bha seo, start i air an fhonn seo:


[Séist:] Ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór,
Ma dh'fhaodas mi, cha ghabh mi té mhór,
Ma phòsas mi, cha ghabh mi té mhór,
'S glé bheag an té dh'fhòghnas dhomhsa.


'S gur mis' tha fo mhulad air tulaich gun uaill,
'S e is gnàths dhomh bhith tuiream le truimead an fhuachd,
Cha dèan mi car tuilleadh 's mi nist air toirt suas,
Le gaoth bho 'n tuath 'gam leònadh.


An àm éirigh 'sa mhadainn gun teine gun tuar,
Bidh gaoirean thro m' bhonnan a sgriosadh [is fuachd?],
'S e gainnead a' chonnaidh bh' oirnn iomadach uair,
A thug an droch uair seo oirnne.


Gur h-iomadh latha frionasach a bh' agam bha fuar,
A chaidh mi dhan choillidh a ghearradh le tuagh,
'S na deòir gu frasach a' cathadh le m' ghruaidh,
Is cha b' urrainn dhomh bualadh seòlta.


Tha mise fo mhulad 's mi muigh air na cùil,
Fad ó gach duine tha cuideachadh leam,
'S e tarraing an eallaich a dh'aindeoin gach cùis,
A dh'fhàg mi brùide, leòinte.


Ar càirdean uileadh 's a chuideachd mo ghaoil,
A bhiodh 'nam chomann gu carthannach, caomh,
Nuair bhitheamaid 's a' bharran fo bharraibh nan craobh,
Gun togamaid fonn nan òran.


Tha sinn 'nar breislich mu dhéidhinn na spréidh,
Am beagan dhiubh th' againn gun téid iad o fheum,
Bu sgeula na creiche dhuinn uile gu léir,
A bhith anns an éis an-còmhnaidh.


Tha cruach air a' mhaiseadh a rinn sinn dhuinn fhìn,
'S chan urrainn mi 'g ràdh gun tarraing sinn i,
Le doimhneachd an t-sneachda 's e a' falach gach nì,
O mhullach ar cinn gu ar brògan.


Ach a-nist on a tha mi air bànadh le aois,
Mo ghruaidh air seachadh air coltas an aoig,
Gun thréig mi gach tapadh a bh' agam o thùs,
Cha seall mo shùil' ach sgleòta.


Ach truagh nach robh mise cho math ris na bàird,
Tha 'n dùthaich na siorrachd a' dèanamh nan dàn,
Gun tugainn dhuibh iorram a mhaireadh gu bràth,
'S gun cluinneadh sibh pàirt dham chòmhradh.


Notes (fieldnotes):
"CORRECTED VERSION"

Reference sources:
An Rubha, vol. 17 no. 1 (2020), p. 20

Joe Allan MacLean
Cùl Eilean na Nollaig | Rear Christmas Island 79 recordings Faic pròifil | view profile