GF009i01 ÒRAN DO MHAIGHSTIR CAILEAN GRANND, SAGAIRT ARASAIG Beulaiche: Steafan Iain Pheigi Ailein | Jim MacKinnon Bàrd: Iain Ailein , Bàrd Thighearna Cholla , Am Bàrd MacGilleEathain , Bàrd Amhainn Bhàrnaidh | John MacLean Gu bheil m' inntinn air dùsgadh, 'S i 'gam bhrosnachadh sunndach gu[BREAK IN TAPE]sunndach gu dàn; Nam biodh fiosrachadh réidh dhomh, Na gun ùraicheadh [géire/gàir'?] air mo chàil; Tha mi 'n comain an uasail, Nì nach urrainn mi 'luaidh air an-dràst'; Air na bhuannaich mi eòlas, Nuair a bha mi 'na chòmhradh Dimàirt. 'S e e fhéin am fear fiachail, Chaoidh cha leig mi air diochuimhn' mar a bha; 'S bidh mi còmhradh mu a bheusan, Ri luchd m'eòlais le aoibhneas gu bràth; Maighstir Cailean, an Granndach, Tha gan chinneadh [an ceann an luchd/bha e ceannsalachd?] chruaidh; Cha b' e fòtas na fala, A rinn sìoladh cho fallain 'na ghruaidh. 'N àm suidhe mu d' bhòrdaibh, Bu chliùiteach do sheòl ris na dàimh; Bhiodh a' bhranndaidh gun gainneas, Le fìon blasta bhith gloineachan làn; Bhiodh leann làidir 'na searrag, Anns na cuachan 'cuir thairis gu bàrr; Bhiodh gach duine làn sòlas, Sunndach bruidhinn ach ag òl do dheoch-slàint'. Rinn mi 'm beagan seo 'ghràidhinn, Mu 'n duin' uasal tha 'n Arasaig thall; 'S tha mi 'n dùil gur e 'n fhìrinn, Anns gach nì thuirt mi ribh ann 'am chainnt; Dh'fhaotainn tuilleadh dhuibh innse, Ach bidh mi tarsainn gu crìch' le mo rann; Òlam a-nis do dheoch-slàint', On a fhuair mi an dàn seo gu ceann.