Hug a bha ri hug dha-rìribh
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF001i02 HUG A BHA RI HUG DHA-RÌRIBH (ÒRAN NAN DÒMHNALLACH Á EILEAN A' PHRIONNSA)
Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis
Bàrd: Màiri Theàrlaich , Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson
[Séist:] Hug a bha ri hug dha-rìribh,
Hug a bha mi hó i hiù a,
'S e St. Margaret làidir, cianail,
Slàn gun till thu fhéin fo shealladh.
Ruairidh Donn as gile bràighe,
'S a dhà shùil mar dhriùchd air bhàrr;
'S buidhe dhan té ghlac air làimh thu,
Bho 'n 's i fhuair ceann-fàth an t-sòlais.
'S an-dé thug Ruairidh sgeul dha m' ionnsaigh,
Anns a' mhadainn 'n t-àm dhomh dùsgadh,
Gun tàinig na seòid dha'n dùthaich,
Sliochd Iain Mhùideartaich nan ròiseal.
'S ann a sin bha an iùbhrach tamail,
Dh' fhalbh bho thìr le sìoda balla-bhreac;
Chìte soilleir am bàrr fairge,
Suaicheantas m'ainm chloinn Dhòmhnaill.
Té bhòidheach nan guaillean geala,
'S i 'tighinn oirnn bho thìr an Eilein;
Air an robh luchd nan cùl donna,
'S ann a bha na gallain òga.
Chaidh an iùbhrach seach a' rubh',
'S i a' falbh aotrom 's a' chaol sruthach;
Bàta bòidheach 's i fo uidheam,
'S ùr a' bhuidheann tha ga seòladh.
Na biodh cùram oirbh mar a dhubhach,
Tha i fhéin a' falbh air urram;
'S i 'sgoltadh fairge bho guaillean,
Iùbhrach Ruairidh, 's i bha bòidheach.
Chaidh an iùbhrach seach a' rubh',
'S i 'falbh aotrom 's a' chaol sruthach;
Bàta bòidheach 's i fo uidheam,
'S ùr a' bhuidheann tha 'ga seòladh.
Na biodh cùram oirbh mar a dhubhach,
Ged a bhiodh i garbh 's a' linnidh;
Bidh an caiptean fhéin 'ga stiùireadh,
Agus is' a' mire crònain.
Ruairidh Donn as gile bràighe,
'S a dhà shùil mar dhriuchd air bhàrr;
'S buidhe dhan té ghlac air làimh thu,
Bho 'n 's i fhuair ceann-fàth an t-sòlais.
Notes (fieldnotes):
Copy from recording made c. 1974.
Reference sources:
Brìgh an Òrain, ed. John Shaw (2001), p. 237
Team notes:
Mary (Màiri Thearlaich) MacPherson composed this song on the death of her neighbour, believed to be the wife of Angus MacLellan, a merchant in St. Rose, Inverness County (see Shaw 2001, 400-401).