GF001i02 HUG A BHA RI HUG DHA-RÌRIBH (ÒRAN NAN DÒMHNALLACH Á EILEAN A' PHRIONNSA) Beulaiche: Alasdair Aonghais Alasdair | Alec R. Gillis Bàrd: Màiri Theàrlaich , Bean Alasdair Dhùghlaich | Mary MacPherson [Séist:] Hug a bha ri hug dha-rìribh, Hug a bha mi hó i hiù a, 'S e St. Margaret làidir, cianail, Slàn gun till thu fhéin fo shealladh. Ruairidh Donn as gile bràighe, 'S a dhà shùil mar dhriùchd air bhàrr; 'S buidhe dhan té ghlac air làimh thu, Bho 'n 's i fhuair ceann-fàth an t-sòlais. 'S an-dé thug Ruairidh sgeul dha m' ionnsaigh, Anns a' mhadainn 'n t-àm dhomh dùsgadh, Gun tàinig na seòid dha'n dùthaich, Sliochd Iain Mhùideartaich nan ròiseal. 'S ann a sin bha an iùbhrach tamail, Dh' fhalbh bho thìr le sìoda balla-bhreac; Chìte soilleir am bàrr fairge, Suaicheantas m'ainm chloinn Dhòmhnaill. Té bhòidheach nan guaillean geala, 'S i 'tighinn oirnn bho thìr an Eilein; Air an robh luchd nan cùl donna, 'S ann a bha na gallain òga. Chaidh an iùbhrach seach a' rubh', 'S i a' falbh aotrom 's a' chaol sruthach; Bàta bòidheach 's i fo uidheam, 'S ùr a' bhuidheann tha ga seòladh. Na biodh cùram oirbh mar a dhubhach, Tha i fhéin a' falbh air urram; 'S i 'sgoltadh fairge bho guaillean, Iùbhrach Ruairidh, 's i bha bòidheach. Chaidh an iùbhrach seach a' rubh', 'S i 'falbh aotrom 's a' chaol sruthach; Bàta bòidheach 's i fo uidheam, 'S ùr a' bhuidheann tha 'ga seòladh. Na biodh cùram oirbh mar a dhubhach, Ged a bhiodh i garbh 's a' linnidh; Bidh an caiptean fhéin 'ga stiùireadh, Agus is' a' mire crònain. Ruairidh Donn as gile bràighe, 'S a dhà shùil mar dhriuchd air bhàrr; 'S buidhe dhan té ghlac air làimh thu, Bho 'n 's i fhuair ceann-fàth an t-sòlais.