Measgaichte / Miscellaneous

Informant(s)
Name
?
[note](Tha mi duilich nach ’eil móran de sheann fhacail agam.)
1. Motha’s mór is motha’s beagTha muinntir Bhun-easain an am Muile ag misneachadh so airson tuilleadh ’s mór agus tuilleadh ’s beag.
2. Athaisgbó air a droch bhiadhadh.
3. Saor nan daor?ainm a bha air a thoirt do chloich iaruinn a bha a’ gliongartaich ’nuair a bha i air a’ buaileadh. (Muile)
4. àthsaigtools.
SEAN-FHACAIL
[Seanfhacal 1]Dà thràth ri solus coinnle. (Air a ràdh mu sgalagan is eile air baile fearainn nach robh a’ faotainn ach dà thràth – bidhe ’s a’ gheamhradh.)
[Seanfhacal 2]Deoch eadar dà eas agus biadh eadar dà bhaile. (Air a ràdh mu luchd-siubhail ’s an t-uisge ’s am biadh gu math gann.)
[Seanfhacal 3]Gaoth tuath is airgiod odhar. (Air a ràdh le Tiriodich a bha am feum fuireachd ann an Tobar-mhoire na b’ fhaide na bha a dhìth orra ri linn nam bàtaichean seòlaidh o’n a bha gaoth tuath a’ séideadh a steach do acarsaid Thobair-mhoire.)
[Seanfhacal 4]Biodh sibh-se a’ deanamh deas; tha mise aige có dhiubh. (Cailleach ann an Uibhist agus i a’ faicinn “bicycle” air son na ceud uair.)
[Seanfhacal 5]Fhad’s a bhios ceò air Cruachan, cha bhi pathadh air Urchaidh.
[Seanfhacal 6]Fasan muinntir Loch Odha, am bréidean odhar a thionndadh.
[Seanfhacal 7]’Nuair bhios am bradan mu thuath, bithidh Donnchadh ruadh mu dheas.
[Seanfhacal 8]Cho fad’s a mhaireas, maireadh; ’nuair bhios sinn falamh, bithidh sinn ann.
[Seanfhacal 9]An rud a dh’fhalbh, cha ’n e dh’fhòghnas.
[Seanfhacal 10]Dia rathaid is diabhol teallaich. (Fear a tha suilbhireach a muigh agus mosach aig an tigh.)
[Seanfhacal 11]Cur is cathadh ’s gaoth ’ga reothadh.
[Seanfhacal 12]Rìgh nan corra-chagailt [?] agus ceann-feadhna nan deargan.
[Seanfhacal 13]Mar chloich a’ ruith le gleann, feasgar feann fogharaidh.
[Seanfhacal 14]Meal is caith. (Air a ràdh ’nuair a gheibheadh duine bad ùr aodaich.)
[Seanfhacal 15]Nan robh ubh aca, nach iad a dheanadh an gog!
[Seanfhacal 16]Camshronaich bhog an ime, sliomairean a’ chàise.
[Seanfhacal 17]Cloinn Phàrlain an eich bhric nach robh glic riamh!
[Seanfhacal 18]Éiridh a’ ghrian air Beinn Shiant fhathasd. (Air a ràdh le muinntir Thobair-mhoire ’nuair bhiodh iad fo dhìobhail misnich.)
[Seanfhacal 19]Na luingeis mhóra a’ crìonadh ’s na h-amair mhùin a’ seòladh.
[Seanfhacal 20]’S mór a’ chainnt nach faodar éisdeachd.
[Seanfhacal 21]As an teine do’n ghrìosaich.
[Seanfhacal 22]Tha ’n seillean fo dhìon; thig gaillionn is sian.
[Seanfhacal 23]Dì-choimhead sìor choimhead Mhuc-càrna. (Dì-choimhead monadh ann an Gleann Lonain.)
[Seanfhacal 24]Ceò geamhraidh; cathadh earraich.
[Seanfhacal 25]Cha ’n ’eil toll ni mise anns nach cur ise cnag.
[Seanfhacal 26]Muinntir Mhuc-Càrna; buntàta ’s tì.
[Seanfhacal 27]’S fhèairrde duine breugach fianuis.
[Seanfhacal 28]Gearra-ghobaich gun mhodh, gun oilean, coillearan Mhuc-càrna.
[Seanfhacal 29]Rìgh O’ Rogamais agus Ban-rìgh O’ Theagamais. (Fhuair mi so o chionn fhada o m’ bhràthair-céile mu Dhùn Ghiorgadail. Tha an dùn os cionn Thobair-mhoire air an rathad do Shòrn agus ma’s fhìor gu’m b’iad so a bha os cionn a’ ghnothaich ’nuair a bha daoine a’ fuireachadh anns an Dùn.)
[Seanfhacal 30]Cha ’n ’eil nì ’ga cumail ri chéile ach meirg agus stur na mine. (Air a ràdh mu’n bhàta ris an abradh iad an “Dunara”.)
[Seanfhacal 31]’Nuair a thig an dubh ’s an geal do Mhuc-Càrna, théid an saoghal gu frì-frà.
[Seanfhacal 32]B’fheàirrde e goil no dhà eile. (Air a ràdh mu dhaoine a tha caran amh ’nan dòighean.)
[Seanfhacal 33]Sùgh an eòrna, fear mo chaoimhneis; cha bhi foighneachd mu a phrìs.
[Seanfhacal 34]Mu’n robh Pàp anns an Ròimh, gu’n robh Fiantainnean làidir an Cinn-tàile nam bò.
[Seanfhacal 35]Is fheàrr tighinn anmoch na bhi gun tighinn idir.
[Seanfhacal 36]Bonnach air bois, cha bhruich ’s cha loisg.
[Seanfhacal 37]Is lìonmhor bean-bhleoghainn ach is tearc banachag.
[Seanfhacal 38]An rud nach tug ’s nach d’thàinig dhachaidh, grùdhan na h-earba gun bhrachadh.
[Seanfhacal 39]Ge b’e gheibheadh a roghainn is mairg a thaghadh an diù.
[Seanfhacal 40]Am bronnach geamhraidh ’s an seang earraich (cuma gamhna).
[Seanfhacal 41]Ceann mór ’s amhach chaol, aogasg an droch ghamhna.
[Seanfhacal 42]Tha teas na luaithre ’na lurgainn.
[Seanfhacal 43]Ceannsaichidh a h-uile fear an droch bhean ach am fear aig am bi i.
[Seanfhacal 43 (sic)] Is feàrr sgìos chas na sgìos meanmna.
[Seanfhacal 44]Théid an fheala-dhà gu a feala-trì.
[Seanfhacal 45]Mur b’e eagal [?] an dà mhàil, bheireadh Tiridhe an dà bhàrr.
[Seanfhacal 46]Is tùs a’ ghliocais eagal Dé.
[Seanfhacal 47]Sliochd nan trì fichead burraidh – Clann Chaluim nam Barran – taobh Loch Éite (mo shinnsearachd).

© DASG
^ Return To Top ^