| alchag | cnap fiodha air am biodh tu a’ gearradh bhioranan – ‘chopping block’. |
| breaban | bonn broige. Cf. “Diluain nam breaban”. (Leòdhas, A’ Chanraich) |
| cailleach-ribeach | rud a bha fàs am beul bà. (Na Hearadh) |
| coileach-gòthan | buntàta le itean air an stobadh ann. Bhidhte cluich leis air là gaothach. “Shuttlecock”. (Tiriodh) |
| dalannag | preas beag sa bhalla far am biodh rudan prìseil gan cumail. (Tiriodh) |
| fàsag | tùc giola. (A’ Chanraich) |
| freòdag | chan eil fhios fhathast dé ’s ciall dhan fhacal-sa – crux interpretationis, mar a their na sgoilearan! |
| imideal | pìos craiceann-caora bhidhte ceangal air uachdar péile-bainne. (Leódhas) |
| gòlaidean (pl.) | rudan beag – seadh ‘falderals’. (An t-E. Sgitheanach) |
| gòm | galar-chearc. (An t-E. Sg.) |
| gràinneag | hedgehog. (Tìr-mór) |
| leogan | clach bheag chaol. Cf. leum-bogan. (Leódhas) |
| leatraigeis | bhon Bheurla ‘letter-case’ – ‘wallet’. (An t-E. Sg.) |
| nùs | ceudbhainne. (Na h-Eileanan [?]) |
| paileirìn | cleòca boireannaich; bhon Bheurla ‘pelerine’, bhon Fhraingis ‘pèlerine’. |
| pùlas | làmh poit no peile. (A’ Mhorbhairne) (Thall ’s a-bhos) |
| sgreamhal | |
| siobanachadh | a’ bleoghann bà ’s a’ toirt nan stideagan mu dheireadh bhuaipe – ’ga tiormachadh. (Uibhist) |
| spuilgean | crux interpretationis eile. |
| spùisil | pòcaid ann an cliathaich còta drògaid. (Uige Leódhais) |
| sgurag | packed lunch. (Nis) |
| sgorag | putag cas-chaibe. (A’ Chanraich) |
| sgreagag | |
| carcair | |
| sgolpan | |
| sgalpan (Back) | [See sgolpan.] |
| ròmag | |
| laosbagan | |
| siriste | |
| rungach | |
| pribide | |
| pàm i | |
| corrasbacan | hindrance. (Barvas) |
| truimeasanaich | nodding off. (Barvas) |
| rasanta | aggressive in manner. (Barvas) |
| cailleach-ribeach | growth in the mouth of a cow. (Harris) |
| imideal | piece of sheepskin stretched over mouth of milk-pail. |
| speilean | game like rounders. (Harris) |
| paileirìn | (Morvern) Dh’ith e iomadh rud nach inns [?] mi / Bh’air an ròpa aig Catrìona / Aodach anairt a bha prìseil / Dh’ith e trì dhiubh, is paileirìn. |
| sgurag | biadh a bheireadh tu leat na mhonadh, no a’ dol a-mach ann am bàta. (Nis) |
| sgorag | “a’ phutag” air cas-chrom, an rud air an robh thu a’ cur do choise. (Ach tha corra chiall eile aig Dwelly.) |
| sgàinteagan (pl.) | buachar mairt air a thiormachadh air son connadh. (Tiriodh) |
| sùil-dhìleas | ‘bean-taighe’, ‘housekeeper’. (Leódhas, an t-E. Sg.) |