1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain |
sgoradh | toirt dheth a rusg mhullaich de fhraoch na fhiariach. (English: turfing.) |
rùsgadh | toirt dheth a rusg mhullaich de fhraoch na fhiariach. (English: turfing.) |
feannadh | toirt dheth a rusg mhullaich de fhraoch na fhiariach. (English: turfing.) |
glanadh | a còmhnardachadh a “charcaire” [q.v.] an deidh fheannadh. |
carcaire | an leud mònadh a leigeadh ris, e.g.
|
fosgladh | (1) fosgladh poll ùr. (2) a’ toirt a cheud fhàd as iochdar a phuill leis a spaid, air son beul-sgathaidh a thoirt dhan tairsgeir. |
poll | an t-slochd sa bheil a mhòine ga cladhach. (Eng. peat bank.) |
poll-monadh | an t-slochd sa bheil a mhòine ga cladhach. (Eng. peat bank.) |
grabhag | poll-mònadh beag, goirid. Mar is trice cuideachd, staoin na aodainn (aon fhàd a dhoimhne). |
ceap | am ploc talamhainn a thathar a feannadh far na mònadh. (Eng. turf.) |
an grinneal | am morghan nan greabhal a ruigear nuair a theirgeas a mhòine. |
peirceal a phuill | Aghaidh a phuill-mhònadh. (E. the face of the bank.) |
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc. |
sgoradair | inneal colach ri spaid bhiorach ’s faobhar aig gach taobh dhi, air son moine fheannadh.
|
tairsginn | inneal air son mòine ghearradh. Co-ionnan ’sgach àite, ach le “sgiath” na’s giorra an cuid a dh’àitichean.
|
tairsgir | [See tairsginn] |
traoisginn | [See tairsginn] |
iarrun monadh | [See tairsginn] |
cas | faic os cionn seo [i.e. tairsginn]. |
ceum | faic os cionn seo. [i.e. tairsginn]. |
sgiath | faic os cionn seo. [i.e. tairsginn]. |
fàd | an caob monadh mar thig i o’n tairisgeir.
|
buain | a cladhach a mach na mònadh. |
gearradh | a cladhach a mach na mònadh. |
’cur a mach | a togal na fàd o’n tairisgeir ’sgan cath a mach as a pholl. |
’sgaoileadh | a togal na fàd o’n tairisgeir ’sgan cath a mach as a pholl. |
balla | dòigh air nam fadan a chur air muin an cheile air bruaich a phuill air chor sgun tiormaich iad na’s fhearr. Cuideachd far eil am poll domhain ’se gun móran sgaoiltich a mach uaithe.
|
gàradh | dòigh air nam fadan a chur air muin an cheile air bruaich a phuill air chor sgun tiormaich iad na’s fhearr. Cuideachd far eil am poll domhain ‘se gun móran sgaoiltich a mach uaithe.
|
ealagol | mòine ’their tiormachadh cruaidh fo’n talamh a chionns gu robh “talamh-toll” [q.v.] na “gaoth-thalamh” [q.v.] san aite a’ ceadachadh do’n ghaoith ruigheachd orra. |
talamh-toll | tuill troimh thalamh mònadh. |
gaoth-thalamh | tuill troimh thalamh mònadh. |
moine dhubh | mòine tha cruaidh dubh, bristeach nuair tha e tioram, ’s anabarrach trom, ach fior mhath go gabhail. |
mhoine-bhàn | moine aodram, chòsach, ruadh san dath. |
moine-bhàn | mòine dhomain gun móran teas agus dualach an t-uisge ghabhail an deigh an tiormachadh. [NOTES: “mhoine-bhàn” and its definition appear at the bottom of page 3 and “moine-bhàn” and its definition at the top of page 4; they may be meant to be just one item.] |
mòine-chòsach | mòine aodram bhog, far eil móran còinnich ’sa riasg. |
amh-mhòine | moine nach deach a thiormachadh doigheil, na “thàinig air ais” an deigh a tiormachadh. Bi e dualach gu robh poll sticte dubh am measg a reisg! |
fàd | an doimhne ruigeas an tairisgeir le aon phutadh dhan chois a chuireas an “ceum” air cothrom ris “a’ charcaire”. Tha doimhne phuill air a thoimhis a reir ’ona th’ann a dh’fhoid os cionn a cheil. |
3. A’ tiormachadh na mònach |
tionndadh | ri side fhliuch, ma’s togaisde mhòine, thionndaisde uairean taobh eile ’n fhòid an uachdar. |
togail | a deanamh “coileag” [q.v.] de na fadan; sin ceithir na cóig air am bonn ’s fear air a mhullach.
|
coileag | tha facal air a chleachdadh air son mònadh ’sair son sguaban airbhair. |
“air a cois-bhig” | canar sin ri mòine th’air a togail. |
a rùdhadh | sin a’ deanamh “cruach bheag” de’n mhonaidh mun teid a cruachadh dòigheil. |
rùdhan | cruach bheag fhosgailte san dean a mhoine tuilleadh tiormachaidh.
|
sgaoilteach | am blar a mach a bhruach a phuill air a bheil a mhoine sgaoilte gus an togar i. |
4. A’ cruachadh na mònach |
’cruachadh | a deanamh dùn cnapach den mhonaidh an dara cuid aig a pholl, ’neo an deigh a toirt dhachaigh. Aig a pholl bhiodh corra chruach ann, ach aig an tigh, cha bhiodh ach aon té mhor fhada.
|
gniomhadh | cur na fad air am bonn san oir a mach air taobh a muigh na cruaiche air son a deanamh seasgan. Mar so gheibhiste pataran “beul-sgoradh” air a chruaich.
|
tughadh | far nach robh chruach air a tughadh, dh’feumadh i gniomhadh (na vice versa!). Bhithisde tughadh nan cruach (gu h’araidh aig a pholl) leis na ceapan a thugadh far a phuill ga fheannadh. |
ceapan | na pluic-fheannaidh leis a robhar a tughadh na “sgrathadh” na cruaiche. |
sgrathan | na pluic-fheannaidh leis a robhar a tughadh na “sgrathadh” na cruaiche. |
cruach-ghniomhaidh | té mhór, mar bu trice. |
ceap-mullaich | am ploc, na sgrath, a bha dùnadh a mhullaich aig cruach chruinn bhiorach. |
5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc. |
cliabh-droma | bascaid air a deanamh car comhnard air aon taobh air son laighe air druim fear an eallaich. Bhathar a cleachdadh a chleibh air son mòine, feamainn, inneir, iasg, ’sgach seòrsa ghiulain – eadhon bathar as na bùthan ma bha iad fad as! Bhathar a cleachdadh an ainm “cliabh-droma” air son eadardhealachadh o “chliabh-ghiomach”. |
iris | an ball, nan crios a bha laighe tarsainn uchd fhir-an-eallaich ’sa bha cumail a chleibh air a dhruim. Cliabh-droma le iris, làn moine:
|
sioman | ròpa air a dheanamh air muran na fraoch air a shniomh na dhà na trì duail air a cheile. Sann de’n t-sioman a bha an t-seann iris daonnan. |
plàta | se seorsa de phlaide shiomain a bha dol air druim nan each ga chumail socair fo’n da chliabh-monadh – fear air gach taobh den “strathair”.
|
strathair-chliabh | pios airneis a laigheadh air druim an eich air son cliabh a ghiulain air gach taobh. Bha’n iris a dol air gach adhairc.
|
bodrachan (bod-chrann) | strap o’n strathair a bha dol mu’n cuairt earball an eich air son a luchd na’n t-eallach a chumail gun a dhol thairis air mullach cinn an eich, a dol sios leathad. (From “bod” – seann fhachal [sic] air son earball agus “crann” – uidheam, ceangail.)
|
6. Seòrsachan mònach |
“riasg” | mar bu trice a’ cheud fhàd. Bha e car aodram an cuideam san dath, sgun moran cosg aige. |
moine chosach | faic roinn 2. |
mòine bhàn | faic roinn 2. |
mòine dhubh etc. | faic roinn 2. |
moine fhraoch | moine dhonn, ruighinn ri gearradh, faisg air uachdar na talmhainn. S’eiginn gur ann de fhraoch a chaidh fo thalamh a bha i air a deanamh suas. |
an caoran | am fàd ma dheireadh a thigeadh as ùrlar a phuill mu ruigiste an grinneal. Pronn, dubh, trom, doirbh a tiormachadh ach a mhòine a b’fhearr aon uair’s gun deach i air teine. |
“mar an caineal” | sin a chanaiste ris a mhonaidh a b’fhearr – gu robh i “mar an caineal”. Neo gun gabhadh i “mar na coinnlean”. Tha e annasach mothachadh gu can cuid de na meineirean ris a ghual chruaidh, shleamhuinn a tha fo ainm “purrit coal” – “canal” or “cannal”. |
7. Faclan eile |