Mòine / Peat-Working

Informant(s)
Name
Colin Norman MacKenzie ( Cailein Tormod Mac Coinnich )
Origin
[Taransay]
Location
Siorrach Àr, Cille Chaonaig [Ayrshire, Kilwinning]
Date
[06/09/1967?]
1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain
sgoradhtoirt dheth a rusg mhullaich de fhraoch na fhiariach. (English: turfing.)
rùsgadhtoirt dheth a rusg mhullaich de fhraoch na fhiariach. (English: turfing.)
feannadhtoirt dheth a rusg mhullaich de fhraoch na fhiariach. (English: turfing.)
glanadha còmhnardachadh a “charcaire” [q.v.] an deidh fheannadh.
carcairean leud mònadh a leigeadh ris, e.g.
fosgladh(1) fosgladh poll ùr. (2) a’ toirt a cheud fhàd as iochdar a phuill leis a spaid, air son beul-sgathaidh a thoirt dhan tairsgeir.
pollan t-slochd sa bheil a mhòine ga cladhach. (Eng. peat bank.)
poll-monadhan t-slochd sa bheil a mhòine ga cladhach. (Eng. peat bank.)
grabhagpoll-mònadh beag, goirid. Mar is trice cuideachd, staoin na aodainn (aon fhàd a dhoimhne).
ceapam ploc talamhainn a thathar a feannadh far na mònadh. (Eng. turf.)
an grinnealam morghan nan greabhal a ruigear nuair a theirgeas a mhòine.
peirceal a phuillAghaidh a phuill-mhònadh. (E. the face of the bank.)
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc.
sgoradairinneal colach ri spaid bhiorach ’s faobhar aig gach taobh dhi, air son moine fheannadh.
tairsginninneal air son mòine ghearradh. Co-ionnan ’sgach àite, ach le “sgiath” na’s giorra an cuid a dh’àitichean.
tairsgir[See tairsginn]
traoisginn[See tairsginn]
iarrun monadh[See tairsginn]
casfaic os cionn seo [i.e. tairsginn].
ceumfaic os cionn seo. [i.e. tairsginn].
sgiathfaic os cionn seo. [i.e. tairsginn].
fàdan caob monadh mar thig i o’n tairisgeir.
buaina cladhach a mach na mònadh.
gearradha cladhach a mach na mònadh.
’cur a macha togal na fàd o’n tairisgeir ’sgan cath a mach as a pholl.
’sgaoileadha togal na fàd o’n tairisgeir ’sgan cath a mach as a pholl.
balladòigh air nam fadan a chur air muin an cheile air bruaich a phuill air chor sgun tiormaich iad na’s fhearr. Cuideachd far eil am poll domhain ’se gun móran sgaoiltich a mach uaithe.
gàradhdòigh air nam fadan a chur air muin an cheile air bruaich a phuill air chor sgun tiormaich iad na’s fhearr. Cuideachd far eil am poll domhain ‘se gun móran sgaoiltich a mach uaithe.
ealagolmòine ’their tiormachadh cruaidh fo’n talamh a chionns gu robh “talamh-toll” [q.v.] na “gaoth-thalamh” [q.v.] san aite a’ ceadachadh do’n ghaoith ruigheachd orra.
talamh-tolltuill troimh thalamh mònadh.
gaoth-thalamhtuill troimh thalamh mònadh.
moine dhubhmòine tha cruaidh dubh, bristeach nuair tha e tioram, ’s anabarrach trom, ach fior mhath go gabhail.
mhoine-bhànmoine aodram, chòsach, ruadh san dath.
moine-bhànmòine dhomain gun móran teas agus dualach an t-uisge ghabhail an deigh an tiormachadh. [NOTES: “mhoine-bhàn” and its definition appear at the bottom of page 3 and “moine-bhàn” and its definition at the top of page 4; they may be meant to be just one item.]
mòine-chòsachmòine aodram bhog, far eil móran còinnich ’sa riasg.
amh-mhòinemoine nach deach a thiormachadh doigheil, na “thàinig air ais” an deigh a tiormachadh. Bi e dualach gu robh poll sticte dubh am measg a reisg!
fàdan doimhne ruigeas an tairisgeir le aon phutadh dhan chois a chuireas an “ceum” air cothrom ris “a’ charcaire”. Tha doimhne phuill air a thoimhis a reir ’ona th’ann a dh’fhoid os cionn a cheil.
3. A’ tiormachadh na mònach
tionndadhri side fhliuch, ma’s togaisde mhòine, thionndaisde uairean taobh eile ’n fhòid an uachdar.
togaila deanamh “coileag” [q.v.] de na fadan; sin ceithir na cóig air am bonn ’s fear air a mhullach.
coileagtha facal air a chleachdadh air son mònadh ’sair son sguaban airbhair.
“air a cois-bhig”canar sin ri mòine th’air a togail.
a rùdhadhsin a’ deanamh “cruach bheag” de’n mhonaidh mun teid a cruachadh dòigheil.
rùdhancruach bheag fhosgailte san dean a mhoine tuilleadh tiormachaidh.
sgaoilteacham blar a mach a bhruach a phuill air a bheil a mhoine sgaoilte gus an togar i.
4. A’ cruachadh na mònach
’cruachadha deanamh dùn cnapach den mhonaidh an dara cuid aig a pholl, ’neo an deigh a toirt dhachaigh. Aig a pholl bhiodh corra chruach ann, ach aig an tigh, cha bhiodh ach aon té mhor fhada.
gniomhadhcur na fad air am bonn san oir a mach air taobh a muigh na cruaiche air son a deanamh seasgan. Mar so gheibhiste pataran “beul-sgoradh” air a chruaich.
tughadhfar nach robh chruach air a tughadh, dh’feumadh i gniomhadh (na vice versa!). Bhithisde tughadh nan cruach (gu h’araidh aig a pholl) leis na ceapan a thugadh far a phuill ga fheannadh.
ceapanna pluic-fheannaidh leis a robhar a tughadh na “sgrathadh” na cruaiche.
sgrathanna pluic-fheannaidh leis a robhar a tughadh na “sgrathadh” na cruaiche.
cruach-ghniomhaidhté mhór, mar bu trice.
ceap-mullaicham ploc, na sgrath, a bha dùnadh a mhullaich aig cruach chruinn bhiorach.
5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc.
cliabh-dromabascaid air a deanamh car comhnard air aon taobh air son laighe air druim fear an eallaich. Bhathar a cleachdadh a chleibh air son mòine, feamainn, inneir, iasg, ’sgach seòrsa ghiulain – eadhon bathar as na bùthan ma bha iad fad as! Bhathar a cleachdadh an ainm “cliabh-droma” air son eadardhealachadh o “chliabh-ghiomach”.
irisan ball, nan crios a bha laighe tarsainn uchd fhir-an-eallaich ’sa bha cumail a chleibh air a dhruim. Cliabh-droma le iris, làn moine:
siomanròpa air a dheanamh air muran na fraoch air a shniomh na dhà na trì duail air a cheile. Sann de’n t-sioman a bha an t-seann iris daonnan.
plàtase seorsa de phlaide shiomain a bha dol air druim nan each ga chumail socair fo’n da chliabh-monadh – fear air gach taobh den “strathair”.
strathair-chliabhpios airneis a laigheadh air druim an eich air son cliabh a ghiulain air gach taobh. Bha’n iris a dol air gach adhairc.
bodrachan (bod-chrann) strap o’n strathair a bha dol mu’n cuairt earball an eich air son a luchd na’n t-eallach a chumail gun a dhol thairis air mullach cinn an eich, a dol sios leathad. (From “bod” – seann fhachal [sic] air son earball agus “crann” – uidheam, ceangail.)
6. Seòrsachan mònach
“riasg”mar bu trice a’ cheud fhàd. Bha e car aodram an cuideam san dath, sgun moran cosg aige.
moine chosachfaic roinn 2.
mòine bhànfaic roinn 2.
mòine dhubh etc.faic roinn 2.
moine fhraochmoine dhonn, ruighinn ri gearradh, faisg air uachdar na talmhainn. S’eiginn gur ann de fhraoch a chaidh fo thalamh a bha i air a deanamh suas.
an caoranam fàd ma dheireadh a thigeadh as ùrlar a phuill mu ruigiste an grinneal. Pronn, dubh, trom, doirbh a tiormachadh ach a mhòine a b’fhearr aon uair’s gun deach i air teine.
“mar an caineal”sin a chanaiste ris a mhonaidh a b’fhearr – gu robh i “mar an caineal”. Neo gun gabhadh i “mar na coinnlean”. Tha e annasach mothachadh gu can cuid de na meineirean ris a ghual chruaidh, shleamhuinn a tha fo ainm “purrit coal” – “canal” or “cannal”.
7. Faclan eile

© DASG
^ Return To Top ^