Mòine / Peat-Working
- Informant(s)
- Name
- Donald J MacDonald
- Location
- South Uist, Peninerine
- Date
- 13/11/1967 [date on the letter attached to the questionnaire]
1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain | |
feannadh | a “feannadh” na monadh. Be so a bhi a rùsgadh a phuill mhonadh gus an ruigadh tu a mhòine. |
ploc-feannaidh | be so a chante ri aon phloc a chaidh a thoirt a uachdar a phuill-mhonadh. |
glanadh | se seo a bhi a glanadh uachdar a phuill-mhònadh nuair a bhiodh e air fheannadh. Sann le spaid a bhiodh seo ga dheanamh cuideachd. |
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc. | |
traoisgeir | se seo an t-inneal a bhiodh a buain na mònadh. |
gol-fhad | be seo a cheud fhàd s ghearrte anns an t-sreath air taobh a muigh a phuill-mhònadh. Bhiodh e na bu ghairbhe gu h’àrd na bhiodh e gu h’iosal. |
gann-fhad | be seo an dàrna fàd, agus am pìos a bha a bharrachd air a cheud fhad, bhi e dhìth air an dàrna fear. Sin bu chiall d’on ainm, gu robh am fàd gann. |
barr-fhad | be seo am fad àrd – an t-sreath uile ge leir. |
caoran | be seo am fad iosal. |
3. A’ tiormachadh na mònach | |
rubhan | ceithir no coig do fhoidean air an cur na seasamh air an ceann, ann an tacsa a cheile agus fear eile tarsuinn air an uachdar. So an rud ris an cante “togail na mònadh”. |
4. A’ cruachadh na mònach | |
cruach | torr monadh deiseil gus a tarruing dhachaidh. |
cona = chruach | [a hyphen?] cruach bheag mhònadh. |
5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc. | |
cliabh | an t-inneal a bha tarruing dhachaidh na monadh. |
iris | an ropa a bhiodh a [sic] as a chliabh as e tarsuinn air uchd an duine bha tarruing a chleibh. |
6. Seòrsachan mònach | |
caoran-dubh | moine chruaidh dhubh anns an robh teas mór. Sann daonnan faisg air creig no grunnd a gheibhte an seorsa so. |
moine-chiobail | moine bhog agus moran fhreumhaichean na measg. |
7. Faclan eile |
© DASG