Measgaichte / Miscellaneous

Informant(s)
Name
Angus Campbell
Origin
Swainbost
Location
[Lewis], Ness, Swainbost
Date
December 1972
Notes
  • [NOTES: in IPA transcriptions, the fieldworker uses [w] for [ɯ].]
gàgaire[ɡɑ:ɡəðə] Note: duine spàgach, laobhach.
gaothanQuot.: “Gaothan nach dubh grian ’s nach geal uisge”. Note: Tha e air a ghaothach le nithean falamh faoin.
gàrlach[ɡɑ:rɫɑx] Note: balach beag bragail. Duine fo thàir is dimeas aig iosal is uasal.
gasan[ɡɑsɑṉ] Quot.: “Gasan balaich air nach laigh sgìos”. Note: balach tiugh, tapaidh.
geòcaire[ɡʹɔ:kəðə] Note: glaimsear (greedy person).
gidheaman[ˈɡʹıəmɑṉ] Quot.: “Gidheaman do-riaraichte gun rian a shàsachadh”. Note: Bithidh e a ghnath ri gearan.
giobalanQuot.: “Giobalan riasach, fiasagach, peallagach; na teirig eadar e ’s a’ ghaoith”, “fiunnach, bàrlagach” (ragged).
geonachair[ˈɡʹɔ̃ṉɔxəð] Note: duine loinneil, cìocrach, gleidhteach. “B’furasda dhuit an t-ìm a thoirt a iongnan a’ chait.”
glaimsearQuot.: “Cuimhnichidh an glaimsear air a’ chù nuair a bhios a bhrùgh fhéin làn.”
glogaid[ɡɫɔɡɑdʹ] Note: faoin, diomhainn, slaodach (duine).
leòcaid[lʹɔ:kɑdʹ] Note: “Boirionnach fuar-chràbhach, iorramach, a’ falbh òrduighean.”
glocaire[ɡɫɔkəðə] Quot.: “Fear a’ ghloc-ghàire chumadh fàrdaich ann a’ fonn.”
gloic[ɡɫɔic] Note: “Gloic bhochd; chaneil cothrom aic air a h-òinsealachd.” Òinseach.
gnùigean[ɡɾũ̟:ɡʹɑṉ] Note: fear gruamach, smalanach. Quot.: Tha gnùig air a chuireadh geimh air na famhairean.
gobagQuot.: “Gobag mhosach a chuireadh na dubhan air na dathan.”
gocamanQuot.: “Thoir do chasan leat ’s na bi sin na do ghocaman a’ faire air bial dhaoine.” Note: fear-faire.
luiriste[ɫu̜ɾiʃtʹ] Note: “Te chaol àrd gun aille gun dreach ’s gun rath air a h-obair.”
luthaiste[ˈɫu̜iʃtʹə] Note: “Ceann faoin air am bi daoine ag abhacas.”
lunndair[ɫɤu̜n̪d̪ɑð] Note: Duine gun stàth gu cail a chur air adhart. “Theid aithris dhan chléir mu d’ lunndaireachd” – aoir.
mabairQuot.: “Mabair nach cuir tuath ri tàth.” Note: duine glugach, manntach.
mac-mallachdQuot.: “Tha thu cho briagach/deamhnaidh/cuilbheartach ris a’ mhac-mhallachd.”
màigeanNote: duine beag, reamhar, gobhalach ’na choiseachd.
màldagNote: te chiùin, bhanail, stuama.
maolan[mw̃:ɫɑṉ] Note: (1) duine gun fhalt. (2) duine beag tuigse – cho maol ’s gun tugadh tu thaobh e le briob.
maoiseag[mw̃:ʃɑɡ] Quot.: Maoiseag ghrannda nach toir càil dhuit ach droch bhial. Note: te bhreun bhuaireasach.
màsairNote: tòiceach, tiugh, cruinn mu na cruachainnean (duine).
meabanQuot.: meaban balaich. Note: duine gun seadh.
mealltairQuot.: “Mealltair na truaighe, ’s mairg a latha dh’fhuaraicheas a chasan.” Note: “fear cealgach, foilleil, carach”.
meigeallan[mɛ̃ɡʹəɫɑṉ] Note: “Fear nach ìslich a ghuth, nach cothromaich a chainnt, nach cuir sreang ri theanga.”
mobagNote: te le falt carachdach, cràichdeach.
moigeanNote: duine beag, tiugh, aighearrach, mear.
mosanNote: duine mosach, breun mi-thlachdmhor.
mùigeagNote: te thùchach a bhios a’ bruidhinn troimh sròin.
mùigeanQuot.: “Cho muigeach [sic] ri le cnaimh.” Note: nuaranta, gruamach, mi-mhodhail.
mùircean[mũ̟:ɾcɑṉ] Quot.: “Mùircean greannach air nach laigh an gàire.” Note: same as mùigean [q.v.].
mùirneagQuot.: Mùirneag ghrinn a chuireadh aoidh air a’ chuideachd. Note: te aoigheil, stuama, blàth-chridheil.
mùsgaireNote: duine gruamach.
miaraide[mĩɑ̃rɑdʹ] Note: duine caol, bochd gun càil dha biadh.
miodalan[mĩd̪əɫɑṉ] Note: duine da-bhialach, leam-leat.
òlachNote: a’ ciallachadh caochladh nithean. “Chan e an deagh/an droch òlach a th’ann dheth.”
otharlaid[ɔhərɫɑdʹ] Note: te chràbhach, gun ghean gun ghaire – mar “leòcaid” [q.v.].
portan-tuathailNote: (hermit crab); truaghan a’ phòs te airson a cuid. “B’fheàrr am portan-tuathail na bhi gun fear-tighe.” (?)
peallagNote: te phiullach, mì-sgiobalta.
péilistear[pe:ləst̪ɑð] Note: féineil, bragail, leamh, tarsuinn (cross).
piantaichNote: fear a tha a ghnath a’ sàs. Quot.: Piantaich bochd nach gabh air a shocair e.
pìochanNote: wheeze in the chest.
pioghaidQuot.: “Pioghaid gun nàire nach teid tàmh air a bial.” Note: te bhriathrach, chabach.
plamaiceir[pɫɑ̃mɑcəð] Note: fear nach cuir ’s nach dean càil ceart.
spliodhair[splwɣəð] Note: fear le casan cama góbhlach.
plìotair[pli:t̪əð] Quot.: “Am plìotair nach sìn a lamh ach gu càch a shuathadh ’s a thachais.” Note: duine gun duinealas.
plòiceagQuot.: “Plòiceag bheag thiugh air am bheil buil na fiacail.” Note: te bheag, thiugh, chruinn.
plòiceanNote: balach gu spreadhadh na chraicionn. (Also plòiceag (fem).)
pròiseanNote: fear làn féin-uaill.
rabhdairQuot.: “Rabhdair bochd gun mhath gun lochd nach bi na thosd.” Note: fear a bhios ri cainnt gun bhun gun bhàrr.
racaidNote: Far am bi racaid, bitheadh amaideas, an-dòigh is buaireadh.
racair[See racaid.]
raipleach[rɛpɫɑx] Note: te mhì-sgiobalt luideach. Chaneil nì a ni raipleach nach toir i a dreach fhéin air.
ramachdairNote: a’ toirt ramachdadh air a chlann-nighean. Gaothan blobhdach an-fhoiseil.
rapairNote: fear nach cuir loinn air e fhéin na air càil a nì e.
righestair[sic] [ˈrĩəst̪ɑð] Note: fear a bhios dha shìneadh fhéin le snòtaireachd air eagal gun teid cail ann an-fhios dha.
robagNote: pàisde nighinn tlachdmhór, laghach, gasda na dòigh.
rongairNote: fear leanmhainn snàigeach.
ròpairNote: fear luideach, salach, a bhios ag aithris air na chì agus na chluinneas e thall ’s a bhos.
ruagaire[ruɤɡəðə] Quot.: “Ruagaire balaich nach stad gu anmoch.” Note: gille a bhiodh a’ ruith a’ sud ’s a seo.
ruapaiseach[ruɑpɑʃɑx] Note: fear nach innis càil cómhnard ’s nach eil deireadh air aithris.
ruitear[ruıtʹɑð] Note: misgear buaireasach.
ruinnseachNote: te chaol àrd gun àille gun eireachdais, gun ghean gun thlachd.
rùnagNote: àilleagan nan iomadh fear.
rustaich[ru̜st̪iç] Note: fear trom an inntinn ’s an corp.
ruideagNote: te beag sgiobalt na ruith a sud ’s a seo; deas air a casan, ealant ’na gnìomh.
sabhdair[sɑu̟t̪əð] Note: fear breugach mac-meanbhnach, a dhealbhas sabhtagan airson fearas-chuideachd; a bheir beum tarchuiseach feir a’ ghuaille.
sanntairNote: fear sanntach, ceòcrach.
saoidhNote: sar dhuine, airidh air cliù ’s air moladh. Treun-laoch. “Is sèimh suain na saoidh.”
siapachNote: fear slaodach, beag feum. “Siapach nach cuir rian air biadh na dachaidh.”
siapair[See siapach.]
seircean[ʃɛɾcɑṉ] Note: fear sonraichte ’na ghasdachd, na dheagh-chliù ’s na uile bheusan. (Fem: seircneag.)
seirgean[ʃeɾeɡʹɑṉ] Note: “fear caol, duainnidh, bochd ’na chruth”.
searsalaich[ʃiɑʴsɑɫiç] Note: duine calma, foghainnteach. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.]
seòclan[ʃɔ:kəɫɑṉ] Note: truaghan gun stàth, nach dean càil ach ma laimh.
seòltaicheNote: fear carach, cealgach. Cho seòlta cealgach ’s nach earbadh tu ’m bonna-sia ris.
seotaiche[ˈʃɔt̪içə] Quot.: “Seotaiche nach cothaich cruadal.” Note: fear nach deanadh tùrn dha duine air muir na tìr.
sgàirdearNote: air a chleachdadh ma fhear salach.
sgaitear[sɡɑtʹɑð] Note: fear féin-uailleil, beachdail ach air bheag thuigse.
sgaogag[sɡw:ɡɑɡ] Note: te le ceann faoin falamh.
sgaoimear[sɡw̃:mɑð] Note: gealtaire meath-chridheach. Fear aig a’ bheil eagal roimh fhaileis.
sgeamhairQuot.: sgeamhaire cho faobharach ri gaoth a’ reothaidh. Note: greannach, mi-chneasda na chainnt.
sgeapag[sɡʹɑpɑɡ] Note: te luideach, leathainn, chruinn gun loinn gun chumadh.
sgeigeire[sɡʹeɡʹəðə] Quot.: “Sgeigeire bialach nach a ghearradh an fhiasag nach d’thàinig.” Note: duine fanaideach, sgeilmeil.
sgeilmeag[sɡwləmɑɡ] Quot.: te sgiobalt ghrinn na h-aodach.
sgeimhlear[sɡʹɑ̃ĩlɑð] Quot.: “Sgeimhlear grannda a chumas càch air bhoil.”
sgeòcan[sɡʹɔ:kɑṉ] Note: amhaich cho fada ’s gu sealladh e air fhéin an clàr an aodainn.
sgeogair[sɡʹɔɡəð] Note: fear aig a bheil móran ri radh – cainnt fhalamh gun bhrìgh.
sgidean[sɡʹıdʹɑṉ] Note: fear bog, beag-seadh.
sgimilear
sgliùireachNote: te gun diùgh dha cliù. Siùrsach.
sgiodaran[sɡwd̪ərɑn] Note: fear leis an toigh a bhi ’g obair am poll ’s an innear.
sgiùrsairNote: te mì-bheusach, mì-chliùthach.
sglàbair[sɡɫɑ:bəð] Note: fear ri cainnt shalach, innisgeach. Cha bhlais teanga sglabhair [sic] air càil ach an t-suaraich. [NOTES: the headword has been corrected from ‘sglàbhair’ to ‘sglàbair’ so it seems that this spelling should be used in the quotation.]
sglaimsear[sɡɫɑ̃mɑʃɑð] Note: fear geòcach, bradach.
sgliamairNote: fear le aodann tana sleamhainn.
sglongairNote: fear liamach, smugaideach.
sgeòtallanNote: fear an-fhoiseil, mar eireag le ubh.
sgonnNote: duine gun chiall gun chonn.
sgiullamaich[sɡʹu̜ɫɑmiç] Note: fear aig a bheil cuir amach gun chiall.
sgraideanNote: fear beag grannda mi-eireachdail.
sgraingeanNote: fear gruamach doicheallach. “Sgraing a chuireadh bacadh air na h-earraidean.” (Also sgraingeag.)
sgramalairNote: fear leisg. (Carson seasamh mas urrainn suidhe ’s carson suidhe mas urrainn sìneadh.)
sgreabair[sɡɾebɑð] Note: fear brothach, drabhasach. Aodann mar sgeir mhaorach air cladach.
sgreadagNote: cluinnear i far nach fhaicear i.
sgreagairNote: spìocaire crion, a dheidheadh eadar do léine ’s do chraicionn.
sgroingean[sɡɾ[ɔ̃ĩ]ɡʹɑṉ] Note: fear nach toireadh a ch… dha na coin.
sgrùbair[sɡɾu̟:bɑð] Note: Sgrubair [sic] nach leigeadh dhuit ach an t-acras agus am bàs.
sgruiteach[sɡɾu̟ıtʹɑx] Note: an craicionn a’ seargadh ’s e a’ fàs buidhe air na cnàmhan.
sguainseach[sɡũ̜ɑ̃ṉʃɑx] Note: duine ladarna, beag nàire.
sgudalairNote: fear a bhios ga bhus a measg trulais is treallaich.
sgùmag[sɡũ̟:mɑɡ] Note: Cha chuir gréidheadh na grinneas sgeadas air sgùmag.
sialaiche[ʃiɑɫiçə] Note: fear slaodach gun chuir-leis.
siadNote: ’S e smior an t-seòid a th’ann. ’S e ’n droch shiad a th’ann.
sigeanNote: fear beag meanbh.
sìochaire[ʃıɔxəðə] Quot.: “Sìochaire nach cothaich sian na gaillionn”. Note: fear gun chruas gun dhuinealas.
siolcair[ˈʃu̜ɫkɑð] Note: truthair. Gàirdean an t-siolcair cho strìtheil ri sìneadh gu eucoir.
sialtaiche[ʃiɑɫt̪içə] Note: duine tuaireapach gun tùr gun sgoinn. Bu tu sialtaiche bochd.
slaightearQuot.: “Slaightear gun suim gun earbsa”. Note: trusdair eas-onorach.
slaodairNote: duine slaodach. “Cha ghabh mi fhein, etc.”
slàpair[sɫɑ:pəð] Note: Bithidh a bhus as a pholl. Chaneil nì ris a suath e nach tig tuar an t-salachair air.
slibisteNote: Slibiste sgudalach gun chruth gun chumadh air a shaothair.
slìobaire[ʃlʹı:bəðə] Note: sliobair da-bhialach.
slìomaire[ʃlʹĩ:məðə] Note: fear sleamhainn na bhial ’s na gniomh.
smàigeir[smɑ̃:ɡʹəð] Note: fear a chumadh càch nan tràillean tre uamhair na làmhachas-làidir.
smùgair[smũ̟:ɡəð] Note: fear roilleach – boinneag air bhàrr na sròine.
smulcair[smũ̜ɫkəð] Note: fear dùr, smalanach. Smulcair musgach, gnùigeach, gruamach.
smutagNote: te le sròin leathainn liabhach.
snàigearNote: sliagair leisg; laire camachdach.
snoigeasanNote: gearanach, do-riaraichte, dranndanach. Cho beag caomhalachd ri aog is ainneart.
sodalanNote: cealgach, dà-bhialach, leam-leat. “Cho caochlaideach, seachranach ri beachdan sodalan.”
spàganNote: fear le casan crulainneach cam – chan e ’n t-ùrlar danns’ àite.
spéidhlear[spe:lɑð] Note: te a tha deigheil air a cuid fhéin a thoirt a féill an diomhanais.
spailpeire[spɑlpəðə] Note: fear mór na shùilean fhéin. Faoin, falamh, a’ ruith féin-ghlòir.
spiuthair[spȷu̟həð] Note: fear le làmh fhada. “Do ghàirdean ro fhada gun cheannsail, dha sìneadh ’s chan ann cho na còir.”
splangaidNote: fear agus bi roill ma chàirean.
spleuchdair[spliɑxkəð] Note: fear fiar-shuileach claon.
godagNote: te a tha déigheil air cuideachd na fir.
goiceanNote: fear a bhios gus e fhéin a chuir fo na h-amhaich a’ sadadh a chinn.
goradairNote: fear a bhios ri cuachail ach gu dé a chí e.
gràinndean[ɡɾɑ̃:dʹɑṉ] Note: fear nach mol sgàthan ’s nach eil a’ fabhar nan nìghneag.
greannanNote: duine greannach. “Cho greannach ri clach-mheallainn an fhaoiltich.”
grioban[ɡɾibɔṉ] Note: balach beag luaisgeanach.
gugarlachNote: gille tiugh reamhair.
grobagNote: seann bhean, a craicionn air dreamadh, a beul air grobadh.
gruamagQuot.: Cha laigh gàire ach aotrom air aodann gruamag.
guanagNote: te aotrom òg aighearrach. Cho guanach ’s nach eil a h-uallach na eallach.
gille-mo-liaghNote: fear gnothaicheil fearail, gaisgeil. “’Se mo liagh a th’ann.”
gille-mireanNote: (tee-totum.) Tha thu a sin a’ cur nan car mar ghille-mirean.
giorsaidNote: te aotrom stràiceil a ghéill do fhéill-an-diomhanais.
iosgaideachNote: fear caol, fad-chasach.
iùdasach[ȷu̟:ḏɑsɔx] Note: fear brathaidh, droch bheusach.
iutharnachNote: a’ dhroch-bheusan thar labhairt.
ladarnachNote: dàna, an-uasal gun mhodh. “Cho ladarna [sic] ri madadh coin gun mhaighstir [?].”
lethbheistNote: leth-chiallach. “Lethbheist nach eil ann gu léir.”
leisgeanNote: sluggard.
leòcaidNote: guirmealach cràbhach do-riaraichte.
leòmairNote: proiseil mór-chuiseach. “Fearas-mhóire bhreothte air leòmag a’ chinn aotrom.”
leòmag (fem)[See leòmair.]
liobastairNote: fear mi-sgiobalta, neo-chùbhraidh.
liosdairNote: fear a bhios a’ connsachadh, an aghaidh na dòigh. Cha deóin leis aideachadh gun deach e ceàrr.
liùgaireNote: snàigaire crùbach. Liugaire [sic] mosach, le ghob am brochan chàich.
logaisNote: duine goileach, na cheum ’s na chruth.
lìgeir[lʹı:ɡəð] Note: cuachaire gun smior gun tùrn.
loircean, loirceag (fem)Note: duine/te le casan ladhbhach crùlainneach nach tugadh turus astar e/i.
lothaireNote: fear mi-sgiobalta.
ludraganNote: snaigaire gun loinn gun snais.
luidNote: a clumsy fellow.
luinnsearNote: duine leisg.
luireachNote: luireach mnà nach deasaich, nach càraich ’s nach toir làmh gu h-abhras.
burgaid[bu̟ɾu̟ɡɑdʹ] Note: duine mór luideach, slaodach.
burraiceach[bu̜ru̜cɑx] Note: te ghruamach.
nuarant[n̪ũɑ̃rɑn̪t̪] Note: awe-inspiring. “Nach e ’n cuan a tha nuarant an diugh.”
plamaiceachNote: soft, flabby.
stamhnadh[st̪ɑ̃ũṉəɣ] Quot.: “Nach dean thu stamhnadh ort fhéin.” “Gun stamhnadh.” Note: a halt.
stangalaich[st̪ɑ̃ŋɡɑɫiç] Quot.: “bó a’ stangalaich anns a’ stàile.” Note: stamping about.
snoigeasach[sṉɔ̃ɡʹɑsɑx] Note: haughty.
bruachaireNote: a person who moves about making a nuisance of himself.
bruachaireachdNote: moving about and making a nuisance of oneself.
steòcaireNote: same as bruachaire [q.v.].
steòcaireachdNote: same as bruachaireachd [q.v.]
goighleach[ɡ[ɤı]lɑx] Note: ungainly in person.
cias[ciɑs] Quot.: “’S ann ort a tha na ciasan.” Note: buttocks.
breig[bðeɡʹ] Quot.: “’S ann agad a tha a’ bhreig.” Note: equivalent of “gab”.
stuirt[st̪u̜ʴsṯ] Quot.: “’S ann ort a tha an aon stuirt.” Note: dourness. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.]
stuirteil[st̪u̜ʴsṯɑl] Note: dour. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.]
drollabhan[d̪ɾɔɫəvɑṉ] Note: fear luideach nach cuir càil ceart.
druimean-feilidh[d̪ɾw̃mɑṉfɛli] Note: facal ionadail. Mu dhuine aotrom, éibhinn, an-cheardach.
gasan[ɡɑsɑṉ] Note: a sheaf hung inside for a sheep. Quot.: “Bheir gasan dhan a rùda.”
loinneil[ɫɔ̃nʹɔl] Note: avaricious.
loin[ɫɔ̃nʹ] Quot.: Tha loin air thuige. Note: greed.
gliùnag[ɡlũ̟:ṉɑɡ] Note: fear nach seas ri cruadal.
gèimh[ɡɛ:v] Note: “Ghabh e gèimh.” – “Ghabh e feagal a bheatha.”
tothadaich[t̪ɔhəd̪iç] Note: illustrating by gestures.
tothadh[t̪ɔəɣ] Quot.: “a’ tothadh dhòrn”. Note: sparring.
goraisg[ɡɔriʃɡʹ] Note: te fhaoin.
maol-rùnaidhNote: te a tha déigheil air féill an diomhanais ’s an t-sùgraidh. Chaneil féill na cleasachd aig nach fhaicear i.
glagaidNote: breigeire ard-ghuthach.
baobhQuot.: “Gheibh baobh guidhe ged nach fhaigh a h-anam tròcair.” Note: “te olc, mi-rùnach, le cumhachd draoigh is mallachaidh”.
cam-shuileachQuot.: “Na tog do chùrsa air sùil a’ cham-shuileach.”
cabairQuot.: “Cabair innseach, bial gun tosd, teanga shleamhainn luath gun chlos.” (seann rann) Note: luath-bhial.
caoilteNote: tana, goidhleach. Cho caol ’s gu faodadh e dol ri fasgadh buatharlan.
ceann-clòQuot.: Cho beag purp ri uirsgeul ceann-clò. Note: fear nach cuir tù ri tàth.
ceigean[ceɡʹɑṉ] Quot.: “Ceigeanach dubh, ceann gun chìreadh, Cha teid cail an ìre dhà.”
ciasanach[ciɑsɑṉɑx] Quot.: “Ciasan air ag iathadh leth na beinge.” Note: màsaire, duine tóineach.
clabairQuot.: “Clabair gun bhun gun bhàrr”. Note: luath-bhial.
clabastairNote: bréig gun ceannsail. Eallamh gu deanamh buaireadh.
clambaire[klɑ̃mbəðə] Quot.: “Seachainn cuideachd an dram nuair a tha ’n clambaire na measg.” Note: fear buaireasach àrd-ghuthach.
cliamaire[klĩɑ̃məðə] Quot.: “cliamair gun aoibh gun aighearr”. Note: duine dùinte, doicheallach, stùirteil.
cléibire[kle:bəðə] Note: duine neo-thùireil, luideach. “Làmhan nach amais air càil a chuir na altan.”
cliseachQuot.: “Nach mairg tha do leth ri chlisich.” Note: cliseach de dhuine mór.
clodaireQuot.: clodaire, clobhdach. Note: trom-inntinneach, smuaireanach.
disearanNote: fear bog nach seas ri fuachd.
dùidean[dʹu̟:dʹɑṉ] Note: “Duine sochaireach gun chuir-leis. Duine leagte ri chrannchur.”
doicheallanNote: duine gruamach, mi-aoidheil. “Cho doicheallach ri dorsan a phrìosain.”
doirbheanQuot.: “Nuair dh’fhàg na fir àluinn ’s ann bu duibhe doirbhean.”
drabasdanNote: fear a tha cleachdadh cainnt shalach.
dreamaisgQuot.: greannach, connsachail, do-riaraichte, rag-mhuinealach.
dranndanNote: fear gearanach. “Dranndan teallaich.”
drabhchd[d̪ɾɑu̟k] Note: troc gun chiall gun mhodh. Misgeir a tha a’ cur a chuid gu h-iomlan ’s an deoch.
dréineire[d̪ɾe:nəðə] Note: Tha dréin air a chuireadh stad air trèin a’ Chaoil.
dabhdan[dɑu̟d̪ɑṉ] Note: duine a bhios a’ giagalais air ais ’s air adhart. “Dabhdail a’ ghille leisg.”
fliuchaidh[flu̜xi] Note: duine faoin mu thimchioll bhoirionnach.
feirmealaiche[feɾemɑɫiçə] Note: duine uailleil, bòsdail, féineil.
fidileirQuot.: “Fidileir fotharlanach gun fhios có agad na bhuat e.” Note: duine an-fhoiseil, bheag stòlaidh.
foileagNote: te a’ sàs an obair tighe. “De a tha thu a’ cur air adhart?” “Chaneil, a’ ghraidh, ach a’ foileadh ’s a’ riasladh.”

© DASG
^ Return To Top ^