| gàgaire | [ɡɑ:ɡəðə] Note: duine spàgach, laobhach. | 
| gaothan | Quot.: “Gaothan nach dubh grian ’s nach geal uisge”. Note: Tha e air a ghaothach le nithean falamh faoin. | 
| gàrlach | [ɡɑ:rɫɑx] Note: balach beag bragail. Duine fo thàir is dimeas aig iosal is uasal. | 
| gasan | [ɡɑsɑṉ] Quot.: “Gasan balaich air nach laigh sgìos”. Note: balach tiugh, tapaidh. | 
| geòcaire | [ɡʹɔ:kəðə] Note: glaimsear (greedy person). | 
| gidheaman | [ˈɡʹıəmɑṉ] Quot.: “Gidheaman do-riaraichte gun rian a shàsachadh”. Note: Bithidh e a ghnath ri gearan. | 
| giobalan | Quot.: “Giobalan riasach, fiasagach, peallagach; na teirig eadar e ’s a’ ghaoith”, “fiunnach, bàrlagach” (ragged). | 
| geonachair | [ˈɡʹɔ̃ṉɔxəð] Note: duine loinneil, cìocrach, gleidhteach. “B’furasda dhuit an t-ìm a thoirt a iongnan a’ chait.” | 
| glaimsear | Quot.: “Cuimhnichidh an glaimsear air a’ chù nuair a bhios a bhrùgh fhéin làn.” | 
| glogaid | [ɡɫɔɡɑdʹ] Note: faoin, diomhainn, slaodach (duine). | 
| leòcaid | [lʹɔ:kɑdʹ] Note: “Boirionnach fuar-chràbhach, iorramach, a’ falbh òrduighean.” | 
| glocaire | [ɡɫɔkəðə] Quot.: “Fear a’ ghloc-ghàire chumadh fàrdaich ann a’ fonn.” | 
| gloic | [ɡɫɔic] Note: “Gloic bhochd; chaneil cothrom aic air a h-òinsealachd.” Òinseach. | 
| gnùigean | [ɡɾũ̟:ɡʹɑṉ] Note: fear gruamach, smalanach. Quot.: Tha gnùig air a chuireadh geimh air na famhairean. | 
| gobag | Quot.: “Gobag mhosach a chuireadh na dubhan air na dathan.” | 
| gocaman | Quot.: “Thoir do chasan leat ’s na bi sin na do ghocaman a’ faire air bial dhaoine.” Note: fear-faire. | 
| luiriste | [ɫu̜ɾiʃtʹ] Note: “Te chaol àrd gun aille gun dreach ’s gun rath air a h-obair.” | 
| luthaiste | [ˈɫu̜iʃtʹə] Note: “Ceann faoin air am bi daoine ag abhacas.” | 
| lunndair | [ɫɤu̜n̪d̪ɑð] Note: Duine gun stàth gu cail a chur air adhart. “Theid aithris dhan chléir mu d’ lunndaireachd” – aoir. | 
| mabair | Quot.: “Mabair nach cuir tuath ri tàth.” Note: duine glugach, manntach. | 
| mac-mallachd | Quot.: “Tha thu cho briagach/deamhnaidh/cuilbheartach ris a’ mhac-mhallachd.” | 
| màigean | Note: duine beag, reamhar, gobhalach ’na choiseachd. | 
| màldag | Note: te chiùin, bhanail, stuama. | 
| maolan | [mw̃:ɫɑṉ] Note: (1) duine gun fhalt. (2) duine beag tuigse – cho maol ’s gun tugadh tu thaobh e le briob. | 
| maoiseag | [mw̃:ʃɑɡ] Quot.: Maoiseag ghrannda nach toir càil dhuit ach droch bhial. Note: te bhreun bhuaireasach. | 
| màsair | Note: tòiceach, tiugh, cruinn mu na cruachainnean (duine). | 
| meaban | Quot.: meaban balaich. Note: duine gun seadh. | 
| mealltair | Quot.: “Mealltair na truaighe, ’s mairg a latha dh’fhuaraicheas a chasan.” Note: “fear cealgach, foilleil, carach”. | 
| meigeallan | [mɛ̃ɡʹəɫɑṉ] Note: “Fear nach ìslich a ghuth, nach cothromaich a chainnt, nach cuir sreang ri theanga.” | 
| mobag | Note: te le falt carachdach, cràichdeach. | 
| moigean | Note: duine beag, tiugh, aighearrach, mear. | 
| mosan | Note: duine mosach, breun mi-thlachdmhor. | 
| mùigeag | Note: te thùchach a bhios a’ bruidhinn troimh sròin. | 
| mùigean | Quot.: “Cho muigeach [sic] ri cù le cnaimh.” Note: nuaranta, gruamach, mi-mhodhail.  | 
| mùircean | [mũ̟:ɾcɑṉ] Quot.: “Mùircean greannach air nach laigh an gàire.” Note: same as mùigean [q.v.]. | 
| mùirneag | Quot.: Mùirneag ghrinn a chuireadh aoidh air a’ chuideachd. Note: te aoigheil, stuama, blàth-chridheil. | 
| mùsgaire | Note: duine gruamach. | 
| miaraide | [mĩɑ̃rɑdʹ] Note: duine caol, bochd gun càil dha biadh. | 
| miodalan | [mĩd̪əɫɑṉ] Note: duine da-bhialach, leam-leat. | 
| òlach | Note: a’ ciallachadh caochladh nithean. “Chan e an deagh/an droch òlach a th’ann dheth.” | 
| otharlaid | [ɔhərɫɑdʹ] Note: te chràbhach, gun ghean gun ghaire – mar “leòcaid” [q.v.]. | 
| portan-tuathail | Note: (hermit crab); truaghan a’ phòs te airson a cuid. “B’fheàrr am portan-tuathail na bhi gun fear-tighe.” (?) | 
| peallag | Note: te phiullach, mì-sgiobalta. | 
| péilistear | [pe:ləst̪ɑð] Note: féineil, bragail, leamh, tarsuinn (cross). | 
| piantaich | Note: fear a tha a ghnath a’ sàs. Quot.: Piantaich bochd nach gabh air a shocair e. | 
| pìochan | Note: wheeze in the chest. | 
| pioghaid | Quot.: “Pioghaid gun nàire nach teid tàmh air a bial.” Note: te bhriathrach, chabach. | 
| plamaiceir | [pɫɑ̃mɑcəð] Note: fear nach cuir ’s nach dean càil ceart. | 
| spliodhair | [splwɣəð] Note: fear le casan cama góbhlach. | 
| plìotair | [pli:t̪əð] Quot.: “Am plìotair nach sìn a lamh ach gu càch a shuathadh ’s a thachais.” Note: duine gun duinealas. | 
| plòiceag | Quot.: “Plòiceag bheag thiugh air am bheil buil na fiacail.” Note: te bheag, thiugh, chruinn. | 
| plòicean | Note: balach gu spreadhadh na chraicionn. (Also plòiceag (fem).) | 
| pròisean | Note: fear làn féin-uaill. | 
| rabhdair | Quot.: “Rabhdair bochd gun mhath gun lochd nach bi na thosd.” Note: fear a bhios ri cainnt gun bhun gun bhàrr. | 
| racaid | Note: Far am bi racaid, bitheadh amaideas, an-dòigh is buaireadh. | 
| racair | [See racaid.] | 
| raipleach | [rɛpɫɑx] Note: te mhì-sgiobalt luideach. Chaneil nì a ni raipleach nach toir i a dreach fhéin air. | 
| ramachdair | Note: a’ toirt ramachdadh air a chlann-nighean. Gaothan blobhdach an-fhoiseil. | 
| rapair | Note: fear nach cuir loinn air e fhéin na air càil a nì e. | 
| righestair | [sic] [ˈrĩəst̪ɑð] Note: fear a bhios dha shìneadh fhéin le snòtaireachd air eagal gun teid cail ann an-fhios dha. | 
| robag | Note: pàisde nighinn tlachdmhór, laghach, gasda na dòigh. | 
| rongair | Note: fear leanmhainn snàigeach. | 
| ròpair | Note: fear luideach, salach, a bhios ag aithris air na chì agus na chluinneas e thall ’s a bhos. | 
| ruagaire | [ruɤɡəðə] Quot.: “Ruagaire balaich nach stad gu anmoch.” Note: gille a bhiodh a’ ruith a’ sud ’s a seo. | 
| ruapaiseach | [ruɑpɑʃɑx] Note: fear nach innis càil cómhnard ’s nach eil deireadh air aithris. | 
| ruitear | [ruıtʹɑð] Note: misgear buaireasach. | 
| ruinnseach | Note: te chaol àrd gun àille gun eireachdais, gun ghean gun thlachd. | 
| rùnag | Note: àilleagan nan iomadh fear. | 
| rustaich | [ru̜st̪iç] Note: fear trom an inntinn ’s an corp. | 
| ruideag | Note: te beag sgiobalt na ruith a sud ’s a seo; deas air a casan, ealant ’na gnìomh. | 
| sabhdair | [sɑu̟t̪əð] Note: fear breugach mac-meanbhnach, a dhealbhas sabhtagan airson fearas-chuideachd; a bheir beum tarchuiseach feir a’ ghuaille. | 
| sanntair | Note: fear sanntach, ceòcrach. | 
| saoidh | Note: sar dhuine, airidh air cliù ’s air moladh. Treun-laoch. “Is sèimh suain na saoidh.” | 
| siapach | Note: fear slaodach, beag feum. “Siapach nach cuir rian air biadh na dachaidh.” | 
| siapair | [See siapach.] | 
| seircean | [ʃɛɾcɑṉ] Note: fear sonraichte ’na ghasdachd, na dheagh-chliù ’s na uile bheusan. (Fem: seircneag.) | 
| seirgean | [ʃeɾeɡʹɑṉ] Note: “fear caol, duainnidh, bochd ’na chruth”. | 
| searsalaich | [ʃiɑʴsɑɫiç] Note: duine calma, foghainnteach. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.] | 
| seòclan | [ʃɔ:kəɫɑṉ] Note: truaghan gun stàth, nach dean càil ach ma laimh. | 
| seòltaiche | Note: fear carach, cealgach. Cho seòlta cealgach ’s nach earbadh tu ’m bonna-sia ris. | 
| seotaiche | [ˈʃɔt̪içə] Quot.: “Seotaiche nach cothaich cruadal.” Note: fear nach deanadh tùrn dha duine air muir na tìr. | 
| sgàirdear | Note: air a chleachdadh ma fhear salach. | 
| sgaitear | [sɡɑtʹɑð] Note: fear féin-uailleil, beachdail ach air bheag thuigse. | 
| sgaogag | [sɡw:ɡɑɡ] Note: te le ceann faoin falamh. | 
| sgaoimear | [sɡw̃:mɑð] Note: gealtaire meath-chridheach. Fear aig a’ bheil eagal roimh fhaileis. | 
| sgeamhair | Quot.: sgeamhaire cho faobharach ri gaoth a’ reothaidh. Note: greannach, mi-chneasda na chainnt. | 
| sgeapag | [sɡʹɑpɑɡ] Note: te luideach, leathainn, chruinn gun loinn gun chumadh. | 
| sgeigeire | [sɡʹeɡʹəðə] Quot.: “Sgeigeire bialach nach a ghearradh an fhiasag nach d’thàinig.” Note: duine fanaideach, sgeilmeil. | 
| sgeilmeag | [sɡwləmɑɡ] Quot.: te sgiobalt ghrinn na h-aodach. | 
| sgeimhlear | [sɡʹɑ̃ĩlɑð] Quot.: “Sgeimhlear grannda a chumas càch air bhoil.” | 
| sgeòcan | [sɡʹɔ:kɑṉ] Note: amhaich cho fada ’s gu sealladh e air fhéin an clàr an aodainn. | 
| sgeogair | [sɡʹɔɡəð] Note: fear aig a bheil móran ri radh – cainnt fhalamh gun bhrìgh. | 
| sgidean | [sɡʹıdʹɑṉ] Note: fear bog, beag-seadh. | 
| sgimilear |  | 
| sgliùireach | Note: te gun diùgh dha cliù. Siùrsach. | 
| sgiodaran | [sɡwd̪ərɑn] Note: fear leis an toigh a bhi ’g obair am poll ’s an innear. | 
| sgiùrsair | Note: te mì-bheusach, mì-chliùthach. | 
| sglàbair | [sɡɫɑ:bəð] Note: fear ri cainnt shalach, innisgeach. Cha bhlais teanga sglabhair [sic] air càil ach an t-suaraich. [NOTES: the headword has been corrected from ‘sglàbhair’ to ‘sglàbair’ so it seems that this spelling should be used in the quotation.] | 
| sglaimsear | [sɡɫɑ̃mɑʃɑð] Note: fear geòcach, bradach. | 
| sgliamair | Note: fear le aodann tana sleamhainn. | 
| sglongair | Note: fear liamach, smugaideach. | 
| sgeòtallan | Note: fear an-fhoiseil, mar eireag le ubh. | 
| sgonn | Note: duine gun chiall gun chonn. | 
| sgiullamaich | [sɡʹu̜ɫɑmiç] Note: fear aig a bheil cuir amach gun chiall. | 
| sgraidean | Note: fear beag grannda mi-eireachdail. | 
| sgraingean | Note: fear gruamach doicheallach. “Sgraing a chuireadh bacadh air na h-earraidean.” (Also sgraingeag.) | 
| sgramalair | Note: fear leisg. (Carson seasamh mas urrainn suidhe ’s carson suidhe mas urrainn sìneadh.) | 
| sgreabair | [sɡɾebɑð] Note: fear brothach, drabhasach. Aodann mar sgeir mhaorach air cladach. | 
| sgreadag | Note: cluinnear i far nach fhaicear i. | 
| sgreagair | Note: spìocaire crion, a dheidheadh eadar do léine ’s do chraicionn. | 
| sgroingean | [sɡɾ[ɔ̃ĩ]ɡʹɑṉ] Note: fear nach toireadh a ch… dha na coin. | 
| sgrùbair | [sɡɾu̟:bɑð] Note: Sgrubair [sic] nach leigeadh dhuit ach an t-acras agus am bàs. | 
| sgruiteach | [sɡɾu̟ıtʹɑx] Note: an craicionn a’ seargadh ’s e a’ fàs buidhe air na cnàmhan. | 
| sguainseach | [sɡũ̜ɑ̃ṉʃɑx] Note: duine ladarna, beag nàire. | 
| sgudalair | Note: fear a bhios ga bhus a measg trulais is treallaich. | 
| sgùmag | [sɡũ̟:mɑɡ] Note: Cha chuir gréidheadh na grinneas sgeadas air sgùmag. | 
| sialaiche | [ʃiɑɫiçə] Note: fear slaodach gun chuir-leis. | 
| siad | Note: ’S e smior an t-seòid a th’ann. ’S e ’n droch shiad a th’ann. | 
| sigean | Note: fear beag meanbh. | 
| sìochaire | [ʃıɔxəðə] Quot.: “Sìochaire nach cothaich sian na gaillionn”. Note: fear gun chruas gun dhuinealas. | 
| siolcair | [ˈʃu̜ɫkɑð] Note: truthair. Gàirdean an t-siolcair cho strìtheil ri sìneadh gu eucoir. | 
| sialtaiche | [ʃiɑɫt̪içə] Note: duine tuaireapach gun tùr gun sgoinn. Bu tu sialtaiche bochd. | 
| slaightear | Quot.: “Slaightear gun suim gun earbsa”. Note: trusdair eas-onorach. | 
| slaodair | Note: duine slaodach. “Cha ghabh mi fhein, etc.” | 
| slàpair | [sɫɑ:pəð] Note: Bithidh a bhus as a pholl. Chaneil nì ris a suath e nach tig tuar an t-salachair air. | 
| slibiste | Note: Slibiste sgudalach gun chruth gun chumadh air a shaothair. | 
| slìobaire | [ʃlʹı:bəðə] Note: sliobair da-bhialach. | 
| slìomaire | [ʃlʹĩ:məðə] Note: fear sleamhainn na bhial ’s na gniomh. | 
| smàigeir | [smɑ̃:ɡʹəð] Note: fear a chumadh càch nan tràillean tre uamhair na làmhachas-làidir. | 
| smùgair | [smũ̟:ɡəð] Note: fear roilleach – boinneag air bhàrr na sròine. | 
| smulcair | [smũ̜ɫkəð] Note: fear dùr, smalanach. Smulcair musgach, gnùigeach, gruamach. | 
| smutag | Note: te le sròin leathainn liabhach. | 
| snàigear | Note: sliagair leisg; cùlaire camachdach. | 
| snoigeasan | Note: gearanach, do-riaraichte, dranndanach. Cho beag caomhalachd ri aog is ainneart. | 
| sodalan | Note: cealgach, dà-bhialach, leam-leat. “Cho caochlaideach, seachranach ri beachdan sodalan.” | 
| spàgan | Note: fear le casan crulainneach cam – chan e ’n t-ùrlar danns’ àite. | 
| spéidhlear | [spe:lɑð] Note: te a tha deigheil air a cuid fhéin a thoirt a féill an diomhanais. | 
| spailpeire | [spɑlpəðə] Note: fear mór na shùilean fhéin. Faoin, falamh, a’ ruith féin-ghlòir. | 
| spiuthair | [spȷu̟həð] Note: fear le làmh fhada. “Do ghàirdean ro fhada gun cheannsail, dha sìneadh ’s chan ann cho na còir.” | 
| splangaid | Note: fear agus bi roill ma chàirean. | 
| spleuchdair | [spliɑxkəð] Note: fear fiar-shuileach claon. | 
| godag | Note: te a tha déigheil air cuideachd na fir. | 
| goicean | Note: fear a bhios gus e fhéin a chuir fo na h-amhaich a’ sadadh a chinn. | 
| goradair | Note: fear a bhios ri cuachail ach gu dé a chí e. | 
| gràinndean | [ɡɾɑ̃:dʹɑṉ] Note: fear nach mol sgàthan ’s nach eil a’ fabhar nan nìghneag. | 
| greannan | Note: duine greannach. “Cho greannach ri clach-mheallainn an fhaoiltich.” | 
| grioban | [ɡɾibɔṉ] Note: balach beag luaisgeanach. | 
| gugarlach | Note: gille tiugh reamhair. | 
| grobag | Note: seann bhean, a craicionn air dreamadh, a beul air grobadh. | 
| gruamag | Quot.: Cha laigh gàire ach aotrom air aodann gruamag. | 
| guanag | Note: te aotrom òg aighearrach. Cho guanach ’s nach eil a h-uallach na eallach. | 
| gille-mo-liagh | Note: fear gnothaicheil fearail, gaisgeil. “’Se mo liagh a th’ann.” | 
| gille-mirean | Note: (tee-totum.) Tha thu a sin a’ cur nan car mar ghille-mirean. | 
| giorsaid | Note: te aotrom stràiceil a ghéill do fhéill-an-diomhanais. | 
| iosgaideach | Note: fear caol, fad-chasach. | 
| iùdasach | [ȷu̟:ḏɑsɔx] Note: fear brathaidh, droch bheusach. | 
| iutharnach | Note: a’ dhroch-bheusan thar labhairt. | 
| ladarnach | Note: dàna, an-uasal gun mhodh. “Cho ladarna [sic] ri madadh coin gun mhaighstir [?].” | 
| lethbheist | Note: leth-chiallach. “Lethbheist nach eil ann gu léir.” | 
| leisgean | Note: sluggard. | 
| leòcaid | Note: guirmealach cràbhach do-riaraichte. | 
| leòmair | Note: proiseil mór-chuiseach. “Fearas-mhóire bhreothte air leòmag a’ chinn aotrom.” | 
| leòmag (fem) | [See leòmair.] | 
| liobastair | Note: fear mi-sgiobalta, neo-chùbhraidh. | 
| liosdair | Note: fear a bhios a’ connsachadh, an aghaidh na dòigh. Cha deóin leis aideachadh gun deach e ceàrr. | 
| liùgaire | Note: snàigaire crùbach. Liugaire [sic] mosach, le ghob am brochan chàich. | 
| logais | Note: duine goileach, na cheum ’s na chruth. | 
| lìgeir | [lʹı:ɡəð] Note: cuachaire gun smior gun tùrn. | 
| loircean, loirceag (fem) | Note: duine/te le casan ladhbhach crùlainneach nach tugadh turus astar e/i. | 
| lothaire | Note: fear mi-sgiobalta. | 
| ludragan | Note: snaigaire gun loinn gun snais. | 
| luid | Note: a clumsy fellow. | 
| luinnsear | Note: duine leisg. | 
| luireach | Note: luireach mnà nach deasaich, nach càraich ’s nach toir làmh gu h-abhras. | 
| burgaid | [bu̟ɾu̟ɡɑdʹ] Note: duine mór luideach, slaodach. | 
| burraiceach | [bu̜ru̜cɑx] Note: te ghruamach. | 
| nuarant | [n̪ũɑ̃rɑn̪t̪] Note: awe-inspiring. “Nach e ’n cuan a tha nuarant an diugh.” | 
| plamaiceach | Note: soft, flabby. | 
| stamhnadh | [st̪ɑ̃ũṉəɣ] Quot.: “Nach dean thu stamhnadh ort fhéin.” “Gun stamhnadh.” Note: a halt. | 
| stangalaich | [st̪ɑ̃ŋɡɑɫiç] Quot.: “bó a’ stangalaich anns a’ stàile.” Note: stamping about. | 
| snoigeasach | [sṉɔ̃ɡʹɑsɑx] Note: haughty. | 
| bruachaire | Note: a person who moves about making a nuisance of himself. | 
| bruachaireachd | Note: moving about and making a nuisance of oneself. | 
| steòcaire | Note: same as bruachaire [q.v.]. | 
| steòcaireachd | Note: same as bruachaireachd [q.v.] | 
| goighleach | [ɡ[ɤı]lɑx] Note: ungainly in person. | 
| cias | [ciɑs] Quot.: “’S ann ort a tha na ciasan.” Note: buttocks. | 
| breig | [bðeɡʹ] Quot.: “’S ann agad a tha a’ bhreig.” Note: equivalent of “gab”. | 
| stuirt | [st̪u̜ʴsṯ] Quot.: “’S ann ort a tha an aon stuirt.” Note: dourness. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.] | 
| stuirteil | [st̪u̜ʴsṯɑl] Note: dour. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.] | 
| drollabhan | [d̪ɾɔɫəvɑṉ] Note: fear luideach nach cuir càil ceart. | 
| druimean-feilidh | [d̪ɾw̃mɑṉfɛli] Note: facal ionadail. Mu dhuine aotrom, éibhinn, an-cheardach. | 
| gasan | [ɡɑsɑṉ] Note: a sheaf hung inside for a sheep. Quot.: “Bheir gasan dhan a rùda.” | 
| loinneil | [ɫɔ̃nʹɔl] Note: avaricious. | 
| loin | [ɫɔ̃nʹ] Quot.: Tha loin air thuige. Note: greed. | 
| gliùnag | [ɡlũ̟:ṉɑɡ] Note: fear nach seas ri cruadal. | 
| gèimh | [ɡɛ:v] Note: “Ghabh e gèimh.” – “Ghabh e feagal a bheatha.” | 
| tothadaich | [t̪ɔhəd̪iç] Note: illustrating by gestures. | 
| tothadh | [t̪ɔəɣ] Quot.: “a’ tothadh dhòrn”. Note: sparring. | 
| goraisg | [ɡɔriʃɡʹ] Note: te fhaoin. | 
| maol-rùnaidh | Note: te a tha déigheil air féill an diomhanais ’s an t-sùgraidh. Chaneil féill na cleasachd aig nach fhaicear i. | 
| glagaid | Note: breigeire ard-ghuthach. | 
| baobh | Quot.: “Gheibh baobh guidhe ged nach fhaigh a h-anam tròcair.” Note: “te olc, mi-rùnach, le cumhachd draoigh is mallachaidh”. | 
| cam-shuileach | Quot.: “Na tog do chùrsa air sùil a’ cham-shuileach.” | 
| cabair | Quot.: “Cabair innseach, bial gun tosd, teanga shleamhainn luath gun chlos.” (seann rann) Note: luath-bhial. | 
| caoilte | Note: tana, goidhleach. Cho caol ’s gu faodadh e dol ri fasgadh buatharlan. | 
| ceann-clò | Quot.: Cho beag purp ri uirsgeul ceann-clò. Note: fear nach cuir tù ri tàth. | 
| ceigean | [ceɡʹɑṉ] Quot.: “Ceigeanach dubh, ceann gun chìreadh, Cha teid cail an ìre dhà.” | 
| ciasanach | [ciɑsɑṉɑx] Quot.: “Ciasan air ag iathadh leth na beinge.” Note: màsaire, duine tóineach. | 
| clabair | Quot.: “Clabair gun bhun gun bhàrr”. Note: luath-bhial. | 
| clabastair | Note: bréig gun ceannsail. Eallamh gu deanamh buaireadh. | 
| clambaire | [klɑ̃mbəðə] Quot.: “Seachainn cuideachd an dram nuair a tha ’n clambaire na measg.” Note: fear buaireasach àrd-ghuthach. | 
| cliamaire | [klĩɑ̃məðə] Quot.: “cliamair gun aoibh gun aighearr”. Note: duine dùinte, doicheallach, stùirteil. | 
| cléibire | [kle:bəðə] Note: duine neo-thùireil, luideach. “Làmhan nach amais air càil a chuir na altan.” | 
| cliseach | Quot.: “Nach mairg tha do leth ri chlisich.” Note: cliseach de dhuine mór. | 
| clodaire | Quot.: clodaire, clobhdach. Note: trom-inntinneach, smuaireanach. | 
| disearan | Note: fear bog nach seas ri fuachd. | 
| dùidean | [dʹu̟:dʹɑṉ] Note: “Duine sochaireach gun chuir-leis. Duine leagte ri chrannchur.” | 
| doicheallan | Note: duine gruamach, mi-aoidheil. “Cho doicheallach ri dorsan a phrìosain.” | 
| doirbhean | Quot.: “Nuair dh’fhàg na fir àluinn ’s ann bu duibhe doirbhean.” | 
| drabasdan | Note: fear a tha cleachdadh cainnt shalach. | 
| dreamaisg | Quot.: greannach, connsachail, do-riaraichte, rag-mhuinealach. | 
| dranndan | Note: fear gearanach. “Dranndan teallaich.” | 
| drabhchd | [d̪ɾɑu̟k] Note: troc gun chiall gun mhodh. Misgeir a tha a’ cur a chuid gu h-iomlan ’s an deoch. | 
| dréineire | [d̪ɾe:nəðə] Note: Tha dréin air a chuireadh stad air trèin a’ Chaoil. | 
| dabhdan | [dɑu̟d̪ɑṉ] Note: duine a bhios a’ giagalais air ais ’s air adhart. “Dabhdail a’ ghille leisg.” | 
| fliuchaidh | [flu̜xi] Note: duine faoin mu thimchioll bhoirionnach. | 
| feirmealaiche | [feɾemɑɫiçə] Note: duine uailleil, bòsdail, féineil. | 
| fidileir | Quot.: “Fidileir fotharlanach gun fhios có agad na bhuat e.” Note: duine an-fhoiseil, bheag stòlaidh. | 
| foileag | Note: te a’ sàs an obair tighe. “De a tha thu a’ cur air adhart?” “Chaneil, a’ ghraidh, ach a’ foileadh ’s a’ riasladh.” |