gàgaire | [ɡɑ:ɡəðə] Note: duine spàgach, laobhach. |
gaothan | Quot.: “Gaothan nach dubh grian ’s nach geal uisge”. Note: Tha e air a ghaothach le nithean falamh faoin. |
gàrlach | [ɡɑ:rɫɑx] Note: balach beag bragail. Duine fo thàir is dimeas aig iosal is uasal. |
gasan | [ɡɑsɑṉ] Quot.: “Gasan balaich air nach laigh sgìos”. Note: balach tiugh, tapaidh. |
geòcaire | [ɡʹɔ:kəðə] Note: glaimsear (greedy person). |
gidheaman | [ˈɡʹıəmɑṉ] Quot.: “Gidheaman do-riaraichte gun rian a shàsachadh”. Note: Bithidh e a ghnath ri gearan. |
giobalan | Quot.: “Giobalan riasach, fiasagach, peallagach; na teirig eadar e ’s a’ ghaoith”, “fiunnach, bàrlagach” (ragged). |
geonachair | [ˈɡʹɔ̃ṉɔxəð] Note: duine loinneil, cìocrach, gleidhteach. “B’furasda dhuit an t-ìm a thoirt a iongnan a’ chait.” |
glaimsear | Quot.: “Cuimhnichidh an glaimsear air a’ chù nuair a bhios a bhrùgh fhéin làn.” |
glogaid | [ɡɫɔɡɑdʹ] Note: faoin, diomhainn, slaodach (duine). |
leòcaid | [lʹɔ:kɑdʹ] Note: “Boirionnach fuar-chràbhach, iorramach, a’ falbh òrduighean.” |
glocaire | [ɡɫɔkəðə] Quot.: “Fear a’ ghloc-ghàire chumadh fàrdaich ann a’ fonn.” |
gloic | [ɡɫɔic] Note: “Gloic bhochd; chaneil cothrom aic air a h-òinsealachd.” Òinseach. |
gnùigean | [ɡɾũ̟:ɡʹɑṉ] Note: fear gruamach, smalanach. Quot.: Tha gnùig air a chuireadh geimh air na famhairean. |
gobag | Quot.: “Gobag mhosach a chuireadh na dubhan air na dathan.” |
gocaman | Quot.: “Thoir do chasan leat ’s na bi sin na do ghocaman a’ faire air bial dhaoine.” Note: fear-faire. |
luiriste | [ɫu̜ɾiʃtʹ] Note: “Te chaol àrd gun aille gun dreach ’s gun rath air a h-obair.” |
luthaiste | [ˈɫu̜iʃtʹə] Note: “Ceann faoin air am bi daoine ag abhacas.” |
lunndair | [ɫɤu̜n̪d̪ɑð] Note: Duine gun stàth gu cail a chur air adhart. “Theid aithris dhan chléir mu d’ lunndaireachd” – aoir. |
mabair | Quot.: “Mabair nach cuir tuath ri tàth.” Note: duine glugach, manntach. |
mac-mallachd | Quot.: “Tha thu cho briagach/deamhnaidh/cuilbheartach ris a’ mhac-mhallachd.” |
màigean | Note: duine beag, reamhar, gobhalach ’na choiseachd. |
màldag | Note: te chiùin, bhanail, stuama. |
maolan | [mw̃:ɫɑṉ] Note: (1) duine gun fhalt. (2) duine beag tuigse – cho maol ’s gun tugadh tu thaobh e le briob. |
maoiseag | [mw̃:ʃɑɡ] Quot.: Maoiseag ghrannda nach toir càil dhuit ach droch bhial. Note: te bhreun bhuaireasach. |
màsair | Note: tòiceach, tiugh, cruinn mu na cruachainnean (duine). |
meaban | Quot.: meaban balaich. Note: duine gun seadh. |
mealltair | Quot.: “Mealltair na truaighe, ’s mairg a latha dh’fhuaraicheas a chasan.” Note: “fear cealgach, foilleil, carach”. |
meigeallan | [mɛ̃ɡʹəɫɑṉ] Note: “Fear nach ìslich a ghuth, nach cothromaich a chainnt, nach cuir sreang ri theanga.” |
mobag | Note: te le falt carachdach, cràichdeach. |
moigean | Note: duine beag, tiugh, aighearrach, mear. |
mosan | Note: duine mosach, breun mi-thlachdmhor. |
mùigeag | Note: te thùchach a bhios a’ bruidhinn troimh sròin. |
mùigean | Quot.: “Cho muigeach [sic] ri cù le cnaimh.” Note: nuaranta, gruamach, mi-mhodhail. |
mùircean | [mũ̟:ɾcɑṉ] Quot.: “Mùircean greannach air nach laigh an gàire.” Note: same as mùigean [q.v.]. |
mùirneag | Quot.: Mùirneag ghrinn a chuireadh aoidh air a’ chuideachd. Note: te aoigheil, stuama, blàth-chridheil. |
mùsgaire | Note: duine gruamach. |
miaraide | [mĩɑ̃rɑdʹ] Note: duine caol, bochd gun càil dha biadh. |
miodalan | [mĩd̪əɫɑṉ] Note: duine da-bhialach, leam-leat. |
òlach | Note: a’ ciallachadh caochladh nithean. “Chan e an deagh/an droch òlach a th’ann dheth.” |
otharlaid | [ɔhərɫɑdʹ] Note: te chràbhach, gun ghean gun ghaire – mar “leòcaid” [q.v.]. |
portan-tuathail | Note: (hermit crab); truaghan a’ phòs te airson a cuid. “B’fheàrr am portan-tuathail na bhi gun fear-tighe.” (?) |
peallag | Note: te phiullach, mì-sgiobalta. |
péilistear | [pe:ləst̪ɑð] Note: féineil, bragail, leamh, tarsuinn (cross). |
piantaich | Note: fear a tha a ghnath a’ sàs. Quot.: Piantaich bochd nach gabh air a shocair e. |
pìochan | Note: wheeze in the chest. |
pioghaid | Quot.: “Pioghaid gun nàire nach teid tàmh air a bial.” Note: te bhriathrach, chabach. |
plamaiceir | [pɫɑ̃mɑcəð] Note: fear nach cuir ’s nach dean càil ceart. |
spliodhair | [splwɣəð] Note: fear le casan cama góbhlach. |
plìotair | [pli:t̪əð] Quot.: “Am plìotair nach sìn a lamh ach gu càch a shuathadh ’s a thachais.” Note: duine gun duinealas. |
plòiceag | Quot.: “Plòiceag bheag thiugh air am bheil buil na fiacail.” Note: te bheag, thiugh, chruinn. |
plòicean | Note: balach gu spreadhadh na chraicionn. (Also plòiceag (fem).) |
pròisean | Note: fear làn féin-uaill. |
rabhdair | Quot.: “Rabhdair bochd gun mhath gun lochd nach bi na thosd.” Note: fear a bhios ri cainnt gun bhun gun bhàrr. |
racaid | Note: Far am bi racaid, bitheadh amaideas, an-dòigh is buaireadh. |
racair | [See racaid.] |
raipleach | [rɛpɫɑx] Note: te mhì-sgiobalt luideach. Chaneil nì a ni raipleach nach toir i a dreach fhéin air. |
ramachdair | Note: a’ toirt ramachdadh air a chlann-nighean. Gaothan blobhdach an-fhoiseil. |
rapair | Note: fear nach cuir loinn air e fhéin na air càil a nì e. |
righestair | [sic] [ˈrĩəst̪ɑð] Note: fear a bhios dha shìneadh fhéin le snòtaireachd air eagal gun teid cail ann an-fhios dha. |
robag | Note: pàisde nighinn tlachdmhór, laghach, gasda na dòigh. |
rongair | Note: fear leanmhainn snàigeach. |
ròpair | Note: fear luideach, salach, a bhios ag aithris air na chì agus na chluinneas e thall ’s a bhos. |
ruagaire | [ruɤɡəðə] Quot.: “Ruagaire balaich nach stad gu anmoch.” Note: gille a bhiodh a’ ruith a’ sud ’s a seo. |
ruapaiseach | [ruɑpɑʃɑx] Note: fear nach innis càil cómhnard ’s nach eil deireadh air aithris. |
ruitear | [ruıtʹɑð] Note: misgear buaireasach. |
ruinnseach | Note: te chaol àrd gun àille gun eireachdais, gun ghean gun thlachd. |
rùnag | Note: àilleagan nan iomadh fear. |
rustaich | [ru̜st̪iç] Note: fear trom an inntinn ’s an corp. |
ruideag | Note: te beag sgiobalt na ruith a sud ’s a seo; deas air a casan, ealant ’na gnìomh. |
sabhdair | [sɑu̟t̪əð] Note: fear breugach mac-meanbhnach, a dhealbhas sabhtagan airson fearas-chuideachd; a bheir beum tarchuiseach feir a’ ghuaille. |
sanntair | Note: fear sanntach, ceòcrach. |
saoidh | Note: sar dhuine, airidh air cliù ’s air moladh. Treun-laoch. “Is sèimh suain na saoidh.” |
siapach | Note: fear slaodach, beag feum. “Siapach nach cuir rian air biadh na dachaidh.” |
siapair | [See siapach.] |
seircean | [ʃɛɾcɑṉ] Note: fear sonraichte ’na ghasdachd, na dheagh-chliù ’s na uile bheusan. (Fem: seircneag.) |
seirgean | [ʃeɾeɡʹɑṉ] Note: “fear caol, duainnidh, bochd ’na chruth”. |
searsalaich | [ʃiɑʴsɑɫiç] Note: duine calma, foghainnteach. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.] |
seòclan | [ʃɔ:kəɫɑṉ] Note: truaghan gun stàth, nach dean càil ach ma laimh. |
seòltaiche | Note: fear carach, cealgach. Cho seòlta cealgach ’s nach earbadh tu ’m bonna-sia ris. |
seotaiche | [ˈʃɔt̪içə] Quot.: “Seotaiche nach cothaich cruadal.” Note: fear nach deanadh tùrn dha duine air muir na tìr. |
sgàirdear | Note: air a chleachdadh ma fhear salach. |
sgaitear | [sɡɑtʹɑð] Note: fear féin-uailleil, beachdail ach air bheag thuigse. |
sgaogag | [sɡw:ɡɑɡ] Note: te le ceann faoin falamh. |
sgaoimear | [sɡw̃:mɑð] Note: gealtaire meath-chridheach. Fear aig a’ bheil eagal roimh fhaileis. |
sgeamhair | Quot.: sgeamhaire cho faobharach ri gaoth a’ reothaidh. Note: greannach, mi-chneasda na chainnt. |
sgeapag | [sɡʹɑpɑɡ] Note: te luideach, leathainn, chruinn gun loinn gun chumadh. |
sgeigeire | [sɡʹeɡʹəðə] Quot.: “Sgeigeire bialach nach a ghearradh an fhiasag nach d’thàinig.” Note: duine fanaideach, sgeilmeil. |
sgeilmeag | [sɡwləmɑɡ] Quot.: te sgiobalt ghrinn na h-aodach. |
sgeimhlear | [sɡʹɑ̃ĩlɑð] Quot.: “Sgeimhlear grannda a chumas càch air bhoil.” |
sgeòcan | [sɡʹɔ:kɑṉ] Note: amhaich cho fada ’s gu sealladh e air fhéin an clàr an aodainn. |
sgeogair | [sɡʹɔɡəð] Note: fear aig a bheil móran ri radh – cainnt fhalamh gun bhrìgh. |
sgidean | [sɡʹıdʹɑṉ] Note: fear bog, beag-seadh. |
sgimilear | |
sgliùireach | Note: te gun diùgh dha cliù. Siùrsach. |
sgiodaran | [sɡwd̪ərɑn] Note: fear leis an toigh a bhi ’g obair am poll ’s an innear. |
sgiùrsair | Note: te mì-bheusach, mì-chliùthach. |
sglàbair | [sɡɫɑ:bəð] Note: fear ri cainnt shalach, innisgeach. Cha bhlais teanga sglabhair [sic] air càil ach an t-suaraich. [NOTES: the headword has been corrected from ‘sglàbhair’ to ‘sglàbair’ so it seems that this spelling should be used in the quotation.] |
sglaimsear | [sɡɫɑ̃mɑʃɑð] Note: fear geòcach, bradach. |
sgliamair | Note: fear le aodann tana sleamhainn. |
sglongair | Note: fear liamach, smugaideach. |
sgeòtallan | Note: fear an-fhoiseil, mar eireag le ubh. |
sgonn | Note: duine gun chiall gun chonn. |
sgiullamaich | [sɡʹu̜ɫɑmiç] Note: fear aig a bheil cuir amach gun chiall. |
sgraidean | Note: fear beag grannda mi-eireachdail. |
sgraingean | Note: fear gruamach doicheallach. “Sgraing a chuireadh bacadh air na h-earraidean.” (Also sgraingeag.) |
sgramalair | Note: fear leisg. (Carson seasamh mas urrainn suidhe ’s carson suidhe mas urrainn sìneadh.) |
sgreabair | [sɡɾebɑð] Note: fear brothach, drabhasach. Aodann mar sgeir mhaorach air cladach. |
sgreadag | Note: cluinnear i far nach fhaicear i. |
sgreagair | Note: spìocaire crion, a dheidheadh eadar do léine ’s do chraicionn. |
sgroingean | [sɡɾ[ɔ̃ĩ]ɡʹɑṉ] Note: fear nach toireadh a ch… dha na coin. |
sgrùbair | [sɡɾu̟:bɑð] Note: Sgrubair [sic] nach leigeadh dhuit ach an t-acras agus am bàs. |
sgruiteach | [sɡɾu̟ıtʹɑx] Note: an craicionn a’ seargadh ’s e a’ fàs buidhe air na cnàmhan. |
sguainseach | [sɡũ̜ɑ̃ṉʃɑx] Note: duine ladarna, beag nàire. |
sgudalair | Note: fear a bhios ga bhus a measg trulais is treallaich. |
sgùmag | [sɡũ̟:mɑɡ] Note: Cha chuir gréidheadh na grinneas sgeadas air sgùmag. |
sialaiche | [ʃiɑɫiçə] Note: fear slaodach gun chuir-leis. |
siad | Note: ’S e smior an t-seòid a th’ann. ’S e ’n droch shiad a th’ann. |
sigean | Note: fear beag meanbh. |
sìochaire | [ʃıɔxəðə] Quot.: “Sìochaire nach cothaich sian na gaillionn”. Note: fear gun chruas gun dhuinealas. |
siolcair | [ˈʃu̜ɫkɑð] Note: truthair. Gàirdean an t-siolcair cho strìtheil ri sìneadh gu eucoir. |
sialtaiche | [ʃiɑɫt̪içə] Note: duine tuaireapach gun tùr gun sgoinn. Bu tu sialtaiche bochd. |
slaightear | Quot.: “Slaightear gun suim gun earbsa”. Note: trusdair eas-onorach. |
slaodair | Note: duine slaodach. “Cha ghabh mi fhein, etc.” |
slàpair | [sɫɑ:pəð] Note: Bithidh a bhus as a pholl. Chaneil nì ris a suath e nach tig tuar an t-salachair air. |
slibiste | Note: Slibiste sgudalach gun chruth gun chumadh air a shaothair. |
slìobaire | [ʃlʹı:bəðə] Note: sliobair da-bhialach. |
slìomaire | [ʃlʹĩ:məðə] Note: fear sleamhainn na bhial ’s na gniomh. |
smàigeir | [smɑ̃:ɡʹəð] Note: fear a chumadh càch nan tràillean tre uamhair na làmhachas-làidir. |
smùgair | [smũ̟:ɡəð] Note: fear roilleach – boinneag air bhàrr na sròine. |
smulcair | [smũ̜ɫkəð] Note: fear dùr, smalanach. Smulcair musgach, gnùigeach, gruamach. |
smutag | Note: te le sròin leathainn liabhach. |
snàigear | Note: sliagair leisg; cùlaire camachdach. |
snoigeasan | Note: gearanach, do-riaraichte, dranndanach. Cho beag caomhalachd ri aog is ainneart. |
sodalan | Note: cealgach, dà-bhialach, leam-leat. “Cho caochlaideach, seachranach ri beachdan sodalan.” |
spàgan | Note: fear le casan crulainneach cam – chan e ’n t-ùrlar danns’ àite. |
spéidhlear | [spe:lɑð] Note: te a tha deigheil air a cuid fhéin a thoirt a féill an diomhanais. |
spailpeire | [spɑlpəðə] Note: fear mór na shùilean fhéin. Faoin, falamh, a’ ruith féin-ghlòir. |
spiuthair | [spȷu̟həð] Note: fear le làmh fhada. “Do ghàirdean ro fhada gun cheannsail, dha sìneadh ’s chan ann cho na còir.” |
splangaid | Note: fear agus bi roill ma chàirean. |
spleuchdair | [spliɑxkəð] Note: fear fiar-shuileach claon. |
godag | Note: te a tha déigheil air cuideachd na fir. |
goicean | Note: fear a bhios gus e fhéin a chuir fo na h-amhaich a’ sadadh a chinn. |
goradair | Note: fear a bhios ri cuachail ach gu dé a chí e. |
gràinndean | [ɡɾɑ̃:dʹɑṉ] Note: fear nach mol sgàthan ’s nach eil a’ fabhar nan nìghneag. |
greannan | Note: duine greannach. “Cho greannach ri clach-mheallainn an fhaoiltich.” |
grioban | [ɡɾibɔṉ] Note: balach beag luaisgeanach. |
gugarlach | Note: gille tiugh reamhair. |
grobag | Note: seann bhean, a craicionn air dreamadh, a beul air grobadh. |
gruamag | Quot.: Cha laigh gàire ach aotrom air aodann gruamag. |
guanag | Note: te aotrom òg aighearrach. Cho guanach ’s nach eil a h-uallach na eallach. |
gille-mo-liagh | Note: fear gnothaicheil fearail, gaisgeil. “’Se mo liagh a th’ann.” |
gille-mirean | Note: (tee-totum.) Tha thu a sin a’ cur nan car mar ghille-mirean. |
giorsaid | Note: te aotrom stràiceil a ghéill do fhéill-an-diomhanais. |
iosgaideach | Note: fear caol, fad-chasach. |
iùdasach | [ȷu̟:ḏɑsɔx] Note: fear brathaidh, droch bheusach. |
iutharnach | Note: a’ dhroch-bheusan thar labhairt. |
ladarnach | Note: dàna, an-uasal gun mhodh. “Cho ladarna [sic] ri madadh coin gun mhaighstir [?].” |
lethbheist | Note: leth-chiallach. “Lethbheist nach eil ann gu léir.” |
leisgean | Note: sluggard. |
leòcaid | Note: guirmealach cràbhach do-riaraichte. |
leòmair | Note: proiseil mór-chuiseach. “Fearas-mhóire bhreothte air leòmag a’ chinn aotrom.” |
leòmag (fem) | [See leòmair.] |
liobastair | Note: fear mi-sgiobalta, neo-chùbhraidh. |
liosdair | Note: fear a bhios a’ connsachadh, an aghaidh na dòigh. Cha deóin leis aideachadh gun deach e ceàrr. |
liùgaire | Note: snàigaire crùbach. Liugaire [sic] mosach, le ghob am brochan chàich. |
logais | Note: duine goileach, na cheum ’s na chruth. |
lìgeir | [lʹı:ɡəð] Note: cuachaire gun smior gun tùrn. |
loircean, loirceag (fem) | Note: duine/te le casan ladhbhach crùlainneach nach tugadh turus astar e/i. |
lothaire | Note: fear mi-sgiobalta. |
ludragan | Note: snaigaire gun loinn gun snais. |
luid | Note: a clumsy fellow. |
luinnsear | Note: duine leisg. |
luireach | Note: luireach mnà nach deasaich, nach càraich ’s nach toir làmh gu h-abhras. |
burgaid | [bu̟ɾu̟ɡɑdʹ] Note: duine mór luideach, slaodach. |
burraiceach | [bu̜ru̜cɑx] Note: te ghruamach. |
nuarant | [n̪ũɑ̃rɑn̪t̪] Note: awe-inspiring. “Nach e ’n cuan a tha nuarant an diugh.” |
plamaiceach | Note: soft, flabby. |
stamhnadh | [st̪ɑ̃ũṉəɣ] Quot.: “Nach dean thu stamhnadh ort fhéin.” “Gun stamhnadh.” Note: a halt. |
stangalaich | [st̪ɑ̃ŋɡɑɫiç] Quot.: “bó a’ stangalaich anns a’ stàile.” Note: stamping about. |
snoigeasach | [sṉɔ̃ɡʹɑsɑx] Note: haughty. |
bruachaire | Note: a person who moves about making a nuisance of himself. |
bruachaireachd | Note: moving about and making a nuisance of oneself. |
steòcaire | Note: same as bruachaire [q.v.]. |
steòcaireachd | Note: same as bruachaireachd [q.v.] |
goighleach | [ɡ[ɤı]lɑx] Note: ungainly in person. |
cias | [ciɑs] Quot.: “’S ann ort a tha na ciasan.” Note: buttocks. |
breig | [bðeɡʹ] Quot.: “’S ann agad a tha a’ bhreig.” Note: equivalent of “gab”. |
stuirt | [st̪u̜ʴsṯ] Quot.: “’S ann ort a tha an aon stuirt.” Note: dourness. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.] |
stuirteil | [st̪u̜ʴsṯɑl] Note: dour. [NOTES: the turned r used for the symbol which is unclear in the original.] |
drollabhan | [d̪ɾɔɫəvɑṉ] Note: fear luideach nach cuir càil ceart. |
druimean-feilidh | [d̪ɾw̃mɑṉfɛli] Note: facal ionadail. Mu dhuine aotrom, éibhinn, an-cheardach. |
gasan | [ɡɑsɑṉ] Note: a sheaf hung inside for a sheep. Quot.: “Bheir gasan dhan a rùda.” |
loinneil | [ɫɔ̃nʹɔl] Note: avaricious. |
loin | [ɫɔ̃nʹ] Quot.: Tha loin air thuige. Note: greed. |
gliùnag | [ɡlũ̟:ṉɑɡ] Note: fear nach seas ri cruadal. |
gèimh | [ɡɛ:v] Note: “Ghabh e gèimh.” – “Ghabh e feagal a bheatha.” |
tothadaich | [t̪ɔhəd̪iç] Note: illustrating by gestures. |
tothadh | [t̪ɔəɣ] Quot.: “a’ tothadh dhòrn”. Note: sparring. |
goraisg | [ɡɔriʃɡʹ] Note: te fhaoin. |
maol-rùnaidh | Note: te a tha déigheil air féill an diomhanais ’s an t-sùgraidh. Chaneil féill na cleasachd aig nach fhaicear i. |
glagaid | Note: breigeire ard-ghuthach. |
baobh | Quot.: “Gheibh baobh guidhe ged nach fhaigh a h-anam tròcair.” Note: “te olc, mi-rùnach, le cumhachd draoigh is mallachaidh”. |
cam-shuileach | Quot.: “Na tog do chùrsa air sùil a’ cham-shuileach.” |
cabair | Quot.: “Cabair innseach, bial gun tosd, teanga shleamhainn luath gun chlos.” (seann rann) Note: luath-bhial. |
caoilte | Note: tana, goidhleach. Cho caol ’s gu faodadh e dol ri fasgadh buatharlan. |
ceann-clò | Quot.: Cho beag purp ri uirsgeul ceann-clò. Note: fear nach cuir tù ri tàth. |
ceigean | [ceɡʹɑṉ] Quot.: “Ceigeanach dubh, ceann gun chìreadh, Cha teid cail an ìre dhà.” |
ciasanach | [ciɑsɑṉɑx] Quot.: “Ciasan air ag iathadh leth na beinge.” Note: màsaire, duine tóineach. |
clabair | Quot.: “Clabair gun bhun gun bhàrr”. Note: luath-bhial. |
clabastair | Note: bréig gun ceannsail. Eallamh gu deanamh buaireadh. |
clambaire | [klɑ̃mbəðə] Quot.: “Seachainn cuideachd an dram nuair a tha ’n clambaire na measg.” Note: fear buaireasach àrd-ghuthach. |
cliamaire | [klĩɑ̃məðə] Quot.: “cliamair gun aoibh gun aighearr”. Note: duine dùinte, doicheallach, stùirteil. |
cléibire | [kle:bəðə] Note: duine neo-thùireil, luideach. “Làmhan nach amais air càil a chuir na altan.” |
cliseach | Quot.: “Nach mairg tha do leth ri chlisich.” Note: cliseach de dhuine mór. |
clodaire | Quot.: clodaire, clobhdach. Note: trom-inntinneach, smuaireanach. |
disearan | Note: fear bog nach seas ri fuachd. |
dùidean | [dʹu̟:dʹɑṉ] Note: “Duine sochaireach gun chuir-leis. Duine leagte ri chrannchur.” |
doicheallan | Note: duine gruamach, mi-aoidheil. “Cho doicheallach ri dorsan a phrìosain.” |
doirbhean | Quot.: “Nuair dh’fhàg na fir àluinn ’s ann bu duibhe doirbhean.” |
drabasdan | Note: fear a tha cleachdadh cainnt shalach. |
dreamaisg | Quot.: greannach, connsachail, do-riaraichte, rag-mhuinealach. |
dranndan | Note: fear gearanach. “Dranndan teallaich.” |
drabhchd | [d̪ɾɑu̟k] Note: troc gun chiall gun mhodh. Misgeir a tha a’ cur a chuid gu h-iomlan ’s an deoch. |
dréineire | [d̪ɾe:nəðə] Note: Tha dréin air a chuireadh stad air trèin a’ Chaoil. |
dabhdan | [dɑu̟d̪ɑṉ] Note: duine a bhios a’ giagalais air ais ’s air adhart. “Dabhdail a’ ghille leisg.” |
fliuchaidh | [flu̜xi] Note: duine faoin mu thimchioll bhoirionnach. |
feirmealaiche | [feɾemɑɫiçə] Note: duine uailleil, bòsdail, féineil. |
fidileir | Quot.: “Fidileir fotharlanach gun fhios có agad na bhuat e.” Note: duine an-fhoiseil, bheag stòlaidh. |
foileag | Note: te a’ sàs an obair tighe. “De a tha thu a’ cur air adhart?” “Chaneil, a’ ghraidh, ach a’ foileadh ’s a’ riasladh.” |