Measgaichte / Miscellaneous

Informant(s)
Name
Peggy MacKillop ( Peigi NicPhilip )
Location
Lewis, Stornoway
Date
25/4/1989
[alaid]An latha roimhe ’s mi ’fuine thainig am facal “alaid” a steach orm – a’ mhin thioram a bhios sinn ag cumail eadar an taois is an clàr. Cha chuala mi e bho dh’fhàg mi dachaidh m’òige – ’s dòcha gu e is aobhar gu bheil an fhuine air dol a mach a cleachdadh gu ire mhóir – ach chan ’eil mi ’ga lorg ’s na faclair. An alaid a bha chòrr an deidh na fuine, ’sann a shaitheach nan cearc a chuirt i ’s chan ann air ais do’n chiste – bha a’ mhin ’na ni cho glan ’s luachmhor ’san dachaidh ’s nach fhaoidte a truailleadh gu na h-ìre ud fhéin.
[alair]Facail eile – alair. Muime m’athar, ’s ann a Gearradh [?] Ard an sgire nan Loch a thàinig i. ’Nuair a bhiodh bàs ’s a bhaile ’s a bhite ag cumail tigh-fhaire, ’s e a theireadh ise ri sin – “alair”. An saoil sibh an e a bh’ann “olair” [sic] – bho ungadh romh adhlac no romh bhàs (extreme unction)? Chan fhaigh mi iad sin a bharrachd ’s na faclair. ’S dòcha nach eil mo litreachadh ceart – ’s tric nach eil!
[banntrach]Air m’ ais ghun nam facal – am beil, na ’n robh, facal idir air son “widower” ach banntrach?

© DASG
^ Return To Top ^