1. An stéidh is am balla |
bonn ... | an stéidh |
cuairt (dhìreach) | àirde aon chloich ceithir thimchioll am balla. |
“dhà air aonan is aonan air a dhà” | an doigh togail. |
dùsgadh chlach | cladhach chlachan fhreagarrach |
àrd-dorus | lintel. |
leac-an-doruis | |
leac an teine | |
tulchainn (gheal) | gable. |
bràigh a’ bhalla | an annainn (eaves). |
an cadha | am balla tarsuing eadar an ceann shìos is an ceann shuas. |
cat criadhaich | balla-tarsuing air a dhèanamh de mhaidean ’nan seasamh, siamain fodair air am fighe eatorra agus sin air a chòmhdach le criadhach (cré). (Thàinig seo bho sheann duine á Mealabhaig.) |
am faradh | shuas air na sparran far an robh maidean fiodha sìnte. Dad nach robh ’ga chur gu feum a’ cheud ghreis rachadh a chur “air an fharadh” as an rathad. |
fàrlus | an luidhear. |
lathus | maidean fada caola air uachdar an tughaidh. |
2. Am mullach ’s an tughadh |
maide-ceangail | |
ceangal (math) | (couples). |
casan-ceangail | anns a’ bhalla. Bha iad crom aig a’ cheann shuas, eag mhath air a ghearradh annta far am freagradh ceann iosal a cheangail, air a chumail ann le da chrann daraich. Chan’eil cuimhne agam an ann air an taobh a muigh no stigh a bha an eag. Bha na croinn có dhiùbh a stigh. Is iomadh balach diomhain thug cnag orra.
|
saile | beam. Cha bhiodh seo ach an tigh mór. |
cabair | purlings. Bha dà sheòrsa ann. 1. Feadhainn fhada air an cur gu math dlùth air a chéile air na ceangail – air fad an tighe, air uachdar sin sgrathan is tughadh. 2. Tri cabair fhada ’nan laighe air na ceangail (tùbhan), taobhan recte [?], agus na cabair a bhàn is an àirde (sios is suas) air sin. Cha robhas ag cumadh no a rùsgadh nan cabair.
|
spàrr mór | |
spàrr beag | an té a b’àirde. |
cath-droma | ridge pole. |
gath-droma | ridge pole |
sgrath (mhór) | air a buain le caibe-làir. |
fàl | cip ceithir-cheàrnach air son gàradh no balla thogail no chur air mullach balla, mu 24" x 12" x 10". |
tughadh fraoich | |
cual (mhór) | pasgan fraoich air a bhuain ’na ghiùlaineadh tu furasda air do dhruim (2½' no 3' troimhe). Thomhaiseadh am fear-tughaidh le shùil có meud cual a dh’fheumadh an tigh agus cha bhiodh e fada ceàrr. |
siaman-barraich | gus na cuail a cheangal, slatagan beaga caoil (’se sin barrach beithe). Dà dhual mar bu trice. |
feasradh | fraoch goirid ’ga bhuain air son leapannan. B’e am facal ‘buain’ ach ghlacadh tu bad ’nad dhà làimh car a chur ann ceàrr (no deas a rèir do làimhe) is le grad spìonadh thigeadh e leat. |
dromanach (caol) | slatan caola seilich ùr no calltuinn mu 3' am fad. Bha thu ’gan dèanamh biorach air an dà cheann, ’gan dathadh ’sa’ mheadhon le dreiseag air an teine, ’gan lùbadh gu cumadh prine-fuilt, ’gan cur eadar rungas cathrach ’gan cumail crom. Bha iad aig an tughdair ag cumail an fhraoich ’na àite. Thogadh e gus an ath bhreth iad mar a bha e ag obair. Rachadh am fagail ’sa’ mhullach. Bha thu ’gan dathadh is ’gan toinneamh an seo [see the arrow in the picture] mus bristeadh iad anns an lùbadh.
|
3. Dorsan is uinneagan |
4. An broinn an taighe: na sèamraichean |
ceann-shios | |
ceann shuas | |
an cùlaist | againne an rùm a b’fheàrr. |
closaid (bheag) | |
aig an teine | |
cagailt (bheag) | àite-teine (air a thogail). |
na teinnteanan | an dà thaobh. |
an teallach | anns a’ cheàrdaich a mhàin. |
leac an teine | |
maide-slabhraidh | |
slabhraidh | |
an dubhan | |
lannsaid (fhada) | bha cùl rithe, agus mar bu trice brat air chor-eigin. |
fuirm (fada) | fiodh a mhàin. |
tuba | |
cùdainn | |
siuga-seapain | chopin. |
stòlan | an t-uachdar de fhodar air fhighe. Theireadh cuid “na Stòlanan” ri daoine bha fuireach air a’ Chóigeach (a réir seann duine as aithne dhomh). |
amar fuail | ag gleidheadh seo (maighistir) airson nighe is còmhla ri dath. Chunna mi maighistir ann an stabull, ’ga shuathadh ri guilleann nan each ’san earrach (a’ dèanamh a’ chraicinn làidir). |
5. An t-àite-teine |
leid (mhór) | àite-teine a muigh ri taobh a’ ghàraidh na leithid sin nam biodh tu nighe. “Tha phoit-mhór air an leid.” |
cat-griosaich | fear a bha glé dhéidheil air a bhith ’ga gharadh. |
pùlas | pùlas na poite. |
maide-coire | spurtle, airson lite. |
6. Airneis an taighe |
7. Sobhal, bàthach, no bothanan sam bith eile |
acair | am meall mór feoir anns an t-sobhal an déidh a sgamhnadh. |
mìr | aghaidh na h’acrach sin. |
làr-bualaidh | de fhiodh (tha e beò). |
sùist | chaidh e as roimh mo latha-san. |
maide-bualaidh | bhiodh tu air do ghlùinean ris. |
siolpan | maide goirid leis an toireadh tu frathadh air sguaib (gun ach beagan sìl a thoirt dhith). |
criathar | |
cailleach-fhasgnaidh | muilinn beag (làmh is chas) gu fasgnadh. |
[glas is iuchair] | a’ cheud toimhseachan a chuala mi riamh: Bó odhar, bó odhar / An dorus an t-sobhail / I cnàmh a cìr / Is laogh ’na gobhal. (Glas is iuchair) |
[am bàitheach] | Sgìre Gheàrrloch: am bàitheach, bàitheach blàth, ceann a’ bhàithich. |
buaile | stall, a stigh. [Cf. buaileag] |
buaileag | a muigh is gàradh timchioll air. [Cf. buaile] |
[cas bheag] | an doigh togail cas-bheag, clachan ag gach taobh fad bho chéile gu h-iosal agus a’ buntainn ri chéile gu h-àrd. Sgrathan is talamh air muin nan clach.
|
carcair | far an tuiteadh am buachair. Bha seòrsa de dhìg chaol dhùinte a’ ruith bho’n charcair.
|
imeach (?) (f) | eadar an dà charcair [q.v.] ach their cuid againn gur e th’ann (a) [refers to the illustration under ‘carcair’]. Chan’eil e agamsa ach “air an imich” agus mar thubhairt mi ’n toiseach. |
nasg | chan’eil am facal againn a nis ach ann “air an nasg” i.e. ceangailte gun bhiadh fad an latha. |
frasach | praiseach (le stiall): an crodh Gàidhealach leis na h-adhaircean móra. |
ceannach (math) | biadh-meallaidh, blasadan beag (gle thric sgadan saillte) gus an toireadh i am bainne. |
faradh | nam biodh cearcan os cionn a’ chruidh mar bu tric a bha iad “air an fharadh”. |
iris | nam biodh iad [i.e. cearcan] gu h-àrd an tigh nan cearc bha iad “air an iris”. |
eadradh | bleoghann. Bha seo aig seann duine ach thubhairt e gur ann an Srath-Eireann a thog e e ’na òige. [NOTES: it is not clear if the above comment refers to ‘eadradh’ or ‘buarach’.] |
buarach | |
deubhann | ’s ann de bharrach beithe rinn sinn seo (eich). |