Old Gaelic words in North Uist |
bodragan | the part of the horse’s harness which fits over the tail. |
cuidhe | enclosure for a township’s cattle. (Supposed to be Norse.) |
di-leum | halter tying a horse’s fore-feet. Each air di-leum. |
buaile mu’n ghealaich | ring round the moon. |
cluainn | sneck (of a door). |
ceum Gràsaich | slow pace. (Gràsaich was a big farm – the workers were never in a hurry. The crofter’s pace was lively.) |
North Uist Proverbs |
[foghar] | ’S cuideachadh culagan ’s an fhoghar. |
[caora] | Math na caorach, cron an eich, oidhche muigh is oidhche stigh. |
[caora] | ’N uair a bhitheas a chaora caol bithidh a’ maorach reamhar. |
[cailleach] | Sannd na caillich ’s a chruaich mhonadh. |
[aodann] | Chaidheadh e ann an aodann cruaich mhónadh. |
[cruach] | An do loisg thu seachd cruachan mónadh ri thaobh fhathast? |
[feadarachd] | Cha dean feadarachd ‘kelp’, ’s cha dean sglogaireachd buain-mhónadh. |
[sagart] | Sannd na seachd sagairt, sannd fear is bean gun mhac gun nighinn. |
[iolair] | Spòg iolaire is cròg sagairt, no ministeir. |
[muilleann] | Ruigidh each mall muilleann. |
[each] | Neart an eich ’s an rathad. |
[comhairle] | Comhairle Clab-Sgàin, an rud nach buin duit na buin da. |
[gaoth] | Rud a thig leis a ghaoith, falbhaidh e leis an uisge. |
[cadal] | Leisg, leisg a’ dol a chadal, seachd leisg gu eiridh. |
[treun] | Chan eil treun ris nach cuirear. |
[foighneachd] | Foighneachd air fios, rud is miosa na mheurla. |
[sùil] | Rud nach fhaic suil, cha mhiannaich cridhe. |
[cridhe] | Chan innis cridhe misgeach breug. |
[tobar] | Cha bhi mios air an tobair gus an tràigh e. |
[faoileag] | Cho fiadhlaidh ris an fhaoileig. |
[cliabh] | Tuitidh cliabh gun iris / iorais, is tuitidh a’ bhreug gu h-ionad fhein. |
[sean fhacal] | Ged a sharuichear a’ sean fhacal, cha bhreugnaichear e. |
[duine] | A h-uile duine a’ bruidhinn ’na chùbaid fhein. |
[sùil] | Suil a ghleidheas seilbh ’s e bhi moch is anmoch air a sgàth. |
[caraid] | ’S fhearr caraid ’sa chùirt na crùn ’s a’ sporran. |
[ionnsachadh] | An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach. |
[là] | Am fear nach cuir ’s an la fhuar, cha bhuainn ’s an la theth. |
[cat] | Miann a chait ’s an traigh, ’s cha toir e fhein as e. |
[clach] | Is sleamhainn a’ chlach tha an dorus an tigh mhòir. |
[olc] | Chan ann am Bòid uile tha an t-olc, no na Cuimrich [?] bheag tha lamh ris. |
[còta] | Cha tig an còta glas cho math do na h-uile fear. |
[poit] | Cha tig as a phoit ach an toit a bhios innte. |
[cnoc] | Tachraidh na daoine ged nach tachair na cnuic. |
[maide] | An car tha ’s an t-seana mhaide ’s doirbh a thoirt as. |
[lagh] | Càm is dìreach a thig an lagh. |
[marag] | Cha truagh leam cù is marag mu amhaich. |
[cù] | Tha ’eigeadh fhein air cù dubh Mhic-a-phi fhathast. |
[dualchas] | Theid dualchas an aghaidh nan creag. |
[diomhain] | ’Se duine diomhain is fhaide mhaireas. |
[gaoth] | Fhalbh, thuirt an Righ, fuirich thuirt a’ ghaoth. |
Lorne Proverbs |
[tiodhlaig] | Tha la so coltach ris an là a thiodhlaig iad an Càirsealach Mór. (a day of high wind and rain from S.W.) |
[meas] | ’N uair a theirgeas gach meas, ’s math na mucagan. |
[Cruachan] | Teirgidh Cruachan Beann gun dad a chur ’na ceann. |
Kintyre Proverbs |
[gealachadh] | Gealachadh bho thuath, comharradh math. Gealachadh bho dheas, droch comharradh. |
[uiseag] | Saoilidh uiseag na moine gur h e a moine ’s fhearr a th’ann. |
[dias] | An dias is truime tha ’s an fhaiche, ’si is isle ceann. |
Old Uist expressions |
[coibhneas] | Còm a choibhneis. (Kind man!) |
[bo] | Bo air a h-aineoil. |
[uan] | Falbh lom is thig mollach, uan boireann Bealtuinn. |
[mios] | Mios roimh gach ràidh, a choltas. |
[samhradh] | Samhradh breac riabhach, foghar geal grianach. |
[Di-luain] | Obair mhoch Di-luain bi i luath no bi i mall. |
[obair] | Obair is ath-obair. |
[cuan] | Bithidh duil ri cuan ach cha bhi dùil ri aoigh. |
[clann] | Rud a chi a chlann bheag ’s e a ni chlann bheag. |
[muileann] | Ceardach gobha is muileann sgireachd. (For gossip) |
[ceardach] | Bha mise ri [?] ceardach gobha roimhe. |
[lamh] | ’Lamh a bheir , ’s i a gheibh. |
[mulchag] | Mulchag chàis is botul Uisge bheath, da rud nach mair fada. |
[farmad] | ’Se farmad a ni treabhadh. |
[uasal] | Duin uasal chan fhaighnich, ’s ceard chan fhaigh a mach. |
[comhairle] | Thig comhairle le latha. |
[chó] | Cha bu chó sin. |
[cadal] | Cadal fada le gaoith mhoir. |
[cadal] | Cadal fada nan ceannaichean. |
[faoileag] | Faoileag an droch cladaich. |
[feannag] | Mar thuirt an fheannag ri da chois, ’s dubh sibh le cheile. |
[bliadhna] | Chuala mi chuthag ’s gun dad ’nam bhroinn / Chunnaic mi clacharan air cloich luim / Chunnaic mi searrach sean larach ’s a chul thaobh rium / Is dh’aithnich mi nach teidheadh a bhliadhna leam. |
[bó] | Cha toirinn bó a Bàigh, Is cha toirinn bàt a Grianaig. |
[truagh] | Nach truagh leam thu! |
[feasgar] | Mar bho chaoil ’tighinn gu baile, feasgar ciuin Earraich. Mar chloich [?] ’dol le gleann, feasgar fann foghair. |
[coireach] | Ge bi co an coireach, is mise an ciontach. |
[uaigh] | Cha do dhiult uaigh a riamh fosgladh. |
[maorach] | Maorach Caillich Nic Artair, partan is da fhaochaig. |
[prine] | Mar thuirt am prine ri ’cheann, tha thu beag, ach ’se mo cheann fhein a th’ann. |
[iomraich] | Iomraich Shathurna mu thuath, iomraich Luain a’ dol mu dheas. |
[uan] | Ged nach biodh agam ach an t-uan ’s ann Diluain a dh’fhalbhainn leis. |
[seòlta] | Cho seòlta ris an t-sionnach. |
[gaoth] | Ri cùl gaoithe is ri aghaidh gréine. |
[suath] | Suath a’ ghlùin, ’s thoir fois do’n t-sùil. |
[seachdain] | Seachd seachdainean gu bràth eadar Inid agus Càisg. |
[ugh] | Ugh air Inid is eun air Caisg, mur bi sin aig an fhitheach, bithidh am bàs. |
[latha] | Tri latha de’n Fhaoilteach ’san Iuchar, is tri latha de’n Iuchar ’san Fhaoilteach. |
[Àgh] | Aig an Àgh tha brath! |
[latha] | Cha robh duine riamh gun da latha. |
North Uist Gaelic expressions which couldn’t be told in a drawing-room |
[bod] | Bod an eich, mor a muigh is beag a stigh. |
[bod] | Chan’eil nàir air bod ’na sheasamh. |
[ugh] | Ugh gun salainn is bean gun fhiannadh. |
[sròn] | Sròn coin is tón boireannaich. (always cold) |
[aois] | Fear gu aois is bean gu bàs. |
[gàradh] | Chan ann air cùl gàraidh a roinneadh no rugadh mise. |