Measgaichte / Miscellaneous

Informant(s)
Name
Rev. Angus MacVicar
Origin
[North Uist?]
Location
Southend
Date
3/11/1966
Old Gaelic words in North Uist
bodraganthe part of the horse’s harness which fits over the tail.
cuidheenclosure for a township’s cattle. (Supposed to be Norse.)
di-leumhalter tying a horse’s fore-feet. Each air di-leum.
buaile mu’n ghealaichring round the moon.
cluainnsneck (of a door).
ceum Gràsaichslow pace. (Gràsaich was a big farm – the workers were never in a hurry. The crofter’s pace was lively.)
North Uist Proverbs
[foghar]’S cuideachadh culagan ’s an fhoghar.
[caora]Math na caorach, cron an eich, oidhche muigh is oidhche stigh.
[caora]’N uair a bhitheas a chaora caol bithidh a’ maorach reamhar.
[cailleach]Sannd na caillich ’s a chruaich mhonadh.
[aodann]Chaidheadh e ann an aodann cruaich mhónadh.
[cruach]An do loisg thu seachd cruachan mónadh ri thaobh fhathast?
[feadarachd]Cha dean feadarachd ‘kelp’, ’s cha dean sglogaireachd buain-mhónadh.
[sagart]Sannd na seachd sagairt, sannd fear is bean gun mhac gun nighinn.
[iolair]Spòg iolaire is cròg sagairt, no ministeir.
[muilleann]Ruigidh each mall muilleann.
[each]Neart an eich ’s an rathad.
[comhairle]Comhairle Clab-Sgàin, an rud nach buin duit na buin da.
[gaoth]Rud a thig leis a ghaoith, falbhaidh e leis an uisge.
[cadal]Leisg, leisg a’ dol a chadal, seachd leisg gu eiridh.
[treun]Chan eil treun ris nach cuirear.
[foighneachd]Foighneachd air fios, rud is miosa na mheurla.
[sùil]Rud nach fhaic suil, cha mhiannaich cridhe.
[cridhe]Chan innis cridhe misgeach breug.
[tobar]Cha bhi mios air an tobair gus an tràigh e.
[faoileag]Cho fiadhlaidh ris an fhaoileig.
[cliabh]Tuitidh cliabh gun iris / iorais, is tuitidh a’ bhreug gu h-ionad fhein.
[sean fhacal]Ged a sharuichear a’ sean fhacal, cha bhreugnaichear e.
[duine]A h-uile duine a’ bruidhinn ’na chùbaid fhein.
[sùil]Suil a ghleidheas seilbh ’s e bhi moch is anmoch air a sgàth.
[caraid]’S fhearr caraid ’sa chùirt na crùn ’s a’ sporran.
[ionnsachadh]An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach.
[là]Am fear nach cuir ’s an la fhuar, cha bhuainn ’s an la theth.
[cat]Miann a chait ’s an traigh, ’s cha toir e fhein as e.
[clach]Is sleamhainn a’ chlach tha an dorus an tigh mhòir.
[olc]Chan ann am Bòid uile tha an t-olc, no na Cuimrich [?] bheag tha lamh ris.
[còta]Cha tig an còta glas cho math do na h-uile fear.
[poit]Cha tig as a phoit ach an toit a bhios innte.
[cnoc]Tachraidh na daoine ged nach tachair na cnuic.
[maide]An car tha ’s an t-seana mhaide ’s doirbh a thoirt as.
[lagh]Càm is dìreach a thig an lagh.
[marag]Cha truagh leam is marag mu amhaich.
[]Tha ’eigeadh fhein air dubh Mhic-a-phi fhathast.
[dualchas]Theid dualchas an aghaidh nan creag.
[diomhain]’Se duine diomhain is fhaide mhaireas.
[gaoth]Fhalbh, thuirt an Righ, fuirich thuirt a’ ghaoth.
Lorne Proverbs
[tiodhlaig]Tha la so coltach ris an là a thiodhlaig iad an Càirsealach Mór. (a day of high wind and rain from S.W.)
[meas]’N uair a theirgeas gach meas, ’s math na mucagan.
[Cruachan]Teirgidh Cruachan Beann gun dad a chur ’na ceann.
Kintyre Proverbs
[gealachadh]Gealachadh bho thuath, comharradh math. Gealachadh bho dheas, droch comharradh.
[uiseag]Saoilidh uiseag na moine gur h e a moine ’s fhearr a th’ann.
[dias]An dias is truime tha ’s an fhaiche, ’si is isle ceann.
Old Uist expressions
[coibhneas]Còm a choibhneis. (Kind man!)
[bo]Bo air a h-aineoil.
[uan]Falbh lom is thig mollach, uan boireann Bealtuinn.
[mios]Mios roimh gach ràidh, a choltas.
[samhradh]Samhradh breac riabhach, foghar geal grianach.
[Di-luain]Obair mhoch Di-luain bi i luath no bi i mall.
[obair]Obair is ath-obair.
[cuan]Bithidh duil ri cuan ach cha bhi dùil ri aoigh.
[clann]Rud a chi a chlann bheag ’s e a ni chlann bheag.
[muileann]Ceardach gobha is muileann sgireachd. (For gossip)
[ceardach]Bha mise ri [?] ceardach gobha roimhe.
[lamh]’Lamh a bheir , ’s i a gheibh.
[mulchag]Mulchag chàis is botul Uisge bheath, da rud nach mair fada.
[farmad]’Se farmad a ni treabhadh.
[uasal]Duin uasal chan fhaighnich, ’s ceard chan fhaigh a mach.
[comhairle]Thig comhairle le latha.
[chó]Cha bu chó sin.
[cadal]Cadal fada le gaoith mhoir.
[cadal]Cadal fada nan ceannaichean.
[faoileag]Faoileag an droch cladaich.
[feannag]Mar thuirt an fheannag ri da chois, ’s dubh sibh le cheile.
[bliadhna]Chuala mi chuthag ’s gun dad ’nam bhroinn / Chunnaic mi clacharan air cloich luim / Chunnaic mi searrach sean larach ’s a chul thaobh rium / Is dh’aithnich mi nach teidheadh a bhliadhna leam.
[bó]Cha toirinn bó a Bàigh, Is cha toirinn bàt a Grianaig.
[truagh]Nach truagh leam thu!
[feasgar]Mar bho chaoil ’tighinn gu baile, feasgar ciuin Earraich. Mar chloich [?] ’dol le gleann, feasgar fann foghair.
[coireach]Ge bi co an coireach, is mise an ciontach.
[uaigh]Cha do dhiult uaigh a riamh fosgladh.
[maorach]Maorach Caillich Nic Artair, partan is da fhaochaig.
[prine]Mar thuirt am prine ri ’cheann, tha thu beag, ach ’se mo cheann fhein a th’ann.
[iomraich]Iomraich Shathurna mu thuath, iomraich Luain a’ dol mu dheas.
[uan]Ged nach biodh agam ach an t-uan ’s ann Diluain a dh’fhalbhainn leis.
[seòlta]Cho seòlta ris an t-sionnach.
[gaoth]Ri l gaoithe is ri aghaidh gréine.
[suath]Suath a’ ghlùin, ’s thoir fois do’n t-sùil.
[seachdain]Seachd seachdainean gu bràth eadar Inid agus Càisg.
[ugh]Ugh air Inid is eun air Caisg, mur bi sin aig an fhitheach, bithidh am bàs.
[latha]Tri latha de’n Fhaoilteach ’san Iuchar, is tri latha de’n Iuchar ’san Fhaoilteach.
[Àgh]Aig an Àgh tha brath!
[latha]Cha robh duine riamh gun da latha.
North Uist Gaelic expressions which couldn’t be told in a drawing-room
[bod]Bod an eich, mor a muigh is beag a stigh.
[bod]Chan’eil nàir air bod ’na sheasamh.
[ugh]Ugh gun salainn is bean gun fhiannadh.
[sròn]Sròn coin is tón boireannaich. (always cold)
[aois]Fear gu aois is bean gu bàs.
[gàradh]Chan ann air l gàraidh a roinneadh no rugadh mise.

© DASG
^ Return To Top ^