Word List

Informant(s)
Name
Lauchie Dan N. MacLellan (1910-91)
Location
Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
Notes
  • re. Informant see J.Shaw (ed. 2002), Brìgh an Òrain
  • Source: Recordings CB06-83-28; CB07-8304(a) and field notebook of Seosamh Watson collection
A
à, àsprep. ‘out of’: taingeil às a’ chobhair; tha deathach ’ tighinn às [ɛs]
achlasan[axəʁ̫əsan]: Lachaidh a’ dol sìos … agus ~ aige
achlaisn. ‘armpit’: tha urra cloinneadh aige ’n ~ [axʁ̫iʃ]
aidheach(d)(naidheachd) n. ‘news, story’: latha air na mhàireach rachadh an ~ a sgrìobhadh; anuair ud bhathas a’ toir’ na h-~ dhan phears’-eaglaiseadh
ailleir: an fheadhain a bhiodh a’ dèanamh tulaichean ’s a’ dèanamh ~ (rud a dhèanadh saor le fiodh)
airprep. ‘on’: dhèanainn ràimh nam biodh fìor reusan air
àirden. ‘height’: bha e suas ri ceithir fichead troigh a dh’~
àireamhn. ‘number’: na h-òrain -- ~ dhiubh
airsonprep. ‘for; to’: cha robh agam ach rolladh a-mach air an taobh seo ’son bhith ’ dol suas; cheannaicheadh [çaɴàçə] tu rud a tha thu ~ [ˈɛ ̦sɔn ] ceannach an-diugh, ai’son ithe ai’son leth na prìse; dh’fheumadh tu chuile ceathramh a ghabhail dà thruip ~ gun cumadh tu an aon rhythm
aite[aht´ə] adj. ‘comical’. ’: poidhle do dh’òrain ~e; b’ ~ lium ’ bhith ’g èisteach ris
àite-ithen. ‘canteen’:coiseachd … dh’ionnsaidh ’n ~
a-machadv. ‘out; beyond’: dh’fhaodte gum bi ’ -mach gu math air fiche ceathramh air; cha robh e a’ còrdadh rium-as -- ~ ’s ~ a bhith ’g obair oirre idir; gu robh ’-mach air còig troigh shneachd agad
amhach[æ̃hux] n. ‘neck’; gin.: cùl na h-amhaiche [nə hæ̃w-hiçəɣ]
am-miosgprep. ‘among; besides’: [nach] robh againn ach a dhol a-mach a dh’obair latha air na mhàireach ~ sin
a-nisteadv. ‘now’: ~, am bliadhna chaidh iad sìos
a-nunnadv. ‘over; later’: dh’fhaodte ~ a-stoghar
a-steachdainadv. ‘per week’: uair ~
a-stogharadv. ‘in autumn’: dh’fhaodte a-nunn ~
annprep. ‘in’: nuair bha mi nam balach [sic] òg
aonpron. ‘one’: a chuile h-~ dhiubh; sinn an ~ fheadhain; dà òran don ~ t-seòrsa
aona-adj. ‘single’: an t-~ [ən thɯ:nərut] rud agam uileadh
aorbann(aobrann) n. [ø:rpən] ‘ankle’
apainnen. ‘convent(?)’ [ɑxpɪɲ]: rud a bha iad ag ithe anns an ~
B
balbhadj. ‘still’: ach gum biodh i [an t-sìde] cho ~, gun pioc soirbheis ann
ban-charaiden. ‘female relative’: bha e pòsta aig ~ dhomh fhèin
banncn. ‘bank’: gu ~ a’ chladaich
bàtan. ‘boat’ : cha robh am ~ [m bɑ:tə] buan
beirvb. ‘sieze’: thug mise dive ~ beirint [pɛr´ɛʧ] air a’ bhòrd; ‘bear’ BHEIREADH: dh’fhaodte dìreach dol [nuair] bheireadh an t-uan
beithen. ‘birch’: locair mhòr do bh. air neo do mheubail; mu dheidhinn an fhiodh chruaidh, gheibheadh tu ~ dubh, ~ buidhe, ~ dearg ’s ~ geal -- ~ bàn
beò-shlàinn. ‘livelihood’: agus airson ~ a dhèanamh; gu robh dòigh ~ ann
beuln. ‘beginning’: bho bh. na h-oidhche gu meadhan oidhche
bheirvb. ‘give; last’: VBL. N.: chunnaic iad gu robh e ’ dol ’ th. ro fhada dha sin a dèanamh; gus an tigeadh agad air an cota-mòr a th. dhìot; COND:: cha tugadh e fada dhaibh
bhoprep. ‘from’: dh’fhaodte nach biodh bhuam ach aon fhacal an siud ’s aon fhacal an seo; ’s e sin a tha fon [= bhon] chaora; cha ruig [rik´] iad leas a bhith ùr ma tha iad dìreach fon (bhon) t-sàbh, ma tha iad bhon t-sàbh
bivb. ‘be’: chunna mi bhith ’ dèanamh fear ‘I saw one being made’; chunna mi bhith ga dhèanamh ‘it being made’; COND .: nam biodh tu [nam be tu]
biathadhvbl n. ‘feed’: bhathas gam ~, a chuile duine
bidsen. ‘beech’: rim chuimhne-sa dh’fhalbh am ~
biorraid[pe͜orɛd´] n. ‘cap/cover(?)’: ~ àrd [a:rt]; ~ ìseal [i:ʃəʁ̫]
bith, guadv. ‘whatever’: co-dhiubh ’s e budworm no gu ~ dè thachair
bitheantaadj. ‘common’: cha robh e [tinneas] ~ idir; theireadh m’ athair glè, glè bh.
bliadhnan. ‘year’: bhiodh tu ’ call … dhà no thrì ’n ath bh.-s’ [naflənəs]
bloineigeinn. ‘name of herb’: bha rud ann ris an canadh iad ~, luibh a bha ’ fàs a-muigh; dh’fhaithnghinn a bh. an-diugh
bogadj. ‘wet’: thiginn a-staigh cho tioram … ’s a chuile duine eile ~
bràighn. ‘head’: ~ na leapadh
breitheanasn. ‘judgement’: corra uair gheibheadh tu foghar math, fada ach no’r a thigeadh i thigeadh i ’na ~
bristvb. ‘break; fail’: bh. air slàinte m’ athar; bhrist e ’ amhach
brochann. ‘porridge’: sin a chur ann am ~, ~ flùir
buailvb. ‘strike’: bhualadh e aig an dorast agam-as
bucaidn. bucket’: agus bha fear a bha shuas agus ~ bheag aige agus làmh oirre mar seo
buidseachdn. ‘witchcraft’: bhiodh iad a’ bruidhinn ~; bha poidhle do bh. air innse dìreach air a’ bhaile air a bheil thu ann an seo
buidseirichvb. ‘butcher’: bh. mi caoraich an seo; bhuidseiricheadh tu dòbhliadhnach agus -- muc no dhà
buillen. [pujɛ] ‘detail; stroke’: leanainn a chuile ~ do -- blueprint
C
càirdeasn. ‘relationship’: dh’innseadh e dhut cò bha càirdeil ’s dè an ~ a bha eadar-riuth’, gu robh iad càirdeil d’ a leithid seo do dhuine
càirdeiladj. ‘related’: dh’innseadh e dhut cò bha ~ ’s dè an a bha eadar-riuth’, gu robh iad ~ d’ a leithid seo do dhuine
cairteiln. ‘quarter’: an ~ deiridh do mhuc
caoinn.: tha mise a’ toirt dha na ~ air an òran: an t-òran mu dheireadh, a’ ch. aige sin, aig a chuile gin
caradv. ‘approximately’: ~ mun first of June, da’ ràini’ sinn sìos siud; thigeadh rud an-dràst ’s a-rithist ~ nam miosg
caraiden.’ relative’: bha ~ mòr dhomh shuas seo
carbad-adhairn. ‘aircraft’: chaidh sinn air plane, ~, gar toirt sìos an sin
casn. ‘foot’: bhiodh Niall air a chois aig sia uairean
ceangal, an~ ri prep. ‘connected to’. : sian eile an ~ ris; gu robh seagh sam bith an ~ ris
ceannn. ‘head, start’.: bhiodh tu ’g obair fos do ch. mar seo; na seann òrain, tha iad a’ gabhail bho ch. gu ch.
cearcn. ‘hen’: shin agad ceann na cearc bhàn agamsa; gin. sg.: ceann na ~ bheag
ceart, a ch.adv. ‘just’: bha iad an seo a ch. cho tràth ris an fheadhain; mu choinneimh sin, a’ ch. urad do dh’fhiodh cruaidh; sguir sin ’s bha e cearta [sic] cho math
ceathramhn. ‘quarter’: fhuair mi ~ dheth
ceirdn. [k´hiɽs̠ʧ] ‘craft’: ’s e ~ a th’ anns an t-saoirsineachd. Chan eil sian agads’ an uair sin --ach fhaicinn an dòigh tha e air a dhèanamh
ceirslichvb. ‘dress up: bha thu sin ga cheirsleachadh suas
ceò[k´eˑɔ] n. ‘mist’: ~ na maidinne
chionn, (a)conj. ’ ~ ’s a bha, eadar an t-eilein agus an tìr an seo, bha trì mìle ann; ~ ’s bha sinne, dh’fheumamaid an connadh fhaighinn dhachaigh
clannn. ‘children’: gen.sg.: tha urra cloinneadh [khʁ̫ɤɲəɣ] aige ‘na uchd
clàr-innsen. ‘instructions’: bha mi uair agus leanainn a’ -- ~ aig a chuile sian
cleachdadhn. ‘custom; tradition’: ’s ann a thàinig an ~ uileadh; ’s ann às sin a thàinig iad fhèin
cliathachn. ‘hurdle’: ga chur air a’ -- chlèithich
cliath-luathaidhn. ‘milling board’: chunna mise an aon ch. ’dol mun cuairt
clìorvb. ‘make off’: ~ a-mach dh’ionnsaigh -- gu bannc a’ chladaich
clòimheagn. ‘snowflake’: bha sneachd a’ tighinn a-nuas ’na chlòimheagan mòra urad dod cheap
cobhairn. ‘help’: cha robh mi ’ faighinn dad sambith do ch.; bha mòran a dhìth orm, bha mi glè thaingeil às a’ ch. ’ thug thu dhomh
còigord. num. ‘five;’:dh’fhaodte còi’ cheathrannan; ~ bli’n deug
coimiseachadv. : tha mi ~ fhèin diabhalta cinnteach nach dèan; bhiodh e ~ math tioram
coinne, mu ch.prep. ‘opposite’: seasamh suas mu ch. feadhain
coinnichvb. ‘meet’: bha e ’ tighinn ’s ch. thu air a ghabhail òran
coireachadj. ‘responsible’: sin as ~ gu na sguir mise, sin bu ch. mi sguir
co-oidhirp[khɔ̃ĩ-jərp] vbl. n. ‘co-operate’: bha iad a’ ~ mu dheidhinn rud a’ choreigin
còrr, a ch.adv. ‘extra’: ach am beil sinne beagan do dh’fhaclan a ch. dhut, ma dh’fhaodte, air  a’ fhreagairt
corr(a)-adj. ‘occasional’: bhiodh sin aca san òran-luathaidh cuideachd corr uair, bhiodh sin aca corr an uair
cosgvbl. n. ‘use’: bha furnace mòr aca ’ bha ’ ~ ceud gu leth galan san uair do dh’ola
cosnachn. ‘worker’: deagh ch. [ʧɛ͜o xɔsənəx] agus deagh [ʧe-], [[ʧeo̯-] nàbaidh
cota-mòrn. ‘overcoat’: gus an tigeadh agad air an ~ a thoirt dhìot
cotann. ‘cotton’: agus ’ rud a bha ’ dol anns -- a’ phlaide, bha iad a’ cur ~ an sin
cromadhn. ‘shrink’: bha an gnothach rèidh, bha e an deoghaidh tighinna-staigh cromadh; nuair a gheibheadh is’ gun tigeadh e ’-staigh, dh’fhaodte leth-ch.
crotal[khrɔhtəʁ̫] n. ‘species of lichen used in dyeing’
cruadalachadj. ‘tough’: cha b’ e fiodh ~, làidir a bh’ ann idir
cruaidh-aireachasn. ‘watchfulness’: feumaidh tu ’ bhith nad ch. [xruəi ar´əxəs]
cruaidhichvb. ‘harden’: COND.: gus ’na chruaidhicheadh sinn sinn fhèin suas ris an t-sìde
cruinneachadhn. ‘gathering’: cha robh anns a’ bhainis ach ~
cuairtichvb. ‘circulate’: bha iad ga chuairteachadh mun cuairt
cudramn. ‘weight; pressure’: bha thu ’ cur beagan do ch. [xutəm] air, a’ cur a cheart urad do ch. air
cuiblen. ‘wheel’: pl. neo’r-thaing nach falbhadh na cuibhleachan
cuibhle-iteachann.yellow'> ‘spinning wheel’’: cho luath ri ~ cuibhle [ˈku͜i:l´ə ˈiçt´əxan]
cuimhneachadj. ‘recollecting’: cha ch. leamsa a-riamh gun tàinig sian
cuirvb. ‘put’: VBL. N.: bha iad a’ cur a-mach pàipearan ai’son daoine; car a’ cur [khur] sìos air --  feadhain a’ choreigin; cha robh thu ’ dol a chur ann am feirg mhòir idir air; ; PAST: ch. [xur´] mi pìos ris an taigh-danns’ aca; COND.:: cha chuireadh e sian orm ceathramh a dhèanamh, cha chuireadh e dad sam bith orm sin a dhèanamh; chuireadh e air anteine
culaith-uamhais n. ‘terrible state’: bha dìreach angnothach a-nuas air do mhuin -- sneachd is uisge ’s ~
cùmvb. ‘keep; last’: ai’son seo a chumail air adhart; dh’fheumadh tu cumail romhad
cùntan(cùnant) n. ‘covenant’: bha na ~an air a dhèana’
D
dalaadj. ‘one of two’: dh’fhalbh an ~ leth dheth; air an ~ taobh dhìot an àite a’ choreigin; tharraing e na h-eich an ~ taobh
dalmaadj. ‘stubborn’: daoine gu math dalma [taʁ̫əmə] ’th’ ionnta
danma(damnadh) [tanàmə] n. ‘oath; swear-word;: ’s iomadh ~mòr, brèagha ’ rinn mise anns a’Ghàidhlig
deacaidn. ‘jacket’: ’s e an clò sin a dhèanadh an triùsar ’s an ~ dhut
dèanvb. ‘do; make’: VBL. N.: thug e oidhirp air a dhèanamh [jĩə̃nəɣ]; tha mi ’ dèanamh dheth ‘suppose’
dearbh, guadv. ‘indeed’: gu ~ fhèin cha tugadh e fada dhaibh
deathachn. ‘smoke’: tha ~ ’ tighinn às; bha e làn~ [t´ehəx]
deidhinn, mu dh.prep. [mə ˈjeˑn] ‘concerning’: mu dh rud a’ choreigin
deoghaidh, àsprep. ‘after’. ’: thàinig iad às mo dh.-sa [gam iarraidh]
dìthn. ‘need’: bha sneachda gar ~, dh’fheumamaid sneachd a fhaighinn; na làithean ud, bha e gan ~, dh’fheumadh iad a fhaighinn; bha trapaichean fos leth a dh. air
Dian. ‘God’: tha mi ’n dòchas ann an ~ gun toir ~ dhut slàinte
diabhaltaadj. ‘damnably’: tha mi coimiseach fhèin ~ cinnteach nach dèan
dighe(?)-thollaidhn. [̩̩ʧi ˈhœɫi] ‘drill(?)’ [1st el. unrecognised]: bha ~ aca ris an canadh iad ~. Chuireadh e toll sìos sin ann ammionaid
dìonachadj. ‘watertight’: bha i cho ~ ri poit do’l [nuair] a chaidh i air sàile
dìthn. ‘lack; need’: bha sneachda gar ~, dh’fheumamaid sneachda ‘ fhaighinn
diùn. ‘interest’: cha robh ~ [ʧu:] agad dhaibh
dlùthn. ‘warp’ bha diofar ~ -- san dà chuid; bha clòimh do dh. ’s do dh’uachdar ann
do’l[nuair] conj. ‘when’: ~ a locraicheadh tu e; tha cuimhne agam-as ~ a bha giuthas an seo
dòbhliadhnachn. ‘two-year old animal’: bhiodh a dhà ’s a trì bheathaichean agam, dòbhliadhnaich
dòighn. ‘way’: an ceangal ris air ~ air an t-saoghal; chan eil thu ’ còrdadh rium idir nad dhòighean; dh’ionnsaich mi san ~ chruaidh i; an ~ a bheireadh e air an locair; ach ’ fhaicinn an ~ ’ tha e air a dhèanamh; an ~ -- a dh’obraicheadh e an t-iarann; an ~ ’ bh’ aca air luathadh an seo; an ~ ’ bh’ aca air a dhèanamh; bha ’n ~ fhèin aca air a chuile sian; cha do rinn mise sianmu dheidhinn obair iasgaich riamh do dh. air an t-saoghal; cha bhiodh iad a’ dol an aghaidh a chèile ~ air an t-saoghal; nì iad an-diugh an ~ eile e; anns an ~ bu dhuiliche
do’r[nuair] conj. ‘when’: agus ~ a bha heamalog ann
dreas[< dress] vb. ‘dress’: gheibheadh tu e [an clò] leth-dreaste neo dreaste; an rud a bha dreaste, dhèanadh e deise leth-dreaste. See lethach
dreasairn. ‘dresser’: bhiodh iad a’ dèanamh ~ean
dùbailteadj. ‘doubled’: bhiadh iad sin ma’ bu trice ~
dulagn. ‘cone’: theireadh iad ~an na spruis, cones. They say that for pulleys on boats
duilichadj. ‘difficult’: SUPLTV.: anns an dòigh bu dhuiliche [ɣuliçə]
E
eadarprep. ‘between’: pron. 3 pl.: tha iad a’ dùineadh a’ ghnothaich eadar-riuth’ fhèin
ealan[ɛɫ̫an] n. ‘swan’: mar ~ air bharr nan stuagh
easlàint’n. ‘ill health’: chuala mi gun d’fhuair thu tàir dhen ~
èirichvb. ‘happen’: dè ’ dh’~ dhi?
F
faclaichvb. ‘pronounce’: tha e glè dhuilich dhut sin a chur a-mach dìreach an dòigh bu chòir dhut, ’ fhaclachadh a-mach an dòigh bu chòir dhut
fadn. ‘length’: bha e ceithir cheud is dà fhichead troigh a dh’fhad; ’s ann aire sin ’ bha mise ’g obair fh. ’s a bha mi shìos; mholadh e thu ~ an òrain
faicvb. ‘see’: PAST: chunna mi Lachaidh
fairichvb. ‘wait’: COND.: dh’fhuirgheadh iad fad na h-oidhche ’s dh’fhairgheadh iad fad na h-oidhch’ -- am marbh
faisgvb. ‘squeeze’: VBL. N.: bhathas ga fhasgadh às a sin; glè fh. air
fairrgen. ‘sea’: tinneas na ~ [faràk´ə] ‘mal de mer’
farprep. [fɔ] ‘off’: ’-staigh ~ na maradh
fàsadj. ‘empty; deserted’: mar bu trice bhiodh baile ~ ri taobh no air an dala taobh dhìot an àite a’ choreigin
feadhprep. ‘throughout’: chan fhaiceadh tu feansa ~ a’ bhaile
feitheamhvbl. n. ‘expect; wait’: forerunners -- ò, ma dh’fhaodte gu robh iad ann an uair ud, ach chan eil duine a’ ~ ris a sin an-diugh
feudalachn.‘beast’ : feudalaich, they’re young cattle, cows and horses;bidh gu leòr agaibh air an t-sím seo bliadhna dha na feudalaich?
fhèinadv. ‘indeed’: tha mi coimiseach fhèin diabhalta cinnteach nach dèan
fiachn. ‘debt’: bhiodh fiach airgid agad an-diugh
ficheadcard. num. ‘twenty’: chaill mi sin agus deich air ~ do chaoraich
fiodhn. ‘wood’: neo’r-thaing na(ch) ’s e ~ mòr a bha sin, ~ mòr
fìoradj. ‘true’: ~ dhuine gasta
fiosrachadj. ‘knowledgeable’: cha b’ fh. mise [xa p ɪsərəx]
fiosrachadhn. ‘information’: ri m’ fhiosrachadh ’s ann nach robh dad sam bith; cha robh, ri m’ fhiosrachadh gu robh sian eile ann
flùr 1n. ‘flower; blossom’: thigeadh na ~s air
flùr 2n. ‘porridge’: sin a chur ann am brochan, brochan flùir
fodarn. ‘straw; fodder’: rud beag do dh’ fh.
foghainneach[fo-iɲəx] adj. ‘hardy’: b’ e am fìor dhuine ~ a bh’ ann
foghnadh[fo:nəɣ] n. ‘living’: tha ~ againn a’ seo; fhuair e ’ fh. dheth
foighidinnn. ‘patience’: cha robh do dh’fh. agam ach dìreach gum faighinna-mach feasgar
foighdinneachadj. ‘patient’: dh’fheumadh tu bhith gu math ~ ai’son a leithid sin a dhèanamh
fon(far) conj. ‘where’: shin ~ a bheil mi air call; shin ~ andeachaidh a’ mh[...] a dhèanamh; ~ a robh sinn ag obair
fortann. ‘fortune’: [nam] biodh tu ann an-diugh dhèanadh tu ~
fortanachadj. ‘fortunate’: bha thu ~ san àiteach (?), greim a dhèanamh dheth
freumhachn. ‘root’: thigeadh sin a’ fh. [rĩ:-ɑ̃ũx]
froilign. ‘waulking session’: ciamar ’ bha a’ fh. [rɔlik´]
fuirichvb. ‘wait’: PAST: dh’fhuirich iad sin riamh nam inntinn; COND.: ann an seo bhathas a’ tighinn agus -- dh’fhuirgheadh ancrowd mòr, dh’fhuirgheadh an sluagh siud suas ri meadhan oidhche, dh’fhuirgheadh iad fad na h-oidhche
G
gabhvb. ‘undertake’: VBL. N.:: ma dh’fhaodte bhith ’ gabhail uime leis ag obair
gainmheach[kɛnèhəx] n. ‘sand’
Galln. ‘Lowlander’: pl. na Goill [kø͜iʎ]
gheibhvb. ‘get’: FUT.: chaneil sian ann … do’l [nuair] a gheibh thu suas ris; PAST: fhuair iad suas ris a sin; VBL. N.: ach sin do’l [nuair] a bha an gnothach ’ faighinn air a luathadh, dà òran ’s -- bhiodh an gnothach rèidh; agus a’ leigeil beagan eile ris ai’son na bha e [an clò] ’ dol a fhaighinn a-staigh; chan eil strì ann do’l [nuair] a gheibh thu suas ris; gum faighinn a-mach feasgar a dhèanamh rudeigin
glanadj. ‘complete’: dh’fhalbh e glan
gleacvbl. n. ‘wrestling’: chaidh iad a gh. [ɣlɛxk]
glib(clip) vb. ‘trim’: uill, bhathas a’ ~eadh nan duilleagansin
glòirn. ‘glory’: bha bhiodh fhios agamas fo Dhia na Glòrach dè an dòigh a rachainn ris
gnothachn. ‘success’: rinn an Camshronach an ~ air ‘beat
gobhainnn. ‘blacksmith’: dh’fheumadh a’ gh. an iarann a dhèanamh
gràmarn. ‘grammar’: airson a’ gh. Gàidhlig a bhith agad, feumaidh tu an~ Beurla fhaighinn an toiseach; is gun an ~ ceart agam
greimn. ‘piece;: a chuile ~ riamh dheth
gròbadhvbl. n. ‘groove’: locraichean-gròbaidh
grodn. ‘rot’: bha sin a’ ~adh an fheadha
groileas(?) n. ‘filth(?)’, cf. Dwelly: greallach: b’fheàrr leam guntugadh tù do gh. às mo rathad is fuireachd às
grunnann. ‘group’: bha toil aca ~ againn a dhol sìos
gu bith[kə ˈbi] adv. ‘whatever’: ~ gu dè ’ th’ ann
gu dè[kə ˈʧe] interr. ‘what’’: ~ gu bith ~ ’ th’ ann
gunprep. ‘without; not’: bha na h-òrain air an dèanamh airson sin, gun ai’son sian eile
H
heamalogn. [hɛməlɔk] ‘hemlock’: agus dar [nuair] a bha ~ ann
I
iarann-gearraidhn. ‘cutting iron’: bhiodh an t-~ ann anseo
inbhichteadj. ‘adult’: ach, theirinn, an duine ~, nach b’ e sin an t-àite idir dha
inntinnn. ‘mind’: bhuail e ’n a ~ e gun dèanadh e bàta; rinn sinn suas ar n-~ean gum falbhamaid
iolairn. ‘eagle’: ~ adhair
iollan. ‘view’: bha mi ’ cumail ~, bha mi a’ cumail mo shùil air a sin
iomairen. ‘furrow’: bhrist e ceithir no còig no sia do dh’iomairichean
iomairtvbl. n. ‘moving’: dannsa ’s dol mun cuairt ’s òl ’s ~ -- that’s getting around without a stop
ionadn. ‘degree (temperature)’: dh’fhaodte gum biodh ~ an uair sin SEE neo-nì
ionnsachadhvbl. n. ‘learning; training’ : ’s e sin bu choireach nach d’fhuair mise barrachd ~; duine … ai’son m’ ~
iteachann. ‘reel’: an t-~ [əɲ ʧhiçt´əxan]; cho luath ri ~ cuibhle [içt´əxan ku͜il´ə]
L
làmhn. ‘handle’: agus bha fear a bha shuas agus bucaid bheag aige agus ~ oirre mar seo
làmhach[d](làmhthuagh) [ˈɫ̫ɑvˌux ] ‘tongs’: bha ~ aige, a bheireadh air a sin (‘an instrument for catching’, tongs); shin agad an ~ a bh’ agad (‘anything you have to catch in your hand to do something else with’)
làr-shèabhaidh(?) n. [ˌɫ̫ɑr ˈhe:vi] ‘shaving plane’: bha rud ris an canadh iad an ~ aca
lathan. ‘day’: làithean m’òige-sa
leabaidh[ʎɛhpəɣ ] n. ‘bed’: bràigh na leapadh ‘bed head’
leathach-dreaste [ʎɛhəx trɛsʧɘ] vbl. adj. ‘half-dressed’: gheibheadh tu e [anclò] ~
leigvb. ‘let; lay’: agus a’ ~eil beagan eile ris ai’son na bha e [anclò] ’dol a fhaighinn a-staigh; ’s e am beithe ’s e as bòidhche an-diugh ’ thig agamsa air -- sùil a leigeil air
lèign. ‘lake’: fon a [far a] robh seann ~
leithidn. ‘(the) like (of)’: thug mise ~ do bhliadhnachan ann an seo nach robh mi ’ cuimhneachadh air a’ Ghàidhlig idir
leth, fosadv.. ‘apart’‘: bha trapaichean fos ~ [fəs ˈʎe] a dhìth air
leudn. ‘width’: dà cheud is dà fhichead troigh -- air ~; dusan òirleach air ~
locairn. ‘plane’: bha locraichean an seo a bha aig m’ athair; locraicheangròbaidh; ~ mhòr do bheithe air neo do mheubail
locraichvb. ‘plane’: do’l [nuair] a locraicheadh tu e
lòdn. ‘load’: bha e ’ dol dhan town suas agus ~ aige
logn. ‘log’ [lɔk]: bheireadh tu ~aichean a-mach às a’ choillidh; gheibheadh tu ceithir ~aichean mòra, fada aiste
lorgn. ‘leg’: chuireadh iad ~annan no casan fodha do mheubail
luasgan[ʁ̫u͜əskan] n. ‘great activity (of a crowd)’
luath 1adj. ‘fast’: ’s a’ bualadh cho ~, dìreach, ris an dealanach
luath 2vb. ‘waulk’: VBL. N.: cha ~adh sin an clò idir; an dòigh ’ bh’ aca air ~ an seo;
luathadh[ʁ̫u:-əɣ] n. ‘waulking’: a dhol sìos ai’son ~ach shin do’l [nuair] a bha angnothach ’ faighinn air a ~
luibhn. ‘ragwort’: an ~ bhuidhe
M
madainnn. ‘morning’: ceò na maidinne [mat´iɲə]
Màighn. ‘May’: a’ chiad mhìos den Mhàigh, bhathas ga chur an uair sin
marbhn. ‘dead’ (collective): dh’fhuirgheadh iad fad na h-oidhch’ -- ammarbh
marbhfhaisgn. [maràvɛʃʧ] ‘shroud’: ~ ort!
martn. ‘cow’: bhiodh sia ’s seachd do mhairtean bainne ann
meabhairn. ‘memory’: ach ma chaill e a radhrac fhuair e ~: bha ~ aige ’ bha uamhasach; thòisich a’ mh. agam air m’ fhàgail; tha a’ mh. agamsa air a dhol air ais cho dona
meabhraichvb. ‘study’: ach an-diugh feumaidh tu tacan beag a thoirt a’ meabhrachadh
meangn. ‘branch’: dhen aon mh.
mearachdn. ‘mistake’: shin fon (far) an deachaidh a’ mh. a dhèanamh
meubailn. ‘maple’: locair mhòr de bheithe air neo do mh.
mìlen. ‘thousand’: trì ~ ’s còig air fhichead ann -- do shluagh
mì-mhoghn. ‘hardship’: bha mi a’ faighinn roinn do mh.
minn. ‘dust; powder’: bha sin a’ tarraing suas fiodh mineadh, fad a’ gheamhraidh; ~ sàibh
mòradj. ‘large’: (an d’rinn thu?) cha d’rinn, agus cha mhotha na sina tha dùil a’m ‘either, neither’
mòr-bharailn. ‘firm opinion’: ’s e mo mh. fhèin na Ruisianaich a tha ’ seo gur e daoine gu math dalma [ta style='mso-bidi-font-weight:bold'>ʁ̫ə`mə] ’ th’ ionnta
muileannn. ‘mill’: clò muilinn [khʁ̫ɔ ˈmuliɲ] ‘cloth from the mill’
mura vbl. ptcle. ‘unless’: ~ h-eil angràmar agad
N
nan/mvbl. ptcle. ‘if’: nam biodh sneachd ann idir gu dè ’ bha thu ’ dol a dhèanamh?
neo’r-thaingadv. ‘of course’: mucan ’s iseinean ’s -- ~ buntàta ’s ~ chuile sian a thigeadh aca  air a thogail air an talamh; ~ nach robh gu leòr do dh’obair mu ’r coinneimh; ~ na[ch] ’s e fiodh mòr, cruaidh
neo-nìn. ‘zero’: lethcheud ionad fo ~
vb. ‘do; make’: VBL. N.: chuir iad engine innte, tha mi ’ dèanamh dheth ‘suppose’
O
obraichvb. ‘work’: COND.: andòigh -- a dh’obraicheadh e an t-iarann
oidhirpn. ‘attempt’ [ɤrɤp]: thug e ~ air a dhèanamh
òganachn. ‘young man’: chan fhaiceadh tu a leithid idir ’s gad a dh’innseadh tu dhan ~ e – cha thuigeadh iad e
òraidn. ‘speech’: bheir iad ~ mhòr seachad òran n. song’: an t-~ ràimh
P
pàstarn. ‘pasture’: bha iad ag iarraidh uamhas pàstair; dh’fheumadh iad poidhle do ph.
pìosn. ‘piece; bit;: bàtaichean ~ mòr na bu bhòithche na i; duine ~ na b’ fheàrr na mise
plaiden. ‘plaid; blanket’: agus ’ rud a bha ’ dol suas anns -- a’ ph. Bha iad a’ cur cotan an sin
plancn. ‘plank’: ’ faighinn ~aichean ùra
profaidn. ‘profit’: an fheadhain a bha thusa ’ call, sin a’ ph. agad
putvb. ‘push’: VBL. N.: bha thu … ga phutadh bhuat
R
ràmhn. ‘oar’: ’s ann leis na ràimh a bha iad air ais ’s air adhart às a sin
rèidhadj.’finished’: chan eil e ~ fhathast, tha sin aige ri dhèanamh fhathast da’ [nuair] ’bhiodh tu ~ dheth; feasgar da’ bha thu ~ a dh’obair; ga dhèanamh ~ gus an coisich iad a-staigh; spliotadh e cho ~ ri -- ghlaine
rèiteachn. ‘engagement party’: tha cuimhne a’m air an ~; oidhche anrèitich
reusann. ‘reason’: dhèanainn ràimh nam biodh fìor ~ air
riprep. ‘to; at;: bhiodh esan ~ uinneagan, dhèanadh e uinneag; cha bhiodh fhios agam-as fo Dhia na Glòrach dè an dòigh a rachainn ris; tha sin ri dhèanamh aige fhathast
riamhadv. [rĩɑ̃] ‘ever’: tha chuile baile ~ an seo ag obair
rifeidn. ‘rivet’: an uair ud ’s e -- ~ean ’s bha duine ann an sin ’s e gan dèanamh dearg
roprep.: ‘before’: 1sg. ruith mise romham [rɔ-əm]
ruithvb. ‘run’: ~ i air [rinn feum de] triùir no cheathrair dhiubh anoidhche sin; ~ mise [r̜ui̯ miʃə] romham
S
sàbhn. ‘saw’: mìn sàibh [min ˈsa:iv] ‘sawdust’
sàilen. ‘tide; sea’: eòin an t-~
samhachn. ‘handle’: cha b’ urrainn dhut ~ tuagh a dhèanamh dheth
saoghaln. ‘world’: bha uair ga robh (an) ~ theireadh iad; cha bhiodh iad ’ dol an an aghaidh a chèile dòigh air an t-~; cha tugadh sin mionaid an t-saoghail dhomhsa
saorsaineach’n. ’woodwork’: tha sinn a’ ~ còmhla; tha mi aig ~ suas ri -- fifty-three years; ’s e ceird a th’ anns an t-~
saorn. ‘carpenter’: chan eil mi nam sh. bhàtaichean
seachad[ʃɛxət] adv. ‘past’: gen.: a’ cur ~ na sìm; chui[r] mi ~ e ‘gave up’
seachdamhord. num. ‘seventh’: nuair a bha mi anns an t-~ leabhar
seaghn. ‘sense’: chan eil fhios agham, cha robh mise ’ toirt mòran do sh dha
seanachasn. ‘conversation’: cha robh math dhut dad do sh. a dhèanamh a-muigh
seilign. ‘snail’: ~ [elicited]
seubharn. ‘share’: leis an teas -- fhuair mise mi fhìn mo sh. dheth
sglèatn. ‘slate’: bha e cho beag gum biodh dìreach ~ ann
sguirvb. ‘stop; give up’: PAST.: sin is coireach gu na ~ mise a ghabhail òran, VBL. N.: sin bu choireach mi sguir
siathamhord. num. ‘sixth’: agus sin agad (an] ~ agus deich air fhichead caora
sìm‘time’: gen.: a’ cur seachad na ~ [nə ʃi:m]; dat.: bheil biadh gu leòr agaibh air an ~ seo dha na feudalaich?
simleirn. ‘chimney’: toit an t-~ [əɲ ʧhɪmlær´];
sinn-seanair[hĩ:] n. ‘great-grandfather’: bha mo sh. aig iasgach
smùidn. ‘smoke’ [smu:t´]: bha e làn ~
snàithleinn. ‘thread’: bha sin [aon òran] a’ falbh leis an t-~
snàthadn. ‘needle’: chuireadh iad ~ ‘injection’ ionnad
socairn. ‘ease’: air mo sh.
socrachadj. ‘easy’: tha e ~ ciùin, gun duine mun cuairt
spàln. ‘shuttle’
spìonvb. ‘pull’: VBL. N.: do ~adh a-staigh dhan osbadal
spionnadhn. ‘vigour’: gun cuireadh Dia ~ nad làimh; gun cuireadh Dia tuilleadh ~ nad làimh
spliotvb. ‘split’: COND.: ~adh e cho rèidh ri -- glaine
spruisn. ‘spruce’: ~ ghlas [sprɤʃ ɣʁ̫ɑs] ‘mountainfir’; ~ dhearg; ~ dhubh; beagan do dh’fhiodh na ~eadh
sradagn. ‘spark’: nan gabhainn ~ dhan fheirg
stialln. ‘piece’: thug e ~ dhìom, ~ an sin
stiallairen. ‘hard worker’: ’s e ~ do dhuine a th’ ann an Seumas
strì n. ‘trouble; effort’: cha robh ~ air a dhèanamh; cha robh ~ agad angnothach a leanai[n]t an uair sin; chan eil ~ ann … do’l [nuair] a gheibh thu suas ris
stumpn. ‘stump’: chunna mise beithe ’ seo, a-mach air trì troighean air an ~aidh
suaineach[d]n. ‘sleepiness’: : nuair a thill e feasgar agus ~ coimiseach math air
suasadv. ‘up’: bha uair ga robh ~ cha ruigeadh tu leas; chan eil strì ann … do’l [nuair] a gheibh thu ~ ris
T
tacann. ‘period of time’: ach an-diugh feumaidh tu ~ beag a thoirt a’ meabhrachadh
taghteadj. ‘excellent’: bha e na àite ~ do ghille òg
tàln. ‘adze’
tàille, air~ conj. ‘because’: chaill esanna h-eich air ~ -- rud a bha iad ag ithe
tàirn. ‘trouble; hardship’: chuala mi gun d’fhuair thu ~ dheneaslàinte
tarannn. ‘nail’:dh’fheumadh a’ ghobhainn an ~ a dhèanamh; bha tàirnean bhàtaichean (‘boat nails’) aca
tarraingvb. ‘draw’: VBL. N.: bha i ’ ~ na meirg’ a-staigh anns an fhiodh
teachd-an-tìrn. ‘living expenses’: dh’fheumadh rudeigin a bhith ag obair airson ~ a fhaighinn; bha iad a’ pàigheadh mo th.
teangairen. [ʧhɛŋgæri] ‘spokesman’: bha an duine òg a’ dol a dh’ionnsaidh an taighe ’s e ’ toirt leis an ~ còmhla ris; bha an ~ ag iarraidh na h-ighneadh
teann[ʧhɛ͜un] adj. ‘close’: ma thig agad air a dhèanamh cho math ’s as urrainndhut, cho ~ air ’s as urrainn dhut; ~ air a chliathaich
thairisprep. ‘over’: chaidh iad ~ an cuan/~ air an achadh
thèidvb. ‘go’:9.0pt'>COND.: latha air na mhàireach rachadh an aidheach’ a sgrìobhadh; IPV: all right, thèid air an òran a dh’ionnsaich mi dhut an-raoir!
thigvb. ‘come’: FUT.: cha tig sian riut ‘happen’ … ach tha thu ’ tòiseach’ air obair glè òg; PAST: no’ [nuair] ’thàinig an gnothach thugam‘I learned it’, bha e agam; COND.: gus an tigeadh agad ‘you could’ air an cota-mòr a thoirt dhìot; VBL. N.: tha deathach ’ tighinn [t´i-aɲ] às
throprep. ‘through’: bha iad a’ pàigheadh thro ’ bhith beò
toinneamhn. ‘twist’: barrachd do th. dha [don chlò]
toirceiln. ‘cone’: pl. ~ean na spruis, ~ean a’ ghiuthais
tòisichvb. ‘begin’: COND. :thòis’eadh orra sin … thòis’eadh e aire seo; VBL.N.: gu bheil e glè dhuilich dhomhsa tòiseach’ air innse
toit 1n. ‘smoke; steam’: ~ an t-simleir; cha tig ~ innte; sluasaid thoiteadh [sʁ̫u͜əsæd´ hɔht´əɣ] ‘steamshovel’
toit 2vb. ‘smoke’: VBL. N.: ~adh [thɔht´əɣ]: tha mi ~
tolladhvbl. n. ‘drill’ bha dith [=?]-thollaidh aca, ris an canadh iad dith [=?]-thollaidh. Chuireadh e toll sìos ann am mionaid
tomhaisvb. thomhaiseadh iad an toiseach e mar siud
tomhasn. ‘amount’: gu bith gu dè bha iad a’ dèanamh san t-seanndùthaich, bha iad a’ dèanamh an ~ ceudna ’ seo
toran. ‘drill’: bhathas a’ cur toll innte ann an sin sìos le ~ òirleach
treasord. num. ‘third’: fhuair mi an ~ àireamh dheth
treisn. ‘period of time’: a fhàgàil an sin ~
trìcard. num. ‘three’: ma dh’fhaodte gun cuimhnichinn air trì cheathrannan dheth
trioblaidn. ‘trouble’: cha dèan iad ach d’fhaighinn ann an ~
triùsarn. ‘trousers’: ’s e an clò sin a dhèanadh an ~ ’s an deacaid dhut
tuban. ‘tub’: ann an ~ mhòr do dh’uisge blàth
tulan. ‘pulley(?)’: an fheadhain a bhiodh a’ dèanamh ~ichean ’s a’ dèanamh ailleir
U
uairn. ‘time; occasion’: bha ~ ga robh suas cha ruigeadh tu leas
uamhasn. ‘huge quantity’: dh’fheumadh tu ~ a thogail an-diugh
uamhasach: adj. ‘tremendous’: bha i [a chuimhne] ~
ubh [uɣ] n. ‘egg’
uchdn. ‘bosom’ tha ~ cloinneadh aige na ~ [nə uxg]
uileadhadv. ‘all’: bha sin aig an t-seann fheadhain ~; do’l [nuair] ’bha ’nt-òran ac’ ~; na h-aon fhaclan aca ~ an uair sin
uimhirn. ‘number’: dh’fhaodamaid ann an Canada ~ eile ’ bhith againn ann an seo ’s a tha againn
ùinen. ‘time’: chan eil ~ aig duine air dad sam bith eile a dhèanamh; chaneil ~ agad air; ach nuair a bhiodh a -- ceithir ’s a còig ’s a sia do ghilleana-staigh anns an aon taigh … bha ~ gu leòr airson a chuile sian a dhèanamh an uair sin
ùr-n. ‘newly’: chan eil thusa ach air ~-thighinn
uradn. [n urut] ‘quantity’: bha a cheithir ~ do dh’obair air; cha robh ’n ~ bhàird an seo, co-dhiù; na chlòimheagan mòra ~ do d’ cheap; tha mi ’ creidsinn gur sin mu ~ ’s a thig agamsa air a thoirt dhut
urran. ‘person’: na h-~chan mòra a tha ’ ruith na dùthchadh; ‘child’: tha ~ cloinneadh aige na uchd n’ achlais; feumaidh tu Gàidhlig a bhruidhinn ris an [ən urə]
ùsaidichvb. ‘use’: bha thu ag ùsaideachadh [g´ usiʧəxəɣ]

© DASG
^ Return To Top ^