Word List
- Informant(s)
- Name
- Lauchie Dan N. MacLellan (1910-91)
- Location
- Canada, Cape Breton, Inverness Co., Dunvegan
- Notes
- re. Informant see J.Shaw (ed. 2002), Brìgh an Òrain
- Source: Recordings CB06-83-28; CB07-8304(a) and field notebook of Seosamh Watson collection
à, às | prep. ‘out of’: taingeil às a’ chobhair; tha deathach ’ tighinn às [ɛs] | achlasan | [axəʁ̫əsan]: Lachaidh a’ dol sìos … agus ~ aige | achlais | n. ‘armpit’: tha urra cloinneadh aige ’n ~ [axʁ̫iʃ] | aidheach(d) | (naidheachd) n. ‘news, story’: latha air na mhàireach rachadh an ~ a sgrìobhadh; anuair ud bhathas a’ toir’ na h-~ dhan phears’-eaglaiseadh | ailleir | : an fheadhain a bhiodh a’ dèanamh tulaichean ’s a’ dèanamh ~ (rud a dhèanadh saor le fiodh) | air | prep. ‘on’: dhèanainn ràimh nam biodh fìor reusan air | àirde | n. ‘height’: bha e suas ri ceithir fichead troigh a dh’~ | àireamh | n. ‘number’: na h-òrain -- ~ dhiubh | airson | prep. ‘for; to’: cha robh agam ach rolladh a-mach air an taobh seo ’son bhith ’ dol suas; cheannaicheadh [çaɴàçə] tu rud a tha thu ~ [ˈɛ ̦sɔn ] ceannach an-diugh, ai’son ithe ai’son leth na prìse; dh’fheumadh tu chuile ceathramh a ghabhail dà thruip ~ gun cumadh tu an aon rhythm | aite | [aht´ə] adj. ‘comical’. ’: poidhle do dh’òrain ~e; b’ ~ lium ’ bhith ’g èisteach ris | àite-ithe | n. ‘canteen’:coiseachd … dh’ionnsaidh ’n ~ | a-mach | adv. ‘out; beyond’: dh’fhaodte gum bi ’ -mach gu math air fiche ceathramh air; cha robh e a’ còrdadh rium-as -- ~ ’s ~ a bhith ’g obair oirre idir; gu robh ’-mach air còig troigh shneachd agad | amhach | [æ̃hux] n. ‘neck’; gin.: cùl na h-amhaiche [nə hæ̃w-hiçəɣ] | am-miosg | prep. ‘among; besides’: [nach] robh againn ach a dhol a-mach a dh’obair latha air na mhàireach ~ sin | a-niste | adv. ‘now’: ~, am bliadhna chaidh iad sìos | a-nunn | adv. ‘over; later’: dh’fhaodte ~ a-stoghar | a-steachdain | adv. ‘per week’: uair ~ | a-stoghar | adv. ‘in autumn’: dh’fhaodte a-nunn ~ | ann | prep. ‘in’: nuair bha mi nam balach [sic] òg | aon | pron. ‘one’: a chuile h-~ dhiubh; sinn an ~ fheadhain; dà òran don ~ t-seòrsa | aona- | adj. ‘single’: an t-~ [ən thɯ:nərut] rud agam uileadh | aorbann | (aobrann) n. [ø:rpən] ‘ankle’ | apainne | n. ‘convent(?)’ [ɑxpɪɲ]: rud a bha iad ag ithe anns an ~ | balbh | adj. ‘still’: ach gum biodh i [an t-sìde] cho ~, gun pioc soirbheis ann | ban-charaide | n. ‘female relative’: bha e pòsta aig ~ dhomh fhèin | bannc | n. ‘bank’: gu ~ a’ chladaich | bàta | n. ‘boat’ : cha robh am ~ [m bɑ:tə] buan | beir | vb. ‘sieze’: thug mise dive ~ beirint [pɛr´ɛʧ] air a’ bhòrd; ‘bear’ BHEIREADH: dh’fhaodte dìreach dol [nuair] bheireadh an t-uan | beithe | n. ‘birch’: locair mhòr do bh. air neo do mheubail; mu dheidhinn an fhiodh chruaidh, gheibheadh tu ~ dubh, ~ buidhe, ~ dearg ’s ~ geal -- ~ bàn | beò-shlàin | n. ‘livelihood’: agus airson ~ a dhèanamh; gu robh dòigh ~ ann | beul | n. ‘beginning’: bho bh. na h-oidhche gu meadhan oidhche | bheir | vb. ‘give; last’: VBL. N.: chunnaic iad gu robh e ’ dol ’ th. ro fhada dha sin a dèanamh; gus an tigeadh agad air an cota-mòr a th. dhìot; COND:: cha tugadh e fada dhaibh | bho | prep. ‘from’: dh’fhaodte nach biodh bhuam ach aon fhacal an siud ’s aon fhacal an seo; ’s e sin a tha fon [= bhon] chaora; cha ruig [rik´] iad leas a bhith ùr ma tha iad dìreach fon (bhon) t-sàbh, ma tha iad bhon t-sàbh | bi | vb. ‘be’: chunna mi bhith ’ dèanamh fear ‘I saw one being made’; chunna mi bhith ga dhèanamh ‘it being made’; COND .: nam biodh tu [nam be tu] | biathadh | vbl n. ‘feed’: bhathas gam ~, a chuile duine | bidse | n. ‘beech’: rim chuimhne-sa dh’fhalbh am ~ | biorraid | [pe͜orɛd´] n. ‘cap/cover(?)’: ~ àrd [a:rt]; ~ ìseal [i:ʃəʁ̫] | bith, gu | adv. ‘whatever’: co-dhiubh ’s e budworm no gu ~ dè thachair | bitheanta | adj. ‘common’: cha robh e [tinneas] ~ idir; theireadh m’ athair glè, glè bh. | bliadhna | n. ‘year’: bhiodh tu ’ call … dhà no thrì ’n ath bh.-s’ [naflənəs] | bloineigein | n. ‘name of herb’: bha rud ann ris an canadh iad ~, luibh a bha ’ fàs a-muigh; dh’fhaithnghinn a bh. an-diugh | bog | adj. ‘wet’: thiginn a-staigh cho tioram … ’s a chuile duine eile ~ | bràigh | n. ‘head’: ~ na leapadh | breitheanas | n. ‘judgement’: corra uair gheibheadh tu foghar math, fada ach no’r a thigeadh i thigeadh i ’na ~ | brist | vb. ‘break; fail’: bh. air slàinte m’ athar; bhrist e ’ amhach | brochan | n. ‘porridge’: sin a chur ann am ~, ~ flùir | buail | vb. ‘strike’: bhualadh e aig an dorast agam-as | bucaid | n. bucket’: agus bha fear a bha shuas agus ~ bheag aige agus làmh oirre mar seo | buidseachd | n. ‘witchcraft’: bhiodh iad a’ bruidhinn ~; bha poidhle do bh. air innse dìreach air a’ bhaile air a bheil thu ann an seo | buidseirich | vb. ‘butcher’: bh. mi caoraich an seo; bhuidseiricheadh tu dòbhliadhnach agus -- muc no dhà | buille | n. [pujɛ] ‘detail; stroke’: leanainn a chuile ~ do -- blueprint | càirdeas | n. ‘relationship’: dh’innseadh e dhut cò bha càirdeil ’s dè an ~ a bha eadar-riuth’, gu robh iad càirdeil d’ a leithid seo do dhuine | càirdeil | adj. ‘related’: dh’innseadh e dhut cò bha ~ ’s dè an a bha eadar-riuth’, gu robh iad ~ d’ a leithid seo do dhuine | cairteil | n. ‘quarter’: an ~ deiridh do mhuc | caoin | n.: tha mise a’ toirt dha na ~ air an òran: an t-òran mu dheireadh, a’ ch. aige sin, aig a chuile gin | car | adv. ‘approximately’: ~ mun first of June, da’ ràini’ sinn sìos siud; thigeadh rud an-dràst ’s a-rithist ~ nam miosg | caraide | n.’ relative’: bha ~ mòr dhomh shuas seo | carbad-adhair | n. ‘aircraft’: chaidh sinn air plane, ~, gar toirt sìos an sin | cas | n. ‘foot’: bhiodh Niall air a chois aig sia uairean | ceangal, an | ~ ri prep. ‘connected to’. : sian eile an ~ ris; gu robh seagh sam bith an ~ ris | ceann | n. ‘head, start’.: bhiodh tu ’g obair fos do ch. mar seo; na seann òrain, tha iad a’ gabhail bho ch. gu ch. | cearc | n. ‘hen’: shin agad ceann na cearc bhàn agamsa; gin. sg.: ceann na ~ bheag | ceart, a ch. | adv. ‘just’: bha iad an seo a ch. cho tràth ris an fheadhain; mu choinneimh sin, a’ ch. urad do dh’fhiodh cruaidh; sguir sin ’s bha e cearta [sic] cho math | ceathramh | n. ‘quarter’: fhuair mi ~ dheth | ceird | n. [k´hiɽs̠ʧ] ‘craft’: ’s e ~ a th’ anns an t-saoirsineachd. Chan eil sian agads’ an uair sin --ach fhaicinn an dòigh tha e air a dhèanamh | ceirslich | vb. ‘dress up: bha thu sin ga cheirsleachadh suas | ceò | [k´eˑɔ] n. ‘mist’: ~ na maidinne | chionn, (a) | conj. ’ ~ ’s a bha, eadar an t-eilein agus an tìr an seo, bha trì mìle ann; ~ ’s bha sinne, dh’fheumamaid an connadh fhaighinn dhachaigh | clann | n. ‘children’: gen.sg.: tha urra cloinneadh [khʁ̫ɤɲəɣ] aige ‘na uchd | clàr-innse | n. ‘instructions’: bha mi uair agus leanainn a’ -- ~ aig a chuile sian | cleachdadh | n. ‘custom; tradition’: ’s ann a thàinig an ~ uileadh; ’s ann às sin a thàinig iad fhèin | cliathach | n. ‘hurdle’: ga chur air a’ -- chlèithich | cliath-luathaidh | n. ‘milling board’: chunna mise an aon ch. ’dol mun cuairt | clìor | vb. ‘make off’: ~ a-mach dh’ionnsaigh -- gu bannc a’ chladaich | clòimheag | n. ‘snowflake’: bha sneachd a’ tighinn a-nuas ’na chlòimheagan mòra urad dod cheap | cobhair | n. ‘help’: cha robh mi ’ faighinn dad sambith do ch.; bha mòran a dhìth orm, bha mi glè thaingeil às a’ ch. ’ thug thu dhomh | còig | ord. num. ‘five;’:dh’fhaodte còi’ cheathrannan; ~ bli’n deug | coimiseach | adv. : tha mi ~ fhèin diabhalta cinnteach nach dèan; bhiodh e ~ math tioram | coinne, mu ch. | prep. ‘opposite’: seasamh suas mu ch. feadhain | coinnich | vb. ‘meet’: bha e ’ tighinn ’s ch. thu air a ghabhail òran | coireach | adj. ‘responsible’: sin as ~ gu na sguir mise, sin bu ch. mi sguir | co-oidhirp | [khɔ̃ĩ-jərp] vbl. n. ‘co-operate’: bha iad a’ ~ mu dheidhinn rud a’ choreigin | còrr, a ch. | adv. ‘extra’: ach am beil sinne beagan do dh’fhaclan a ch. dhut, ma dh’fhaodte, air a’ fhreagairt | corr(a)- | adj. ‘occasional’: bhiodh sin aca san òran-luathaidh cuideachd corr uair, bhiodh sin aca corr an uair | cosg | vbl. n. ‘use’: bha furnace mòr aca ’ bha ’ ~ ceud gu leth galan san uair do dh’ola | cosnach | n. ‘worker’: deagh ch. [ʧɛ͜o xɔsənəx] agus deagh [ʧe-], [[ʧeo̯-] nàbaidh | cota-mòr | n. ‘overcoat’: gus an tigeadh agad air an ~ a thoirt dhìot | cotan | n. ‘cotton’: agus ’ rud a bha ’ dol anns -- a’ phlaide, bha iad a’ cur ~ an sin | cromadh | n. ‘shrink’: bha an gnothach rèidh, bha e an deoghaidh tighinna-staigh cromadh; nuair a gheibheadh is’ gun tigeadh e ’-staigh, dh’fhaodte leth-ch. | crotal | [khrɔhtəʁ̫] n. ‘species of lichen used in dyeing’ | cruadalach | adj. ‘tough’: cha b’ e fiodh ~, làidir a bh’ ann idir | cruaidh-aireachas | n. ‘watchfulness’: feumaidh tu ’ bhith nad ch. [xruəi ar´əxəs] | cruaidhich | vb. ‘harden’: COND.: gus ’na chruaidhicheadh sinn sinn fhèin suas ris an t-sìde | cruinneachadh | n. ‘gathering’: cha robh anns a’ bhainis ach ~ | cuairtich | vb. ‘circulate’: bha iad ga chuairteachadh mun cuairt | cudram | n. ‘weight; pressure’: bha thu ’ cur beagan do ch. [xutəm] air, a’ cur a cheart urad do ch. air | cuible | n. ‘wheel’: pl. neo’r-thaing nach falbhadh na cuibhleachan | cuibhle-iteachan | n.yellow'> ‘spinning wheel’’: cho luath ri ~ cuibhle [ˈku͜i:l´ə ˈiçt´əxan] | cuimhneach | adj. ‘recollecting’: cha ch. leamsa a-riamh gun tàinig sian | cuir | vb. ‘put’: VBL. N.: bha iad a’ cur a-mach pàipearan ai’son daoine; car a’ cur [khur] sìos air -- feadhain a’ choreigin; cha robh thu ’ dol a chur ann am feirg mhòir idir air; ; PAST: ch. [xur´] mi pìos ris an taigh-danns’ aca; COND.:: cha chuireadh e sian orm ceathramh a dhèanamh, cha chuireadh e dad sam bith orm sin a dhèanamh; chuireadh e air anteine | culaith-uamhais | n. ‘terrible state’: bha dìreach angnothach a-nuas air do mhuin -- sneachd is uisge ’s ~ | cùm | vb. ‘keep; last’: ai’son seo a chumail air adhart; dh’fheumadh tu cumail romhad | cùntan | (cùnant) n. ‘covenant’: bha na ~an air a dhèana’ | dala | adj. ‘one of two’: dh’fhalbh an ~ leth dheth; air an ~ taobh dhìot an àite a’ choreigin; tharraing e na h-eich an ~ taobh | dalma | adj. ‘stubborn’: daoine gu math dalma [taʁ̫əmə] ’th’ ionnta | danma | (damnadh) [tanàmə] n. ‘oath; swear-word;: ’s iomadh ~mòr, brèagha ’ rinn mise anns a’Ghàidhlig | deacaid | n. ‘jacket’: ’s e an clò sin a dhèanadh an triùsar ’s an ~ dhut | dèan | vb. ‘do; make’: VBL. N.: thug e oidhirp air a dhèanamh [jĩə̃nəɣ]; tha mi ’ dèanamh dheth ‘suppose’ | dearbh, gu | adv. ‘indeed’: gu ~ fhèin cha tugadh e fada dhaibh | deathach | n. ‘smoke’: tha ~ ’ tighinn às; bha e làn~ [t´ehəx] | deidhinn, mu dh. | prep. [mə ˈjeˑn] ‘concerning’: mu dh rud a’ choreigin | deoghaidh, às | prep. ‘after’. ’: thàinig iad às mo dh.-sa [gam iarraidh] | dìth | n. ‘need’: bha sneachda gar ~, dh’fheumamaid sneachd a fhaighinn; na làithean ud, bha e gan ~, dh’fheumadh iad a fhaighinn; bha trapaichean fos leth a dh. air | Dia | n. ‘God’: tha mi ’n dòchas ann an ~ gun toir ~ dhut slàinte | diabhalta | adj. ‘damnably’: tha mi coimiseach fhèin ~ cinnteach nach dèan | dighe(?)-thollaidh | n. [̩̩ʧi ˈhœɫi] ‘drill(?)’ [1st el. unrecognised]: bha ~ aca ris an canadh iad ~. Chuireadh e toll sìos sin ann ammionaid | dìonach | adj. ‘watertight’: bha i cho ~ ri poit do’l [nuair] a chaidh i air sàile | dìth | n. ‘lack; need’: bha sneachda gar ~, dh’fheumamaid sneachda ‘ fhaighinn | diù | n. ‘interest’: cha robh ~ [ʧu:] agad dhaibh | dlùth | n. ‘warp’ bha diofar ~ -- san dà chuid; bha clòimh do dh. ’s do dh’uachdar ann | do’l | [nuair] conj. ‘when’: ~ a locraicheadh tu e; tha cuimhne agam-as ~ a bha giuthas an seo | dòbhliadhnach | n. ‘two-year old animal’: bhiodh a dhà ’s a trì bheathaichean agam, dòbhliadhnaich | dòigh | n. ‘way’: an ceangal ris air ~ air an t-saoghal; chan eil thu ’ còrdadh rium idir nad dhòighean; dh’ionnsaich mi san ~ chruaidh i; an ~ a bheireadh e air an locair; ach ’ fhaicinn an ~ ’ tha e air a dhèanamh; an ~ -- a dh’obraicheadh e an t-iarann; an ~ ’ bh’ aca air luathadh an seo; an ~ ’ bh’ aca air a dhèanamh; bha ’n ~ fhèin aca air a chuile sian; cha do rinn mise sianmu dheidhinn obair iasgaich riamh do dh. air an t-saoghal; cha bhiodh iad a’ dol an aghaidh a chèile ~ air an t-saoghal; nì iad an-diugh an ~ eile e; anns an ~ bu dhuiliche | do’r | [nuair] conj. ‘when’: agus ~ a bha heamalog ann | dreas | [< dress] vb. ‘dress’: gheibheadh tu e [an clò] leth-dreaste neo dreaste; an rud a bha dreaste, dhèanadh e deise leth-dreaste. See lethach | dreasair | n. ‘dresser’: bhiodh iad a’ dèanamh ~ean | dùbailte | adj. ‘doubled’: bhiadh iad sin ma’ bu trice ~ | dulag | n. ‘cone’: theireadh iad ~an na spruis, cones. They say that for pulleys on boats | duilich | adj. ‘difficult’: SUPLTV.: anns an dòigh bu dhuiliche [ɣuliçə] | eadar | prep. ‘between’: pron. 3 pl.: tha iad a’ dùineadh a’ ghnothaich eadar-riuth’ fhèin | ealan | [ɛɫ̫an] n. ‘swan’: mar ~ air bharr nan stuagh | easlàint’ | n. ‘ill health’: chuala mi gun d’fhuair thu tàir dhen ~ | èirich | vb. ‘happen’: dè ’ dh’~ dhi? | faclaich | vb. ‘pronounce’: tha e glè dhuilich dhut sin a chur a-mach dìreach an dòigh bu chòir dhut, ’ fhaclachadh a-mach an dòigh bu chòir dhut | fad | n. ‘length’: bha e ceithir cheud is dà fhichead troigh a dh’fhad; ’s ann aire sin ’ bha mise ’g obair fh. ’s a bha mi shìos; mholadh e thu ~ an òrain | faic | vb. ‘see’: PAST: chunna mi Lachaidh | fairich | vb. ‘wait’: COND.: dh’fhuirgheadh iad fad na h-oidhche ’s dh’fhairgheadh iad fad na h-oidhch’ -- am marbh | faisg | vb. ‘squeeze’: VBL. N.: bhathas ga fhasgadh às a sin; glè fh. air | fairrge | n. ‘sea’: tinneas na ~ [faràk´ə] ‘mal de mer’ | far | prep. [fɔ] ‘off’: ’-staigh ~ na maradh | fàs | adj. ‘empty; deserted’: mar bu trice bhiodh baile ~ ri taobh no air an dala taobh dhìot an àite a’ choreigin | feadh | prep. ‘throughout’: chan fhaiceadh tu feansa ~ a’ bhaile | feitheamh | vbl. n. ‘expect; wait’: forerunners -- ò, ma dh’fhaodte gu robh iad ann an uair ud, ach chan eil duine a’ ~ ris a sin an-diugh | feudalach | n.‘beast’ : feudalaich, they’re young cattle, cows and horses;bidh gu leòr agaibh air an t-sím seo bliadhna dha na feudalaich? | fhèin | adv. ‘indeed’: tha mi coimiseach fhèin diabhalta cinnteach nach dèan | fiach | n. ‘debt’: bhiodh fiach airgid agad an-diugh | fichead | card. num. ‘twenty’: chaill mi sin agus deich air ~ do chaoraich | fiodh | n. ‘wood’: neo’r-thaing na(ch) ’s e ~ mòr a bha sin, ~ mòr | fìor | adj. ‘true’: ~ dhuine gasta | fiosrach | adj. ‘knowledgeable’: cha b’ fh. mise [xa p ɪsərəx] | fiosrachadh | n. ‘information’: ri m’ fhiosrachadh ’s ann nach robh dad sam bith; cha robh, ri m’ fhiosrachadh gu robh sian eile ann | flùr 1 | n. ‘flower; blossom’: thigeadh na ~s air | flùr 2 | n. ‘porridge’: sin a chur ann am brochan, brochan flùir | fodar | n. ‘straw; fodder’: rud beag do dh’ fh. | foghainneach | [fo-iɲəx] adj. ‘hardy’: b’ e am fìor dhuine ~ a bh’ ann | foghnadh | [fo:nəɣ] n. ‘living’: tha ~ againn a’ seo; fhuair e ’ fh. dheth | foighidinn | n. ‘patience’: cha robh do dh’fh. agam ach dìreach gum faighinna-mach feasgar | foighdinneach | adj. ‘patient’: dh’fheumadh tu bhith gu math ~ ai’son a leithid sin a dhèanamh | fon | (far) conj. ‘where’: shin ~ a bheil mi air call; shin ~ andeachaidh a’ mh[...] a dhèanamh; ~ a robh sinn ag obair | fortan | n. ‘fortune’: [nam] biodh tu ann an-diugh dhèanadh tu ~ | fortanach | adj. ‘fortunate’: bha thu ~ san àiteach (?), greim a dhèanamh dheth | freumhach | n. ‘root’: thigeadh sin a’ fh. [rĩ:-ɑ̃ũx] | froilig | n. ‘waulking session’: ciamar ’ bha a’ fh. [rɔlik´] | fuirich | vb. ‘wait’: PAST: dh’fhuirich iad sin riamh nam inntinn; COND.: ann an seo bhathas a’ tighinn agus -- dh’fhuirgheadh ancrowd mòr, dh’fhuirgheadh an sluagh siud suas ri meadhan oidhche, dh’fhuirgheadh iad fad na h-oidhche | gabh | vb. ‘undertake’: VBL. N.:: ma dh’fhaodte bhith ’ gabhail uime leis ag obair | gainmheach | [kɛnèhəx] n. ‘sand’ | Gall | n. ‘Lowlander’: pl. na Goill [kø͜iʎ] | gheibh | vb. ‘get’: FUT.: chaneil sian ann … do’l [nuair] a gheibh thu suas ris; PAST: fhuair iad suas ris a sin; VBL. N.: ach sin do’l [nuair] a bha an gnothach ’ faighinn air a luathadh, dà òran ’s -- bhiodh an gnothach rèidh; agus a’ leigeil beagan eile ris ai’son na bha e [an clò] ’ dol a fhaighinn a-staigh; chan eil strì ann do’l [nuair] a gheibh thu suas ris; gum faighinn a-mach feasgar a dhèanamh rudeigin | glan | adj. ‘complete’: dh’fhalbh e glan | gleac | vbl. n. ‘wrestling’: chaidh iad a gh. [ɣlɛxk] | glib | (clip) vb. ‘trim’: uill, bhathas a’ ~eadh nan duilleagansin | glòir | n. ‘glory’: bha bhiodh fhios agamas fo Dhia na Glòrach dè an dòigh a rachainn ris | gnothach | n. ‘success’: rinn an Camshronach an ~ air ‘beat’ | gobhainn | n. ‘blacksmith’: dh’fheumadh a’ gh. an iarann a dhèanamh | gràmar | n. ‘grammar’: airson a’ gh. Gàidhlig a bhith agad, feumaidh tu an~ Beurla fhaighinn an toiseach; is gun an ~ ceart agam | greim | n. ‘piece;: a chuile ~ riamh dheth | gròbadh | vbl. n. ‘groove’: locraichean-gròbaidh | grod | n. ‘rot’: bha sin a’ ~adh an fheadha | groileas | (?) n. ‘filth(?)’, cf. Dwelly: greallach: b’fheàrr leam guntugadh tù do gh. às mo rathad is fuireachd às | grunnan | n. ‘group’: bha toil aca ~ againn a dhol sìos | gu bith | [kə ˈbi] adv. ‘whatever’: ~ gu dè ’ th’ ann | gu dè | [kə ˈʧe] interr. ‘what’’: ~ gu bith ~ ’ th’ ann | gun | prep. ‘without; not’: bha na h-òrain air an dèanamh airson sin, gun ai’son sian eile | heamalog | n. [hɛməlɔk] ‘hemlock’: agus dar [nuair] a bha ~ ann | iarann-gearraidh | n. ‘cutting iron’: bhiodh an t-~ ann anseo | inbhichte | adj. ‘adult’: ach, theirinn, an duine ~, nach b’ e sin an t-àite idir dha | inntinn | n. ‘mind’: bhuail e ’n a ~ e gun dèanadh e bàta; rinn sinn suas ar n-~ean gum falbhamaid | iolair | n. ‘eagle’: ~ adhair | iolla | n. ‘view’: bha mi ’ cumail ~, bha mi a’ cumail mo shùil air a sin | iomaire | n. ‘furrow’: bhrist e ceithir no còig no sia do dh’iomairichean | iomairt | vbl. n. ‘moving’: dannsa ’s dol mun cuairt ’s òl ’s ~ -- that’s getting around without a stop | ionad | n. ‘degree (temperature)’: dh’fhaodte gum biodh ~ an uair sin SEE neo-nì | ionnsachadh | vbl. n. ‘learning; training’ : ’s e sin bu choireach nach d’fhuair mise barrachd ~; duine … ai’son m’ ~ | iteachan | n. ‘reel’: an t-~ [əɲ ʧhiçt´əxan]; cho luath ri ~ cuibhle [içt´əxan ku͜il´ə] | làmh | n. ‘handle’: agus bha fear a bha shuas agus bucaid bheag aige agus ~ oirre mar seo | làmhach[d] | (làmhthuagh) [ˈɫ̫ɑvˌux ] ‘tongs’: bha ~ aige, a bheireadh air a sin (‘an instrument for catching’, tongs); shin agad an ~ a bh’ agad (‘anything you have to catch in your hand to do something else with’) | làr-shèabhaidh | (?) n. [ˌɫ̫ɑr ˈhe:vi] ‘shaving plane’: bha rud ris an canadh iad an ~ aca | latha | n. ‘day’: làithean m’òige-sa | leabaidh | [ʎɛhpəɣ ] n. ‘bed’: bràigh na leapadh ‘bed head’ | leathach | -dreaste [ʎɛhəx trɛsʧɘ] vbl. adj. ‘half-dressed’: gheibheadh tu e [anclò] ~ | leig | vb. ‘let; lay’: agus a’ ~eil beagan eile ris ai’son na bha e [anclò] ’dol a fhaighinn a-staigh; ’s e am beithe ’s e as bòidhche an-diugh ’ thig agamsa air -- sùil a leigeil air | lèig | n. ‘lake’: fon a [far a] robh seann ~ | leithid | n. ‘(the) like (of)’: thug mise ~ do bhliadhnachan ann an seo nach robh mi ’ cuimhneachadh air a’ Ghàidhlig idir | leth, fos | adv.. ‘apart’‘: bha trapaichean fos ~ [fəs ˈʎe] a dhìth air | leud | n. ‘width’: dà cheud is dà fhichead troigh -- air ~; dusan òirleach air ~ | locair | n. ‘plane’: bha locraichean an seo a bha aig m’ athair; locraicheangròbaidh; ~ mhòr do bheithe air neo do mheubail | locraich | vb. ‘plane’: do’l [nuair] a locraicheadh tu e | lòd | n. ‘load’: bha e ’ dol dhan town suas agus ~ aige | log | n. ‘log’ [lɔk]: bheireadh tu ~aichean a-mach às a’ choillidh; gheibheadh tu ceithir ~aichean mòra, fada aiste | lorg | n. ‘leg’: chuireadh iad ~annan no casan fodha do mheubail | luasgan | [ʁ̫u͜əskan] n. ‘great activity (of a crowd)’ | luath 1 | adj. ‘fast’: ’s a’ bualadh cho ~, dìreach, ris an dealanach | luath 2 | vb. ‘waulk’: VBL. N.: cha ~adh sin an clò idir; an dòigh ’ bh’ aca air ~ an seo; | luathadh | [ʁ̫u:-əɣ] n. ‘waulking’: a dhol sìos ai’son ~ach shin do’l [nuair] a bha angnothach ’ faighinn air a ~ | luibh | n. ‘ragwort’: an ~ bhuidhe | madainn | n. ‘morning’: ceò na maidinne [mat´iɲə] | Màigh | n. ‘May’: a’ chiad mhìos den Mhàigh, bhathas ga chur an uair sin | marbh | n. ‘dead’ (collective): dh’fhuirgheadh iad fad na h-oidhch’ -- ammarbh | marbhfhaisg | n. [maràvɛʃʧ] ‘shroud’: ~ ort! | mart | n. ‘cow’: bhiodh sia ’s seachd do mhairtean bainne ann | meabhair | n. ‘memory’: ach ma chaill e a radhrac fhuair e ~: bha ~ aige ’ bha uamhasach; thòisich a’ mh. agam air m’ fhàgail; tha a’ mh. agamsa air a dhol air ais cho dona | meabhraich | vb. ‘study’: ach an-diugh feumaidh tu tacan beag a thoirt a’ meabhrachadh | meang | n. ‘branch’: dhen aon mh. | mearachd | n. ‘mistake’: shin fon (far) an deachaidh a’ mh. a dhèanamh | meubail | n. ‘maple’: locair mhòr de bheithe air neo do mh. | mìle | n. ‘thousand’: trì ~ ’s còig air fhichead ann -- do shluagh | mì-mhogh | n. ‘hardship’: bha mi a’ faighinn roinn do mh. | min | n. ‘dust; powder’: bha sin a’ tarraing suas fiodh mineadh, fad a’ gheamhraidh; ~ sàibh | mòr | adj. ‘large’: (an d’rinn thu?) cha d’rinn, agus cha mhotha na sina tha dùil a’m ‘either, neither’ | mòr-bharail | n. ‘firm opinion’: ’s e mo mh. fhèin na Ruisianaich a tha ’ seo gur e daoine gu math dalma [ta style='mso-bidi-font-weight:bold'>ʁ̫ə`mə] ’ th’ ionnta | muileann | n. ‘mill’: clò muilinn [khʁ̫ɔ ˈmuliɲ] ‘cloth from the mill’ | mura | vbl. ptcle. ‘unless’: ~ h-eil angràmar agad | nan/m | vbl. ptcle. ‘if’: nam biodh sneachd ann idir gu dè ’ bha thu ’ dol a dhèanamh? | neo’r-thaing | adv. ‘of course’: mucan ’s iseinean ’s -- ~ buntàta ’s ~ chuile sian a thigeadh aca air a thogail air an talamh; ~ nach robh gu leòr do dh’obair mu ’r coinneimh; ~ na[ch] ’s e fiodh mòr, cruaidh | neo-nì | n. ‘zero’: lethcheud ionad fo ~ | nì | vb. ‘do; make’: VBL. N.: chuir iad engine innte, tha mi ’ dèanamh dheth ‘suppose’ | obraich | vb. ‘work’: COND.: andòigh -- a dh’obraicheadh e an t-iarann | oidhirp | n. ‘attempt’ [ɤrɤp]: thug e ~ air a dhèanamh | òganach | n. ‘young man’: chan fhaiceadh tu a leithid idir ’s gad a dh’innseadh tu dhan ~ e – cha thuigeadh iad e | òraid | n. ‘speech’: bheir iad ~ mhòr seachad òran n. song’: an t-~ ràimh | pàstar | n. ‘pasture’: bha iad ag iarraidh uamhas pàstair; dh’fheumadh iad poidhle do ph. | pìos | n. ‘piece; bit;: bàtaichean ~ mòr na bu bhòithche na i; duine ~ na b’ fheàrr na mise | plaide | n. ‘plaid; blanket’: agus ’ rud a bha ’ dol suas anns -- a’ ph. Bha iad a’ cur cotan an sin | planc | n. ‘plank’: ’ faighinn ~aichean ùra | profaid | n. ‘profit’: an fheadhain a bha thusa ’ call, sin a’ ph. agad | put | vb. ‘push’: VBL. N.: bha thu … ga phutadh bhuat | ràmh | n. ‘oar’: ’s ann leis na ràimh a bha iad air ais ’s air adhart às a sin | rèidh | adj.’finished’: chan eil e ~ fhathast, tha sin aige ri dhèanamh fhathast da’ [nuair] ’bhiodh tu ~ dheth; feasgar da’ bha thu ~ a dh’obair; ga dhèanamh ~ gus an coisich iad a-staigh; spliotadh e cho ~ ri -- ghlaine | rèiteach | n. ‘engagement party’: tha cuimhne a’m air an ~; oidhche anrèitich | reusan | n. ‘reason’: dhèanainn ràimh nam biodh fìor ~ air | ri | prep. ‘to; at;: bhiodh esan ~ uinneagan, dhèanadh e uinneag; cha bhiodh fhios agam-as fo Dhia na Glòrach dè an dòigh a rachainn ris; tha sin ri dhèanamh aige fhathast | riamh | adv. [rĩɑ̃] ‘ever’: tha chuile baile ~ an seo ag obair | rifeid | n. ‘rivet’: an uair ud ’s e -- ~ean ’s bha duine ann an sin ’s e gan dèanamh dearg | ro | prep.: ‘before’: 1sg. ruith mise romham [rɔ-əm] | ruith | vb. ‘run’: ~ i air [rinn feum de] triùir no cheathrair dhiubh anoidhche sin; ~ mise [r̜ui̯ miʃə] romham | sàbh | n. ‘saw’: mìn sàibh [min ˈsa:iv] ‘sawdust’ | sàile | n. ‘tide; sea’: eòin an t-~ | samhach | n. ‘handle’: cha b’ urrainn dhut ~ tuagh a dhèanamh dheth | saoghal | n. ‘world’: bha uair ga robh (an) ~ theireadh iad; cha bhiodh iad ’ dol an an aghaidh a chèile dòigh air an t-~; cha tugadh sin mionaid an t-saoghail dhomhsa | saorsaineach’ | n. ’woodwork’: tha sinn a’ ~ còmhla; tha mi aig ~ suas ri -- fifty-three years; ’s e ceird a th’ anns an t-~ | saor | n. ‘carpenter’: chan eil mi nam sh. bhàtaichean | seachad | [ʃɛxət] adv. ‘past’: gen.: a’ cur ~ na sìm; chui[r] mi ~ e ‘gave up’ | seachdamh | ord. num. ‘seventh’: nuair a bha mi anns an t-~ leabhar | seagh | n. ‘sense’: chan eil fhios agham, cha robh mise ’ toirt mòran do sh dha | seanachas | n. ‘conversation’: cha robh math dhut dad do sh. a dhèanamh a-muigh | seilig | n. ‘snail’: ~ [elicited] | seubhar | n. ‘share’: leis an teas -- fhuair mise mi fhìn mo sh. dheth | sglèat | n. ‘slate’: bha e cho beag gum biodh dìreach ~ ann | sguir | vb. ‘stop; give up’: PAST.: sin is coireach gu na ~ mise a ghabhail òran, VBL. N.: sin bu choireach mi sguir | siathamh | ord. num. ‘sixth’: agus sin agad (an] ~ agus deich air fhichead caora | sìm | ‘time’: gen.: a’ cur seachad na ~ [nə ʃi:m]; dat.: bheil biadh gu leòr agaibh air an ~ seo dha na feudalaich? | simleir | n. ‘chimney’: toit an t-~ [əɲ ʧhɪmlær´]; | sinn-seanair | [hĩ:] n. ‘great-grandfather’: bha mo sh. aig iasgach | smùid | n. ‘smoke’ [smu:t´]: bha e làn ~ | snàithlein | n. ‘thread’: bha sin [aon òran] a’ falbh leis an t-~ | snàthad | n. ‘needle’: chuireadh iad ~ ‘injection’ ionnad | socair | n. ‘ease’: air mo sh. | socrach | adj. ‘easy’: tha e ~ ciùin, gun duine mun cuairt | spàl | n. ‘shuttle’ | spìon | vb. ‘pull’: VBL. N.: do ~adh a-staigh dhan osbadal | spionnadh | n. ‘vigour’: gun cuireadh Dia ~ nad làimh; gun cuireadh Dia tuilleadh ~ nad làimh | spliot | vb. ‘split’: COND.: ~adh e cho rèidh ri -- glaine | spruis | n. ‘spruce’: ~ ghlas [sprɤʃ ɣʁ̫ɑs] ‘mountainfir’; ~ dhearg; ~ dhubh; beagan do dh’fhiodh na ~eadh | sradag | n. ‘spark’: nan gabhainn ~ dhan fheirg | stiall | n. ‘piece’: thug e ~ dhìom, ~ an sin | stiallaire | n. ‘hard worker’: ’s e ~ do dhuine a th’ ann an Seumas | strì | n. ‘trouble; effort’: cha robh ~ air a dhèanamh; cha robh ~ agad angnothach a leanai[n]t an uair sin; chan eil ~ ann … do’l [nuair] a gheibh thu suas ris | stump | n. ‘stump’: chunna mise beithe ’ seo, a-mach air trì troighean air an ~aidh | suaineach[d] | n. ‘sleepiness’: : nuair a thill e feasgar agus ~ coimiseach math air | suas | adv. ‘up’: bha uair ga robh ~ cha ruigeadh tu leas; chan eil strì ann … do’l [nuair] a gheibh thu ~ ris | tacan | n. ‘period of time’: ach an-diugh feumaidh tu ~ beag a thoirt a’ meabhrachadh | taghte | adj. ‘excellent’: bha e na àite ~ do ghille òg | tàl | n. ‘adze’ | tàille, air | ~ conj. ‘because’: chaill esanna h-eich air ~ -- rud a bha iad ag ithe | tàir | n. ‘trouble; hardship’: chuala mi gun d’fhuair thu ~ dheneaslàinte | tarann | n. ‘nail’:dh’fheumadh a’ ghobhainn an ~ a dhèanamh; bha tàirnean bhàtaichean (‘boat nails’) aca | tarraing | vb. ‘draw’: VBL. N.: bha i ’ ~ na meirg’ a-staigh anns an fhiodh | teachd-an-tìr | n. ‘living expenses’: dh’fheumadh rudeigin a bhith ag obair airson ~ a fhaighinn; bha iad a’ pàigheadh mo th. | teangaire | n. [ʧhɛŋgæri] ‘spokesman’: bha an duine òg a’ dol a dh’ionnsaidh an taighe ’s e ’ toirt leis an ~ còmhla ris; bha an ~ ag iarraidh na h-ighneadh | teann | [ʧhɛ͜un] adj. ‘close’: ma thig agad air a dhèanamh cho math ’s as urrainndhut, cho ~ air ’s as urrainn dhut; ~ air a chliathaich | thairis | prep. ‘over’: chaidh iad ~ an cuan/~ air an achadh | thèid | vb. ‘go’:9.0pt'>COND.: latha air na mhàireach rachadh an aidheach’ a sgrìobhadh; IPV: all right, thèid air an òran a dh’ionnsaich mi dhut an-raoir! | thig | vb. ‘come’: FUT.: cha tig sian riut ‘happen’ … ach tha thu ’ tòiseach’ air obair glè òg; PAST: no’ [nuair] ’thàinig an gnothach thugam‘I learned it’, bha e agam; COND.: gus an tigeadh agad ‘you could’ air an cota-mòr a thoirt dhìot; VBL. N.: tha deathach ’ tighinn [t´i-aɲ] às | thro | prep. ‘through’: bha iad a’ pàigheadh thro ’ bhith beò | toinneamh | n. ‘twist’: barrachd do th. dha [don chlò] | toirceil | n. ‘cone’: pl. ~ean na spruis, ~ean a’ ghiuthais | tòisich | vb. ‘begin’: COND. :thòis’eadh orra sin … thòis’eadh e aire seo; VBL.N.: gu bheil e glè dhuilich dhomhsa tòiseach’ air innse | toit 1 | n. ‘smoke; steam’: ~ an t-simleir; cha tig ~ innte; sluasaid thoiteadh [sʁ̫u͜əsæd´ hɔht´əɣ] ‘steamshovel’ | toit 2 | vb. ‘smoke’: VBL. N.: ~adh [thɔht´əɣ]: tha mi ~ | tolladh | vbl. n. ‘drill’ bha dith [=?]-thollaidh aca, ris an canadh iad dith [=?]-thollaidh. Chuireadh e toll sìos ann am mionaid | tomhais | vb. thomhaiseadh iad an toiseach e mar siud | tomhas | n. ‘amount’: gu bith gu dè bha iad a’ dèanamh san t-seanndùthaich, bha iad a’ dèanamh an ~ ceudna ’ seo | tora | n. ‘drill’: bhathas a’ cur toll innte ann an sin sìos le ~ òirleach | treas | ord. num. ‘third’: fhuair mi an ~ àireamh dheth | treis | n. ‘period of time’: a fhàgàil an sin ~ | trì | card. num. ‘three’: ma dh’fhaodte gun cuimhnichinn air trì cheathrannan dheth | trioblaid | n. ‘trouble’: cha dèan iad ach d’fhaighinn ann an ~ | triùsar | n. ‘trousers’: ’s e an clò sin a dhèanadh an ~ ’s an deacaid dhut | tuba | n. ‘tub’: ann an ~ mhòr do dh’uisge blàth | tula | n. ‘pulley(?)’: an fheadhain a bhiodh a’ dèanamh ~ichean ’s a’ dèanamh ailleir | uair | n. ‘time; occasion’: bha ~ ga robh suas cha ruigeadh tu leas | uamhas | n. ‘huge quantity’: dh’fheumadh tu ~ a thogail an-diugh | uamhasach | : adj. ‘tremendous’: bha i [a chuimhne] ~ | ubh | [uɣ] n. ‘egg’ | uchd | n. ‘bosom’ tha ~ cloinneadh aige na ~ [nə uxg] | uileadh | adv. ‘all’: bha sin aig an t-seann fheadhain ~; do’l [nuair] ’bha ’nt-òran ac’ ~; na h-aon fhaclan aca ~ an uair sin | uimhir | n. ‘number’: dh’fhaodamaid ann an Canada ~ eile ’ bhith againn ann an seo ’s a tha againn | ùine | n. ‘time’: chan eil ~ aig duine air dad sam bith eile a dhèanamh; chaneil ~ agad air; ach nuair a bhiodh a -- ceithir ’s a còig ’s a sia do ghilleana-staigh anns an aon taigh … bha ~ gu leòr airson a chuile sian a dhèanamh an uair sin | ùr- | n. ‘newly’: chan eil thusa ach air ~-thighinn | urad | n. [n urut] ‘quantity’: bha a cheithir ~ do dh’obair air; cha robh ’n ~ bhàird an seo, co-dhiù; na chlòimheagan mòra ~ do d’ cheap; tha mi ’ creidsinn gur sin mu ~ ’s a thig agamsa air a thoirt dhut | urra | n. ‘person’: na h-~chan mòra a tha ’ ruith na dùthchadh; ‘child’: tha ~ cloinneadh aige na uchd n’ achlais; feumaidh tu Gàidhlig a bhruidhinn ris an [ən urə] | ùsaidich | vb. ‘use’: bha thu ag ùsaideachadh [g´ usiʧəxəɣ] |
© DASG