Word List
- Informant(s)
- Name
- John Ranny MacKeegan
- Age
- c.80yrs
- Location
- Canada, Cape Breton, Mira Co., Marion Bridge
- Date
- 1983
- Notes
- Source: Recording CB06-83-05 of Seosamh Watson collection recorded June-Sept. 1983
acmhainn | n. ‘equipment’: harness eich … canaidh àsan [muinntir Uibhist Chinn a Tuath] ~ | aimhreit | n. ‘discord’: cha robh uimhir ~ anns an t-saoghal ’s a tha ann an-diugh | air son | prep. ‘for’: ’ toir’ taing ~ cho math ’s a fhuair iad air n-adhart; bha iad glè mhath ~ a chèile a chuideachadh; ach bha -- ai’son airgead a fhaighinn sa gheamhradh cha robh e furasta; ach cha robh iad nan tàmh air a shon sin ‘despite that’ | àireamh | n. ‘number’: bho chionn ~ mhòr bhliadhnaichean | àiridh, gu h-~ | adv. ‘especially’: gu h-~ an fheadhain a thàinig às an t-seann dùthaich | àite | n. ‘place; farm’: tha pìos math ~ againn … pìos math fearainn | aithne | n. ‘acquaintance; knowledge’: chan ~ dhomhsa gu robh | bàta-seòlaidh | n. ‘sailing ship’: agus thòisich iad fhèin air togail nam bàtaichean-seòlaidh [pɑ:tiçən] | beannachd | n. ‘~ Dhè leat!’ [duine] a’ fàgail | beò-shlan | n. ‘livelihood’: nuair a fhuair iad beathaichean … dh’fheumadh iad ’son am ~ a dhèanamh, ’son a bhith beò | bheir | vb. ‘take’ VBL. N. feir: caoraich a’son a’ chlòimh a ~ [fɤr] dhiubh; chaidh e a thoir’ [fɤr´] dhaibh le fear dha na daoine mòra; COND. PASSV.: nuair a bheirte ~ [fɤr] nan caorach i | biùirne | (piùirn) n. ‘reel’ air a spàl ’s air a bh. | bloc | n. ‘block’: bha iad air an gearraidh nam ~aichean | brith, gu ~ | indef. ptcle ‘whatever’: flùr no ~ gu dè a bh’ ann | buaidh | n. ‘conquest’: fhuair Sasainn ~ air an fhearann ’s air Nova Scotia | bùidseir | n. ‘butcher’: crodh ’son an creic ris na ~ean ’son feòil | buileach | adv. ‘completely’: dh’fhàg mi a’ farm … ach cha do dh’fhàg mi ~ e | call | n. ‘loss’: duine sam bith air an tigeadh ~ mòr | Callainn | n. ‘New Year’: GIN.: Oidhche na ~ ’s ann faisg air Nollaig a bha i | can | vb. ‘say’ VBL. N. ~tail: cha chuala mi iad ’ ~ acmhainn ’-riamh | cànail | (cànain) n. ‘language’: tha mi ’creidsinn gun atharraich a chuile ~ ri ùine | cànan | n. ‘language’: tha a’ chànan [xɑ:nən] air atharrachadh uimhir sin | cas | n. ‘foot’: ach aon uair bhiodh iad ’ dol ann le ’n cois -- ’son ~, greim lòthan; lòthainn that’s greim lòthainne | ceann, an | prep. ‘along with’: am fear aig a bheil fortan tha ’ chrois aige ’na ch. | ceart- | adj. ‘same’: chuala mise ’ cheart uimhir ùrnaigh ann an Gàidhlig ’s a chuala mi ann am Beurla | ceird | ‘craft’: GEN.: uidheam airson a chuile chiùird | chon | prep. ‘to, till’: chùm iad … greim air a’ Ghàidhlig ~ an latha an-diugh | cìor | vb. ‘comb’: VBL. N.: ~adh: ’s bha i air a ~ | clach-bhleith | n. ‘grindstone’: ~, clach a’ bhleith a chanadh iad an seo | còir | n. ‘right’: ghabh na Sasannaich an long, ghabh iad ~ air a seo, bha ~ aca cuideachd | comasach | adj. ‘capable’: bha iad ~ air … an obair a dhèanamh iad fhèin | comhar, an ~ | prep. ‘to, towards’: gun tighinn an ~ an àite | cosg | vb. ‘cost; spend’ vbl. n. ~: bha e ’ ~ cus; an àm an t-samhraidh cha b’ urrainn do dhuine sam bith sin a ch. | còtan | n. ‘cotton’: bhiodh aca aig an àm sin ri ~ a fhaighinn cuideachd ’s bha ’n ~ air am fighe a-miosg a chèile | crannachan | n. ‘churn’: loinid a’ chinn chuachaich ’ cur mun cuairt a’ mheidhg [vĩŋg´] (from local song) | crann-treabhaidh | n. ‘plough-share’ | creid | vb. ‘believe’ VBL. N. ~s: bidh gu bràth, tha mi ’ ~ | crois | n. ‘cross’: am fear aig a bheil fortan tha ’ ch. aige ’na cheann | cruinnich | vb. ‘gather’ VBL N. cruinneachadh: bhiodh iad a’ ~ còmhla | cruinnich | vb. ‘gather’ VBL. N.: ~nneachadh: bha i an uair sin air a ~ ’s air a cur an pòcannan | cuidich | vb. ‘help’ VBL. N.: cuideachadh: cha b’ urra dhomh ’ ch. gun an ionnsachadh | cuimhne | n. ‘recollection’: chan eil gin do rhymes agam air ch.; tha òrain agam air ch. | cuir | vb. ‘put’ VBL N.: ~: gan ~ air soithichean, air bàtaichean … gan ~ air falbh | cunntas | n. ‘account’: a rèir ~ air | cur | n. ‘weft’: ris a sin a chanadh iad an ~ ’s an dlùth | curachd | n. ‘cultivation’: a’ choille mhòr a leagail agus ~ a dhèanamh | cus | n. ‘surfeit’: chan eil dùil a’m ~ obrach a dhèanamh às a dheoghaidh seo; ach bhiodh | dala | adj. ‘second (one of two)’: ma bha thu làidir gu leòr chuireadh tu ’ ~ fear air muin ’n fhear eile, ’s dh’fhalbhadh tu leis na dhà | dè mar | interrog. ‘how?’: ~ a tha si-pèin? | dèan | vb. ‘do’ VBL. N. ~amh: a-nis, chan eil mi ’ ~ ’-mach ‘understand’ | deas, a ~ | adv. ‘south’: a’ chuid a ~ de Nova Scotia | deireadh-bhuana | n. ‘harvest thanksgiving service’: rud ris an canadh iad ~; bhiodh an ~ air a cumail mar a bha -- è ‘celebration’, ’ toir’ taing don Nì Math | dhà | num. pron. ‘two (persons, things)’: chuireadh tu fear air muin ’n fhear eile, ’s dh’fhalbhadh tu leis na ~ | do | prep. ‘to’ REL.: sin an eaglais dha robh sinn a’ dol | eallach | n. ‘burden, load’: sin agad ~ an duine leisg’ [lɛskh] | far 1 | prep. ‘off’: nuair a bheirte ~ [fɤr] nan caorach i; nuair a thàinig i ~ [fɛr] nan caorach | far 2 | vbl. ptcle. ‘where’: pàirt ~ [vɛr] am biodh e; shuas ~ [fɛr] a robh a’ chuid bu mhotha dha na Acadians | fearm | n. ‘farm’: a’son a’ ~ [fɛrəm] | fireannach | n. ‘man; male’: bhiodh iad a’ dèanamh còtaichean fh.; cha robh na fireannaich [içə]; cha do chleachd iad figheadaireachd; cha chuala mise duine a thàinig a-nall ’-riamh, fireannaich a’ fighe | fortan | n. ‘cross’: am fear aig a bheil ~ tha ’ chrois aige ’na cheann | frotha | [=?] n. gìor … ris an canadh iad ~ [sounds like Eng. ‘fro’] | fuarag | n. ‘traditional dessert’: min chorca agus uachdar | garrdha | n. ‘plot’: tha ~ beag agam; PL. bha ~n [kɑrè-ən]; obair mhòr, ~n | gear | n. bha ~ aca airson a spliotaidh; tuagh no ~ mar seo, cha robh eòlas aca air | gheibh | vb. ‘get’ COND. PASSV. cha robh àiteachan ann anns am faighte a cheannach; PAST: cha deachaigh cur às daibh ach cha d’fhuair iad leoth’ mar a bha dùil aca | glac | vb ‘lock’: VBL N.: ~adh: gu robh iad gan glasadh anns na h-eaglaisean beaga … agus gan ~. | glas | vb ‘lock’: VBL N.: ~adh: gu robh iad gan ~ anns na h-eaglaisean beaga … agus gan glacadh | gnothach | n. ‘business; treatment’: rinn na Sasannaich an ~ cho dona dhaibh | greim lòthainn | n. ‘lumbago’: bha e gu math | innleachd | n. tha cuimhne a’m nuair a thàinig a ~ an ùra(?) | iomadach | adj. ‘numerous’: thàinig ~ tàilleir a-nall an seo | is | cop. vb.: pres. indir. rel..: gun: tha mi ’ smaoineach’ ~ e ‘acmhainn’ ’ tha ceart | le | prep. ‘by’: chaidh e a thoir’ dhaibh le fear dha na daoine mòra | le | prep. ‘with’ 2pl. leibh: nuair a bhiodh tu … ’ fàgail an taighe: ‘Latha math ~, oidhche mhath ~ ‘s beannachd ~!’ | leig | vb. ‘let’ VBL. N. ~eil: bha sin air a ~ seachad | leigheas | n. ‘healing’: tobar-~ shuas anns a’ Phon’ Mhòr | loinid | n. ‘churn-dash’: ~ a’ chinn chuachaich ’ cur mun cuairt a’ mheidhg [vĩŋg´] (line from local song) | math | adj. ‘good’ SUPLTV.:fheàrr: bha iad a’ fuireach anns a’ choillidh, mar s b’ ~ a b’ urra dhaibh | meadhg | n. ‘whey’: loinid a’ chinn chuachaich ’ cur mun cuairt a’ mheidhg [vĩŋg´] (from local song) | muileann | n. ‘mill’: cha robh muileann ann aig an àm; PL.: bha muiltean ann, muiltean bleith; agus bha muiltean a bha iad fhèin a’ dèanamh aig an dachaigh; muiltean uisge agus mun do thòisich a’ mhuileann uisge fhèin | muinntir | n. ‘people’: cha chuala mi aig aig ~ m’ aois fhèin ’-riamh e. | mun | vbl. ptcle. ‘before’: bha iad air a bhith ’ seo … ceud bliadhna ~ tàinig na Gàidheil | mun N | vbl. ptcle. ‘before’: mar a bha i mun do dh’fhalbh iad | Nì Math, an | n. ‘God’: ’ toir’ taing don ~ | òrgain | n. ‘organ’: tha cuimhne a’m nuair a thàinig a’ cheud ~ dhan eaglais | rèir, a ~ | prep. ‘according to’: a ~ ’s mar a bhithinn a’ cluinnteil | rolag | n. bha i ri ~an air a dhèanamh oirre, mar gum biodh i air a rolladh | ruith | vb. ‘run’ VBL. N. ~ muilinn-shàbhaidh air a ~ le uisge; bhiodh muileann-bleith aige cuideachd, ’s bhiodh muileann-chàrdaidh aige | rùsg | vb. ‘shear’ COND. PASSV.: nuair a rùisgte na caoraich | sàbh | n. ‘saw’: bha an log air a cur air a ceann suas ri seo agus bha ~ aca air a son sin a dhèanamh; dithis aig gach ceann don t-~ agus sin mar a bha iad a’ sàbhadh | sàbh | vb. ‘saw’: VBL. N. ~adh sin mar a bha iad a’ ~ nam bùird | seacla | n.: bha cumadh air mar gum biodh crudhs eich agus fiaclan ann, cha robh e ’na chnapan idir ach bha i ’ dol cothrom air n-ais ’s air n-adhart air an t-~, bha ’n ~ ’ dol mun cuairt | sean bhean | n. ‘old woman’: ma bha -- an t-~ anns an taigh … dhèanadh ise -- a’ chuid -- bu mhotha dheth | sgaoil | vb. ‘spread’ VBL. N.: ~eadh: bha a’ chlòimh air a nighe ’s air a ~ a-mach | sgeitsesàbhaidh | n.: sàbh ris an canadh iad ~. | sgunnair | n. ‘scooner’, pl.:bha ~ean a’ tighinn an seo an uair sin ’s ~ean a’ dol air feadh an t-saoghail uile | sgur | vb. ‘stop’: cha do ~ i, tha Gàidhlig air a bruidhinn fhathast | slàn | adj. ‘hail, healthy’: ‘~ dhut! tha mi ’n dòchas gum bi thu ~, fallain’, no nuair a tha duine a’ fàgail; feadhain aca fhèin tàire mhòr a’ togail an teaghlaich, feadhain nach robh ~ cha robh chuile duine cho ~ | spàl | n.: ‘weaver’s shuttle’: air a ~ ’s air a bhiùirne | suas | adv. ‘surviving’: fhuair mi pension … ’s ann air a sin ’ tha sinn ~ an-dràsta | tàilleireachd | n. ‘tailoring’: tàilleir … ’ dh’ionnsaich an ~ anns an t-seann dùthaich | tàire | n. ‘hardship’: fhuair iad ~ mhòr a ionnsachadh | tàmh | n. ‘quiet’: ach cha robh iad nan ~ air a shon sin | taobh, a th. | prep. ‘on account of’: bha iad a’ faighinn beagan airgid a th. seo teaghlaichean cho mhòr agus cha bhiodh ~ air fhàgail | teòmbar | (seòmbar) n. ‘room’: nuair a dh’fhàg e ’n ~ | thèid | vb. ‘go’: COND.: reaghainn mun cuairt am Pictou | thig | vb. ~ aig ‘can’: ~ aca bruidhinn ris a’ Franngach | tiorblaid | (trioblaid) ‘trouble’: sian a beireadh ~ mhòr dha | tog | vb. ‘raise; build’: VBL N.: ~ail: a’ ~ ùbhlan ‘s a’ ~ -- measan dhan [ɣən] t-seòrsa sin; thòisich iad fhèin air togail | tuagh | n. ‘axe’: ~, ~annan do gach seòrsa, ~annan leathann mar a chanamaid airson a bhith ’ squareadh; ‘s ann leis an ~ leathann a dh’fheumte sin a dhèanamh | tuaiream, mu th. | adv. ‘about’: sin mu th. ‘s na thèid agam air innse | Tuathach | n. ‘N. Uist native’: na Tuathaich, muinntir Uibhist Chinn a Tuath | tuathanachas | n. ‘farming’: ‘s ann ri ~ a bha sinn | uidheam | n. ‘equipment’: ~ shaoirsneach’, ~ ghoibhneach’, ‘s ~ chlachaireach’ | uimhir | n. ‘number’: chan eil mi ‘ dol a innse dè ~ e; cha robh ~ aimhreit anns an t-saoghal ‘s a tha ann an-diugh; tha a’ chànan air atharrachadh uimhir sin; chuala mise ‘ cheart ~ ùrnaigh ann an Gàidhlig ‘s a chuala mi ann am Beurla | urra | adj. ‘able’ : bha iad a’ fuireach anns a’ choillidh, mar s b’ fheàrr a b’ ~ dhaibh; cha b’ urra dhomh ‘ chuideachadh gun an ionnsachadh |
© DASG