| (Faclan á Camaschros an sgìre Shléite san Eilean Sgitheanach.) |
| 1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain |
| poll-mòna | peat-bog. |
| [drèanachan] | A’ deanamh dhrèanachan (no claisean) a chum an uisge a thoirt air falbh far a robh feum air sin. |
| [claisean] | [See drèanachan] |
| [breacadh] | A’ breacadh uachdar a’ phuill – ga ghearradh le spaid, a’ deanamh earrannan a bhitheadh soirbh an togail. |
| caibe-lair | airson rusgadh a’ phuill.
|
| ceaba-lair | [See caibe-lair] |
| rùsgadh na mona | |
| [feannadh] | [See rùsgadh] Theireadh Hearach a bha comhla rium am Portrigh “feannadh” na mòna. |
| riasg | an talamh righinn a dh’fheumar a thogail. |
| ceap | na pìosan a rachadh a thogail agus cuid dhiubh air an cur a feum an déidh laimhe a chomhdach nan cruachan. |
| ploc, pl. pluic | [See ceap] |
| 2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc. |
| iarran-mòna |
|
| tairisgeir | [See iarann-mòna] |
| tairisgian | [See iarann-mòna] |
| fear a’ buain | |
| fear (no té) anns a’ bhac | a’ breith air na fàdan (nam fòd) agus gan sgaoileadh gu h-àrd (leis a’ chiad fhàd) agus gu h-ìseal (leis an dara no ’n treas fàd). Chan fhaca mise tric barrachd air dà fhàd de dhoimhneachd. |
| moine mhosgannach | mòine aotrom dhonn. |
| 3. A’ tiormachadh na mònach |
| a’ togail na mòna | gan cur trì is trì, aon air fhad is a dha eile an taic ris air an cinn.
|
| a’ tionndadh na mona | a’ tionndadh an taoibh fhliuich an àird is a’ cur tuilleadh ri cheile. |
| rùdhan | tòrr beag mòna (cruach bheag). |
| 4. A’ cruachadh na mònach |
| cridhe na cruaiche |
|
| a’ grìomhadh (gnìomhadh?) na cruaiche | a’ cur nam fàdan air a leud ris an talamh is a’ togail sreath os cionn sreath mar chlachan ann am balla. |
| caoran | pios beag fòid. |
| gulm (guilm?) | dusd na mòna. |
| 5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc. |
| a’ tarraing na mòna | |
| cliabh | |
| iris | ròp an ceangal ris a’ chliabh aig na tabhaisdean [q.v.].
|
| tabhaisdean (taobh-aisnean) |
|
| muladh air a chliabh | [?] a’ mhòine a’ ruigheachd bàrr a’ chléibh. |
| barradh air a’ chliabh | na fòid mu dheireadh air an cur air an oir is a’ ruigheachd os cionn a’ chléibh, a’ toirt cothroim air barrachd a ghiùlan. |
| brìg | aig an taigh a’ cur na mona an tòrr sgiobalta. |
| 6. Seòrsachan mònach |
| mòine bhuidhe | |
| mòine dhubh | |
| mòine righinn | |
| mòine phrann | |
| 7. Faclan eile |