Taigh Gàidhealach / House and Furnishings

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Age
56 10 [sic – probably 10/12 meant]
Origin
Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Location
Glaschu [Glasgow]
Date
[1972 on the slips]
Notes
  • [NOTES: the informant uses E and I to mark the gender of the nouns, masculine and feminine respectively.]
1. An stéidh is am balla
[note][NOTES: the following appears on an additional slip of paper stapled between 5. and 7. It may be a part of the missing page.] Bha tiuighead mhór anns na ballachan aig 1. 2. 3. Grunn mór, mór throighean. Bhiodh fosgalan aig dorus feadhainn de na seann thighean airson fasgaidh agus airson ruma. Cha chreid mi nach ann anns an fhosgalan a bhiodh a’ bhrà aca air an taobh siar ’s an eilean. Aig feadhainn dhiubh có dhiù.
2. Am mullach ’s an tughadh
connlach (I)
muran (E)
luachair (I)
fraoch (E)
[tughadh]B’e seo [i.e. connlach, muran, luachair, fraoch] an tughadh.
ceann (E)Ceann an tighe, b’e sin am fiodh. “Chuir iad an ceann air an tigh.”
[‘taigh’]A’ ruith air na h-ainmeannan a th’aig Dwelly fo’n cheann ‘taigh’ (t-d 923 Names of Parts of a “Black” House):
1. Ceangal, Cas-cheangailCha robh againn idir.
2. Am bun-cheangalCha robh. No a’ chrùp. Bun-baca, bha e againn.
3. Cliathan (pl.)’S ann a bha iad againne an àirde.
4. CabairChanadh sinn ‘cabair ri cabair’ an cumantas mu cheann an tighe.
5. Spàrr, Spàrra-ghaoitheAon spàrr a bhiodh againne. Ach tha an dà ainm beò air na bilean fhathast.
6. An gath-dromaa bh’ againne.
7. Corra-thulachainnBha e againn.
8. Cabair-oisinnBhà.
9. Maide-eòin, maide-feannaigBha na dhà againne. Ach ’se ‘maide-feannaig’ bu trice a chanadh sinn.
10. Similear-crochaidhCha robh e againn idir.
11. Luidhear’S e ‘a’ bheant’ a chanadh sinne.
AcairBha e againn.
AnnainnCha robh. ‘Bàrr-a’-bhalla’ a chanadh sinne.
Bàircean[sic] Cha robh.
Balla-tarsuinnBhà.
Bonnacha-bacCha robh. ‘Bun-bac’ a bh’againne airson a stigh ri bonn nan ceangal air bàrr a’ bhalla. Cailleach à Beàrnaraidh (Leòdhais) – bha ‘bun-bac’ aice airson ‘bun-sgòth’.
Buabhall‘Bualla’ a chanas sinne. ‘Stàla’, an eich, a chanas sinn.
BunntairCha robh.
Cabar-dromaSmait gu’n canaist e uaireannan airson ‘gath-droma’.
Cabar-fraigheCha robh.
CalpaCha robh.
Casan-ceangailBhà.
Cas an teannachaidhCha robh.
CeàrnCha robh.
ClàidheanBhà. Air a fhuaimhneachadh [sic] ‘clàimhean’ mar làimh + ean ann am ‘bean’ [?]: làimhean, clàimhean.
SneicBha ‘sneic’ (‘snaic’ a chanas sinne – fuaimnich mar ‘faic’) againn.
Deasp
Clèithean-buinnCha robh.
Clèithean-mullaichCha robh.
CotanCha robh. Ach tha e againn an ainm àite.
Crann-thairgneanCha robh. Ach an cas-chrom.
CuailleCha robh.
CùilCha robh.
CùlaisdCha robh. Ach ann an cuid de dh’àiteachan ’s an eilean canaidh iad ‘cùlaisd’ airson ‘uachdar-an-tighe’ againne.
DraghCha robh.
DromanaichCha robh.
DronnCha robh.
Druim an tigheBhà.
DuibheidCha robh.
Eadar-dha-bhìth[sic] Bhà.
FaradhCha robh.
Fòid-buinnCha robh.
Fòid-fàilCha robh.
FraighCha robh.
FrioghanCha robh.
Gath-dromaBhà.
GlutranadhBhà.
LathusCha robh.
Maide-aideCha robh.
Maide-slabhruidhBha.
Màs an tigheBhà.
Mathair-shìomainBhà.
SgolbCha robh.
SgonnCha robh.
SgrathanBhà.
Sìoman-fraoichBhà.
Spàrr-ealaigCha robh.
Spàrr-gaoitheBhà. “An àirde chun na spàrra-ghaoithe.”
SpirisBhà.
StaghCha robh.
StallBhà. “Air an lic-stall”. B’e seo air an lic a bhiodh aig bonn an doruis-a-muigh.
TalanBhà.
TràighCha robh.
TughadhBhà. ‘Bunan-dubha’ againn mar aig M.McL.
3. Dorsan is uinneagan
dorus an tigh’ mhóir
dorus an talain
dorus uachdar an tighe
dorus na clòsaid(Far am bitheadh clòsaid.)
dorus a’ chruidh
dorus an t-sabhail(Far am biodh tigh agus sabhal ri chèile.)
4. An broinn an taighe: na sèamraichean
Na seòmraichean:
1. Uachdar an tighe
2. Aig an teine
3. Air feadh an tighe (far am biodh na h-ainmhidhean)
clòsaid (I)(Far am biodh clòsaid.)
[Tigh Bhurns]Tigh Bhurns an Alloway (Allamhaigh):
5. An t-àite-teine
an teinntean (E)
leac an teinntean
a’ chagailte (I)
[similear (E)]Nuair a chaidh an teine a thoirt air falbh bho mheadhon an làir b’e seo an seòrsa àite-teine a thòisicheadh a’ deanamh. As déidh seo thòisicheadh a’ deanamh similear le sgeilpe.
hobail (E agus I mar a fhreagradh)Tha mi deanamh a mach gur h-ann airson cho coltach ’s a bha an seorsa similear-sa ri sgiortaichean nam boirionnach a chaidh an t-ainm ‘hobail’ a thogail. Agus lean e ris.
sgiorta (hobble) (I)
6. Airneis an taighe
Aig an teine
stùil(Beag agus mór.)
stòl (E)
being (I)
ciste-chaol (being)Bha i mar an seo shìos. Bha bonn innte agus bòrd-uachdair oirre. Bha i math airson rudan a ghleidheadh. “C’àit am bheil an lìon a bha siod?” “Tha e anns a’ chiste-chaoil.”
séis (I)Bha i faisg air an aon seòrsa ris an tè eile [i.e. being?] ach gun bonn idir innte. Casan a bh’oirre. Bha i math airson rudan a ghleidheadh a stigh fòidhe agus airson àite do an chù. Chanadh sinn ‘beinge’ ri na dhà. ‘Séis’ agus ‘ciste-chaol’.
dreasair (E)
ciste-mhine (I)
séidhear (E)Airson séidhear faodaidh sibh smaoineachadh air séidhear cumanta, séidhear sìomain, agus séidhear bean an tighe. Séidhear-gàirdeanach, ’s ann a bhiodh e aig daoine a bha ’na b’ fheàrr air an dòigh ’s mar sin. An sìoman a bhiodh air séidhear sìomain b’e sìoman gathan–gainnisg no sìoman de phunnd-bàn. Agus mar sin.
An uachdar an tighe
leabaidh (I)Box-bed.
leabaidh-phostach (I)Leabaidh fhosgailte.
preas (E)
ciste (I)Airson ciste faic ‘seotal’. Cha bhiodh seotal anns a h-uile ciste idir. Ach a’ chiste a b’fheàrr a bhiodh a stigh bhiodh seotal innte. Bha port aig fear uaireigin anns an àite, agus bha aige: “Ciompull de na notaichean an seotal na cist’-aodaich.”
ciste-dhràthraichean (I)(Ma dh’fhaoidte.)
driunga (no drunga) (I)Bhiodh i aotrom. Bhiodh i mar ciste chumanta, no le mullach cruinn oirre. ’S mar sin. Drunga, is ann aig feadhainn a bhiodh a’ siubhal a bhiodh i mar clann-nighean a bhiodh a’ dol air mhuinntireas, ’s clann-nighean an sgadain, ’s feadhainn mar sin.
sgàthan (E)
7. Sobhal, bàthach, no bothanan sam bith eile
sobhal (E)
toll-fasgnaidh (E)Toll ris an làr anns a’ bhalla ann an taobh an t-sobhail airson a’ ghaoth a leigeil a steach airson am bodach am fasgnadh a dheanamh a stigh. Bhiodh e mu 2½ troigh air àirde. Mar dorus beag ach gun còmhla idir ris. Bhiodh e dùinte ach nuair a bhiodh feum dha.
bàthach (I)
toll-dilidh (E)Toll agus àrd-dhorus air ann am màs na bàthach airson sùghadh sam bith a thigeadh as a’ bhàthaich a leigeil a mach. Bhiodh e anns na tighean far am biodh na h-ainmhidhean cuideachd.
tigh-òisgean (E)
bothag-chearc (I)Deanta le sgrathan. Bhiodh sinn a’ deanamh fosgalan (E) aig dorus bothag nan cearc. Tha e coltach gu’n cumadh seo na fithich agus na starragan gun a dhol a steach do an bhothaig a chur dragh air na cearcan.
àirigh (I)Chan eil ainmeannan àrraid sam bith agam mu àirigh seach tigh sam bith eile, ach: àrlus [q.v.], an ceap [q.v.], crabhcan [q.v.]. Àirigh – mar tigh beag, aon seòmar.
àrlus (E)Faic fàrlus.
an ceap (E)Faic Ceap 9. Dwelly. ’Se suidheachan dèanta de chlachan (mar gàradh) agus sgrath mhór thiugh air muin sin a bh’ann. Agus is è a bhà comhfhurtail! ’Se ‘a’ chailleach’ a chanadh iad ris ann an ceàrnaidhean eile de an eilean.
crabhcan (E)’Se seo a bhiodh againn air a’ bhabht anns a’ bhalla a bhiodh a’ cumail an àirde na slabhruidh bhos cionn an teine.
muileannMar àirigh [q.v.] bheag.

© DASG
^ Return To Top ^