Obair na Clòimhe / Wool-Working

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Age
57 8/12
Origin
Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Location
Glaschu [Glasgow]
Notes
  • [NOTES: the informant uses E and I to mark the gender of the nouns, masculine and feminine respectively.]
1. Raw wool
clòimh (I)Wool. (Againne fuaimnich clòimh mar cluing no cluimh.) (’Se ì a th’innte: “clòimh bheag”, “clòimh fhliuch.”)
rùsg (I)Fleece; wool or fleece when shorn off in May. (’Se ì a th’innte: “rùsg bheag”.) “Caora air a rùsgadh.” “Rusgadh nan caorach.”
marbhannach (I)Wool from a dead sheep. (Fuaimnich mar seo: mara' thannach.)
toban, tobanan (E)Tufts of wool (airson feadhainn bheaga). Airson feadhainn mhóra chan eil cuimhne agam ach tha mi deanamh a mach gu robh ainm ann. (Feuchaibh a’ bhean-phosda Nic Neacail.)
ar-chlòimh (I)(Fuaimnich ar'-chlòimh mar far-chluais.) A’ chlòimh ùr a bhios a’ fàs air na caoraich fo an t-seann chlòimh. “Bha ar-chlòimh mhath air na caoraich am bliadhna.”
2. Oil or grease put on wool before carding
armadh (E)Oil or grease put on wool before carding.
3. Carding
càrdadh (E), a’ cardadh[sic] Carding of wool.
càrd, a’ chàrd (I)The combs used [for carding]. (Cha chuala mi a riamh “na càrdan”.)
guit (I)Chan eil ainm agam [airson ‘baskets or other vessels used to hold the uncombed and combed wool’]. Ach bhiodh ‘guit’ aca airson a leithid seo, ga chur gu feum airson a leithid seo, co dhiù. ‘Guit’ – mar criathar beag ach gun tuill idir ann. Rudeigin mar seo:
peàrd (I)Tuft of wool off the cards in the first carding; the first card in carding; the long roll of wool as it leaves the cards for the spinning wheel. Chan eil ainm sam bith agam ach ‘peàrd’ airson na tha an seo shuas.
4. Spinning
snìomh, a’ snìomhSpinning.
snìomh (E)The process of spinning.
a’ leigeil thuice“Letting go”, the hand being lowered to let the spun thread run on to the reel of the spinning wheel.
sluigeilBha againn ‘sluigeil’. “Chan eil i a’ sluigeil.” “Chan eil i a’ sluigeil ceart.” Mur a biodh am bann-beag ’s mar sin air an cur ’s an t-suidheachadh cheart, cha shluigeadh a’ chuibhle ceart, no cha shluigeadh i idir.
[note]Chan eil nì agam mu an seo [i.e. a long thread and too much slenderness or too much thickness in a portion of thread]. (Feuchaibh Nic Neacail mu an seo.)
5. Parts of the spinning wheel
[note](Mar a tha iad aig Dwelly, agus na h-ainmeannan nach eil againne.)
[Dealbh 245]
1. Teic. (I)(Fuaimnich mar ‘take’ (Beurla).)
2. Maighdeann(an) (I), Gairdeanan.(‘Maighdeannan’ againne.)
3. Iuchair (I) na cìche.(‘Iuchair’ agus ‘iuchair na cuibhle’ againne.)
4. Rolan.(‘Roilean’ (E) againne.)
5. Piorna. (E)(Againn.)
6. Bann-beag. (E)(Againn.)
7. Dealgan.(Chan eil e againn.)
8. Cluas na cuibhle.(‘Cluasag’ (I), ‘cluasagan’ (pl.) againne.)
9. Iuchair. (I)(Againn.)
10. Beart-mheodhain, Beart-mheadhoin (I)(Againn.)
11. Stoc. (E)(Againn.)
12. Com.(Chan eil e againn.)
13. Asnaichean. (pl.) (I)(Againn, sg. ‘asann’.)
14. Iuchair. (I)(Againn.)
Dealbh 246
1. Bann-mór. (E)(Againn.)
2. Réim. (E)(Againn.)
3. Na h-eich. (E)(Againn, sg. ‘each’.)
4. Maide-siubhail. (E)(Againn.)
5. Deil.(Chan eil e againn.)
6. Aiseal an t-seic.(Cha chuala mi a riamh e.)
7. Bann-beag.(Againn.)
8. Roileanan.(Againn.)
9. Teic.(Againn.)
10. Maighdeannan.(Againn.)
11. Sùil na cuibhle. (I)(Chan eil e againn.)
12. Clòimh.(Againn.)
13. Snàth.(Againn.)
14. Beart-mheadhoin.(Againn.)
17. Seòl-coise (E) a th’ againne.(‘Seòl’ air a fhuaimneachadh goirid.)
18. Casan. (I)(Againn, sg. ‘cas’.)
6. Yarn and associated apparatus
snàth (E)Yarn.
ceirsle (I)Ball of yarn. (Faic M’Ghill Fhinnein ‘ceirtle’.) Air a fhuaimneachadh againne ‘ceile’: a’ cheud ‘e’ mar ‘ai’ ann am ‘faireachdainn’ no ‘e’ ann an ‘cell’ (Beurla).
iarna (I)Hank.
roileanReel. Chan aithne dhomh roilean a thaobh nithean de’n t-seòrsa-sa ach roilean mar a tha againn roimhe a thaobh na cuibhle.
iteachan (E)Bobbin.
boban[Bobbin.] Air taobh an ear an eilein agus sìos an Taobh Siar.
piorna (E)Pirn.
dealgan (I) agus (E)Spindle. Mu dhealgan chanadh sinn: “’Se dealgan math tha seo.” “Chan eil i cho math ris an t’éile a bh’agam.”
cuigeal (I)Distaff.
[winding reel]Mur a h-e seo a bhiodh ann: Bhiodh dà thèic aca, agus an uair a bhiodh aon tèice làn, bheireadh iad an tè eile a mach agus chuireadh iad an sàs i. Dheidheadh an tè a bha làn a chur an uair sin ann an clàrag [q.v.] agus dheidheadh tòiseachadh ’ga tachrais.
clàrag (I)Mar seo: a’ coimhead oirre bhos a cionn agus bho a taobh. ’Se seo a bh’againne oirre, ach tha mi deanamh a mach gu’m biodh ‘a’chuibhle-bheag’ aig feadhainn oirre.
cuibhle-bheag (I)[See clàrag]
crois-iarna (I)Device for making hanks of yarn. Bha i mar seo shìos. Deànta de fhiodh. Glé choltach ann an cumadh ri acair eathair.
àireamhRi cuairt de’n t-snàth air a’ chrois-iarna [q.v.] chanadh iad àireamh. Bha lorg aca air na h-uibhir àireamhan airson nan nithean fa-leth. Na h-uibhir àireamhan airson plaide, na h-uibhir àireamhan airson siod ’s na h-uibhir àireamhan airson seo. Bha uair a bha lorg agam air an àireamh cheart airson plaide, ach tha sin air chall orm an diugh. (Feuchaibh Nic Neacail.)
7. Dyeing
dath, a’ dathDyeing.
le prais (prais-dhath) no le boilearThe process of dyeing.
[obair an datha]Chan fhaca mise a riamh móran de obair an datha. Chunna mi na h-uibhir dhe, ach bhithinn a’ cluinntinn bho fheadhainn a thàinig romham.
dath sealastairChanainn gur h-e dath uaine a bhiodh an seo. “Briogais dath sealastair, dath rinn mo mhàthair, ’S cha robh na bheireadh bàrr oirr’ an Leòdhas.” Chan eil fhios agam ann an as an t-seileastar a tha iad a’ toirt an t-sealastair.
curpairChanainn gur h-ann dearg a bha am fear-sa. Chan eil fhios agam de a bhiodh aca. (Fuaimnich air an aon dòigh ri ‘purple’ (Beurla).)
crotalDath crotail. Is ann ruadh, gle ruadh, a bha am fear-sa. Is ann bho chrotal nan clach a bha iad ’ga thabhairt.
guirmeanIs ann gorm a bha am fear-sa. Bho ghuirmean na bùtha.
magentaBho dhath na bùtha, tha mi smaoineachadh.
maighistirLeis a’ ghuirmean [q.v.], bha iad ’ga dheanamh le maighistir agus le na h-uibhir de uisge. Linne guirmean a chanadh iad. “Anns an linne ghuirmein”. Chan eil fhios agam am biodh am maighistir aca ri na dathan eile no nach bitheadh.
prais-dhathPrais mhór, mhór. 21 galan an tè bu mhotha a chunna mi a riamh.
boilearNa bu mhotha na prais sam bith.
[note](Feuchaibh Nic Neacail mu ghnothaichean an datha.)
8. Washing after dyeing
[note]Cha chreid mi gu bheil ni sam bith as fhiach dhomh a chur sìos mu an seo. Ni ùr sam bith có dhiù. (Feuchaibh Nic Neacail.)
9. Warping
deilbh, a’ deilbhWarping.
beart-dhealbh (I)Bha na beartan a chunnaic mise gu math mór. Fìor mhór. Chunna mi feadhainn air an suidheachadh ris a’ bhalla ann an tigh na beart-fhighe agus feadhainn eile fuasgailte air an ceann fhéin. Chan eil ainm sam bith agam airson frèim na beairte ach a’ bheart fhéin. Chan eil agam ach an dà ainm: a’ bheart agus na bacain [q.v.].
bacan (E), na bacain[See beart-dhealbh]
10. Beaming and tying
[note]Tha eagal orm nach dean mi móran air a’ cheann-sa.
a’ cur mu chrannBeaming and tying.
caoibean (E)[The first five or six inches of warp uncrossed by the weft at the beginning of the web.] Feuch caoibean. Nuair a bhiodh na mnathan a luadh agus a thigeadh firionnach a steach do an chuideachd chanadh iad: “Nì e caoibean dhuinn.” “Nì Tormod caoibean dhuinn.” (Cha b’ann leis a’ ghruaim a chanadh iad seo.) (Fuaimnich: caoidh' agus bean.)
creiseim (E)[Changing the arrangement of the threads in the eyes for a new pattern.] Cho fad agus is aithne dhomhsa ’s ann tha seo air a dhèanamh leis a’ chreiseim (faic ‘creiseim’ Dwelly t-d 317). Is ann a’ cur an t-snàth ann an dòigh àraidh air na bacain ud a bha an t-allt (E) a bha gu a bhith air an aodach air a shuidheachadh. ’Se an creiseim a chuala mise air an seo. (Fuaimnich: criseim. Seo mar a tha e againne.)
[crann]Is e aon uair a riamh a chunnaic mi clò ’ga dheilbh. Agus, rud glé àrraid, chan fhaca mi clò a riamh ’ga chur mu chrann. (Nach bochd nach robh na nithean seo shuas air m’aire ’san Iuchar a dh’fhalbh agus mi air a theinntean aig Calum Og.)
11. Weaving
breabadaireachd (I)Weaving, the act of weaving.
fighe (I)[Weaving.] Canaidh sinne “a’ fighe”. Mar seo: “C’àit am bheil Tormod?” “Tha e ri fighe.”)
breabadair (E)Weaver. Cha chan sinn idir “figheadair”.
cura, an cura (E)Weft.
dlùth, an dlùth (E)Warp.
an t-aodach (E)The cloth. A’ tòiseachadh clò (E) ùr, nuair a thig a’ cheud choltas aodaich air, canaidh sinn “Thug mi/e/thu aodach air.”
[note]Chan eil ainm sam bith agam airson seo [i.e. the fine waste wool that collects under the loom].
12. Parts of the weaving loom
[note]Ag gabhail mar a tha iad aig Dwelly.
[Dealbh 38]
1. Beart. (I)(‘A’ bheart’ againne air a h-uile cail a th’ann.)
2. Crann snàth, garmainn (I) snàth.(‘Garmainn-shnàth’ againne. Fuaimnich ‘gormainn’.)
3. Crann aodaich, garmainn (I) aodaich.(‘Garmainn-aodaich’ againne.)
4. Maide teannaidh.(Chan eil nì agam.)
5. Acfhuinn, iomallan. (E)(Sg. ‘Iomall’. ‘Iomallnan’ – mar a bha aig m’ athair bha ‘n’ ann. Mar a chanadh m’ athair e bha e air leth coltach ri ‘iomrallan’.)
6. Ullagan.(Chan eil nì agam mu an a seo.)
7. Croinn chas, greallagan, cranna cas, cliath, casan, casaichean, Barra, Skye etc.(‘Sgimileir’ (E), ‘sgimileirean’ againne. Air na beartan-móra bha ceithir sgimileirean.)
8. Spàl. (I)(‘Spàl’ againne, cuideachd.)
9. Iteachan (E), boban.(‘Iteachan’ againn an Uig an iar. ‘Boban’ an cearnaidhean eile de’n eilean.)
10. Barran.(Chan eil nì agam.)
11. Snàth. (E)(‘Snàth’ againne, cuideachd.)
12. Slinn. (I)(‘Slinn’ againne, cuideachd.)
13. Slinn-chlàr.(Chan eil nì agam.)
14. Sliasd, sliasaid.(Chan eil nì agam.)
15. Dlùth. (E)(‘Dlùth’ againne, cuideachd.)
16. Inneach, inneadh, cuirreadh (Lewis), uachdar (Barra).(‘Cura’ (E) againne.)
17. Smèideagan.(Chan eil nì agam.)
18. Eige, clò (Barra).(‘Clò’ (E) againne, cuideachd.)
19. Garmainn-uchd (Argyll), sliseag-uchd (Hebrides).(Chan eil nì agam.)
20. Mogul.(Chan eil nì agam. Mur a h-e ‘sùil’.)
21. Sliosan.(Chan eil nì agam.)
22. Uchd suidhichte.(Chan eil nì agam.)
23. Uchd crochte.(Chan eil nì agam.)
Other weaving terms
Ceithir-chuairt, 4-ply.(Chuala mi seo.)
Cuidheall-iteachan. (I)(Tha e againn.)
Cuibean. (E)(Bha seo againn.)
Dà-fhillt.(Bha e againn.)
Dealg.(Chan eil lorg agam.)
Eàrradh.(Chan eil e agam.)
Fuigheagan. (I)(Sg. ‘Fuigheag’. Tha e againn.)
[note]Na’m biodh Donnchadh MacDhòmhnaill air ceann shìos a’ bhaile againn fhìn beò bheireadh e cuideachadh dhuinn mu chùisean na beairte. Cha deacha làmh a riamh air cùl beairte na b’fheàrr na e air dhòigh sam bith. Bheir mi dhuibh ainm fear a tha beò an diugh a bha ag obair air a’ bheairt mu’n d’thàinig na beartan ùra, na beartan abhtamataiceach: Calum MacMhathain (Calum Og), 6 Aird Uige, Ann an Leòdhas. Bhiodh e ag obair air a’ bheairt còmhla ri a athair. Tha a athair beò fhathast agus e gu bhith ceud bliadhna. “An Leddie” am far-ainm a bh’air. Chanainn gu’m bi na h-ainmeannan Uigeadh aig Calum Og. Is iongantach mur a h-eil mise air feadhainn dhiubh a chall.
13. Finishing
air a fhighe (an clò (E))Finishing.
an t-ùradh (E) air a thoirt asWashing of the cloth. Chan eil mi glé chinnteach am bheil mi ceud ’s a’ cheud ceart an seo le ‘ùradh’.
an clò (E) air a stampadh ann an tuba (I)Old method of washing or scouring the cloth.
luadh (E)Waulking or fulling. Chan e ‘luadhadh’ a chanas sinne idir.
luaidhWaulking or fulling (verb). “Luaidh an clò.”
[note]Agus a leantainn mar sin anns na tionndaidhean eile.
tuba (I), tubannan
cléith-luaidh (I)Chan e ‘cliath-luaidh’ a chanas sinn idir. Bha a’ chlèith-luaidh mar seo. Deànta le bùird agus crotaichean oirre fòidhe. Bhiodh i cho mór (cho fada) agus gu’n suidheadh ceathrar (no barrachd) air gach taobh dhith.
na mnathan-luaidhThe waulking group.
[àite àraidh airson luaidh]Cha robh àite àraidh sam bith againne airson luaidh ach an tigh aig an robh an clò ’san luadh.
[note]Chan aithne dhomh ainm sam bith againne airson seo [i.e. piece of wood on which the waulked cloth was tightly wound with a weight on it to press it].
còrn (E)Final web of cloth when woven. Gu h-àraidh nuair a bhiodh a h-uile càil deseil: an clò air a luadh ’s air a thiormachadh, ’s mar sin.

© DASG
^ Return To Top ^