| 1. Raw wool |
| clòimh (I) | Wool. (Againne fuaimnich clòimh mar cluing no cluimh.) (’Se ì a th’innte: “clòimh bheag”, “clòimh fhliuch.”) |
| rùsg (I) | Fleece; wool or fleece when shorn off in May. (’Se ì a th’innte: “rùsg bheag”.) “Caora air a rùsgadh.” “Rusgadh nan caorach.” |
| marbhannach (I) | Wool from a dead sheep. (Fuaimnich mar seo: mara' thannach.) |
| toban, tobanan (E) | Tufts of wool (airson feadhainn bheaga). Airson feadhainn mhóra chan eil cuimhne agam ach tha mi deanamh a mach gu robh ainm ann. (Feuchaibh a’ bhean-phosda Nic Neacail.) |
| ar-chlòimh (I) | (Fuaimnich ar'-chlòimh mar far-chluais.) A’ chlòimh ùr a bhios a’ fàs air na caoraich fo an t-seann chlòimh. “Bha ar-chlòimh mhath air na caoraich am bliadhna.” |
| 2. Oil or grease put on wool before carding |
| armadh (E) | Oil or grease put on wool before carding. |
| 3. Carding |
| càrdadh (E), a’ cardadh | [sic] Carding of wool. |
| càrd, a’ chàrd (I) | The combs used [for carding]. (Cha chuala mi a riamh “na càrdan”.) |
| guit (I) | Chan eil ainm agam [airson ‘baskets or other vessels used to hold the uncombed and combed wool’]. Ach bhiodh ‘guit’ aca airson a leithid seo, ga chur gu feum airson a leithid seo, co dhiù. ‘Guit’ – mar criathar beag ach gun tuill idir ann. Rudeigin mar seo: |
| peàrd (I) | Tuft of wool off the cards in the first carding; the first card in carding; the long roll of wool as it leaves the cards for the spinning wheel. Chan eil ainm sam bith agam ach ‘peàrd’ airson na tha an seo shuas. |
| 4. Spinning |
| snìomh, a’ snìomh | Spinning. |
| snìomh (E) | The process of spinning. |
| a’ leigeil thuice | “Letting go”, the hand being lowered to let the spun thread run on to the reel of the spinning wheel. |
| sluigeil | Bha againn ‘sluigeil’. “Chan eil i a’ sluigeil.” “Chan eil i a’ sluigeil ceart.” Mur a biodh am bann-beag ’s mar sin air an cur ’s an t-suidheachadh cheart, cha shluigeadh a’ chuibhle ceart, no cha shluigeadh i idir. |
| [note] | Chan eil nì agam mu an seo [i.e. a long thread and too much slenderness or too much thickness in a portion of thread]. (Feuchaibh Nic Neacail mu an seo.) |
| 5. Parts of the spinning wheel |
| [note] | (Mar a tha iad aig Dwelly, agus na h-ainmeannan nach eil againne.) |
| [Dealbh 245] |
| 1. Teic. (I) | (Fuaimnich mar ‘take’ (Beurla).) |
| 2. Maighdeann(an) (I), Gairdeanan. | (‘Maighdeannan’ againne.) |
| 3. Iuchair (I) na cìche. | (‘Iuchair’ agus ‘iuchair na cuibhle’ againne.) |
| 4. Rolan. | (‘Roilean’ (E) againne.) |
| 5. Piorna. (E) | (Againn.) |
| 6. Bann-beag. (E) | (Againn.) |
| 7. Dealgan. | (Chan eil e againn.) |
| 8. Cluas na cuibhle. | (‘Cluasag’ (I), ‘cluasagan’ (pl.) againne.) |
| 9. Iuchair. (I) | (Againn.) |
| 10. Beart-mheodhain, Beart-mheadhoin (I) | (Againn.) |
| 11. Stoc. (E) | (Againn.) |
| 12. Com. | (Chan eil e againn.) |
| 13. Asnaichean. (pl.) (I) | (Againn, sg. ‘asann’.) |
| 14. Iuchair. (I) | (Againn.) |
| Dealbh 246 |
| 1. Bann-mór. (E) | (Againn.) |
| 2. Réim. (E) | (Againn.) |
| 3. Na h-eich. (E) | (Againn, sg. ‘each’.) |
| 4. Maide-siubhail. (E) | (Againn.) |
| 5. Deil. | (Chan eil e againn.) |
| 6. Aiseal an t-seic. | (Cha chuala mi a riamh e.) |
| 7. Bann-beag. | (Againn.) |
| 8. Roileanan. | (Againn.) |
| 9. Teic. | (Againn.) |
| 10. Maighdeannan. | (Againn.) |
| 11. Sùil na cuibhle. (I) | (Chan eil e againn.) |
| 12. Clòimh. | (Againn.) |
| 13. Snàth. | (Againn.) |
| 14. Beart-mheadhoin. | (Againn.) |
| 17. Seòl-coise (E) a th’ againne. | (‘Seòl’ air a fhuaimneachadh goirid.) |
| 18. Casan. (I) | (Againn, sg. ‘cas’.) |
| 6. Yarn and associated apparatus |
| snàth (E) | Yarn. |
| ceirsle (I) | Ball of yarn. (Faic M’Ghill Fhinnein ‘ceirtle’.) Air a fhuaimneachadh againne ‘ceile’: a’ cheud ‘e’ mar ‘ai’ ann am ‘faireachdainn’ no ‘e’ ann an ‘cell’ (Beurla). |
| iarna (I) | Hank. |
| roilean | Reel. Chan aithne dhomh roilean a thaobh nithean de’n t-seòrsa-sa ach roilean mar a tha againn roimhe a thaobh na cuibhle. |
| iteachan (E) | Bobbin. |
| boban | [Bobbin.] Air taobh an ear an eilein agus sìos an Taobh Siar. |
| piorna (E) | Pirn. |
| dealgan (I) agus (E) | Spindle. Mu dhealgan chanadh sinn: “’Se dealgan math tha seo.” “Chan eil i cho math ris an t’éile a bh’agam.” |
| cuigeal (I) | Distaff. |
| [winding reel] | Mur a h-e seo a bhiodh ann: Bhiodh dà thèic aca, agus an uair a bhiodh aon tèice làn, bheireadh iad an tè eile a mach agus chuireadh iad an sàs i. Dheidheadh an tè a bha làn a chur an uair sin ann an clàrag [q.v.] agus dheidheadh tòiseachadh ’ga tachrais. |
| clàrag (I) | Mar seo: a’ coimhead oirre bhos a cionn agus bho a taobh. ’Se seo a bh’againne oirre, ach tha mi deanamh a mach gu’m biodh ‘a’chuibhle-bheag’ aig feadhainn oirre. |
| cuibhle-bheag (I) | [See clàrag] |
| crois-iarna (I) | Device for making hanks of yarn. Bha i mar seo shìos. Deànta de fhiodh. Glé choltach ann an cumadh ri acair eathair. |
| àireamh | Ri cuairt de’n t-snàth air a’ chrois-iarna [q.v.] chanadh iad àireamh. Bha lorg aca air na h-uibhir àireamhan airson nan nithean fa-leth. Na h-uibhir àireamhan airson plaide, na h-uibhir àireamhan airson siod ’s na h-uibhir àireamhan airson seo. Bha uair a bha lorg agam air an àireamh cheart airson plaide, ach tha sin air chall orm an diugh. (Feuchaibh Nic Neacail.) |
| 7. Dyeing |
| dath, a’ dath | Dyeing. |
| le prais (prais-dhath) no le boilear | The process of dyeing. |
| [obair an datha] | Chan fhaca mise a riamh móran de obair an datha. Chunna mi na h-uibhir dhe, ach bhithinn a’ cluinntinn bho fheadhainn a thàinig romham. |
| dath sealastair | Chanainn gur h-e dath uaine a bhiodh an seo. “Briogais dath sealastair, dath rinn mo mhàthair, ’S cha robh na bheireadh bàrr oirr’ an Leòdhas.” Chan eil fhios agam ann an as an t-seileastar a tha iad a’ toirt an t-sealastair. |
| curpair | Chanainn gur h-ann dearg a bha am fear-sa. Chan eil fhios agam de a bhiodh aca. (Fuaimnich air an aon dòigh ri ‘purple’ (Beurla).) |
| crotal | Dath crotail. Is ann ruadh, gle ruadh, a bha am fear-sa. Is ann bho chrotal nan clach a bha iad ’ga thabhairt. |
| guirmean | Is ann gorm a bha am fear-sa. Bho ghuirmean na bùtha. |
| magenta | Bho dhath na bùtha, tha mi smaoineachadh. |
| maighistir | Leis a’ ghuirmean [q.v.], bha iad ’ga dheanamh le maighistir agus le na h-uibhir de uisge. Linne guirmean a chanadh iad. “Anns an linne ghuirmein”. Chan eil fhios agam am biodh am maighistir aca ri na dathan eile no nach bitheadh. |
| prais-dhath | Prais mhór, mhór. 21 galan an tè bu mhotha a chunna mi a riamh. |
| boilear | Na bu mhotha na prais sam bith. |
| [note] | (Feuchaibh Nic Neacail mu ghnothaichean an datha.) |
| 8. Washing after dyeing |
| [note] | Cha chreid mi gu bheil ni sam bith as fhiach dhomh a chur sìos mu an seo. Ni ùr sam bith có dhiù. (Feuchaibh Nic Neacail.) |
| 9. Warping |
| deilbh, a’ deilbh | Warping. |
| beart-dhealbh (I) | Bha na beartan a chunnaic mise gu math mór. Fìor mhór. Chunna mi feadhainn air an suidheachadh ris a’ bhalla ann an tigh na beart-fhighe agus feadhainn eile fuasgailte air an ceann fhéin. Chan eil ainm sam bith agam airson frèim na beairte ach a’ bheart fhéin. Chan eil agam ach an dà ainm: a’ bheart agus na bacain [q.v.]. |
| bacan (E), na bacain | [See beart-dhealbh] |
| 10. Beaming and tying |
| [note] | Tha eagal orm nach dean mi móran air a’ cheann-sa. |
| a’ cur mu chrann | Beaming and tying. |
| caoibean (E) | [The first five or six inches of warp uncrossed by the weft at the beginning of the web.] Feuch caoibean. Nuair a bhiodh na mnathan a luadh agus a thigeadh firionnach a steach do an chuideachd chanadh iad: “Nì e caoibean dhuinn.” “Nì Tormod caoibean dhuinn.” (Cha b’ann leis a’ ghruaim a chanadh iad seo.) (Fuaimnich: caoidh' agus bean.) |
| creiseim (E) | [Changing the arrangement of the threads in the eyes for a new pattern.] Cho fad agus is aithne dhomhsa ’s ann tha seo air a dhèanamh leis a’ chreiseim (faic ‘creiseim’ Dwelly t-d 317). Is ann a’ cur an t-snàth ann an dòigh àraidh air na bacain ud a bha an t-allt (E) a bha gu a bhith air an aodach air a shuidheachadh. ’Se an creiseim a chuala mise air an seo. (Fuaimnich: criseim. Seo mar a tha e againne.) |
| [crann] | Is e aon uair a riamh a chunnaic mi clò ’ga dheilbh. Agus, rud glé àrraid, chan fhaca mi clò a riamh ’ga chur mu chrann. (Nach bochd nach robh na nithean seo shuas air m’aire ’san Iuchar a dh’fhalbh agus mi air a theinntean aig Calum Og.) |
| 11. Weaving |
| breabadaireachd (I) | Weaving, the act of weaving. |
| fighe (I) | [Weaving.] Canaidh sinne “a’ fighe”. Mar seo: “C’àit am bheil Tormod?” “Tha e ri fighe.”) |
| breabadair (E) | Weaver. Cha chan sinn idir “figheadair”. |
| cura, an cura (E) | Weft. |
| dlùth, an dlùth (E) | Warp. |
| an t-aodach (E) | The cloth. A’ tòiseachadh clò (E) ùr, nuair a thig a’ cheud choltas aodaich air, canaidh sinn “Thug mi/e/thu aodach air.” |
| [note] | Chan eil ainm sam bith agam airson seo [i.e. the fine waste wool that collects under the loom]. |
| 12. Parts of the weaving loom |
| [note] | Ag gabhail mar a tha iad aig Dwelly. |
| [Dealbh 38] |
| 1. Beart. (I) | (‘A’ bheart’ againne air a h-uile cail a th’ann.) |
| 2. Crann snàth, garmainn (I) snàth. | (‘Garmainn-shnàth’ againne. Fuaimnich ‘gormainn’.) |
| 3. Crann aodaich, garmainn (I) aodaich. | (‘Garmainn-aodaich’ againne.) |
| 4. Maide teannaidh. | (Chan eil nì agam.) |
| 5. Acfhuinn, iomallan. (E) | (Sg. ‘Iomall’. ‘Iomallnan’ – mar a bha aig m’ athair bha ‘n’ ann. Mar a chanadh m’ athair e bha e air leth coltach ri ‘iomrallan’.) |
| 6. Ullagan. | (Chan eil nì agam mu an a seo.) |
| 7. Croinn chas, greallagan, cranna cas, cliath, casan, casaichean, Barra, Skye etc. | (‘Sgimileir’ (E), ‘sgimileirean’ againne. Air na beartan-móra bha ceithir sgimileirean.) |
| 8. Spàl. (I) | (‘Spàl’ againne, cuideachd.) |
| 9. Iteachan (E), boban. | (‘Iteachan’ againn an Uig an iar. ‘Boban’ an cearnaidhean eile de’n eilean.) |
| 10. Barran. | (Chan eil nì agam.) |
| 11. Snàth. (E) | (‘Snàth’ againne, cuideachd.) |
| 12. Slinn. (I) | (‘Slinn’ againne, cuideachd.) |
| 13. Slinn-chlàr. | (Chan eil nì agam.) |
| 14. Sliasd, sliasaid. | (Chan eil nì agam.) |
| 15. Dlùth. (E) | (‘Dlùth’ againne, cuideachd.) |
| 16. Inneach, inneadh, cuirreadh (Lewis), uachdar (Barra). | (‘Cura’ (E) againne.) |
| 17. Smèideagan. | (Chan eil nì agam.) |
| 18. Eige, clò (Barra). | (‘Clò’ (E) againne, cuideachd.) |
| 19. Garmainn-uchd (Argyll), sliseag-uchd (Hebrides). | (Chan eil nì agam.) |
| 20. Mogul. | (Chan eil nì agam. Mur a h-e ‘sùil’.) |
| 21. Sliosan. | (Chan eil nì agam.) |
| 22. Uchd suidhichte. | (Chan eil nì agam.) |
| 23. Uchd crochte. | (Chan eil nì agam.) |
| Other weaving terms |
| Ceithir-chuairt, 4-ply. | (Chuala mi seo.) |
| Cuidheall-iteachan. (I) | (Tha e againn.) |
| Cuibean. (E) | (Bha seo againn.) |
| Dà-fhillt. | (Bha e againn.) |
| Dealg. | (Chan eil lorg agam.) |
| Eàrradh. | (Chan eil e agam.) |
| Fuigheagan. (I) | (Sg. ‘Fuigheag’. Tha e againn.) |
| [note] | Na’m biodh Donnchadh MacDhòmhnaill air ceann shìos a’ bhaile againn fhìn beò bheireadh e cuideachadh dhuinn mu chùisean na beairte. Cha deacha làmh a riamh air cùl beairte na b’fheàrr na e air dhòigh sam bith. Bheir mi dhuibh ainm fear a tha beò an diugh a bha ag obair air a’ bheairt mu’n d’thàinig na beartan ùra, na beartan abhtamataiceach: Calum MacMhathain (Calum Og), 6 Aird Uige, Ann an Leòdhas. Bhiodh e ag obair air a’ bheairt còmhla ri a athair. Tha a athair beò fhathast agus e gu bhith ceud bliadhna. “An Leddie” am far-ainm a bh’air. Chanainn gu’m bi na h-ainmeannan Uigeadh aig Calum Og. Is iongantach mur a h-eil mise air feadhainn dhiubh a chall. |
| 13. Finishing |
| air a fhighe (an clò (E)) | Finishing. |
| an t-ùradh (E) air a thoirt as | Washing of the cloth. Chan eil mi glé chinnteach am bheil mi ceud ’s a’ cheud ceart an seo le ‘ùradh’. |
| an clò (E) air a stampadh ann an tuba (I) | Old method of washing or scouring the cloth. |
| luadh (E) | Waulking or fulling. Chan e ‘luadhadh’ a chanas sinne idir. |
| luaidh | Waulking or fulling (verb). “Luaidh an clò.” |
| [note] | Agus a leantainn mar sin anns na tionndaidhean eile. |
| tuba (I), tubannan | |
| cléith-luaidh (I) | Chan e ‘cliath-luaidh’ a chanas sinn idir. Bha a’ chlèith-luaidh mar seo. Deànta le bùird agus crotaichean oirre fòidhe. Bhiodh i cho mór (cho fada) agus gu’n suidheadh ceathrar (no barrachd) air gach taobh dhith. |
| na mnathan-luaidh | The waulking group. |
| [àite àraidh airson luaidh] | Cha robh àite àraidh sam bith againne airson luaidh ach an tigh aig an robh an clò ’san luadh. |
| [note] | Chan aithne dhomh ainm sam bith againne airson seo [i.e. piece of wood on which the waulked cloth was tightly wound with a weight on it to press it]. |
| còrn (E) | Final web of cloth when woven. Gu h-àraidh nuair a bhiodh a h-uile càil deseil: an clò air a luadh ’s air a thiormachadh, ’s mar sin. |