Measgaichte / Miscellaneous

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod
Age
[late 50s]
Origin
Lewis, Uig
Location
Glasgow
Date
1966-1980 [see below for details]
Letter dated 20/08/1966
[siol-ghainmheach / sìol-ghainmheach]Chunnaic mi am prògram “A Boy in Harris” air an T.V. an oidhche roimhe, agus chòrd e rium. (…) Ach a nise gu aon nì anns a’ phrògram do’n d’thug mi an aire – marbhadh nan siol, no glacadh nan siol (an t-siol-ghainmheach mar a chanas sinn) leis a’ chorran anns an tràigh. Obh, obh is iomadh ceud a ghlac an làmh a tha sgrìobhadh na litreach-sa. Anns an Fhadhail Mhóir aig Crabhlastadh, an Sgìr Uige againn fhìn, ann an Leòdhas. Am boirionnach Hearach a’ sgrìobadh leis a’ chorran anns an tràigh (air an tràigh thioraim). Chuala mi iad a’ deanamh nì de’n t-seòrsa-sa a ghlacadh na sìl air Na Ceithir Peighinn Deug an ceann shìos na Sgìre againn fhìn (Uig Leòdhais) a’ sgrìobadh le croman, no le hoe, air an tràigh thioraim. Cha’n fhaca mi a leithid shuas againn fhìn a riamh. Nì ach an corran anns an fhadhail. Bha an corran shìol air a dheanamh de’n chorran mhór. Bha an gob far an robh e dol na bu doimhne na bhith réidh ris an làimh, air a ghearradh dheth, agus am faobhar air a mhadadh gus nach gearradh e na sìolan mar a ghlacaist iad. Bhiodh cuid a’ toirt seòrsa de dh’fhiaclan anns a’ chorran shìol. Chunnaic mi a dhà dhiubh seo (corrain shiol) nuair a bha mi shuas aig an tigh air an t-samhradh-sa fhéin. Bidh cuimhne agaibh gu robh corran eile aig na bodaich: corran-speal. Bha e mar seo: [see third illustration below]. Is e arm eagalach a bha seo. Bha l air an iarunn aige mar air iarunn na speala agus bhiodh sibh ga ghleusadh le cloich-speal. Bha e mór seach corran cumanta. Seo a nise mar a bhithist a’ glacadh nan sìol leis a’ chorran-shiol anns an Fhadhail Mhóir shuas aig Crabhlastadh, ann an Uig Leòdhais. A’ tòiseachadh ann an seo [i.e. àite tòiseachaidh in the illustration] agus a’ gabhail air aghaidh. Bha peile-mór ceangailte le sreing ri do mheadhon. Peile-mór a’ cheàird no peile suinc. No peile-caol a’ cheàird (chan eil easan a’ dol an diugh idir). Bha thu a’ tòiseachadh na sgrìoba mar bu trice thugad. An uair sin a’ tionndadh a’ chorrain agus a’ toirt na sgrìoba bhuat. Mar sin a’ gabhail air d’adhart gu’n tachradh sìol riut. No beathach beag neimheil eile. Biast na Fadhlach, mar a chanas fear Chrabhlastaidh rithe. Iasg beag airgiodach ann an dath ’s an sgeilm, agus gathan neimheil innte. An stangaran a tha mi an dùil a chanas an Hearach rithe. (Ri siol air leth mór canaidh sinne an Uig gobag rithe. Dé a chanas an Hearach chan eil fhios agam.) Ma bhios tu airson cuideachadh air glacadh nan siol a shealltuinn uair sam bith, cha dean e deifir foighneachd mu an chùis do Mhurchadh. Bha Murchadh ris an obair sin mu na siolan bho bha e òg ’s a’ dol do an sgoil gus an a dh’fhàs e ’na dhuine agus a’ dol leis an lìon-bheag. (Siol as fheàrr airson cnòdan, agus là grianach nach bi ro fhuar. Is e luga as fheàrr airson na h-adaige. Sin gliocas agus léirsinn nam bodach a bha sean nuair a bha Murchadh òg.) Cha chanainn gu bheil móran lìon-bhig ’ga dheanamh ri cladaichean na Hearadh an diugh. Is e glé bheag dheth a tha ri cladaichean Uige an diugh mar an ceudna. Tha sabhs air na siolan air leth math, cuideachd. Agus tha iad air leth blasda mar bhiadh, agus air leth tacmhor. Cha tig acras air duine air luathair [?] as déidh feed de na siolan. A thaobh sealladh air lìonmhorachd, cha chreid mi nach e sealladh air an t-sil-ghainmhich anns a’ bhàgh againn fhín (Camus Uige) a dhleasas a’ cheud àite. Cia mheud mìle, no cia mheud muillion dhiubh seo a bh’ann? Agus faoileag is biorach air am muin [?], as an déidh, gu’n robh iad a’ leum ’nan sgaothan as an uisge, airson teàrnaidh, ged nach bu mhór an ciall. Bha dùil ’am gu robh bleideagan an t-sneachda ann an lìonmhorachd gu leòir. Bha dùil agam sin, gus an siod. Is iomadh rud a chì am fear a bhios air an dùthaich nach fhaic fear a’ chabhsair luim! Dà nì a chunnaic mi-fhín le mo shùilean aig sìol ’ga dheanamh: Chunnaic mi siol (te mhath mhór) a’ snàmh cho neo-lochdach, ma b’fhior, am measg cliath de chudaigean òga (siol chudaig) agus an uair a b’fheàrr ’s a b’fheàrr a bhiodh na creutaran bochda, bheireadh i tè as agus dh’itheadh i i. A rithist, uair eile, chunnaic mi sìol a’ gabhail na h-ite a bhiodh againn ag iola (fly-fishing). Sin agad ma tha na rudan a chì duine nuair a bhios e muigh, agus a shùilean fosgailte.
Letter dated 11/01/1967
[daga-phort][Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. (…) B’e facal eile a bh’aige “an daga-phot” air a chleachdadh mar seo: “Tha an t-aran seo cho cruaidh ris an daga-phot.” A bheil fhios agaibh dé idir as ciall dha’n an fhacal seo? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mord, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Ach am fear-sa, “an daga-phot”. Is e an daga-phort a bh’againne air.  (Tha mi fhìn agus Mord a’ Ghobha 3½ mile bho chèile.) Mìneachadh air an fhacal, no dé mar a dh’éirich e? Chan eil nì cinnteach sam bith agam. Dh’fhaodadh gu robh comhcheangal aige ri daga, agus dh’fhaodadh nach robh. Chuala mi aig bodach ’sa bhaile uaireigin (agus bhiodh am facal sin aca): “Cho cruaidh ris an deilg na bhìotaidh.” (vee’tee) Agus b’e seo saoilidh mi, an tignum-vitae, am fiodh air leth cruaidh. ’Se am fiodh-sa a bhitheadh a’ dol ann an roithleinean nan ulagan (block sheaves) séibhichean nam blocaichean, mar a chanadh na bodaich. Agus abair a bhith cruaidh de an fhiodh sin! (Faic mu’n fhiodh-sa ’s na leabhraichean fiosrachaidh.) Nise mu’n daga-phort, tha facal Laidinn eile ag éirigh rium, agus dh’fhaodadh gu robh comhcheangal air choireigin aige ris an daga (am facal): aqua-fortis. Dh’fhaodadh gu robh, agus dh’fhaodadh nach robh. Sin na th’agam mu an daga-phort, mur a tionndaidh nì sam bith an àirde.
[cusg][Kenneth MacDonald in the letter of 9 January 1967:] Seachdain no dhà air ais, fhuair sinn pasgan eile de dh’fhaclan Uigeach bho dh’fhear an aon ainm ruibh fhéin – Murchadh MacLeòid, a tha ’na mhaighstir-sgoile ann an Cinntire. B’e am [sic] rud a chuir e thugainn an t-ainm a th’aig muinntir Chàirisiadar air fear an “Artificial Insemination” – “Bodach na cusg”. An cuala sibh fhéin riamh am facal “cusg”, no an urrainn dhuibh mineachadh ’sam bith a thoirt air? [Mr MacLeod’s reply:] Murchadh MacLeòid Chinntire, Murchadh a’ Ghobha a tha mi an dùil a th’ann. Mo dheagh charaid, uaireigin. Cha’n fhaca mi e bho shamhradh 1948. Tha mi tuigsinn gur h-ann ann an Southend an Cinntire a tha e. Mor, no Murdo, a’ Ghobha a chanas sinne ris. Duine dòigheil a tha ’n sin. Duine snog. (…) Mu ghnothach an A.I. Tha na facail “cusp” agus “cusag” ann. Tha iad sìos anns na faclairean. Cha chanainn nach e aon dhiubh seo a tha ann an “cusg”. (…) Agus am facal sin a nuas, agus air mhaiseann [?] ann an Càirisiadair. Anns na Bàigh. Chan eil fhios ’am an cuala sibh a riamh mu Sgoil Dhubh nam Bàgh. Bidh Ruaridh am profeasar air cluinntinn mu a dheidhinn, chanainn. Chan eil am facal “cusg” againne idir. [Letter dated 04/05/1967:] Bho phiuthar eile thall an Crabhlastadh againn fhìn, fhuair mi mu dheidhinn “cusg” (Bodach na Cusg). Is ann air pìob-stillidh a bha cusg aca anns na Bàigh (seòrsa de rudeigin mar pìob-stillidh, có dhiù). Is iomadh uair a rinn sinn mallachadh agus blaigeardachd air bodaich leis a’ phìob-stillidh (eileamaid airson bùrn a thilgeadh). Tha mi cinnteach gu’m biodh balaich shuas taobh na Comraich ris an aon seòrsa oibreach. (Na Bàigh: ’se sin Càirisiadar, Géisiadair, Ungisiadair, agus Éineacleit.)
Letter dated 06/04/1967
[is ann a chara]Cho fada agus a tha cuimhne agam, chanadh Jessag “Is ann a chara…” airson “Is ann a chàidh…”.
seorpTha sibh cho seorp thall aig na tighean móra sin, thall air a’ chnoc. Chan eil fhios agam a bheil am facal-sa anns a h-uile h-àite. Tha fhios aig Ruairidh uime, co dhiù.
[buntàta]An Rubha agus am Bac ann an Leòdhas. Canaidh an dàrna feadhainn “togail a’ bhuntàta”, agus canaidh an fheadhainn eile “a’ buain a’ bhuntàta”.
cromanIs e seo an seòrsa rud a bhiodh aca a’ togail a’ bhuntàta ann an Leòdhas. Dheanadh Gobha nan Uigean e, ’s cha bhiodh e fada uime. [Parts:] cas, faraich, ceann.
Letter dated 04/05/1967
glamradh Anns na duilleagan móra. Pìos de dh’fhiodh làidir, tiugh.
Postcard dated 05/05/1967
[maorach]“Chan fhuirich muir ri uallach ’s cha bhuain bean luath maorach.”
[mòine]“Bha là eile aig fear buain na mòna.”
[bàirneach]An leigheas a bh’aig seann mhuinntir Uig an Iar againne air bòcadh an éisg. Naoi naoidheannan de bhàirnich mhóra nan Eileanan Flannach ithe. Bha bodach anns a’ bhaile againne – chaochail e ann an earrach 1934 – agus cha b’urrainn e iasg á fairge ithe ach a’ bhiorach (dogfish). Bha iad ’ga bhòcadh. Chan aithne dhomh gu’n d’fheuch e an seann leigheas a riamh. Có dhiù bha miann a chridhe aige air na h-éisg, agus nach b’urrainn dha blasad orra. Gnothach duilich.
[eathar]Bha Leòdhasach uaireigin a’ deanamh bàrdachd do dh’eathar a bh’aige: “Thug mi maorach as an tràigh, / ’S chaidh mi rithist cuairt gu sàl / Leis a’ mhaighdinn nach d’thug fuath dhomh, / Com na h-uaisleachd, m’eathar bàn.” Cuideigin eile bha rann aige mu eathar mar seo: “Seòl slàn ach dà cheann a’ cur dol oirr’, ’s i bocadh a toisich gu ’sùilean. A’ leum air na tonnan ’s ’gam bualadh, is smùid bharr a gualainn tighinn drùidhteach. A cnagan a’ riochadh na mara, agus sliasaid an fhasgaidh cur sùgh dhith. Le seann sgiobair liath air an fhalmadair, ’s goil agus corraghoil mu’n stiùir aic’.” Nach biodh e math a bhith ann an tè fhathast agus srann aice fo a cuid aodaich!
Letter dated 29/05/1967
cas chrom[Parts:] an làmhcharan, an iomlaid, an soc, an smeachan (an sgonnan ’s an Eilean Sgìtheanach), an caibe.
Letter dated 10/06/1967
[tinneas-thuiteamach]Tha cuimhne agam gu robh aice (aig “Cliomag” [i.e. “a bhanacheard aig Drochaid [?]] – ’s e ise a bha deanamh na bruidhne) leigheas airson an tinneis-thuiteamaich. B’e sin claigionn duine mhairbh a thogail as a’ chladh, agus trì làn a chlaiginn de bhùirn a thoirt air an duine easlainteach òl. (3, 5, no an è 9 a bh’ann, chan eil mi cinnteach. 1937 a bh’ann, tha mi smaoineachadh.)
Letter dated 19/10/1967
[mòine]mòna / mònach – canaidh sinne na dhà mar a thuiteas a mach.
Letter dated 29/10/1967
na tòsaganAn oidhche bha òraid againn an uiridh aig Comunn Leòdhais agus na Hearadh, chuala mi trì ainmeannan nach robh agam-sa roimhe. Bha seo aig R.R. MàcDhòmhnuill (“R.R.” mar a chanadh iad), maighstir-sgoile á Leòdhas againn fhìn. Bho thaobh siar an eilein. Tha e an diugh a chòmhnuidh am Burnside. (Bidh lorg aig Ruairidh, saoilidh mi, air an duine-sa.) 1. Na tòsagan (T cruaidh): seòrsa de chluiche no a leithid sin. [Cf. an spannadh, buill-ìg.]
an spannadhAn oidhche bha òraid againn an uiridh aig Comunn Leòdhais agus na Hearadh, chuala mi trì ainmeannan nach robh agam roimhe. Bha seo aig R.R. MàcDhòmhnuill (“R.R.” mar a chanadh iad), maighstir-sgoile á Leòdhas againn fhìn. Bho thaobh siar an eilein. Tha e an diugh a chòmhnuidh am Burnside. (Bidh lorg aig Ruairidh, saoilidh mi, air an duine-sa.) 2. An spannadh: draghadh, cumhachdach no brais, ann an tug o’ war. (Tug-of-war – Faic drolabha.) [Cf. na tòsagan, buill-ìg.]
buill’-ìgAn oidhche bha òraid againn an uiridh aig Comunn Leòdhais agus na Hearadh, chuala mi trì ainmeannan nach robh agam roimhe. Bha seo aig R.R. MàcDhòmhnuill (“R.R.” mar a chanadh iad), maighstir-sgoile á Leòdhas againn fhìn. Bho thaobh siar an eilein. Tha e an diugh a chòmhnuidh am Burnside. (Bidh lorg aig Ruairidh, saoilidh mi, air an duine-sa.) 3. Buill’-ìg: b’e seo airson buille-thig no buill’-a-thig a bh’agam-sa anns an òraid. (Buille-thig: nuair a bhiodh sinn cas-ruisgte agus a gheibheadh an òrdag gu salach e mu chloich.) [Cf. na tòsagan, an spannadh.]
Letter dated 28/12/1967
[tigh Gàidhealach]Bheirinn fo ur comhair seann tigh Gàidhealach a chumail fo ur beachd. Agus na bh’anns an tigh agus a mach bho an tigh. Seann tigh Gàidhealach thubhairt mi. Seann tigh Albannach a bhiodh ceart. ’Se seann Alba a bh’anns a’ Ghàidhealtachd. Thuirt an seanalair Iain Hamaltan air a’ Wireless anns na 30-an agus e a’ bruidhinn mu an Ghàidhealtachd, agus air na h-eileanan, “holding the essence of primitive Scotland”. Dh’fhaodadh sibh an tigh a roinn na thrì pàirtean. Bha againne: uachdar an tighe; (faic laist) aig an teine; air feadh an tighe. Agus an sabhal. Agus smaite tighean beaga a thuilleadh air an sin.
Letter dated 02/02/1968
am faclairFaclair ann an firionn no boirionn a tha e dhuinn? Dhuinne, có dhiù, mar leabhar tha faclair dhuinn firionn. Mar, faclair mór, faclair tomaideach. Ach a’ coimhead air faclair mar gur h-e dictionary no uile-eòlas a th’ann, is ann borionn a tha am facal dhuinn. Mar dictionary mhór, encyclopedia mhór. Smaite gu bheil a’ chùis an aon rud air taobh siar Rois. Smaite nach eil. Có dhiù cha dean deifir.
Letter dated 16/03/1968
sìoladhChan eil fhios ’am am bheil agaibh sìoladh, air a chleachdadh mar seo: “Tha sìoladh de ghoirteas ’n am amhaich” dìreach mar a bha mi-fhìn air an t-seachdain a chaidh. Sìoladh de ghoirteas (an goirteas a bhith ann ach gun e bhith mór). ’S ann mu amhaich, cho fad ’s a tha cuimhne agam, a bhiodh sinn a’ cleachdadh sìoladh.
an logaisAnns a’ chrìochnachadh air an litir-sa tha mi togail nì beag mu iasgach an lìn-mhóir air na grunndan iasgaich a dh’ainmich mi, có dhiù eadar taobh siar Leòdhais agus Hiort. An Logais. B’e an logais creutar a bhiodh a’ milleadh an eisg orra air na dubhanan. Bhiodh an t-iasg air a ithe suas fo a chraicionn agus gun móran coltais millidh bho’n taobh muigh. Dh’fhaodadh sibh seo a thogail ris an Roinn Scientific aig an Oil-thigh ach dé am beachd a bhiodh aca air.
Letter dated 27/03/1968
am peursa(…) Bha nì aige [i.e. aig Fred MacAmhlaidh] dhomh nach robh agam agus nach cuala mi a riamh. Agus bha e glé inntinn-tharruingeach dhomh. Am peursa. Agus togail a’ pheursa. Bha e ag radh: “Anns an sgìre againne bhiodh iad a’ togail a’ pheursa nuair a bha iad airson na croitearan a chruinneachadh còmhla, agus cha robh ’s a’ pheursa ach pòla mór fiodha agus bhithte a’ cur a cheann dha’n talamh.” ’Se coinneamh-baile a chì sibh ’s a’ phàipear a thug gu a inntinn am peursa. Gu’n tachair Fred rium a rithist chan eil fhios agam dé mar a tha iad a’ fuaimneachadh peursa.
Letter dated 29/04/1968
loga (I)Bha cuimhne aig m’athair a bhith toirt fiodh ciste-laighe as a’ logainn nuair a bhàsaicheadh duine. Agus sin leis an t-sàbh-mhór. Làithean cruaidhe bha siod! (As a’ logainn, mar a chanadh na bodaich. ’Se a chanas sinne an diugh as a’ loga. ’Se còmhradh nam bodach bu chearta.)
[gabhte]Cha chuala mi nach robh Jessag beò fhathast. Tha mi an dòchas gu bheil i air sealltainn gu math as a deidh. “Tha a facal glé ghabhte aig na leddies an Dunéideann” chanadh na bodaich. ’Se “Am Bible Woman” a chanadh iad ri leithid Seònaid.
[bodach Port-a’-Chuilinn]“Bheir e a bhàn iad.” “Is ann a chara.” Bodach Port-a’-Chuilinn cha chreid mi nach canadh easan cuideachd “’s ann a chara”. Agus bhiodh aige ri na balaich a bhiodh a’ tarruing as aig na faingean aig an taca “A Bhugari” airson “A Bhugairean” againne. “Anns an t-seasaidh” chanadh e ri “anns an t-seasamh”. Agus mar sin. Ach ’se bhodach còir a bh’ann. Fad a bheatha còmhla ri na cìobairean. ’S iomadh rud a chunnaic e agus a thachair ris. Ach cha chreid mi gu robh aon nàmhaid aige aig là a bhàis. Mar a bha mi ’g innse dhuibh b’e seanair Anna a bha agaibh fhéin ’na h-oileanach. “An Tàileach” a chanadh iad ris.
Letter dated 26/11/1968
[ath]‘An ath fhear’, thuirt mi. Tha an ‘h’ agam-sa ann. Feuchaibh Ruairidh agus chanainn gur h-e ‘an ath fear’ a chanas e. Co dhiù, piuthar-a-mhàthar ann an Steòrnabhagh ’se ‘an ath tè’ a chanas i. Tha an ‘h’ againne ann an Uig air fad mar siod. Ach smait gur h-ann ri rud boirionn a tha an ‘h’ air a fàgail air an fheadhainn ud.
an dookerDa ainm mar a bha mi ag ràdh roimhe airson gnothaichean iasgaich. An dooker. Am plocan. [q.v.] Airson a’ cheud fhir, ’se “an diùcair” a th’aig Dwelly. Ach ’se “an dooker” a th’againne, agus chanainn gur h-ann bho Chòrsa-an-Ear a thàinig an t-ainm. Tha Dòmhnall Iain ag ràdh gur h-e “an dunker” a th’aca-san air.
am plocanDa ainm mar a bha mi ag ràdh roimhe airson gnothaichean iasgaich. An dooker. [q.v.] Am plocan. B’e seo maide a bhiodh aca airson sgròbaigeadh nan langannan airson a bhith na b’aithghearra. An àite a bhith toirt an dubhain as an langainn leis an làimh, bha thu a’ cur caran de an t-snòthda mu na phlocan agus ’ga shuabadh bhos cionn do chinn gu’n tigeadh an dubhan clear no gu’m briseadh rudeigin. Chan fhaca mise a riamh am plocan. Ach chanainn gu’m biodh e mar seo:
Galairean air caoraich:
braxy
black disease
lamb dysentry
pulpy kidney
tetanus
looping ill
[note]’S mar sin. Feuchaibh mo bhràthair aig 13 Crabhlastadh, an Uig, an Leòdhas, agus bidh fhios aige de na h-ainmeanan a th’aca air na galairean-sa.
Letter dated 06/03/1970
peiceallCha chuala mi am facal a riamh ’s chan fhaca sgrìobhte e, a bharrachd. Ach chan eil càil a dh’fhios nach ann bho an t-soitheach peic (an tómhas) a thàinig e. Smaite gur h-e eathar air bheag cumaidh, no rudeigin ann an riochd eathair, a bh’aig a’ bhàrd leis an tug e a chasan as. Chan eil fhios againn mur a tionndaidh rudeigin an àirde a chuireas soilleireachadh air a’ chùis. Cho fada ’s a tha m’ eòlas-sa a’ dol bha an soitheach peic rudeigin mar seo ann an cumadh. Fiodh agus cearcaill. Clàir ann.
Letter dated 09/10/1971
[stamag][Stamag caorach/bà] Uill, ma tha, fhuair mi air adhart math gu leòir a muigh aig an ospadal ’s a’ phàirce goirid as deidh dhomh bhur litrichean fhaighinn. Bha mi a muigh dà uair agus fhuair mi na daoine mar a sheòl sibh dhomh. Ach chaill mi an duine mór fhein, am profeasar, dìreach le a dhà-no-trì mhionaidean a’ cheud là bha mi a muigh. Bha sin a cheart cho math, gus nach cuirinn dragh air airson rud cho beag. Ach fhuair mi Murphy agus chunnaic mi mionach caorach fosgailte. Agus thug Murphy a mach leabhar mór as a’ chùl. Sin, ma tha, mar a bha ’s a’ phàirce. Ach a thuilleadh air a sin, chaidh mi sìos air mo cheann fhìn chun an tigh-mharbhaidh air a’ Ghallowgate agus chunnaic mi mionach bà fosgailte ann an sin. Agus rinn mi cinnteach mu an nì a bha mi a’ lorg – an ceap. (…) ’S iongantach mur am faod sinn an ceap a chur mar seo an “ceap”. ’Se am broilein a bhiodh ann, agus bha an ceap air airson e bhith coltach ri ceap (bhiodh e cruaidh, làn, – dìreach ’na cheap – an còmhnuidh). Rud eile: an psalterium. Cha robh psalterium ’s an leabhar mhór aig Mgr. Murphy idir. ’Se seo, tha mi a’ tuigsinn, ainm eile airson omasum. (Seallaibh an àirde ’s na faclairean, mar a nì sibh.) A h-uile càil a th’ann feuchaibh mar seo iad: A’ mhaodal-mhór – dorsal sac of rumen. A’ mhaodal-bheag – ventral sac of rumen. An luamha – reticulum. Am broilein – omasum (psalterium). ’S mar a tha mi a’ togail “an ceap”. Abomasum – chan eil ainm sam bith agam do an seo. Nach bochd nach robh an t-seann fheadhainn beò gus an deadh sinn far am bitheadh iad airson a bhith ceart da-rìribh! Currac-an-rìgh – mur a h-eil mi ceàrr, ’s ann anns an luamha a bha seo: pàirt de an luamha. Is e an aon stamag a th’anns a h-uile càil a th’ann ach gu bheil i ’na h-earrannan.
Letter dated 17/02/1972
ruith-fhadhailChan eil càil a dh’fhios nach e frith-fhadhail a bhiodh an seo bho’n toiseach. “An fhrith-fhadail.” “Aig an fhrith-fhadail.” “Chun na fhrith-fhadail.” (Faic frith.) ’Se fadhail bheag a th’ann a mach chun na fadhlach eile sìos air Tràigh nan Srùban (aon de na tràghannan aig Tràigh Mhór Uige). ’Se ‘rith’ a chanas sinne airson ‘ruith’ mar a tha e sgrìobhte.
[tobhta]Ni eile a tha ann an ainmeannan an Uig an Iar, ’se sin tobhta. Mar Tobhta Coinnich, Tobhta Mol Moireig, ’s mar sin.
[clobh]Mu dheidhinn clobh, no glo, no globh (’se ‘c’ a th’aca ann có-dhiù, do’n chluais), dh’fhaodadh sibh sgrìobhadh suas airson faighinn a mach na bu chinntiche de an seòrsa fosglaidh no glinne a th’ann. (…) Clobh. Fuaimnich mar gheobh, no crodh (mar a chanas Leòdhasaich e có-dhiù; crou a chanas na Sgìtheanaich). Bidh mi toilichte cluinntinn ma gheibh sibh ni math sam bith mu chlobh.
Letter dated 04/10/1973
[cearcall a’ bhùirn]Bha mi a’ bruidhinn ri Dòmhnall Iain (…). Bha sinn a’ bruidhinn air seann rudan a bhiodh aca, agus againn, shuas ’s an eilean. Mar cearcall. Cearcall a’ bhùirn mar a chanadh na Leòdhasaich. Bha e mar seo shìos. De fhiodh. Airson na peilichean a dheanamh na b’aotrom leis an làd bhùirn. (Chuir mi a steach thugaibh e mar tha, tha mi an dùil.) Cearcall. Cearcall a’ bhùirn. Chanadh na seann fhir “a’ chuairt” ris, cuideachd. Chan eil fhios ’am de an t-ainm Albannach a bh’air.
Letter dated 15/04/1975
[sgadan]Facail a fhuair mi bho Murchadh Moireasdan D.S.M. aig Buntàta is Sgadan Commun Leòdhais agus na Hearadh am bliadhna (1975). Sgadan geàrr – sprats. Sgadan mór-lannach – pilchards. Sgadan bliagha – fear caol, geal agus e spent. (Airson bliagha fuaimnich e mar brèagha ‘beautiful’.) Sgadan goil – fear mór agus làn iuchair. Sgadan garbh – Norwegian herring. Tha seo shuas agam mar a thug mi sìos e bho Mhurchadh. Airson a bhith nas cinntiche tha fhios agam fhéin dé a nì sibh.
Letter dated 29/07/1980
“Caoran”[]
“Feadag”[]
“Bus-dubh”[]

© DASG
^ Return To Top ^