1. Different stages in the growth of sheep (female) |
[note] | Dwelly (t-d 165.) |
[Male and female before weaning:] |
uan (s.m. never s.f.) | Dìreach againne mar seo. |
uan firionn | male lamb. |
uan boireann | female lamb. |
[blank] |
weaning | Canaidh sinn: “a’ togail nan uan” agus “’g an toirt bho am màthraichean”. |
Female after weaning till first shearing: |
othaisg | (Chan è ‘òthaisg’ mar a th’aig Dwelly.) |
[blank] |
ciora | ’S ann tha ‘ciora’ againne air peata (caorach). |
fiar-othaisg | Chan eil a leithid idir againn. |
seot | Chan eil seo idir againn airson othaisge, ach tha e againn mar a chì sibh air t-d 809 (3) ‘Lean beast, … the worst beast’. |
[blank] |
bliadhnach | |
tiaraineach | |
othaisg bhoirionn | Tha na trì againn. |
[blank] |
uan othaisge | Tha e againn. “Uan òisge” mar a chanas sinn e. |
tiaraineach | Chuala mi feadhainn ag ràdh gur h-e sia raidheach a bha seo a’ ciallachadh: gur h-ann bho an sin a thàinig e. |
After 1st shearing if not put to ram: |
tiaraineach | |
dionag | Chan eil e againne idir, ach bhiodh e aig na cìobairean. |
After 2nd shearing if with lamb: |
caora uain | Tha seo againn. |
dò-bhliadhnach | Tha seo againn. (‘dò-bhliadhnach’ againne airson ‘dà-bhliadhnach’.) |
After 2nd shearing if not with lamb: |
caora sheasg | (Chan è ‘caora sheisg’.) |
[After 2nd shearing if not put to ram:] |
dò-bhliadhnach seasg | (Chan è ‘dà-bhliadhnach’.) |
caora-chiatain | (Chan eil e idir againn.) |
[After 3rd shearing:] |
trì-bhliadhnach | (Tha e againn.) |
crogais | Chan eil e idir againn. Ach tha ‘croga’ againn (mar ‘crog’ air t-d 275: ‘aged and effete ewe, sheep past bearing’. (Cho fada agus a tha cuimhne agam, ’se seo an seadh anns am bheil e againn.) |
[After 4th shearing:] |
crog | |
caora sheasg | (Tha seo againn.) |
crog | draft gimmer. (Chan eil e againn.) |
Male not castrated: |
uan reithe | Tha e againn: uan-reith’ (air a fhuaimneachadh mar uan’reith. Gu math faisg air mar a chanadh sibh wan’ray no one’ray anns a’ Bheurla (Tuigidh sibh fhéin.) No faisg air ‘uamhraidh’ aig muinntir tìr-mór, Earra-ghaidheal, Inbhirnis có dhiu.) |
reithe, bliadhnach reithe | Tha seo againn. Ach chan eil ‘aona bhliadhnach reithe’. No ‘tiaraineach’, ‘tiarainneach [sic] rùid’. Ach tha ‘tiaraineach’ aca ann an Càrlabhagh, mur a h-eil anns na h-àiteachan eile sìos an shòs sin. Tiaraineach rùid. Chan eil ‘tiaraineach’ againne ach air creutar boirionn. |
dà-bhliadhnach reithe | (‘Dò-bhliadhnach’ againne.) Dò-bhliadhnach rùid. Bho théid e seachad air bliadhna ’se ‘rùd’ a th’ againne airson ‘reithe’. Aig na Lochan thall, ’se ‘rùda’ a chanas iad. Agus rud glé arraid, ann an Uig an Iar air fad, cho fada agus a tha lorg agam-sa, ’se ‘rùd’ a th’aca. Ach Bréidhnish, Islibhig agus Mangarstadh, ’se ‘reithe’ a th’ aca. Chan eil fhios agam dé mar a dh’éirich seo. |
trì-bhliadhnach reithe, seann reithe (AH.) | (‘Trì bhliadhnach rùid’ againne.) |
seann reithe, ceithir bhliadhnach reithe | (‘Ceithir bhliadhnach rùid’ againne.) Is mait gu’n canadh sinn, uaireannan, ‘seann rùd’. |
Male castrated: |
uan firionn, uan spothta | (‘Uan firionn’ againne.) ‘Othaisg fhirionn’ as deidh sin nuair a bha e a’ fàs na bu shine. |
bliadhnach mult | (‘Bliadhnach muilt’ againne.) (Tiaraineach mult, chan eil.) (Cóig raitheach, sia raitheach, chan eil.) |
mult – Lorn; dà bhliadhnach mult – Lewis | (‘Dò bhliadhnach muilt’ againne.) |
trì bhliadhnach mult – Lewis | (‘Trì bhliadhnach muilt’ againne.) |
ceithir bhliadhnach mult – Lewis | (‘Ceithir bhliadhnach muilt’ againne.) |
In Lewis after 3rd shearing … | |
seann chaora | Tha e againn. ‘Seana chaora’ a chanas sinne. |
ceithir bhliadhnach muilt gu seachd no ochd bhliadhnach muilt | Tha seo againn. |
Other names: |
caora bhainne | chan eil e idir againn. |
caora bheannach | chan eil. |
caora bhrògach | thà. |
caora càraid | thà. |
caora cheaslach | chan eil. |
caora cheannain | [sic] chan eil |
caora chìleach | [sic] chan eil. Ach tha am facal ‘cìleach’ againn ’ga chleachdadh ri crodh: bò chìleach, gamhainn cìleach, ’s mar sin. |
caora dhubh | thà. |
caora dhubh-cheannach | thà. |
caora gheal | chan eil. |
caora mhaol | thà. |
caora mholach | tha mi smaoineach gu’m biodh seo uaireannan aig na bodaich. |
caora Nollaig | aig na bodaich a rithist, uaireannan. |
caora reamhar | chan eil, ’na ainm air leth. |
caora Shasunnach | chan eil. |
caora sheasg | thà. |
caora uain | thà. |
ciora | pet ewe or hogg, thà. |
croga | tha. |
deata | chan eil. |
dìonag | chan eil. |
feirmige | chan eil. Ach uaireannan, mu rùd nach biodh ’na rùd, chanadh iad rudeigin mar ‘feirmige’. ‘Seilmige’, cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa a chanadh iad “Seilmige de rùd”. |
leth-uan | tha e againn. |
reige | tha seo againn. |
rige | tha seo againn. Ach cho fada ’s a lorg agam-sa ’s ann airson ‘partly castrated male’ a tha ‘rige’ againn. Againne air fhuaimneachadh mar a chanadh Leòdhasach no a leithid sin, ‘rig’ ann an ‘rig-out’, rig + e, rige. |
reithe stùdhach | [sic] chan eil (’na ainm suidhichte, có dhiù.) |
rùdan | chan eil. Ach ann an àiteachan ag éigheach air rùd, tha ‘rùidein’ aca. “Trobhad, rùidein, trobhad.” Mar ag éigheach air tarbh: tairbhein. “Trobhad, tairbhein, tairbhein.” |
sagart | chan eil e againn idir. |
sùgan | pet lamb, chan eil. |
2. Different stages in the growth of sheep (male) |
3. Different stages in the growth of the castrated male |
4. Sheep’s appearance |
caora bhreac | speckled or spotted sheep. |
caora bhàn | white-faced sheep. |
caora bhrògach | black-faced sheep. |
caora dhubh-cheannach | black-faced sheep. |
caora niùlach | sheep with stunted horns. |
caora lèabhach | sheep with large horns. |
caora mhaol | sheep with no horns. |
5. Miscellaneous |
peata (uain) | pet lamb. |
ciora (uain) | pet lamb. |
leth-uan | twin lamb. |
uan òg | lamb late of weaning. “Sin agad an t-uan òg.” |
uan fadalach | lamb late of weaning. “Tha uan fadalach aice.” (aig a’ chaoraich) |
caora càraid | sheep with twins. |
[caora-uain] | a breeding sheep – chan eil ainm àrraid ’s am bith againn ach dìreadh caora-uain, cho fada ’s a chuimhnicheas mise. |
peata | pet ewe or hogg. |
ciora | pet ewe or hogg. (smait) |
6. Feeding and grazing |
[note] | Tha eagal orm nach eil móran agam mu na cinn-sa, agus gu bheil ainmeannan a bha ann agus a chuala mi air chall aig mo chuimhne. |
an làmh rithe | handfeeding. B’e seo a bhith toirt cuideachadh do an bheathach le biathachadh a muigh a thuilleadh air na bha i-fhéin a’ cosnadh. |
Vessels used for feeding: |
bucas oisgean | bucas nach biodh ro mhór – ceithir-oisinneach no na b’ fhaide na sin airson siol agus gnothaichean mar sin a thoirt dhaibh.
|
Names for different amounts of hay: |
cuid nan òisgean | “A’ deanamh cùid nan òisgean” – ag ullachadh ’s a cur a mach an cuid do na h-oisgean. |
bad | bad coirce. |
gibeag | na h-uibhir de dh’fheur ’ga chrochadh dhaibh, na dhà-sa shuas, ann an sreing. |
[frasach] | (Bhiodh feadhainn a bhiodh frasach aca dhaibh.) |
[coirce agus feur] | (’Se coirce agus feur a bhiodh sinne a’ toirt do chaoraich.) |
[lobhta] | Means of tying hay, corn, etc. for feeding: sreang crochte ris an lobhta no ris a’ bhalla agus clach fhreagarrach slaoda rithe ’ga cumail stòlda ’na h-àite. Lobhta – an t-sreang a’ deanamh snaim ann an seo. Am bad no a’ ghibeag fheòir am broinn na sreinge agus na creutaran a’ draghadh cho math ’s a dheadh aca air. Bhiodh a’ chlach dìreach aig bonn na lùibe de’n t-sreing, aig àirde fhreagarrach do na beathaichean. |
Watering indoors and outdoors |
[note] | Chan eil ainm àrraid ’s am bith air lorg agam airson seo. |
Vessels used |
mias no pòbhla | |
Grazing of sheep |
[note] | Tha eagal orm gu bheil ainm no dhà, no barrachd, air chall orm mu’ an seo. |
Term used for the regular ‘beat’ of a sheep on the moor |
[gabhail] | Mur a h-e ‘gabhail’. “Sin far am bheil i ag gabhail.” – regular ‘beat’ mar a th’ agaibh. Feuchaibh na cinn-sa ri Alasdair mo bhràthair. “Tha i a’ gabhail shuas mu Eileartan.” “Sin far am bheil i a’ geamhrachadh.” (agus mar sin) |
7. Handling of sheep |
[gan cur a mach] | driving them to their grazing Cha chreid mi gu bheil ainm suidhichte ’sam bith againn airson seo. Ach dìreach “gan cur a mach”. |
’g an trusadh | taking them home. |
’g an cur ’s an fhaing | enclosing them in a fank (’g an cur ann am faingean). |
a’ fangadh | enclosing them in a fank. |
[’g an crodhadh] | hemming them in. |
Names for various sizes of flocks or collections of sheep (if any) |
caora | aon. |
caoraich | barrachd. |
baidean | na h-uibhir gun cus, gun móran. |
dròbha | grunn mór, mór. |
treud | a whole flock. “An treud uile” mar a chanadh Tormod. |
Commands given to a sheep-dog |
[note] | Thug mi seo seachad ann am pàipear eile, mar a bhios fhios agaibh. |
Names for the different fanks |
[faing] | Cha bhiodh againne ach na dhà an cumantas: an fhaing mhór agus an fhaing-ghlacaidh. Ach aig na cìobairean bhiodh móran fhaingean: an fhaing-mhór, an fhaing-chaol ’s mar sin, faing airson a h-uile nì a dh’fheumadh iad. |
a’ fangadh | fanking. |
[an fhaing-ghlacaidh] | airson a bhith breith air na caoraich airson an diopadh (to be dipped).
|
a’ rùsgadh | shearing. |
a’ diopadh | dipping. |
Parts of a fank |
ceann shuas na faing(e) | |
tòn na faing(e) | |
ceann shìos na faing(e) | |
[blank] |
an t-amar | dipping trough. |
a’ diopadh | dipping. (Fuaimnich dup’ (Beurla) + adh.) |
a’ comharrachadh | ear-marking. |
a’ deargadh | marking eile. ’Se dearg a chanas sinn ri keel. ’Se ‘cil’, cha chreid mi, a chanadh na cìobairean. |
a’ cur guirmein | marking eile. |
a’ spoth | castrating. |
ciora, ciorag | call addressed to a lamb or sheep. “Trobhad, ciorag.” “Trobhad, ciora.” |
8. Apparatus |
Tying indoors | Dìreach ceangal cumanta: sreang mu an amhaich mar a bhiodh smeadhag air a’ bhoin. [NOTES: in the box there’s an envelope containing a piece of string showing ‘snàim na smeadhaig’. It is not clear what it was originally attached to but the handwriting is certainly Mr MacLeod’s.] |
Tying outdoors | Ceangal. ’Se ‘ceangal’ a chanas sinn (‘ceangal an uain’). Air a’ cheangal an cumantas bhiodh dà ‘choirbhtheann’, tè bha an amhaich aig a’ bheathach agus an tè eile air meadhon a’ cheangail. |
[coirbhtheann] | Am facal-sa, coirbhtheann, no coirtheann (chan fhaca mi a riamh sgriobhte e), chan eil fhios ’am dé an litreachadh ceart air. Air a fhuaimneachadh tha e againne mar coire (kettle) + thann, coire’thann. Coirbhthann no coir(bh)thann no coireathann, tuigidh sibh fhein, tha mi glé chinnteach, mar tha a’ chùis. (Feuchaibh Ruairidh, smaite gu’m bi an aon nì aige-san ’s a tha agam fhìn bho’n taobh an iar.) Coirbhthann: Pìos fiodha mar ’s an dealbh: mu 3 oirlich air fad, mu ½ òirleach no mar sin air thiuighead. Coirbhthann bho’n amhaich: 3 tuill innte. Coirbhthann ’s a’ cheangal: 2 tholl innte.
|
Tying while shearing | A’ ceangal nan casan aca ’san aon chnap, mar seo. ’Se ‘lùbach’ a chanas sinn ri sreang a’ cheangail. “Am bheil lùbach agad?”
|
bacan | tether stake. |
swivel | an t-ainm Beurla a th’againn airson seo. |
lùbach | band for tying legs while shearing, mar a th’ agad an seo shuas. |
spearrach | fetters. Bha seo (chan eil e dol an diugh idir cho fada ’s is aithne dhomh) air a chur eadar cas-chinn agus cas-dheiridh, mar seo:
|
lùthag | B’e seo ceangal teann air a chur anns an iosgaid air an ainmhidh. Mar seo. A dhà no trì uairean a riamh a chunna mi cail de’n t-seòrsa ri spearrach agus lùthag. ’Sann airson nach leumadh iad gàraidhean, ’s mar sin, a tighinn do’n arbhar, a bha e.
|
9. Diseases |
Diseases of the skin affecting the wool |
[note] | Chan eil lorg agam air nì. |
Warts, swellings, spots |
[note] | Chan eil airson seo, a bharrachd. |
gartanan, na gartanan | ticks found in wool. |
na cnuimhean, cnuimhean | worms in the skin. |
Diseases of the head |
ceanna-ghalair | (Chan eil an t-ainm Beurla agam.) Bhiodh na cluasan aca a’ séid agus as déidh sin a’ seacadh. ’S ann air na h-uain a bhiodh seo a’ tighinn. |
Diseases of the eyes |
doille, an doille | Air na caoirich mhóra a bhiodh seo a’ tighinn. Chan fhaca mi riamh air uan e. Bhiodh iad a’ pronnadh cailc agus ’ga chur fo na sùilean aca. Ri tìde dheadh iad am feabhas. |
Diseases of the mouth, neck and throat |
[note] | Chan aithne dhomh gu’m faca mi dad de’n t-seòrsa a riamh. |
Diseases of the bone structure |
[note] | Chan eil lorg agam air càil mu an seo. |
Disease affecting the hooves |
[note] | Chan fhaca mi dad de’n t-seòrsa a riamh cho fada ’s a tha cuimhne agam. |
Diseases of the internal organs: |
am pluc | ’s an adha co dhiu. |
an spùt | diarrhoea. |
Bhiodh na galairean a leanas a’ dol mar a b’aithne dhomsa |
am pluc | |
an galair tiormachaidh | |
am bracsaidh | |
an teas-brailein | |
an spùt | |
[note] | Cha chuir mi iad seo air na h-ainmeannan ceart Beurla idir. (Feuch mo bhràthair, Alasdair Seòras, 13 Crabhlastadh, Sgire Uige, ann an Leòdhas.) |
Seo ainmeannan Beurla air cuid de ghalairean nan caorach |
braxy | |
struck | |
lamb dysentery | |
pulpy kidney | |
tetanus | |
looping ill | |
[note] | (Chan eil na h-ainmeannan Gàidhlig a tha dol agam orra seo idir.) |
Disease affecting the udder and milk |
[note] | Chan eil lorg agam air dad mu an seo. Cha chreid mi gu’m faca mi càil ceàrr mu an seo a riamh. |
Injury of any kind: |
a’ dol as a losaid | |
a’ briseadh coise | |
a’ dol as a caol druim | |
[note] | Agus mar sin. |
10. Parts of the body |
the head and neck (parts) | Dìreach mar a chanas sibh mu chreutar sam bith de’n t-seòrsa. |
fionnadh | hair. Ach cho fad ’s is aithne dhomh cha chan sinn fionnadh uair sam bith ri nì timchioll air caora. |
na slinneanan, slinnean | [sg.] shoulders. |
an t-uchd, uchd | breast. |
casan cinn | forelegs. |
caol druim | backbone. |
an smior-cailleach | spinal cord |
an ceathramh deiridh | hindquarters. Canadh sinn seo aithghearr: “an crutha deiridh”. |
[mullach na tòine] | hips. Cha chreid mi gu’n cuala mi a riamh ‘cruachan’ air a chleachdadh mu ainmhidh. “Mullach na tòine” a chanas sinne ri ‘hips’ ’s mar sin aig caora no bò no ainmhidh de’n t-seòrsa. No ainmhidh sam bith, dh’fhaodainn a chantuinn. |
bun an iorbaill | rump. |
casan deiridh, casa deiridh | [sg.] hindlegs. |
iorball | tail. |
ùgh (ùgh) | udder. |
sinean | teats. |
fèith | muscle. |
tendon | Chan eil nì agam airson seo (a mach bho na faclairean). |
ligament | Chan eil lorg agam air nì againn airson seo. |
[maothalan] | cartilage. Cha chreid ni nach e seo ‘maothalan’ againne. |
an cridhe, cridhe | heart. |
[cuisil] | artery or vein. Cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa, ’se an aon rud a th’againn airson na dhà: cuisil. (Chan e ‘cuisle’ a th’againne idir.) (Cuisil, fuaimnich e: cuisill.) |
fuil, an fhuil | blood. |
na sgamhanan | lungs. |
an sgòrnan | trachea (windpipe). |
[ubhall an sgòrnain] | larynx. Cha chreid mi nach eil ‘ubhall an sgòrnain’ againn a’ toirt leis seo. |
an adha | liver. Chan eil ‘grùthan’ againn uair sam bith. Chan eil e idir againn. |
na dubhagan | kidneys. |
pancreas | Cha chreid mi gu bheil càil againn airson seo. Mur a cuala mi uairegin ‘am brisgean adha’. Ach cha chanainn gur h-e am pancreas a bhiodh ann. Ach dh’fhaodadh gu robh barrachd air aon ‘bhrisgean’ aca. Co dhiu, tha mise a’ fàgail nam brisgeanan-sa, bho nach eil cinnteachd sam bith agam umpa. |
an dubh-liath | spleen. |
staoig an amadain | spleen. |
domblas na h-adha | gall bladder. |
glands | Chan eil lorg agam air nì bho’n taobh an iar idir airson seo. |
aotraman | bladder. |
uisge | urine. “An t-uisge aice.” (aig caora) |
mùn | urine. |
[it-igheach] | gullet. Faic ‘de-tigheach’ (Dwelly), ‘detiach’, ‘deiteigheach’ (MacGhillfhinnein) agus ‘it-igheach’ (MacGhillfhinnein). ‘It-igheach’, ’se a th’againne, dìreach mar a th’aig MacGhillfhinnein. |
caolanan | intestines. |
an t-snàil, an t-snàithle | colon or lower bowel. ‘An t-snàil’ a chanas sinne. |
geir na maodail | abdominal fat. ‘Geir na maodail’ a chanas sinne. Cuideachd, ‘geir na muinne’. |
[geir na muinne] | [abdominal fat.] |
caolanan-gorma | Tha againn ‘caolanan-gorma’. ’Se seo na caolanan beaga mar a tha ‘an t-snàil’ airson a’ chaolain mhóir. Anns a’ bhoin, ’se na caolanan-gorma de’m bheilear a’ deanamh nan lùban-dubha. Agus de an chaolan mhór thatar a’ deanamh nan ìsbeanan. Cho fada ’s a tha cuimhne agam-sa, cha chan sinn caolanan-gorma uair sam bith mu chaolanan na bà. |
lùb-mhuinne | Bhiodh iad a deanamh marag le na caolanan[-gorma na caorach]. ‘Lùb-mhuinne’ a chanadh iad ris. Bha iad a’ deanamh na maraig agus a’ suainigeadh nan caolanan uimpe. Bhiodh i a’ coimhead ann an cruth dìreach mar seo. Mu 6" air fad agus 4" air leud.
|
muinne | ‘tallow tripe’ agus ‘stomach’ a th’aig na balaich anns na faclairean. Le na cantanasan [?] a th’againne bidh e coltach gur ann air na caolanan a tha ‘muinne’. “Geir mhath air a’ mhuinne aige.” “Lùb-mhuinne.” “Anns a’ mhuinne aige.” Agus mar sin. |
lòineachan | Faic lòinean Dwelly t-d. 596. 2. (D.M.K.) ‘The fat covering of the kidneys of beef or mutton (Caithness).’ Tha againne lòineachan. “Tha geir mhath air na lòineachan aige.” ’Se seo a’ gheir a tha ris an druim aige a’ bheathach. Nuair a tha an t-ainmhidh marbh agad air a’ dhruim, tha am muinne air uachdar agus na lòineachan gu h-ìosal, ’se sin ris an drùim. |
11. Lambing |
a’ breith | lambing. A’ breith nan uan. |
a’ cumail nan caorach còmhla ris an rùd | sheep put to ram. |
àm na reitheachd | sheep put to ram. |
[note] | Agus mar sin, a chanas sinn. (Faic an taobh-duilleig thairis.) |
Terms associated with lambing |
bathar, am bathar | placenta or afterbirth. |
streabhainn, an t-sreabhainn | covering on a lamb when born. (Air a fhuaimneachadh dìreach mar a tha e sgrìobhte.) |
na gleodhan | covering on a lamb when born. Na glodhan. (‘Na gleodhan’ a chanas sinne.) “Uan anns na gleodhan.” Canadh sinn cuideachd “laogh anns na gleodhan.” |
Terms used when sheep are put to ram |
reitheachd | “Tha an reitheachd oirre.” (air a’ chaoraich) “Reithich an rùd i.” “Thug e leum-reitheachd dhi.” |
bréid | “A’ cur bréid oirre” – air tearainneach, gus nach fhaigheadh an rùd air a reitheachd. Bréid mar an ceudna air uan-reith no rùd òg gus nach fhaigheadh e air reitheachd a dheanamh. Caora bho a cùlaobh. Bréid oirre (de phoca no de oighlisgean). Bréid air rùd (fo an mhionach).
|
bréideadh | a’ cur bhréid. “C’ait am bheil na balaich?” “Tha iad ri bréideadh.“ |
12. Miscellaneous |
[earball stùbhach] | short tail that remains after docking. Chan eil ainm suidhichte mar sin againn air a seo idir, ach tha againn ‘earball stùbhach’ airson earball air leth goirid agus a tha a’ coimhead mar sin. (‘Iorbull’ a chanas sinne, ’s ann a chanas sinn ‘earbull’ an còmhnuidh airson earbull rud – hem ’s mar sin.) |
[feusag] | small tuft of hair under the chin of a ram. Chan eil ainm suidhichte mar sin againn airson a leithid seo ach chanadh sinn ‘feusag’ airson rud de’n t-seòrsa. |
caora, no caoirich, chlaimheach | scabby sheep. |
sheep losing their wool | Chan eil ainm àrraid sam bith againn airson a leithid seo. |