| Caoirich |
| Comharran nan cluas |
| [note] | Chan eil againne ’ga chleachdadh ach na h-ochd deargaidh: |
| sùlag | (Chan è ‘sùileag’, mar a th’aig Dwelly.)
|
| beum |
|
| geugan | (Chan è ‘geagan’, mar a th’aig Dwelly.) (Fuaimnich ‘eug’ mar ‘eug’ (death): g + eug + an.)
|
| rubadh | (Chan e ‘ròibeadh’, mar a th’aig Dwelly.)
|
| bàrr |
|
| slisinn |
|
| gearradh |
|
| toll |
|
| slàn-chluasach | Canaidh sinn seo mu chaora air nach eil comharra-cluaise ’s am bith.
|
| gille-bog | ’Se seo a th’aca air uain a tha dìth lùthais orra ’s an druim. Cha téid na h-uain-sa air an casan a chaoidh. ’S ann aig caoirich a tha ag ithe tòrr de an fheamainn air na muil a bhios an seòrsa uan-sa. ’Se bodach anns a’ bhaile againn fhìn a thug an t-ainm-sa orra, agus lean an t-ainm. Mur eil mise ceàrr, ’s ann air isean sgairbh a bha’n t-ainm ‘gille-bog’ an toiseach. |
| lèabhach | Caora mar tha ’n seo shuas bha i ‘lèabhach’. Adhaircean lèabhach oirre. A’ chaora lèabhach. (Faic M’Ghillfhinnean t-d 210.) Aig MacGh. a réir an litreachadh, bhiodh ‘liabhach’ mar ‘riabhach’ (brindled, etc.) ’S ann a tha e againne mar ‘dèabhadh’.
|
| niùlach | Caora le adhaircean oirre mar seo bha i ‘niùlach’. Adhaircean niùlach oirre. A’ chaora niùlach.
|
| sgeòdach | Tionndadh a mach anns na h-adhaircean mar aig lèabhach [q.v.], canaidh iad gu bheil iad ‘sgeòdach’. Adhaircean sgeòdach oirre. |
| coirbhtheann, coirtheann (’s mar sin) | 3 òirlich thuirt mi, ach an cumantas bhiodh iad na bu mhotha na sin. 4 òirlich, a’ tòiseachadh aig an sin, dh’fhaodainn a chantuinn. Agus na bu mhotha. Caochladh chumaidhnean orra.
|
| caoraich-bheaga | [sic] Na caoirich-bheaga – na caoirich-bhrògach (black-faced sheep). Tha mi deanamh a mach gur h-e seo a chanadh na cìobairean, gun canadh iad seo, có dhiù. [Cf. caoirich-mhóra] |
| caoirich-mhóra | Na caoirich-mhóra – na caoirich-mhaola, na caoirich Ghallda, Chieviots, ’s mar sin. Tha mi deanamh a mach gur h-e seo a chanadh na cìobairean, gun canadh iad seo, có dhiù. [Cf. caoraich-bheaga] |
| Cheviots | ’Se chēv’iots a chanadh na bodaich againne. |
| [note] | Eadar-dhealachadh eadar ‘brògach’ agus ‘dubh-cheannach’. |
| dubh-cheannach | Dubh ge léir ’s an aodann, gun mìr geal ’sam bith. [Cf. brògach] |
| brògach | Dorch, no dorch, dorch ’s an aodann ach gun a bhith uile gu léir dubh. [Cf. dubh-cheannach] |
| cùlan | Na h-uibhir dubh de an chlòimh ann an cùl a’ chinn aig caora, có dhiu air mullach na h-amhach aig cùl a’ chinn. Tha cùlan innte. A’ chaora chùlanach. [Cf. tòn-dubh] |
| tòn-dubh | An aon seòrsa rud [i.e. like cùlan q.v.] aig ceann eile na caorach. Na h-uibhir de an chlòimh dubh aig deireadh na caorach. Aig a deireadh, gun a bhith suas air an sin. Sin tòn-dubh. A chaora thòn-dubh.
|