| SEORSAICHEAN DUINE | 
| bumailear (E) | Tha e seo againn. [NOTES: slip not found.] | 
| bugair (E) | Tha e seo againn. ’S bidh fhios agam fhéin mu a dheidhinn. [SLIP: no definition.] | 
| blaigeard | E seo, cuideachd, mar am fear shuas. [NOTES: slip not found.] | 
| closach (I) | Duine mór, trom. 6' suas agus sìos mar sin:
        
      [SLIP: A big heavily-built man.] | 
| cainnean (E) | Duine dìreach mar a shaoileadh sibh a rèir an ainm. Aithghearr, aithghearr anns an nàdur agus a théid ’n a theine airson rudan glé bheag. ’S mar sin. [NOTES: slipped under ‘cainean’. Definition: An upright man.] | 
| carran (E) | Duine buaireanta. Duine nach leigeadh móran seachad gun na h-uibhir de bhuaireadh a dheanamh m’a dheidhinn. ’S mar sin. [SLIP: An annoying man.] | 
| duine amhaidh (E) | Duine amh. ’Na dhòigh agus ’n a chòmhradh. Mar a shaoileadh sibh leis an ainm. [NOTES: slipped under ‘amhaidh’. Definition: A rough person in speech and manner.] | 
| dannarran (E) | Duine a dheadh an airde [?] gu buaireadh ’s droch nàdur ’s mar sin gu math aithghearr. ’S a bhiodh mar sin an còmhnuidh. [SLIP: A man with an annoyingly bad temper.] | 
| fannlag (I) | Duine gun mhóran neart ann, duine beag an cumantas. “Cha robh dad a dh’fheum unnda idir. Fannlagan a bh’unnda.” [SLIP: Usually a small, weak man.] | 
| gleidreaman (E) | Rudeigin mar peitealan [q.v.]. Duine a bhiodh a’ deanamh móran á rud gle bheag. Gu math tric a’ deanamh dragha mu chuspairean beaga ’s mar sin, eadhon gu ìre a bhith deanamh miothlachd. [SLIP: A man who makes a mountain out of a molehill, making small matters seem large.] | 
| gliogaid (I) | Duine mór, gliogach. Faic MacGhillfh. “a thin clumsy man”. 6' suas agus sìos [?]:
        
      [SLIP: A big, bald-headed, clumsy man.] | 
| iosgaideach (E) | Duine, mór an cumantas, agus iosgaidean móra, fada aige. Biodh e trom no caol. [SLIP: A big man with large thighs.] | 
| lìogaire (E) | Duine lìogach. (Faic MacGhillfh.) (lìgeach) Duine slaodach, cuideachd a bhiodh a’ lìogaireachd. Cha b’ann gu taobh molaidh a bhiodh ‘lìogaire’ a’ claonadh uair sam bith. [SLIP 1: A slow-moving person, deliberate in gait.] [SLIP 2: lìogaireachd. Definition: Verb of ‘lìogaire’ q.v.] | 
| leth-chiallach (E agus I) | Dìreach mar an t-ainm. [SLIP: Noun – half-wit.] | 
| malcaid (I) | Duine mór, trom a rithist. Agus leisg ’s mar sin. Agus gun e deanamh móran feuma. [SLIP: A big, heavy man – also lazy.] | 
| oslaig (I) | Duine mór, mór, trom. [SLIP: A big, heavily-built man.] | 
| peallag (I) | Rudeigin an ceart aghaidh oslaig [q.v.]. Duine beag, sunndach, ’s mar sin. Mar bu trice cha b’ann a’ claonadh gu taobh a bhith cur onair air a chanadh tu ‘peallag’. [SLIP: Positive term for a small, lively man.] | 
| mastaige | Duine grànda, ’na dhòigh. Duine a nì rudan grànda, agus glé ghrànda. Chan eil fhios ’am an ann bho mastiff masluidh [?] (cù) a tha seo. Faic Dwelly. [SLIP: A man who would “do the dirty” on other people.] | 
| peitealan (E) | Duine gun chonn. A bhios a’ leum bho rud gu rud ’s mu shròn dhaoine. ’S a’ miodal ’s a’ brosgul ’s mar sin mar a shaoileadh sibh. [SLIP: A senseless man who jumps from one thing to the other, annoying people. Also ingratiating.] | 
| salchar (E) | Bidh e seo anns a h-uile h-àit. [SLIP: no definition.] | 
| sleigeire (E) | Duine fada anns na lethcheannan ’s mar sin.
        
      [SLIP: A man with long cheeks.] | 
| sìliche (E) | Lìogaire [q.v.] de dhuine. (Faic lìogach aig MacGhillfh.) Duine a bhios a’ deanamh rudan lìogach, ’s mar sin; sly, cunning, ’s nach tig air uachdar aig an toiseach ’s mar sin. [SLIP: Sly, clumsy person.] | 
| trusdar (E) | Bidh e seo anns a h-uile h-àit. Agus faisg air anns an aon seadh. [SLIP: A “filthy fellow”.] | 
| truaghan (E) | Air a chleachdadh dìreach mar a shaoileadh sibh. Againne dìreach mar a tha e aig MacGhillfh. [NOTES: slip not found.] | 
| duine gun diù (E) | Air a chleachdadh dìreach mar a shaoileadh sibh. [NOTES: slip not found.] | 
| ceàrd (E) | Bidh e seo air a chleachdadh faisg air an aon dòigh anns a h-uile h-àit. “’Se ceàrd a bh’ann.” “Nach b’e an ceàrd e.” [SLIP: no definitions.] | 
| Boirionnaich | 
| cearchaill (I) | Boirionnach tiugh, cruinn, trom ’n a pearsa. [SLIP: A rotund, heavily-built woman.] | 
| tuarnag (I) | Faisg air an aon seòrsa ris cearchaill [q.v.] ach nas lugha ’n a pearsa agus nas òige an cumantas. (Chan e ‘tuairneag’, mar ’s na faclairean, a chanas sinn idir.) [SLIP: Usually younger smaller than a cearchaill qv. but still rotund and heavily-built.] | 
| tumarraid (I) | Faisg air an seòrsa ri cearchaill [q.v.] – mór, tiugh agus trom ’n a pearsa. [SLIP 1: A rotund heavily-built woman.] [SLIP 2: A big, tough woman. Seldom used of a boy.] | 
| fursair (E) | Boirionnach rough. Og an cumantas. Teenager rough mar gu’n canadh tu. ’S ann eagalach tearc a chleachdas sinn ‘fursair’ ri balach. [SLIP: A young, tough woman. Seldom used of a boy.] | 
| màrsach (I) | Boirionnach a tha a’ sealltuinn gu bheil i làidir a thaobh nam fear – ag iarraidh thuca ’s mar sin. Tuigidh sibh fhein! Mar tha ‘màrsach’ againne tha e gu math duilich còmhradh a chur air. [SLIP: A woman who shows she is strong vis-à-vis men.] | 
| làir (I) | Mar a bha mi ag innse dhuibh aig Sràid Sauchiehall. [SLIP: no definition.] | 
| baobh (I) | Mar aig Sràid Sauchiehall cuideachd. [SLIP: do definition.] | 
| ramailear (E) | Boirionnach a bhiodh a’ leum ’s a falbh bho àite gu àite gun mhóran stamhnaidh bho thigeadh rud sam bith ’n a ceann. “A ramaileireach an siod ’s an seo.” “Ramailear eagalach a th’innte.” [SLIP: An impetuous woman who would be up and off when it came into her head.] | 
| goibhneal (E) | Boirionnach caol – chan ann cho caol ri ‘raod’ [q.v.] agus ‘sgriot’ [q.v.] ach dìreach caol gun a bhith cruinn mar boirionnach an cumantas. Agus gun a bhith ro ìosal ’na pearsa. Fuaimnich mar seo: aoi, raoir, coibhneal, goibhneal. [SLIP: A slender woman, though not as thin as ‘raod’ or ‘sgriot’ qv.] | 
| raod (E) | Boirionnach caol – glé chaol ’n a pearsa. “Raod eagalach a th’innte.” [SLIP: A very thin woman.] | 
| sgriot (E) | An aon seòrsa ri raod [q.v.]. Faisg, faisg air co dhiu. “Sgriot eagalach a th’innte.” [SLIP: A very thin woman.] | 
| BAD COMPANY | 
| (1) | 
| sgoladh d’a theangaidh | [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire.] [NOTES: slipped under ‘sgoladh’. Definition: Tongue-lashing.] | 
| sgearrach | Tha aca anns na Hearadh – có dhiu bha ’san Scarp – ‘sgearrach’. “Thug mi sgearrach air, no dhà.” [SLIP: Scarp word for ‘tongue-lashing.] | 
| [teanga] | “Thug e teanga dha.” “Thug e pìos d’a theangaidh dha.” [SLIP: Tongue-lashing.] | 
| [seatha] | “Thug e seatha dha.” – He gave him a telling off. “Thug mi seatha dha.” Cha chreid mi nach robh againn cuideachd ‘seatha’ airson ‘cheek’: “Thug e seatha dha.” – He gave him cheek. [SLIP 1: Thug e seatha dha. He gave him a telling-off. Also: he gave him cheek.] [SLIP 2: Cheek, telling-off.] | 
| (2) | 
| duine fada as | Tha e seo againn. Agus ’na aghaidh: duine faisg ort. [NOTES: slip not found.] | 
| [duine faisg ort] | “Tha e cho faisg (ort).” (Faic ‘duine amhaidh’ [q.v.] air an duilleig eile.) [SLIP: Friendly.] | 
| (3) | 
| cabag | Blether, gossip: tha e seo againn. Cabag agus cabaire. Agus preigeadair agus preigire. | 
| [cabaire] | [See cabag.] [SLIP: Gossip, blether.] | 
| [preigeadair] | [See cabag.] [SLIP: Gossip, blether.] | 
| [preigire] | [See cabag.] [SLIP: Gossip, blether.] | 
| [note] | agus mar sin air adhair [sic] | 
| GOOD COMPANY | 
| [cuideachd] | “Bha e math ann an cuideachd.” – “Good company”. [NOTES: slip not found.] | 
| [cridhe] | “Bha cridhe math ann.” – warm-hearted and kind. [SLIP: Warm-hearted.] | 
| [blàth-chridheach] | “Bha e blàth-chridheach.” – warm-hearted and kind. [SLIP: Warm-hearted.] | 
| geur | Witty. “Tha Domhnull geur.” | 
| [beurr] | Anns na Baigh anns an sgìre againn (Uig an Iar), ’se ‘beurr’ a chanas iad mar a chanas sinne ‘geur’ [q.v.]: “Tha e cho beurr.” [SLIP: Said in ‘na Baigh’ (Sgìre Uig) for ‘geur’ – ‘witty’.] | 
| eirmiseach | Witty. “Tha e eirmiseach.” | 
| deas air a theangaidh | Witty. “Tha e deas air a theangaidh.” [NOTES: slipped under ‘deas’.] | 
| [freagairt] | “Tha a fhreagairt gu math faisg air.” – [witty]. [NOTES: slip not found.] | 
| [cheerful] | Cha chreid mi gu bheil móran sam bith agam airson ‘cheerful’. | 
| [còmhraideach] | A good talker. “Tha e còmhraideach.” [SLIP: Talkative.] | 
| [còmhraidh] | “Tha pailteas còmhraidh aige.” – a good talker. [NOTES: slip not found.] | 
| [note] | Tuilleadh ri shuas. | 
| [tròcair] | Rinn e tròcair rium [one of the phrases suggested in the questionnaire]. “Rinn e tròcair orm” a chanas sinne. [SLIP: He did me a favour.] | 
| [fàbhar] | “Rinn e fàbhar rium”, againne. [SLIP: He did me a favour.] | 
| céileach | ’Se ‘céileach’ a th’againne [for ‘céilidhiche’ suggested in the questionnaire]. [SLIP: Entertaining, of a person.] | 
| abhcaid | Tha e seo againn. [Joking – one of the words suggested in the questionnaire.] [NOTES: slip not found.] | 
| [note] | Tha againn: | 
| duine éibhinn | [NOTES: slip not found.] | 
| duine aincheardach | [NOTES: slipped under ‘aincheardach’. Definition: Funny man.] | 
| duine dibhearsaineach | [NOTES: slipped under ‘dibhearsaineach’. Definition: Funny man.] | 
| duine àraid | (Fuaimnich àrraid.) [NOTES: slip not found.] | 
| [‘funny man’] | Iad seo uile airson mar gu’n canadh sibh ‘funny man’. Tuigidh sibh fhéin. Tha barrachd air an seo againn na’n cuimhnichinn orra. | 
| CHEERFUL | 
| [sona] | “Nach e tha sona dheth.” – bha e seo againn. Tha againn: “Cho sona ri bó ann an loch.” “Cho sona ’s a tha an là cho fada.” [SLIP: no definition.] | 
| [duine dòigheil] | Easy-going, self-control, patience. “Tha e cho dòigheil.” “’Se duine dòigheil a tha an Calum.” “Dòmhnull, ’s e cho dòigheil.” – happy, easy-going, patient. [NOTES: slipped under ‘dòigheil’. Definition: Easy-going.] | 
| GLOOMY | 
| dreunasach, dreunaire | Tha na dhà-sa againn. [NOTES: ‘dreunasach’ suggested in the questionnaire – ‘a surly person’.] | 
| [note] | Tha móran ainmeannan againn, na’n cuimhnichinn-sa orra, le ‘an’, ‘ach’, ‘aire’, ’s mar sin, ’s an deireadh. | 
| dranndan | [SLIP: surly.] | 
| dreunasach | [NOTES: suggested in the questionnaire – ‘a surly person’. Slip not found.] | 
| dreunaire | [SLIP: surly.] | 
| dreimisg | [SLIP: surly.] | 
| mar ugh air aran | ’S e ‘mar ugh air bonnach’ a bh’againne. [NOTES: slipped under ‘bonnach’. Definition: Excited.] | 
| [sìos] | “Tha e sìos (’s an inntinn).” “Tha e fada sìos ’s an inntinn.” – depressed. | 
| [impetuous] | Againne mar a th’aig MacGhillfh.: fiadhaich, feargach, cas, brais. | 
| [fiadhaich] | [Impetuous.] | 
| [feargach] | [Impetuous.] | 
| [cas] | [Impetuous.] | 
| [brais] | [Impetuous.] | 
| A GOOD MAN | 
| [note] | Cha chreid mi gu bheil càch againne mu an seo ach na tha cumanta anns a h-uile h-àit. | 
| duinne grinn |  | 
| duine onarach |  | 
| duine ceart |  | 
| fìor dhuine |  | 
| ’s mar sin. |  | 
| [gasda] | Thuirt mi roimhe gu bheil againn mu dhuine diadhaidh – duine stòlda diadhaidh, ged nach bitheadh e air leth soilleir mar an fheadhainn chomharraichte – gasda. “’Se gille gasd a th’ann.” ’Se ‘gille’ a chanadh iad ged a bhiodh an duine pòsda agus ’na sheanair. [SLIP: A religious man – irrespective of age.] | 
| [ionraic] | Duine ionraic – pure. Tha seo againn. Bhà, có dhiù. | 
| grinn | Canaidh sinn ‘grinn’ cuideachd mu dhuine a bhios ’n a aodach ’s mar sin. Snog, glan, sgiobalta. “Tha Calum cho grinn.” “Tha e cho grinn a h-uile turus a théid e a mach.” “Tha e ’ga chumail fhéin cho grinn.” Canaidh sinn ‘grinn’ cuideachd mu ghrinn ann an giùlan. [SLIP: Tidy; also ‘fine’ of behaviour.] | 
| A BAD MAN | 
| [gràisg] | Chan ’eil fhios ’am a bheil e ann an àiteachan eile. Chanadh na bodaich againne ‘a’ ghràisg’ ri clann an cumantas. Gu h-àraidh nuair a bhiodh sinn a’ ruith a muigh. ’S mar sin. [SLIP: ‘Rascals’ – particularly used by older people when children e.g. running out.] | 
| crosd | ’Se seo a chanas sinn mu chloinn a thà crosd. Cuideachd ‘crosd’ mu dhuine a bhiodh dona gu sabaid, ’s mar sin. “Bha e crosd.” “Duine crosd.” (Bha fear thall againne an Uig ri linn mo sheanar ris an canadh iad “Dòmhnull Bàn Crosd”. Duine tough nuair a bha e òg.) [SLIP: Mischievous (of children). Also (of man) tough, bad-tempered, spoiling for a fight.] | 
| ain-diadhach | Tha e seo againn, dìreach mar a th’aig Dwelly (faic t-d 15). Ach chan eil e againn airson ‘atheist’. ’S ann a tha e againn arison ungodly person. [SLIP: Ungodly person (not ‘atheist’.)] | 
| fineach | (Fuaimnich ‘fionach’ – seo mar tha e againne.) Tha seo againn airson duine mar tha seo shuas [i.e. ain-diadhach]. Duine gun dia mar gu’n canadh tu, heathen. Faic ‘fineachail’ ag Dwelly. “Domhnull Mór ’se fineach a th’ann.” “’Se fineach a th’ann an Calum Ruadh.” [SLIP: Atheist.] | 
| [note] | [NOTES: slips seem to stop here. There are no more ticks in the questionnaire either.] | 
| [note] | Tuilleadh air cuimhneachadh air bho an phàipear eile: | 
| daorach (I) | Mu dheoch ’s mar sin. “Tha e ’ga dhalladh leis an daoraich.” Agus “Tha e ’ga dhalladh” fhein (gun ‘leis an daoraich’ idir).  “Domhnull Thormoid ’s e ’ga dhalladh.” (Dòmhnull Thormoid leis an daoraich.) “Bha e ’ga sheann dalladh.” | 
| [dalladh] | [See daorach.] | 
| A SUCCESSFUL MAN | 
| sùil-dhìleas | Tha e seo againn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – no definition.] | 
| [tiuc] | Air a thiuc fhéin. Tha e seo againn. Agus ‘air a gheabhraisde fhéin’. [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘doing something on his own initiative’.] | 
| [geabhraisde] | [See tiuc.] | 
| corra-chriostag | Chuala mi am facal uair no dhà uaireigin ach chan eil bladh sam bith agam mu a dheidhinn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a woman who is always working’.] | 
| cosnaiche | Hard-working, ambitious, capable, lively. “’Se cosnaiche math a bh’ann.” (Faic na faclairean.) Tha ‘cosnaiche’ againn, cuideachd, airson nam fiaclan gearraidh (incisors) gu h-araidh ann an ainmhidhean, bó ’s mar sin. “Na cosnaichean” – the incisors. | 
| A FAILURE | 
| [sgluis] | Tha againn ann an Leòdhas ‘sgluis’ airson tè de’n t-seòrsa-sa [i.e. sgliùrach – word suggested in the questionnaire – ‘an untidy housewife’.] | 
| dradharna | Chan eil e seo againn idir. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘an insignificant, useless person’.] | 
| leisgeadair | Tha againn ‘leisgeadair’. Agus, cha chreid mi, cuideachd, ‘leisgeach’ airson boirionnach de’n t-seòrsa. | 
| [leisgeach] | [See leisgeadair.] | 
| learach | Agus ‘learach’ airson boirionnach a bhiodh comasach (glé chomasach) air obair ’s mar sin a dheanamh, ach a bha leisg agus nach robh ’ga dhèanamh. Chan eil fhios agam an ann bho ‘leireach’ a thàinig ‘learach’. | 
| luid | Tha seo againn air an aon sraoin ri sgluis [q.v.]. “’Se luid a th’innte.” Canaidh sinn ‘luid’ mar as trice ri boirionnach. | 
| A WISE MAN | 
| tùrail | Intelligent or skilful. Tha e againn an dà chuid. Ach na’s motha ‘skilful’. Tùrail – math air a làmhan a thaobh fiodha agus gnothaichean eile, math air tuigsinn dé mar a tha cùisean mu na cuspairean sin etc. agus math agus grinn air dèanamh. | 
| FOOLISH | 
| sgimileir | Chan eil e againn. | 
| òinseach (I) | Thà [e againn]. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a foolish woman’.] | 
| bumalair (E) | Thà [ e againn]. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a large bumbling man’.] | 
| [note] | Tha grunnan ainmeannan againn mar: | 
| bumallair | [sic] | 
| buaistear (E) |  | 
| blabhdaire (E) |  | 
| bladhastair (E) |  | 
| [note] | (Faic na faclairean airson ‘blabhdaire’ agus ‘bladhastair’.) | 
| [note] | Chanainn gu bheil ‘bumalair’ agus ‘buaisteir’ [sic] ann an iomadh àite. | 
| BOLD | 
| aghannail | A forward person. Bold. Chanainn gur h-ann bho ‘aghaidh’ a tha seo: aghaidh, aghannail. | 
| [aghaidh] | Chanadh iad againne, a maoidhean òirnn nuair a bhiodh sinn crosd nuair a bha sinn òg: “Cuiridh mi ìomhaigh na h-agh’ dhiot.” Cho fada agus a thuig mise, có dhiu, ’se “cuiridh mi ìomhaigh na h-aghaidh dhiot” a bha iad a’ ciallachadh. | 
| tàidsear (E) | Chan eil idir againn. ’Sann a tha ‘tàidsear’ againne, mar: “Thug e tàidsearan dhà (no air).” – Thug e broadsides dha (ann am barrachd air aon seadh). Tuigidh sibh fhein. | 
| làidir (1) | Bold. | 
| ladarna (2) | Bold. | 
| dàna (3) | Bold. | 
| [note] | ’Se (1) agus (3) as fheàrr a fhreagras mar a tha e againne. | 
| TIMID | 
| [note] | Againne “an easily led man”: | 
| [blath-laoghain] | “Tha e ’n a bhlath-laoghain aice.” | 
| [clobhda-sgùraidh] (E) | “Tha e ’n a chlobhda-sgùraidh. | 
| [note] | ’S mar sin. | 
| [mòinteach] | “Tha e furasda a thoirt a’ mhòinteach.” | 
| [taobh] | “Tha e furasda a thoirt a thaobh.” | 
| [leannan-òinsich] | Cha chreid mi gu bheil ‘leannan-òinsich’ againn idir. [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘an easily led man’.] | 
| PROUD | 
| [bòsda] | Cha chreid mi gu bheil aon fhacal sam bith againn airson an fheadhainn-sa shuas ach airson ‘boast’ – bòsda, uaill. | 
| [uaill] | [See bòsda.] | 
| [note] | Ma thà facail ann, cha chuimnich mise orra aig an àm-sa. | 
| HUMBLE | 
| iriosal | Humble. “Tha Domhnull cho iriosal ri duine an àite sam bith”. “Tha e cho beag uaill [q.v.]” | 
| dìblidh | Servile. ’Se ‘dìblidh’, saoilidh mi, a th’againne an còmhnuidh. | 
| miodal | Fawning. | 
| brosgul | Flattery. “Leis a’ bhrosgul.” | 
| beulachas | Flattery. “Leis a’ bheulachas.” “E cho beulach.” | 
| [note] | ’S mar sin. | 
| POLITE | 
| [boirionn] | Feminine (used of a man). “Tha e cho boirionn.” | 
| [grinn] | Well-mannered. “Tha e cho grinn ’s cho modhail.” “Tha e cho grinn.” | 
| COARSE | 
| [curs] | Coarse, bad-mannered. “Tha e curs.” “Tha e curs ’n a dhòigh.” | 
| [firionn] | Masculine (used of a woman). “Tha i cho firionn.” | 
| fursair | ’Se ‘fursair’ a th’againne [for ‘cursair’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘a rough forward person (usually a woman)’]. “’Se fursair eagalach a th’innte.” Tha am facal ‘fursaireachd’ againn cuideachd agus ’ga chleachdadh. | 
| [fursaireachd] | [See fursair.] | 
| biast | Tha againn cuideachd mu bhoirionnach, ‘biast’ no ‘biasd’. “’Se biast a th’innte.” (curs agus garg) Cuideachd, boirionnach cruaidh agus marbh ann am faireachdainn: biast. “Nach b’e a’ bhiast i!” Cleas a’ bhoirionnaich a chaill an duine le bàthadh ’s nach do chuir e móran sum bith oirre. “Nach b’e a’ bhiast i!” | 
| biasd | [See biast.] | 
| BAD TYPES | 
| duine droch nàdurach | Bad tempered. | 
| duine buaireanta | Troublemaker. | 
| biorag | Chan eil seo againn idir. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘an acid-tongued woman’.] | 
| laghail | Tha againn ‘laghail’ agus ‘laghalachd’ [for ‘laghanta’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘always laying down the law (?).]. “Tha e cho laghail.” – litigious. “Thusa agus do laghalachd.” | 
| [laghalachd] | [See laghail.] | 
| [note] | Chan eil facail againn airson duine nosey, suspicious, cunning, stubborn, ’s mar sin idir. Ach mar seo: | 
| [sròn] | “Tha e le a shròn anns a h-uile rud.” – duine nosey. | 
| [an-amharusach] | “Tha e cho an-amharusach.” – duine suspicious. | 
| [carach] | “Tha e cho carach.” – duine cunning. | 
| [seòlta] | “Tha e cho seòlta.” – duine cunning. | 
| YOUNG | 
| “Growing up” | 
| pocan | Chan eil e againn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘tubby, cheeky boy’.] | 
| [òirleach] | “Cha d’thàinig òirleach air.” – airson “Cha deacha gnogadh air.” [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘he hasn’t grown an inch’.] | 
| [dub] | “Cha d’thàinig dub air.” – airson “Cha deacha gnogadh air.” [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘he hasn’t grown an inch’.] | 
| seanacharra | ’Se ‘seanacharra’ a chanas sinne [for ‘seanabheulach’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘used of a child who talks like a grown-up’.] | 
| OLD | 
| bramalaid | Cho coltach ri facal a bhiodh aca ’s na Hearadh. Dìreach mar facal a thigeadh bho bheul “A’ Bhonnaich” as an Scarp. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a lazy, useless woman’.] | 
| brogaiche no brogach | Cha chreid mi gu bheil am facal ’sa ann an Leòdhas air fad. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a spry old man’.] | 
| AGUS FACLAN SAM BITH EILE | 
| griupag (I) | Boirionnaich nach eil air leth tarruingeach air dhòigh sam bith. ’N am pearsa, beag. ’S mar sin. Cuideachd nach tugadh dhuit móran (no nì sam bith) mun a faigheadh i uibhir eile air a shon. “’Se griupag a th’innte.” Bha Taillear Eadar-dha-Fhaodhail aig an robh am bus, a’ tighinn eadar Steòrnabhagh agus an t-Acha Mór. Ghoid cailleach anns a’ bhus ball bathair a bh’aig fear de na bh’ann. Nuair a fhuair Pàdruig (an Taillear) a mach có a rinn a’ ghoid ’s e an rud a thuirt e ris a’ chaillich: “A ghriupag ghrànda, nan robh fhios agam-sa gur h-e thus’ a bh’ann.” |