Nàdur an Duine / Personality

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Age
61 ¼
Origin
Leòdhas [Lewis], Uig an Iar
Location
Glaschu [Glasgow]
Date
[1972 on the slips]
Notes
  • [NOTES: the informant uses E and I to mark the gender of the nouns, masculine and feminine respectively.]
  • [NOTES: the questionnaire suggests a number of words/phrases under each heading so very often Mr MacLeod refers to them in his list saying ‘Tha e seo againn.’ or he gives a local variant instead. See below.]
  • [NOTES: part of the questionnaire has been slipped (in English) and therefore, apart from the definitions provided by Mr MacLeod, in this file the definitions as they appear on the slips have been also included.]
SEORSAICHEAN DUINE
bumailear (E)Tha e seo againn. [NOTES: slip not found.]
bugair (E)Tha e seo againn. ’S bidh fhios agam fhéin mu a dheidhinn. [SLIP: no definition.]
blaigeardE seo, cuideachd, mar am fear shuas. [NOTES: slip not found.]
closach (I)Duine mór, trom. 6' suas agus sìos mar sin:
[SLIP: A big heavily-built man.]
cainnean (E)Duine dìreach mar a shaoileadh sibh a rèir an ainm. Aithghearr, aithghearr anns an nàdur agus a théid ’n a theine airson rudan glé bheag. ’S mar sin. [NOTES: slipped under ‘cainean’. Definition: An upright man.]
carran (E)Duine buaireanta. Duine nach leigeadh móran seachad gun na h-uibhir de bhuaireadh a dheanamh m’a dheidhinn. ’S mar sin. [SLIP: An annoying man.]
duine amhaidh (E)Duine amh. ’Na dhòigh agus ’n a chòmhradh. Mar a shaoileadh sibh leis an ainm. [NOTES: slipped under ‘amhaidh’. Definition: A rough person in speech and manner.]
dannarran (E)Duine a dheadh an airde [?] gu buaireadh ’s droch nàdur ’s mar sin gu math aithghearr. ’S a bhiodh mar sin an còmhnuidh. [SLIP: A man with an annoyingly bad temper.]
fannlag (I)Duine gun mhóran neart ann, duine beag an cumantas. “Cha robh dad a dh’fheum unnda idir. Fannlagan a bh’unnda.” [SLIP: Usually a small, weak man.]
gleidreaman (E)Rudeigin mar peitealan [q.v.]. Duine a bhiodh a’ deanamh móran á rud gle bheag. Gu math tric a’ deanamh dragha mu chuspairean beaga ’s mar sin, eadhon gu ìre a bhith deanamh miothlachd. [SLIP: A man who makes a mountain out of a molehill, making small matters seem large.]
gliogaid (I)Duine mór, gliogach. Faic MacGhillfh. “a thin clumsy man”. 6' suas agus sìos [?]:
[SLIP: A big, bald-headed, clumsy man.]
iosgaideach (E)Duine, mór an cumantas, agus iosgaidean móra, fada aige. Biodh e trom no caol. [SLIP: A big man with large thighs.]
lìogaire (E)Duine lìogach. (Faic MacGhillfh.) (lìgeach) Duine slaodach, cuideachd a bhiodh a’ lìogaireachd. Cha b’ann gu taobh molaidh a bhiodh ‘lìogaire’ a’ claonadh uair sam bith. [SLIP 1: A slow-moving person, deliberate in gait.] [SLIP 2: lìogaireachd. Definition: Verb of ‘lìogaire’ q.v.]
leth-chiallach (E agus I)Dìreach mar an t-ainm. [SLIP: Noun – half-wit.]
malcaid (I)Duine mór, trom a rithist. Agus leisg ’s mar sin. Agus gun e deanamh móran feuma. [SLIP: A big, heavy man – also lazy.]
oslaig (I)Duine mór, mór, trom. [SLIP: A big, heavily-built man.]
peallag (I)Rudeigin an ceart aghaidh oslaig [q.v.]. Duine beag, sunndach, ’s mar sin. Mar bu trice cha b’ann a’ claonadh gu taobh a bhith cur onair air a chanadh tu ‘peallag’. [SLIP: Positive term for a small, lively man.]
mastaigeDuine grànda, ’na dhòigh. Duine a nì rudan grànda, agus glé ghrànda. Chan eil fhios ’am an ann bho mastiff masluidh [?] (cù) a tha seo. Faic Dwelly. [SLIP: A man who would “do the dirty” on other people.]
peitealan (E)Duine gun chonn. A bhios a’ leum bho rud gu rud ’s mu shròn dhaoine. ’S a’ miodal ’s a’ brosgul ’s mar sin mar a shaoileadh sibh. [SLIP: A senseless man who jumps from one thing to the other, annoying people. Also ingratiating.]
salchar (E)Bidh e seo anns a h-uile h-àit. [SLIP: no definition.]
sleigeire (E)Duine fada anns na lethcheannan ’s mar sin.
[SLIP: A man with long cheeks.]
sìliche (E)Lìogaire [q.v.] de dhuine. (Faic lìogach aig MacGhillfh.) Duine a bhios a’ deanamh rudan lìogach, ’s mar sin; sly, cunning, ’s nach tig air uachdar aig an toiseach ’s mar sin. [SLIP: Sly, clumsy person.]
trusdar (E)Bidh e seo anns a h-uile h-àit. Agus faisg air anns an aon seadh. [SLIP: A “filthy fellow”.]
truaghan (E)Air a chleachdadh dìreach mar a shaoileadh sibh. Againne dìreach mar a tha e aig MacGhillfh. [NOTES: slip not found.]
duine gun diù (E)Air a chleachdadh dìreach mar a shaoileadh sibh. [NOTES: slip not found.]
ceàrd (E)Bidh e seo air a chleachdadh faisg air an aon dòigh anns a h-uile h-àit. “’Se ceàrd a bh’ann.” “Nach b’e an ceàrd e.” [SLIP: no definitions.]
Boirionnaich
cearchaill (I)Boirionnach tiugh, cruinn, trom ’n a pearsa. [SLIP: A rotund, heavily-built woman.]
tuarnag (I)Faisg air an aon seòrsa ris cearchaill [q.v.] ach nas lugha ’n a pearsa agus nas òige an cumantas. (Chan e ‘tuairneag’, mar ’s na faclairean, a chanas sinn idir.) [SLIP: Usually younger smaller than a cearchaill qv. but still rotund and heavily-built.]
tumarraid (I)Faisg air an seòrsa ri cearchaill [q.v.] – mór, tiugh agus trom ’n a pearsa. [SLIP 1: A rotund heavily-built woman.] [SLIP 2: A big, tough woman. Seldom used of a boy.]
fursair (E)Boirionnach rough. Og an cumantas. Teenager rough mar gu’n canadh tu. ’S ann eagalach tearc a chleachdas sinn ‘fursair’ ri balach. [SLIP: A young, tough woman. Seldom used of a boy.]
màrsach (I)Boirionnach a tha a’ sealltuinn gu bheil i làidir a thaobh nam fear – ag iarraidh thuca ’s mar sin. Tuigidh sibh fhein! Mar tha ‘màrsach’ againne tha e gu math duilich còmhradh a chur air. [SLIP: A woman who shows she is strong vis-à-vis men.]
làir (I)Mar a bha mi ag innse dhuibh aig Sràid Sauchiehall. [SLIP: no definition.]
baobh (I)Mar aig Sràid Sauchiehall cuideachd. [SLIP: do definition.]
ramailear (E)Boirionnach a bhiodh a’ leum ’s a falbh bho àite gu àite gun mhóran stamhnaidh bho thigeadh rud sam bith ’n a ceann. “A ramaileireach an siod ’s an seo.” “Ramailear eagalach a th’innte.” [SLIP: An impetuous woman who would be up and off when it came into her head.]
goibhneal (E)Boirionnach caol – chan ann cho caol ri ‘raod’ [q.v.] agus ‘sgriot’ [q.v.] ach dìreach caol gun a bhith cruinn mar boirionnach an cumantas. Agus gun a bhith ro ìosal ’na pearsa. Fuaimnich mar seo: aoi, raoir, coibhneal, goibhneal. [SLIP: A slender woman, though not as thin as ‘raod’ or ‘sgriot’ qv.]
raod (E)Boirionnach caol – glé chaol ’n a pearsa. “Raod eagalach a th’innte.” [SLIP: A very thin woman.]
sgriot (E)An aon seòrsa ri raod [q.v.]. Faisg, faisg air co dhiu. “Sgriot eagalach a th’innte.” [SLIP: A very thin woman.]
BAD COMPANY
(1)
sgoladh d’a theangaidh[NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire.] [NOTES: slipped under ‘sgoladh’. Definition: Tongue-lashing.]
sgearrachTha aca anns na Hearadh – có dhiu bha ’san Scarp – ‘sgearrach’. “Thug mi sgearrach air, no dhà.” [SLIP: Scarp word for ‘tongue-lashing.]
[teanga]“Thug e teanga dha.” “Thug e pìos d’a theangaidh dha.” [SLIP: Tongue-lashing.]
[seatha]“Thug e seatha dha.” – He gave him a telling off. “Thug mi seatha dha.” Cha chreid mi nach robh againn cuideachd ‘seatha’ airson ‘cheek’: “Thug e seatha dha.” – He gave him cheek. [SLIP 1: Thug e seatha dha. He gave him a telling-off. Also: he gave him cheek.] [SLIP 2: Cheek, telling-off.]
(2)
duine fada asTha e seo againn. Agus ’na aghaidh: duine faisg ort. [NOTES: slip not found.]
[duine faisg ort]“Tha e cho faisg (ort).” (Faic ‘duine amhaidh’ [q.v.] air an duilleig eile.) [SLIP: Friendly.]
(3)
cabagBlether, gossip: tha e seo againn. Cabag agus cabaire. Agus preigeadair agus preigire.
[cabaire][See cabag.] [SLIP: Gossip, blether.]
[preigeadair][See cabag.] [SLIP: Gossip, blether.]
[preigire][See cabag.] [SLIP: Gossip, blether.]
[note]agus mar sin air adhair [sic]
GOOD COMPANY
[cuideachd]“Bha e math ann an cuideachd.” – “Good company”. [NOTES: slip not found.]
[cridhe]“Bha cridhe math ann.” – warm-hearted and kind. [SLIP: Warm-hearted.]
[blàth-chridheach]“Bha e blàth-chridheach.” – warm-hearted and kind. [SLIP: Warm-hearted.]
geurWitty. “Tha Domhnull geur.”
[beurr]Anns na Baigh anns an sgìre againn (Uig an Iar), ’se ‘beurr’ a chanas iad mar a chanas sinne ‘geur’ [q.v.]: “Tha e cho beurr.” [SLIP: Said in ‘na Baigh’ (Sgìre Uig) for ‘geur’ – ‘witty’.]
eirmiseachWitty. “Tha e eirmiseach.”
deas air a theangaidhWitty. “Tha e deas air a theangaidh.” [NOTES: slipped under ‘deas’.]
[freagairt]“Tha a fhreagairt gu math faisg air.” – [witty]. [NOTES: slip not found.]
[cheerful]Cha chreid mi gu bheil móran sam bith agam airson ‘cheerful’.
[còmhraideach]A good talker. “Tha e còmhraideach.” [SLIP: Talkative.]
[còmhraidh]“Tha pailteas còmhraidh aige.” – a good talker. [NOTES: slip not found.]
[note]Tuilleadh ri shuas.
[tròcair]Rinn e tròcair rium [one of the phrases suggested in the questionnaire]. “Rinn e tròcair orm” a chanas sinne. [SLIP: He did me a favour.]
[fàbhar]“Rinn e fàbhar rium”, againne. [SLIP: He did me a favour.]
céileach’Se ‘céileach’ a th’againne [for ‘céilidhiche’ suggested in the questionnaire]. [SLIP: Entertaining, of a person.]
abhcaidTha e seo againn. [Joking – one of the words suggested in the questionnaire.] [NOTES: slip not found.]
[note]Tha againn:
duine éibhinn[NOTES: slip not found.]
duine aincheardach[NOTES: slipped under ‘aincheardach’. Definition: Funny man.]
duine dibhearsaineach[NOTES: slipped under ‘dibhearsaineach’. Definition: Funny man.]
duine àraid(Fuaimnich àrraid.) [NOTES: slip not found.]
[‘funny man’]Iad seo uile airson mar gu’n canadh sibh ‘funny man’. Tuigidh sibh fhéin. Tha barrachd air an seo againn na’n cuimhnichinn orra.
CHEERFUL
[sona]“Nach e tha sona dheth.” – bha e seo againn. Tha againn: “Cho sona ri bó ann an loch.” “Cho sona ’s a tha an là cho fada.” [SLIP: no definition.]
[duine dòigheil]Easy-going, self-control, patience. “Tha e cho dòigheil.” “’Se duine dòigheil a tha an Calum.” “Dòmhnull, ’s e cho dòigheil.” – happy, easy-going, patient. [NOTES: slipped under ‘dòigheil’. Definition: Easy-going.]
GLOOMY
dreunasach, dreunaireTha na dhà-sa againn. [NOTES: ‘dreunasach’ suggested in the questionnaire – ‘a surly person’.]
[note]Tha móran ainmeannan againn, na’n cuimhnichinn-sa orra, le ‘an’, ‘ach’, ‘aire’, ’s mar sin, ’s an deireadh.
dranndan[SLIP: surly.]
dreunasach[NOTES: suggested in the questionnaire – ‘a surly person’. Slip not found.]
dreunaire[SLIP: surly.]
dreimisg[SLIP: surly.]
mar ugh air aran’S e ‘mar ugh air bonnach’ a bh’againne. [NOTES: slipped under ‘bonnach’. Definition: Excited.]
[sìos]“Tha e sìos (’s an inntinn).” “Tha e fada sìos ’s an inntinn.” – depressed.
[impetuous]Againne mar a th’aig MacGhillfh.: fiadhaich, feargach, cas, brais.
[fiadhaich][Impetuous.]
[feargach][Impetuous.]
[cas][Impetuous.]
[brais][Impetuous.]
A GOOD MAN
[note]Cha chreid mi gu bheil càch againne mu an seo ach na tha cumanta anns a h-uile h-àit.
duinne grinn
duine onarach
duine ceart
fìor dhuine
’s mar sin.
[gasda]Thuirt mi roimhe gu bheil againn mu dhuine diadhaidh – duine stòlda diadhaidh, ged nach bitheadh e air leth soilleir mar an fheadhainn chomharraichte – gasda. “’Se gille gasd a th’ann.” ’Se ‘gille’ a chanadh iad ged a bhiodh an duine pòsda agus ’na sheanair. [SLIP: A religious man – irrespective of age.]
[ionraic]Duine ionraic – pure. Tha seo againn. Bhà, có dhiù.
grinnCanaidh sinn ‘grinn’ cuideachd mu dhuine a bhios ’n a aodach ’s mar sin. Snog, glan, sgiobalta. “Tha Calum cho grinn.” “Tha e cho grinn a h-uile turus a théid e a mach.” “Tha e ’ga chumail fhéin cho grinn.” Canaidh sinn ‘grinn’ cuideachd mu ghrinn ann an giùlan. [SLIP: Tidy; also ‘fine’ of behaviour.]
A BAD MAN
[gràisg]Chan ’eil fhios ’am a bheil e ann an àiteachan eile. Chanadh na bodaich againne ‘a’ ghràisg’ ri clann an cumantas. Gu h-àraidh nuair a bhiodh sinn a’ ruith a muigh. ’S mar sin. [SLIP: ‘Rascals’ – particularly used by older people when children e.g. running out.]
crosd’Se seo a chanas sinn mu chloinn a thà crosd. Cuideachd ‘crosd’ mu dhuine a bhiodh dona gu sabaid, ’s mar sin. “Bha e crosd.” “Duine crosd.” (Bha fear thall againne an Uig ri linn mo sheanar ris an canadh iad “Dòmhnull Bàn Crosd”. Duine tough nuair a bha e òg.) [SLIP: Mischievous (of children). Also (of man) tough, bad-tempered, spoiling for a fight.]
ain-diadhachTha e seo againn, dìreach mar a th’aig Dwelly (faic t-d 15). Ach chan eil e againn airson ‘atheist’. ’S ann a tha e againn arison ungodly person. [SLIP: Ungodly person (not ‘atheist’.)]
fineach(Fuaimnich ‘fionach’ – seo mar tha e againne.) Tha seo againn airson duine mar tha seo shuas [i.e. ain-diadhach]. Duine gun dia mar gu’n canadh tu, heathen. Faic ‘fineachail’ ag Dwelly. “Domhnull Mór ’se fineach a th’ann.” “’Se fineach a th’ann an Calum Ruadh.” [SLIP: Atheist.]
[note][NOTES: slips seem to stop here. There are no more ticks in the questionnaire either.]
[note]Tuilleadh air cuimhneachadh air bho an phàipear eile:
daorach (I)Mu dheoch ’s mar sin. “Tha e ’ga dhalladh leis an daoraich.” Agus “Tha e ’ga dhalladh” fhein (gun ‘leis an daoraich’ idir).  “Domhnull Thormoid ’s e ’ga dhalladh.” (Dòmhnull Thormoid leis an daoraich.) “Bha e ’ga sheann dalladh.”
[dalladh][See daorach.]
A SUCCESSFUL MAN
sùil-dhìleasTha e seo againn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – no definition.]
[tiuc]Air a thiuc fhéin. Tha e seo againn. Agus ‘air a gheabhraisde fhéin’. [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘doing something on his own initiative’.]
[geabhraisde][See tiuc.]
corra-chriostagChuala mi am facal uair no dhà uaireigin ach chan eil bladh sam bith agam mu a dheidhinn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a woman who is always working’.]
cosnaicheHard-working, ambitious, capable, lively. “’Se cosnaiche math a bh’ann.” (Faic na faclairean.) Tha ‘cosnaiche’ againn, cuideachd, airson nam fiaclan gearraidh (incisors) gu h-araidh ann an ainmhidhean, bó ’s mar sin. “Na cosnaichean” – the incisors.
A FAILURE
[sgluis]Tha againn ann an Leòdhas ‘sgluis’ airson tè de’n t-seòrsa-sa [i.e. sgliùrach – word suggested in the questionnaire – ‘an untidy housewife’.]
dradharnaChan eil e seo againn idir. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘an insignificant, useless person’.]
leisgeadairTha againn ‘leisgeadair’. Agus, cha chreid mi, cuideachd, ‘leisgeach’ airson boirionnach de’n t-seòrsa.
[leisgeach][See leisgeadair.]
learachAgus ‘learach’ airson boirionnach a bhiodh comasach (glé chomasach) air obair ’s mar sin a dheanamh, ach a bha leisg agus nach robh ’ga dhèanamh. Chan eil fhios agam an ann bho ‘leireach’ a thàinig ‘learach’.
luidTha seo againn air an aon sraoin ri sgluis [q.v.]. “’Se luid a th’innte.” Canaidh sinn ‘luid’ mar as trice ri boirionnach.
A WISE MAN
tùrailIntelligent or skilful. Tha e againn an dà chuid. Ach na’s motha ‘skilful’. Tùrail – math air a làmhan a thaobh fiodha agus gnothaichean eile, math air tuigsinn dé mar a tha cùisean mu na cuspairean sin etc. agus math agus grinn air dèanamh.
FOOLISH
sgimileirChan eil e againn.
òinseach (I)Thà [e againn]. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a foolish woman’.]
bumalair (E)Thà [ e againn]. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a large bumbling man’.]
[note]Tha grunnan ainmeannan againn mar:
bumallair[sic]
buaistear (E)
blabhdaire (E)
bladhastair (E)
[note](Faic na faclairean airson ‘blabhdaire’ agus ‘bladhastair’.)
[note]Chanainn gu bheil ‘bumalair’ agus ‘buaisteir’ [sic] ann an iomadh àite.
BOLD
aghannailA forward person. Bold. Chanainn gur h-ann bho ‘aghaidh’ a tha seo: aghaidh, aghannail.
[aghaidh]Chanadh iad againne, a maoidhean òirnn nuair a bhiodh sinn crosd nuair a bha sinn òg: “Cuiridh mi ìomhaigh na h-agh’ dhiot.” Cho fada agus a thuig mise, có dhiu, ’se “cuiridh mi ìomhaigh na h-aghaidh dhiot” a bha iad a’ ciallachadh.
tàidsear (E)Chan eil idir againn. ’Sann a tha ‘tàidsear’ againne, mar: “Thug e tàidsearan dhà (no air).” – Thug e broadsides dha (ann am barrachd air aon seadh). Tuigidh sibh fhein.
làidir (1)Bold.
ladarna (2)Bold.
dàna (3)Bold.
[note]’Se (1) agus (3) as fheàrr a fhreagras mar a tha e againne.
TIMID
[note]Againne “an easily led man”:
[blath-laoghain]“Tha e ’n a bhlath-laoghain aice.”
[clobhda-sgùraidh] (E)“Tha e ’n a chlobhda-sgùraidh.
[note]’S mar sin.
[mòinteach]“Tha e furasda a thoirt a’ mhòinteach.”
[taobh]“Tha e furasda a thoirt a thaobh.”
[leannan-òinsich]Cha chreid mi gu bheil ‘leannan-òinsich’ againn idir. [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘an easily led man’.]
PROUD
[bòsda]Cha chreid mi gu bheil aon fhacal sam bith againn airson an fheadhainn-sa shuas ach airson ‘boast’ – bòsda, uaill.
[uaill][See bòsda.]
[note]Ma thà facail ann, cha chuimnich mise orra aig an àm-sa.
HUMBLE
iriosalHumble. “Tha Domhnull cho iriosal ri duine an àite sam bith”. “Tha e cho beag uaill [q.v.]”
dìblidhServile. ’Se ‘dìblidh’, saoilidh mi, a th’againne an còmhnuidh.
miodalFawning.
brosgulFlattery. “Leis a’ bhrosgul.”
beulachasFlattery. “Leis a’ bheulachas.” “E cho beulach.”
[note]’S mar sin.
POLITE
[boirionn]Feminine (used of a man). “Tha e cho boirionn.”
[grinn]Well-mannered. “Tha e cho grinn ’s cho modhail.” “Tha e cho grinn.”
COARSE
[curs]Coarse, bad-mannered. “Tha e curs.” “Tha e curs ’n a dhòigh.”
[firionn]Masculine (used of a woman). “Tha i cho firionn.”
fursair’Se ‘fursair’ a th’againne [for ‘cursair’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘a rough forward person (usually a woman)’]. “’Se fursair eagalach a th’innte.” Tha am facal ‘fursaireachd’ againn cuideachd agus ’ga chleachdadh.
[fursaireachd][See fursair.]
biastTha againn cuideachd mu bhoirionnach, ‘biast’ no ‘biasd’. “’Se biast a th’innte.” (curs agus garg) Cuideachd, boirionnach cruaidh agus marbh ann am faireachdainn: biast. “Nach b’e a’ bhiast i!” Cleas a’ bhoirionnaich a chaill an duine le bàthadh ’s nach do chuir e móran sum bith oirre. “Nach b’e a’ bhiast i!”
biasd[See biast.]
BAD TYPES
duine droch nàdurachBad tempered.
duine buaireantaTroublemaker.
bioragChan eil seo againn idir. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘an acid-tongued woman’.]
laghailTha againn ‘laghail’ agus ‘laghalachd’ [for ‘laghanta’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘always laying down the law (?).]. “Tha e cho laghail.” – litigious. “Thusa agus do laghalachd.”
[laghalachd][See laghail.]
[note]Chan eil facail againn airson duine nosey, suspicious, cunning, stubborn, ’s mar sin idir. Ach mar seo:
[sròn]“Tha e le a shròn anns a h-uile rud.” – duine nosey.
[an-amharusach]“Tha e cho an-amharusach.” – duine suspicious.
[carach]“Tha e cho carach.” – duine cunning.
[seòlta]“Tha e cho seòlta.” – duine cunning.
YOUNG
“Growing up”
pocanChan eil e againn. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘tubby, cheeky boy’.]
[òirleach]“Cha d’thàinig òirleach air.” – airson “Cha deacha gnogadh air.” [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘he hasn’t grown an inch’.]
[dub]“Cha d’thàinig dub air.” – airson “Cha deacha gnogadh air.” [NOTES: one of the phrases suggested in the questionnaire – ‘he hasn’t grown an inch’.]
seanacharra’Se ‘seanacharra’ a chanas sinne [for ‘seanabheulach’ – one of the words suggested in the questionnaire – ‘used of a child who talks like a grown-up’.]
OLD
bramalaidCho coltach ri facal a bhiodh aca ’s na Hearadh. Dìreach mar facal a thigeadh bho bheul “A’ Bhonnaich” as an Scarp. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a lazy, useless woman’.]
brogaiche no brogachCha chreid mi gu bheil am facal ’sa ann an Leòdhas air fad. [NOTES: one of the words suggested in the questionnaire – ‘a spry old man’.]
AGUS FACLAN SAM BITH EILE
griupag (I)Boirionnaich nach eil air leth tarruingeach air dhòigh sam bith. ’N am pearsa, beag. ’S mar sin. Cuideachd nach tugadh dhuit móran (no nì sam bith) mun a faigheadh i uibhir eile air a shon. “’Se griupag a th’innte.” Bha Taillear Eadar-dha-Fhaodhail aig an robh am bus, a’ tighinn eadar Steòrnabhagh agus an t-Acha Mór. Ghoid cailleach anns a’ bhus ball bathair a bh’aig fear de na bh’ann. Nuair a fhuair Pàdruig (an Taillear) a mach có a rinn a’ ghoid ’s e an rud a thuirt e ris a’ chaillich: “A ghriupag ghrànda, nan robh fhios agam-sa gur h-e thus’ a bh’ann.”

© DASG
^ Return To Top ^