Measgaichte / Miscellaneous

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Origin
[Lewis, Uig an Iar]
Location
[Glasgow]
Date
June 1967 on p. 29
Notes
  • [NOTES: It seems that the word-list was slipped twice – first in 1967 (in Gaelic) and then again in 1972 (in English).]
liacNuair a chitheadh na bodaich liac de ola air uachdar na mara ann am bàgh no a muigh air muir-mór, chanadh iad ‘liac an sgadan’. Agus dh’aithnicheadh iad nuair a bhiodh an sgadan ann, cho math.
“one in sight”Nuair a bhiodh iad a’ tarruing an lìn-bhig agus a nochdadh a’ cheud bheathach – leòbag, no adag, no cnòdan, no eile – chanadh iad “one in sight”. Mar a bhiodh a’ chùis a’ dol air adhart chanadh iad “one in sight, six aboard”. Cleachdadh na h-Airde an ear (Ceann Phàdruig ’s a Bhruaich etc.) tha mi ’n dùil. Ach am bodach-sa (b’aithne dhomh e gu math), bhiodh e ag ràdh nuair a bha easan [sic] òg gu’n canadh na bodaich ri leithid “one in sight”, “min am balg”. Sin agad tè mhath.
min am balg[See “one in sight”]
fangaBodach eile, bha e ’n a dhuine nuair a bha m’athair òg (rugadh m’athair ann an 1860), ’se ‘fanga’ a chanadh e ri ‘suincear’ (sinker).
[suincear][Sinker.]
[baile]Agus airson ‘Am bheil grunnd agad?’ ’se a chanadh e [i.e. am bodach mentioned in the explanation of ‘fanga’ above] ‘Am bheil baile agad?’
clach-bhàithteChuala mi ‘a’ chlach bhàithte’ airson ‘suincear’ [q.v.] ann am baile faisg air a’ bhaile againn fhìn. Togail na cloich-bhàithte – ’s e bhiodh againn air cleas a bhiodh againn ann an làithean na sgoile. Bha thu cur clach bheag air muin cloich eile ann an toll bùirn, no ann am fuaran, agus bha thu cur do chinn fodha gu’m beireadh tu air a’ chloich, ’s gu’n togadh tu i le d’ fhiaclan.
sràbhanBho an bhodach mhór, cuideachd. Bha na bodaich air tìr [?] ann an eilean, no am badeigin, agus fhuair iad moran uighean – uighean ian fiadhaich. An fheadhainn a bha ùr agus ceart chum iad iad, ach an fheadhainn nach robh, mar a sgaileadh iad iad mu na creagan, chanadh iad ‘sràbhan’ (‘stràban’ a bh’aige-san air).
stràban(Faic sràbhan.)
an tràsg“Cho aotrom ris an tràsg”, chanadh am bodach mór. Bha e latha a’ bruidhinn mu cheusadh Chrìosda, agus thuirt e, “Chuir iad an crann air a mhuin agus dh’fhalbh e leis cho aotrom ris an tràsg”. Dé a bh’ann an tràsg? Bho dh’fhalbh am bodach, bha mi iomadh uair a’ smaoineachadh air. C’arson nach d’ fhoighnich mi dheth fhad’s a bha am bodach beo? Cha robh guth air a leithid an uair sin. An diugh tha mi tighinn uair is uair thuige gu’m faod gur h-e a’ chonnlach a bhiodh iad a’ cur air an àth nuair a bhiodh iad a’ tìoradh a bh’ann. Faic sràbhag. An t-sràbhag. Dh’fhaodadh aig cuid gur h-e ‘sràbhasg’ a bhiodh airson ‘sràbhag’, agus gun d’thàinig e gu sràsg, srà(bh)sg. Tha mi deanamh a mach a’ chonnlach a bha seo gu’m biodh i air leth aotrom mu’s biodh an tìoradh seachad. (Dh’fhaodadh gur h-e dìreach an tràsg a bh’ann. (Faic tràsgadh.))
[Eathar:]
[tobhta]Anns na h-eathraichean uaireigin bha sia tobhtaichean mar a tha gu h-ìosal. Ach chan fhaca mise a riamh an tobhta thoisich ann an gin aca. 1. An tobhta thoisich. 2. Tobhta a’ chroinn. 3. An tobhta bhràghad. 4. An tobhta mheadhon/An tobhta chlèith (Is e ‘an tobhta-mheadhoin’ [sic] a bh’againn air 4. ach bha ‘an tobhta chlèith’ oirre ann an àiteachan.) 5. An tobhta amarra. 6. An tobhta dheiridh.
cìrChanadh na bodaich mu eathar gu robh i na bu bhonnacharaiche na an tè eile, gu robh barrachd ‘cìr’ oirre. Eathar gun chìr oirre: [see illustration]. Eathar le cìr: [see illustration].
na leòidSeòl: is e seo na pìosan a nuas air a fhad. Sin a th’againn air.
am béirearSin an t-ainm a th’againn air. Ach anns an Rudha, an Leòdhas, is e ‘am maide muileis’ a th’aca air.
[eathar]Sin a nise shuas, na shaoileas mi a tha de dh’ainmean eadar-dhealaichte agam mu eathar. A h-uile h-ainm eile a th’agam tha iad sìos anns na faclairean mar thà.
[fliuch-bhòrd]Am bheil lorg agaibh mu ‘fhliuch-bhord’ (fliuch-bhòrd)? Sin a’ cheud timchioll air eathar ris an druim. An ath thimchioll, ’se ‘ruadh-bhord’ a chanaist ris. Chan eil am fear-sa againne idir.
[ruffles hole]An toll anns an druim aig eathar – an fheadhainn anns am bheil e – chan eil ainm agam air idir. ’Se ‘ruffles hole’ a chanar ris ’s a’ Bheurla. Mar seo:
[seòl]Is ann airson nach tigeadh orra a bhith toirt mu’n cuairt an t-sùil nuair a bhiodh iad a’ tacadh, a bhiodh iad ’g a chur an cùl an tobhta. Ach cha deadh an t-eathar cho cruaidh air a’ ghaoith idir leis an t-seòl an cùl na tobhta, ’s a dheadh i leis an t-seòl ’san dòigh àbhaistich. Agus cha shaoilinn gu’m biodh an crann glé riaraichte, a bharrachd. An seòl bac air a’ chrann, bha thu cur an eathair chun an taca eile gun an seòl a leagail ’s a thoirt mu’n cuairt. Cha robh seo fàbharach do an chrann idir, saoilidh mise, agus gun taca na hàilleard aige. Is ann nuair nach biodh a’ ghaoth glé làidir a bhithist a’ cleachdadh na dòigh-sa, agus airson tacannan goirid. An seòl an cul na tobhta: [see illustration]. An seòl ’s an dòigh àbhaistich: [see illustration]. An seòl bac air a’ chrann: [see illustration].
an travellerIs e an ‘tràibheilear’ a chanadh na bodaich againne. (Faic ràc.)
[ciall]Chuireadh e do chiall air do mhuin. – He would drive you mad.
[thall]’S mise bha thall ’s a chunnaic sin. (Tha i seo anns a’ h-uile h-àite, saoilidh mi.)
an gèadhSgioladh eadar na màsan (aig duine).
asaid asbhuanachStill-birth delivery. Asaid. Still-born aig boirionnach.
[sgionaichean]Thug e ’na sgionaichean as a chèile e. – He/It tore it to bits.
fàidheadaireach(Air a fhuamachadh mar ‘fàtaireachd’.) A’ goid seallaidh air duine. Is e ‘fìdigeadh’ a chanas iad anns na Bàigh, an Uig againne.
[ticket]Seallaidh sinne ticket dhuit. – We’ll show you! We’ll show you something.
[fiullan]Am fiullan a bh’air. – The lively step he had. Usually elated, exuberant. (Faic fiolan.)
amadan1. Seòrsa de cheap aig greusaiche. Rudeigin mar seo: [see illustration]. Bha fear aig m’athair dhiubh ri mo cheud chuimhne. 2. Seòrsa de dh’unndais a bhiodh aca airson tarruing nan eathraichean móra.
[solair]Bidh solair ort. – You will dirty yourself.
[scribe]Fhuair e e fhéin ann an scribe. – He got himself in trouble, usually in money matters.
[notaichean]Is ann bho dhaoine a bhiodh iad (na notaichean) a’ teiche, a dhol a thoirt £7-10/- air a siod.
[seilearan]Nuair a dh’fhosgail seilearan a’ chuain. – Chanadh na seann fhir seo nuair a gheibheadh iad móran éisg as déidh a bhith fada a’ faighinn beagan éisg.
[tìr]Chuireadh tu air tìr an luchd ghloineachan. – Chanadh iad seo nuair a bhiodh am muir air leth sèimh.
[séib]’Se séib, no seub, eagalach a th’innte. – She’s a terrible bother. Boirionnach ann an àite, no a’ tighinn do dh’àite, a bhios a’ còmhradh ’s a’ toirt ro fhada, ’s a falbh ’s a’ toirt ro fhada, ’s a cur ’s a’ tabhairt dhaoine eile ’n a lùib. Parsalan aice an siod ’s an seo, ’s chan fhaighear air an cruinneachadh ann an tìde, ’s cha bhith i-fhéin ann an tìde, ’s thig air móran dhaoine nithean beag no mór a dhèanamh mu’s fhaighear an séib ceart, no air falbh, etc. etc.
[crann]’Ga chur mu chrann. – A’ cur an t-snàth anns an dòigh cheart anns a’ bheart airson tòiseachadh a’ fighe.
iomrall-chasA wrong shot in weaving.
[uisge]Tha’n t-uisge mór ann. – Raining.
[dìle]Tha ’n dìle bhàithte ann. – Raining heavily. Raining in floods.
[aotrom]Is aotrom an ceann tha gu h-ard dhiot. – You are foolish in the head.
[cnatan]Cha robh smèach aige le cnatan. – He was full of cold. He was choked with cold.
[saoghal]Cha robh fhios agam air an aon saoghal. – I didn’t know on earth what.
[iongantach]Ma thà, is iongantach sin! – I should think so! Indeed yes!
[lag]Bha e cho lag ris a’ cheothaidh. – As weak as the mist.
[breacadh]Breacadh nan eibhlean – breacadh an teine.
[falt]Cha ghluaiseadh am falt air do cheann. – There wasn’t a breath of wind.
clach-mhìna honing stone.
[fiaclan]Thug e dhà mu na fiaclan e. – Gave it to him straight in the face (words, truths, etc.).
[sìoladh]Thug e dhà gun sìoladh e. – Unadulterated.
[fuiling]Thug e dha mar a dh’fhuilingeadh e. – As much as he could take.
[sgrath]“Cha robh dùil ’am gu’m biodh sgrath no sgolb de an tigh air lorg, anns a’ ghaoith mhóir.”
[sgolb]“Cha robh dùil ’am gu’m biodh sgrath no sgolb de an tigh air lorg, anns a’ ghaoith mhóir.”
[dùislean]Nach ann ann a bha na dùislean! (deamhnan [?])
[stilean]“Thàinig droch stilean anns an làir aig Murchadh aig an t-saibheir.” – Deamhnachd agus mìothlachd a rithist.
[teasach]“Bha e an àirde na teasaich roimh an mheadhon oidhche.” – He was feverishly sick before midnight.
[casad]“Cha deacha teanga a steach air a cheann le casad fad na h-oidhche.”
[brochan]“Cha deanadh tu am brochan bàn as.” – You wouldn’t make a living out of it. (You wouldn’t make your soup out of it.)
[sìoman]“Deireadh nan ceannaichean a dhol a shnìomh an t-sìomain.”
[bana-cheard]An fheadhainn a b’fheàrr aig a’ bhana-cheard. “Bean á Bragair ’s bò á Berbhas.” (Bha seo an Leòdhas.)
cliobadh, no cliopadhStealing.
[meuran]Tha meuran fada air. – stealing, cuideachd.
[anamoch]“Bidh danns anamoch aig an fheadhainn ud mu’n tugh iad tigh Chaluim.” – Will be pretty late.
[spalpadh]A’ spalpadh ’n a phocaidean. – Stuffing into his pockets.
saigheadKnot in wood. Dual in Breasclete and down that way. Tha e làn shaighdean. (Faic gath.)
[gath-dubh]“Chan eil fiach gath-duibh a dh’fheum ann.” (Faic gath.)
[adha]“Mi gus an adha dhubh a chur a mach leis an losgadh-bhràghad.” [NOTES: a question mark in the margin, most probably added by the person preparing the slips.]
bucas nam mionnWitness box. (Chan è ‘bucas nam mionnan’ a chanas sinn.)
[ceann]An a thog e ceann? – Did it turn up?
[complete]’S e duine complete a th’ann. – He’s a grand gentleman. He’s a grand man.
[port]“Tha port eile aige a nise.” – He has a different tone now. He has a different story to tell.
[creag]“Is mairg a thaobhas a chreag ’s a h-eòin fhéin ’ga fàgail.”
[balg]Mu seach a shéidear na builg. – Prosperity comes in turns. (Seo mar a chuala mi e air a chleachdadh.)
[bonn]“’Se sin a chuir do bhuinn bhàna bhos do chionn.” – That was what caused your downfall.
bodach-corraOne left over. A left over. An odd one.
corra-sgreuchCanaidh muinntir nan Ceithir-Peighinn-Deug an Uig seo ri ‘corra-ghriodhach’ (heron).
[ceothadh]A’ tilgeil na ceothadh. – In its last throes. An animal dying.
[dubh]“Chuireadh e na dubhan (blacks) air na dathan nach robh a leithid a dh’àite agus ifrinn ann.”
[uiridh]“Tha thusa mar a bha thu an uiridh.”
[sneachda]“Chuir e àirde nan crann de an t-sneachda troimh an oidhche.”
[gràin]Mo ghràin air a’ bhrochan! – Mo ghràin air a leithid de rud.
[putadh]A’ putadh rabaidean. – Digging rabbits out of their holes.
cleasan, no cluicheannan, airson broinn an tigheBhiodh sinn a’ deanamh seo an dràsda ’s a rithist. 1. Eirigh leis an eallach aotrom. (Sràbh no nì aotrom de’n t-seòrsa sin air do ghualainn.) 2. A’ tighinn troimh a’ chlobha. (An seann chlobha mór iaruinn.) 3. A’ tighinn troimh a’ bhata. (Bata-mór cumanta.) Seallaidh mi mar a bha iad seo a’ dol, uair sam bith.
[dùil]“Bha e gun dùil ris Di-haoine ’s Di-Sathurn.” – Hovering between life and death Friday and Saturday.
[solair]Bidh solair ort. – You’ll dirty yourself. You’ll be dirty.
gàireachdaichBheireadh e sgaoileadh air do chorp. Shileadh tu uisge do chinn. Bheireadh e gàire ort ged a bhiodh do leth slaodadh riut. Bheireadh e gàire air gamhainn. Bheireadh e ort sracadh. Dheanadh tu gàire ged nach biodh agad ach aonan.
tumarraidBoirionnach cruinn, trom (na pearsa).
[fair]“Fair mar gu’m faiceadh tu cù as déidh rabaid.” – Fair (Beurla) no mur a h-e rudeigin eile. Tha am facal-sa aig na Leòdhasaich airson ‘dìreach’. “Dìreach mar gu’m faiceadh tu cù as déidh rabaid.” Tha aca cuideachd ‘fair néat’ (fair neat).
[sùist]“’Se sùist eagalach a th’ann.” – Duine mór, fada.
[criobhall]Tha againn cuideachd ‘criobhall’ – duine àrd, lom.
[siogaisteach]Duine àrd a rithist, ach na casan a bhith fada.
cearcall a’ bhùirnBhiodh seo againn airson ar cuideachadh le na peilichean bùirn a’ tighinn as an tobair. Bha e mar seo shìos: [see illustration]. ’Se fiodh a bh’ann agus bha cuideachadh mór ann airson falbh le na peilichean. Chanadh sinn “Thoirt leat an cearcall”. Chanadh na seann fhir “a’ chuairt” ris, cuideachd. Tha mi deanamh a mach gu bheil e dol fhathast ann an àiteachan an Alba.
[silteach]“Bha i silteach.” – Her tears (in sorrow) were plentiful.
ìre a’ bhreacain uaisilCock’s carry. Cocky ridy. (Faic gioma goc-àrd.) (‘Uaisil’, seo mar a chanas sinn e.)
gréim an t-seòldairFirst-aid carry, no ambulance carry, no rudeigin de’n t-seòrsa sin a th’air. Tha breith air caol do dhùirn leis an dàrna làimh agus an duine eile mu do choinneamh a’ deanamh an aon rud. Sibh an uair sin a breith air a chèile ’s an dòigh cheart. Leis an sin, tha suidheachan agad leis am falbhadh tu le duine air.
gobhas, no gabhas, ruadhCoir yarn. Sìoman nan cruachan arbhair. Sìoman na bùtha. Gabhas ruadh – ’Se seo a th’aca air an t-sìoman-sa an ceann shuas na sgìre againne. Ach anns a’ chòrr de an sgìre ’se ‘sìoman Theàrlaich’ a chanas iad ris. B’e Teàrlach fear aig an robh bùth ann an Steòrnabhagh. Cai-àr a chanas na Hearaich ris, tha mi ’n dùil.
brabhda arainPìos mór, mór de dh’aran.
[coat of airm]“Sin an coat of airm aca-san.” – That’s their hallmark, trademark, motto, etc.
tarranLow thunder claps, distant.
fios a’ bhlas“Cha d’fhuair thu fios a’ bhlas.” – You didn’t get a taste of it.
[sneachda]Mu’n canadh tu sneachda. – Before you would say Jack Robinson [NOTES: ‘Robertson’ seems to have been corrected to ‘Robson’.].
balach-gormA sailor of the Royal Navy.
léine-ghormRoyal Navy jumper or jacket.
sgalA good slap. Thug iad fichead sgal mus do stad iad. – Rùid (rams) a’ sabaid. Bha sgal air a’ ghaoith. – The wind was strong.
[faighneachd]“Faighneachd le fios càil as miosa rinn duine a riamh.”
saoil’ no saighl’“Is mi a shabhail nach robh saoil’ (no saighl’) orm” (air làimh no air cois). – I was lucky that I wasn’t cut badly (laceration).
[uileann]“Beir mu’n uilinn orm.” – Take my arm, we’re in the same boat.
[òrdag]Bodach mór na ‘fanga’ a rithist [i.e. am bodach who is mentioned as the source of the word ‘fanga’ above (p. 1.)]. Nuair nach biodh tombaca aige agus a bheireadh duine dha pìos, theireadh e, “Piseach air an òrdaig ’s an còrr air a’ chorraig, ’s fheàrr seo na na fhuair sinn a riamh.”
[ceann]Bhiodh e [i.e. am bodach who is mentioned as the source of the word ‘fanga’ above (p. 1.)] a’ cantuinn, cuideachd, ri balaich-bhitheadh agus ri daoine-móra: “Ma nì thu siod no seo” no “Mur a dean thu siod no seo, ’se do cheann is ball coise dhuit.” (Cha b’e “ball-coise dhuit”.)
[briathrach]Cho briathrach ris a’ charran-mac-fithill. – As blithe as an oyster catcher. (Chan eil mi cinnteach mu’n charran-mac-fithill, co a bh’ann. Faodaidh sinn comhradh mu an chuis uaireigin.)
ciosan bu fireAn outsize ciosan. A large ciosan. ’Se seo a chanadh m’athair. (Faic cisean bafaire ’san fhaclair.)
eibhleag-ghuail’Se seo a chanadh sinn ri eibhleag a bha air fuarachadh, a mach bho an chagailte.
eibhil-bhuinn’Se seo a chanadh sinn ri eibhleag a bha dùil againn a bha fuar. Ach nuair a sheasadh sinn oirre gun fhios dhuinn, cha robh i fuar idir, ach glé theth.
eadar mi ’s leusBetween me and the light.
[làr]Air làr is eadar thu-’s’ – airborne, just above the ground, and maybe sometimes touching.
[sean]Cho sean ris an iolaire riapaich. Cho sean ri na bruthaichean.
[gabh]“Is i a ghabh a h-uile duine a fhuair Dòmhnull.” – It was she who was midwife at the birth of everyone of Donald’s family.]
na h-AdhartaichThe Liberals.
na h-AthaisichThe Conservatives.
[cum]Bha i cumail ris an dithis aca. – She was girl-friend to the two of them. (A’ suirighe.)
streathainnStraw on which corn is laid on a kiln.
streathaigAlso sràbhag. An t-sreathaig. (’Se seo a chanadh m’athair.)
[tioram]“Bha e cho tioram ri cruaidh-chonnlach na h-àthadh.”
[màthair]A Mhic do Mhàthar!
[ànradh]A Mhic an Ànraidh!
[fudas]A Mhic an fhudas-buic! Seo mar a tha e do an chluais: udas buic. Chan eil fhios agam le cinnt an e ‘fudas’ no ‘udas’ am facal. Ach tha mi smaoineachadh gur h-e ‘fudas’ am facal. Canaidh sinn mar seo: Dòmhnull: “Tha sàbh agam a stigh ’san tigh.” Tormod: “Tha ’s chan fhudas e.” (Yes, and not a bad one.) Ach ’s ann a bhiodh Tormod a’ ciallachadh nach robh móran feuma ’s an t-sàbh.
[tòb]“Na tòban a chuireadh e air a bheul.” – Mar a chuireadh e a bheul nuair a bhiodh e a’ còmhradh. Le fasan, le fearas-mhór, no le a leithid sin.
fraoch sgreuchainAm fraoch a gheibh thu aig bun an fhraoich eile. E bàn agus tioram agus crìon. Agus gabhaidh ri teine gu brais. (Tha e anns na faclairean.) Cha leiginn a leas a bhith air am fear-sa chur sìos.
cnatan thobhtaicheanCnatan a gheibheadh tu le fuachd. Mar a bhiodh balaich is cloinn-nighean fada ’n an seasamh a muigh ri balla, ag còmhradh ’s a geòbraich. Balaich is cloinn-nighean mhóra, thoir an aire. Tuigidh sibh fhéin!
eadar-dhà-bhìth anns an dorusGun a bhith a muigh no a stigh mu an dorus. (Minig a bha cailleach ann.)
motanA’ chlòimhteach a chruinnicheas ann an lùibean do bhriogais aig na turn-ups ’s a leithid sin. Bhiodh na bodaich ’g a chur gu feum airson an fhuil a chasg nuair a ghearradh fear dhiubh e-fhein dona.
glogaireChanadh na bodaich seo ri suaile ’s a’ mhuir. Là a bhiodh am muir lom, rèidh agus gun ghaoth ann, ach luasgadh math ann an déidh sin, chanadh iad gu robh ‘glogaire’ de shuaile ann. (Suaile, no suaibhle, ’s e sin ‘swell’.)
minidhAwl. Minidh-buinn: [see illustration]. Minidh-beag: [see illustration]. Agus mur a h-eil mi dol ceàrr, cha chreid mi nach canadh iad minidh dearcaidh, cuideachd, ri minidh-beag. Dearcadh – pàirt de an bhròig (de uachdar na bròige).
[fàth]Gheibhear fàth air a’ mhuir-mhór. – Sean-fhacal. (Tuigidh sibh fhéin.)
[hada]Hada aige air na saoidheanan. Cith-chatha a bhith aige orra a’ creagach. Creagach – ’s e sin a bhith ag iasgach air na creagan le slait, no le nì eile.
[creagach]’S e sin a bhith ag iasgach air na creagan le slait, no le nì eile.
duarDuar ort! – Guidhe. (‘d’ cruaidh)
gonadhGonadh ort! – Guidhe eile.
am fear mórAm fear mór orm-sa, mur a bì mise dioltach agus e. – The De’il on me if…
[guidhe]Bheireadh e na h-eòin as na speuran le na guidheachan. – Bha e math orra agus math da-rìribh.
an fheadhainn mhóraNa guidheachan.
[sliutradh]Tha sliutradh math Beurla aige. – He’s got a good smattering of English.
[toirt-an-reothaid]Tha toirt-an-reothaid de Bheurla aige. – Tha aige de Bheurla na nì a chùis dha airson na slighe.
[snaoisean]An snaoisean a ghabh e. – The huff he took.
[ait]Ball ait a bha siod. – A funny and humorous fellow that.
[mullach]Am mullach a bha siod! – Mu dhuine a chanas sibh seo. Tuigidh sibh fhéin. A’ h-uile mullach dhiubh. – Every single one of them. Chaidh e am mullach oirre. – He had carnal knowledge of her.
“Murchadh na Mòinteach”An gobhlachan, crane fly.
“Calum an t-Sabhail”An gobhlachan, crane fly.
[falamh]Bhe e cho falamh ri eòin an adhair. – Cho gòrach (insane).
Am muir
[briseadh]Tha e briseadh ris a’ chloich. [(am muir)] (Tuigidh sibh fhéin.)
[balgam]Chan eil balgam a’ briseadh air. [(am muir)] (Tuigidh sibh fhéin.)
[beul-dubh]Tha beul-dubh air a bhàgh. [(am muir)] (Tuigidh sibh fhéin.)
[bròn mara]Cuideachd, chanadh iad bròn mara nuair a bhiodh e air leth sèimh.
Dòmhnull DubhAn Sàtan.
Dòmhnull SoltAn cadal.
[duine-mi-fhìn]“Tha tòrr de an duine-mi-fhìn ann an Dòmhnull.” (Tuigidh sibh fhéin.)
gludaranaich“Bha a’ chlann a’ gludaranaich anns an allt.”
[seadh]Seadh an sin! Well, what? (Tuigidh sibh fhéin.)
[amadan]A, amadain bhradaich! – You fool you! You silly man!
[geilidh]Bha geilidh air a’ choire (kettle) air an teine. – Bha e a’ goil gu sunndach.
[ceithir]A’ togail nan ceithir (each). – galloping.
[gaileap]Air a’ ghaileap (each) – galloping.
[dachaidh]Tha e aig a dhachaidh (marbh). – At his rest.
[fasgadh]Cha robh fasgadh na feadaige ann. – Aite gun fhasgadh.
an cnàimh-beagAnkle bone.
bainne air bhinidCurdled milk.
sròn chrom
sròn thogte
gabhailA farm.
a’ ghabhailThe flame of a fire.
[cù]Tha i a’ gabhail nan con. – Tha na coin as a déidh.
[gabhail]Tha e a’ gabhail air. – He beats him at fighting.
[sìolachd]Tha an t-sìolachd oirre. (làir) – a mare, in heat.
[suath]Suath a’ phrais. (prais lite) ’S ann mu phrais lite a chanadh sibh ‘suath’. Mu nithean eile ’s e a chanadh sibh ‘cuir mu’n cuairt a’ phrais’.
[frithealadh]A’ frithealadh do an nì. – Attending to stock. Cattle, sheep, etc.
[mìr]“Mìr gille èasgaidh air gach mèis.” – Sean-fhacal.
[fanaid]“Is minig a thàinig fìor á fanaid.” – Sean-fhacal.
[smòraigeadh]“Tha iad a’ smòraigeadh an tighe as déidh na griùthraich” (‘griùlach’ ann an Leòdhas). – fumigating the house.
[smèileag]“Nach iongantach agus mar a bha e ’n a bhlaigeard, nach d’ fhuair e a riamh smèileag bho chuideigin.” (Tuigidh sibh fhéin.)
[deoch]“Is luaithe deoch na sgeul.” – Sean-fhacal.
[meas]“Chan eil am meas fhéin air na dotaran.” – They are not thought of as much as they should be.
longagCrann-tabhail, airson tilgeadh chlach.
longagClach a bhiodh fo cheann roth na muilne (water mills).
[saoghal]“Chuir i duine chun an t-saoghail an oidhche sin.” – She gave birth to a child that night.
[spùtach]“Ruithidh a’ chaora spùtach leis an leathad.” – Sean-fhacal.
[liaghaig]E cho geal ris an liaghaig leis an eagal. (Tuigidh sibh fhéin.)
[diochuimhne]“An là nach deanainn diochuimhne ’se an t-uisge ’s an t-uisge mór a bhiodh ann.” (Tuigidh sibh fhéin.)
[rùit]“Cha sheamadh [?] e Samson an rùit anns an robh e.” (Tuigidh sibh fhéin.)
[piantaiche]’Se piantaiche a th’anns an t-sùlaire. – Cho cruaidh ’sa tha e ag obair.
[copag]Chan fhaic e a’ chopag. – Cha bhith e beò nuair a thig a’ chopag as t-earrach.
[Clann ’ic Leòid]“Clann ’ic Leòid a’ bhrochain thana ’s an droch arain eòrna.” – Bhithinn a’ cluinntinn seo mu Chlann ’ic Leòid.
[Dòmhnullaich]“Aig deireadh an latha as fheàrr na Dòmhnullaich.” – Bhithinn a’ cluinntinn seo mu na Dòmhnullaich.
siompairA jumper (aig boirionnach).
siompairAirson tolladh chlach.
[bàn]“Tha thu bàn.” – You are “out”, in play.
bòtunn-mhórTè gu ceann na sliasaide. Tha fhios agaibh fhéin dé a th’ann bòtunn (bòtunn ann an Leòdhas). [Cf. bòtunn-bheag]
bòtunn-bheagTè mu an ghlùin. [Cf. bòtunn-mhór]
bogha-làirBogha nach bi a’ tighinn ris.
[sruth]“Each dubh ’s each donn / Bonn ri bonn / Cha bheir an dubh air an donn / ’S cha bheir an donn air an dubh.” Tòimhseachan tha seo. Sruth, aibhne, no a leithid sin, tha mi an dùil.
[loisg]“Loisg e air an fhiadh ’s cha do gheàrr calg.” – Cha do bhuail e e. Chanaidh iad, cuideachd, “Loisg e air, ’s mallachd srad.” – Cha do bhuail e idir e.
[blìdheas]Chaidh e an àirde ’n a bhlìdheas (bleeze). – teine, tighe air teine a ghabhail, ’s a leithid sin.
am bonaidForfeits (party game).
an caoranForfeits (party game).
slamaireanBig rough leather slippers.
[bleidire]“Tarruing am bleidire ort ’s fuiridh e oidhche agad.” – Sean-fhacal.
grunnd glanGrunnd iasgaich gun bhoghannan no a leithid sin ann. An cumantas airson lìon-beag a chur ann. Dh’fhoighnich bodaich á Leòdhas do bhodaich mhór-thìreach aig Bad-a-chrò, “Am bheil an grunnd-sa glan?” Fhreagair bodaich Bhad-a-chrò, “Cho glan ri bonn leth-chrùin”.
bacannanSand dunes.
ruaganachA toddler. Mu bhalach an cumantas. Ruaganach balaich.
[peilear]“Théid e null air an abhainn, ’s thig e nall air an abhainn, Geàrraidh e am feur ’s chan ith e e.” Tòimhseachan. Am freagairt: peilear.
ad-mholachTall hat.
[siolp]Gheàrr e mu’n t-siolp e. – He cut it short.
[uaireadair]“Tobar òir an cùl na beinne, Cùl òir oirr’ ’s beul gloine.” Tòimhseachan. Am freagairt: uaireadair (watch).
[foighneachd]“Cha d’fhuair e foighneachd air a’ ghamhainn.” – Never got an offer for it.
còta-stuthCòta-drògaid (drugget).
[iomlan]“Tha fuath iomlan agam air.” – I detest it. Utterly.
[crùisgean]“An crùisgean tighe anns am bheil e.” – The dark, dilapidated house in which he lives.
comharrCommunion token.
[deamhnuidh]Tha e cho deamhnuidh. – Cho fada ’n a cheann.
[lurgann]Bha thu mar sin bho thàinig òirleach ’n a do lurgainn.
[seasamh]Anns an t-seasamh. – Standing where I am, or where he, she or it, is.
[putan]Fear phutanan geala. – Am polisman. “Cuiridh mise fear phutanan geala as do dhéidh.”
[rathad]Chuir e e-fhéin as an rathad. – He commited suicide.
[cuir]Chuir e as dha fhéin. – He commited suicide.
[tioram]Cho tioram ris a’ mhin (buntàta). – mealy potatoes.
[beul]Dh’fhalbhadh e leis ’n a bheul. – Tapachd a bharrachd air.
greim-mionaichColic.
[gruaidh]Bheireadh a’ chuileag an fhuil as a ghruaidh. – He is very, very rosy.
[dol-a-mach]An dol-a-mach a bh’aca. – The carry-on they had.
meille-churracagCluiche aig curracagan aig cloinn.
[mille-churracag][See meille-churracag]
Bhithinn a’ cluinntinn na dhà-sa a riamh:“Miann bo braon, / Miann caora teas, / Miann each lòn / Anns an òl e a dheoch. / Miann gaibhre gaoth, / Anns an aonach chas, / Miann a’ chait ’s an luath, / Nuair as cruaidhe an fhras.” “Bainne-cioch circe / Ann an adharc muice, / ’S ite corra-sgèith cait / ’Ga shuathadh ris.” (Tuigidh sibh fhéin de an seòrsa a tha ’s an fhear-sa.)
[cuileag]Cho lag ris a’ chuileig. – As weak as a fly.
[làmh]Cha deacha làmh a thoirt air fhathast. – No work has started on it yet.
[gaoth]Cho luath ris a’ ghaoith. – Mu dhuine a bhiodh air leth luath.
[gaoth]Cuideachd, Cho aotrom ris a’ ghaoith. – Nì sam bith aotrom.
[gaoth]Cha chuireadh e gaoth eadar e ’s an làr. – Couldn’t lift it off the ground.
[sìoda]Srann aice ’n a cuid sìoda. – Richly dressed in silk.
[crith]Bhiodh crith air bheill orm leis an fhuachd. – I would be shivering with the cold.
[gualann]Chaidh e as a ghualainn. – Dislocated his shoulder.
[dearbhadh]Chaidh iad gu còig deug a’ dearbhadh. – arguing, disputing.
[dùthchas]Chan eil dùthchas aig mnaoi no aig ministear.
[Mistress]A’ Mhistress. Bean a’ mhinisteir. Bean a’ mhaoir-sgoile, bean an dotar no bean eile de’n t-seòrsa sin, ’s e ‘bean’ a bh’unnda. Ach bean a’ mhinisteir, ’s e a bh’innte a’ Mhistress. Chuala mi seo mu dheireadh a mach anns na 30-ean (1930s).
[amhach]Chaidh e bharr na h-amhach. – Broke his neck. Chaidh e bharr neog dearg na h-amhach.
[bathais]’S ann agad a tha a’ bhathais. – The cheek of you. The cheek you have.
[beartach]Cho beartach ri Iùdhach.
[tòn]Cha b’ fhuilear do MhacDhòmhnuill falach a thòine bhith aige dha fhéin (mus tòisicheadh e a’ cuimhneachadh air daoine eile, ’s rud a thoirt dhaibh).
[brà]Balach ’s e ri fàs dh’itheadh mar a mheileadh brà.
[duine]Bha Louis anns na daoine. – The name Louis ran in those families.
[gabhail]Thug i droch gabhail dha. – She gave him an excessive spanking.
ceann arbhair“Bha a’ bhó aige air am bacan a thoirt as an talamh agus i ag ithe anns a’ cheann arbhair.”
clab-mórAn dorus air a chlab-mór. – The door wide open.
ròs-deargRed sky.
[bodhar]“Tha e cho bodhar ris an talamh.”
[feur]“Chluinneadh e am feur a’ fàs.”
[Dia]An ainm a Dhia! – In the name of God.
[sona]Cho sona ri bó ann an loch.
[slinntreach]Slinntreach sneachda – slush.
[dròbhaireachd]Faodaidh e a dhol a dhròbhaireachd. – He can go and whistle.
[bòil]Chuir iad bhòil. – Bhuannaich iad seachd geamannan as déidh a cheile gun call.
[clisich]Bheir mise air a’ chlisich aice. (mu ainmhidh) – Bheir mise oirre gu’m faigh i e.
àiteachdAm bheil do chasan fliuch (troimh na brògan)? Am freagairt: Àiteachd beag.
dannaranDuine dannarra.
[toirt]Bheir mise ort. – I’ll give it to you.
[sigeach]A’ gearradh nan sigeachan. – Snapping the fingers.
cnothagSnapping of the fingers.
crannadh(aimsir) A hard, dry cold.
cabar-sladhaigCabar a bhiodh aig na bodaich airson tughadh an tighe. Nuair a bhiodh am bodach gu h-ìosal air an tobhta chuireadh e an tughadh ceart leis a’ chabar-sladhaig far nach ruigeadh e-fhéin.
ball feòirBall-tìre [q.v.] airson eathair. Ball còrcaich bha e cruaidh agus geal, no bàn. Ach ball feòir, bha e na bu bhuige agus e ruadh. An aon seòrsa stuth ri sìoman-Theàrlaich [q.v.] a bh’ann, tha mi ’n dùil.
ball-tìrePainter (airson eathair).
spleogaigeadhDreasaigeadh an àirde, duine no nì eile.
air ghlaganA little loose and rattling.
rionnach a’ bhuirn“Mackerel” in the sky agus an t-uisge gu bhith as a dheidh, chanadh na bodaich.
sgeallanAm briseadh geal air a’ mhuir nuair a bhiodh a’ ghaoth ’g a ghearradh. Sgeallan eile, an dìthean a bhiodh a’ fàs an àirde ’san arbhar.
stranaStrand ann am ball.
[tiùrr]Ann an tiùrr an làn. – Ann am beul na mara far am biodh am muir a’ fàgail a h-uile seòrsa nì.
[muir]Ri taobh a’ mhara. – Chuala mi seo uaireannan. Ri taobh na mara a bhios againn an còmhnuidh an Leòdhas.
[nàire]Mo nàire chiatach! (Tuigidh sibh fhéin.)
[riaghladair]O, a Riaghladair! (Tuigidh sibh fhéin.)
[cruadal]O, a Chruadail! (Tuigidh sibh fhéin.)
[creach]O, mo loma chreach! (Tuigidh sibh fhéin.)
[Tighearna]O, a dh’Thighearna! – O, a Thighearna.
[latha]Latha chat is thàillearan. – Latha fliuch, fliuch nach deanadh duine car a muigh.
gunna-cnuipAir gun.
corra-sticeinThe base of a bowl. Canadh iad seo air an Taobh Siar an Leòdhas. Chan eil e againne an Uig idir.
[neart]Bha slaod de neart ann. – He had good pulling strength.
[falamh]Cho falamh ri radan eaglaise. – Cha bhiodh móran ri a làimh airson feuma dha aig radan eaglaise.
bòmaBoom, of a boat.
na caraidean’Se seo a chanas fir Uige againne ri giomadairean Bheàrnaraidh. Chan eil càil a dh’fhios agam c’arson, no ciamar a dh’éirich e.
[cipeachadh]’Ga mo chipeachadh. – Blaming and condemning me.
caigealadh“A’ caigealadh ris an leanabh.” – Faic caig.
[glan]Nach bu ghlan a chaidh e ris. – How masterly he played him into his hands. Nach bu ghlan a chaidh e ris. – How masterly he has made it. How masterly ha made it.
[aodach]Mo chuid aodaich. – My clothes.
gille-cheann-doillA guide for a blind man. Bha na seann saighdearan a chaidh a dhalladh anns na cogannan a’ faighinn na h-uibhir a bharrachd ’s a’ pheusion airson gille-cheann-doill. (1804 agus as a dheidh.) Mo shinn-seanair fear de na seann saighdearan-sa.
[aodach]Chuir iad thairis an t-eathar le cus aodaich. – Capsized with too much sail.
[cabar]Chan eil e fo na cabair. – It’s not to be found inside the house.
[fritheilteach]Tha i cho fritheilteach air. – She attends to him so well.
rath-thiodhlaicLair in a cemetery.
[ceann]Tha ceann math aige. – He has a good head for heights.
[cnàimh]Aig ceann do chnàmha fad an latha. – Standing all day.
[am]Tha amannan a’ tighinn air. – He takes fits of insanity.
an calg’Se seo a chanadh sinn ri beum-mullaich air tòrr arbhair [q.v.].
[tòrr]Tòrr arbhair. ’Se ‘tòrr’ a chanas sinne ri a leithid seo: [see illustration]. Bhiodh an t-arbhar an toiseach anns na h-adagan. Dheadh an uair sin a chruinneachadh ann an tòrr. As deidh sin dheadh na torran a chur ann an cruaich.
là iasaidLà air leth math agus freagarrach airson nì fhaighinn air a dhèanamh.
an uamhlaAm muir-mór, domhainn. “Dòmhnull ’na sheasamh air bearradh na creige agus an uamhla ghorm fodha.” “Thoir an uamhla dha”, chanadh sinn mu dheidhinn cù anns nach biodh feum (bàth ’s a’ mhuir e).
[clach]Mu dheidhinn cù a bhàthadh chanadh iad, “Cuir clach is sìoman air”.
caitseBhiodh dà acair aca airson nam bàtaichean, an acair-mhór ’s an acair-bheag. ’Se ‘an caitse’ a chanadh na bodaich ris an acair-bhig.
gliudhachDuine a bhiodh e furasda dha a dhol a ghal. Duine bog.
[mòine]“Tha a’ mhòine anns an sgaoiltich.” – The peats are as laid out.
ath-mhòineMòine air a buain ann am broinn poll-mòna eile. Bhiodh doimhne mhór réisg ann mus biodh a leithid seo ann.
[feum]“Cha dean thu car feuma gu’n dean am poca ùbhlan a chaidh leis an abhainn.” – You’ll never do any good. Bhiodh seo air a chantuinn ruinn nuair a bha sinn òg.
[doirb]An doirb ud. – That wee, toty thing. Duine.
[craicionn]“Cha d’thug e an craicionn bharr na fiacail.” – Cha do dh’fhosgail e ’s cha do ghluais e a bheul airson bruidhinn. Agus cha do bhruidhinn è.
[riabaisteallag]A swing. Bhiodh seo againn nuair a bha sinn òg. Bhiodh sinn uaireannan a’ deanamh riabaisteallag air an t-slabhruidh tarsuinn bho’s cionn an teine. (Chan fhaca mi riamh sgrìobhte e.)
[reubaisteallag][See riabaisteallag]
[reubais-teallag][See riabaisteallag]
sgliùnachFaoileag òg le na spotan oirre. ’Se ‘sgliùnaidh’ a chanas muinntir nan Ceithir-peighinn-deug ann an Uig ri ‘sgliùnach’ againne. ‘Sgliùrach’ ann an Earraghàidheal.
ciutharanaich uisgeUisge mìn, càil ach gu’m fairich sibh air bhur n-aodann e.
sgùradhNa’s truime na ciutharanaich [q.v]. Là de’n t-seòrsa, thig an t-uisge mìn nas truime. An uair sin aotromaichidh e. A rithist thig e na’s truime agus trom. ’Se ‘sgùraidhean’ a chanas sinne ris na frasan sin. (Ma’s e frasan a th’ann.)
[spùt]Chan eil spùt aige. – He hasn’t got any sense. Cuideachd: “Chan eil spùt chéille aige.”
balg meadhon“Bha sinn a’ dol ’n ar lùibean a’ gàireachdaich agus am bodach a null air an droichid ’s grèim aige air bhalg meadhon air a’ cheàrd.” (Tuigidh sibh fhéin.)
[làmh]An làmh a bheir is i a gheibh. – Sean-fhacal.
poca-mantoPortmanteau.
na tròcairean“A’ leigeil le na tròcairean a dhol a dhith air an teine, a’ leughadh a’ Bhìobuill, an e sin Crìosdalachd?” Na tròcairean – am biadh.
[gleoca]Tha an gleoca air toiseach. – The clock is fast. Tha an gleoca air dheireadh. – The clock is slow.
sgealpachDandruff. [NOTES: note added in pencil – (Sgalpan – Barra).]
[fùdar]“Tha e cho brais ris an fhùdar.” – Cho aithghearr ’n a nàdur.
[cas]Bha cas a’ falbh ’s cas a’ fuireach aige. – Undecided to go or not to go.
[theab]Chaidh theab le creig ’s theabas a bhàthadh. (Facal) (Tuigidh sibh fhéin.)
[làmh]Feumaidh an làmh a bhith ris (no rithe). – He or she (caora no creutar de’n t-seòrsa) must be helped by hand-feeding.
casa-gòrachStilts.
[car]Thainig e nuas car mu char. (Tuigidh sibh fhéin.)
[gorm]Cha robh e cho gorm. – He wasn’t so green.
[sùil]“Cha robh dùil agam gu’m faiceadh mo shùil an latha.” – I thought I wouldn’t survive (through the night) to see daylight).
bonaid-luachrachBonaid de luachair a bhiodh sinn a’ deanamh anns an aois oig. Bha e mar seo:
[làmh]Chuireadh an làimh e. – He was apprehended.
[rathad-mór]Rinn iad rathad-mór troimh an phìos bhuntàta aige. – They made a track through his potato plot.
[prìosan]“Bidh tu anns a’ phrìosan gu’n dubh d’ fhiaclan.” – For life, agus abair gu’m bi.
[ceann-caol]“Cha dean mise sin ged a dheadh tu air do cheann-caol.” – I won’t do that though you’d go on your beam-ends. (Tuigidh sibh fhéin.)
Bodach an t-Siabuinn”Lord Leverhulme. Bha ainm eile aig feadhainn air thall an Uig againne: “Bodach Logger”.
[ceann]Gabh mu a cheann. – Lay off it. Stop it.
[gabh]Gabh aige. – Secure it (buill, cruachan, ’s cuid de nithean eile).
dòrnagTool aig greusaiche. Airson an làmh a ghleidheadh a’ teannachadh gu math an t-sreangain. (A’ fuaigheal bonn bròige ’s a leithid sin.)
pàmA sailmaker’s tool. Airson brughadh na snàthaide (snàthad-sheòl) troimh a’ chanabhas ’s troimh bhuill, uaireannan. [NOTES: note added in pencil – (Barra too).]
[saillt]Cho saillt ri muir an dà rudha.
[searbh]Cho searbh, mar sùgh nan sealbhag.
[righinn]Cho righinn ri na goid.
[sleamhuinn]Cho sleamhuinn ris an easgainn.
gille-suirgheachBest man.
bean chomhfhailteachBridesmaid.
[rigneachadh]“Abair gu robh na curracagan aig Calum air an rigneachadh.” – Air gabhail aca gu math le sìoman.
[puinnsean]Cho fuar ris a’ phuinnsean.
puinnseanta fuarMu’n aimsir a bhiodh sinn a’ cantuinn seo.
wire-dhriseachBarbed wire. ‘Wire-dhruiseach’, sin mar a chanas sinne e.
[curra]Athais na curra air a’ churra eile ’s i-fhéin tòn-dubh. – Sean-fhacal. Duine a’ cur air duine eile ’s e-fhéin a cheart cho dona ris, no a’ deanamh an dearbh rud ’s a bha am fear eile a’ deanamh.
[Bìobull]Mar am Bìobull Mór. – A volume as big as the family Bible.
[currac]“Cha d’thug e currac a nuas dha.” – ’Se seo a chanas sinne airson “Cha d’thug e bonaid a nuas dha” an àiteachan eile.
[saoidhean]Na meudan ann an saoidhean. 1. An sìol. 2. Cudaig. 3. Smalag 4. Leth-shaoidhean. 5. Dubh-shaoidhean. 6. Ucas. Ugsa.
[trom]Cho trom ris an talamh. Cho trom ri na clachan.
[luath]Cho luath ris an fhiadh.
[fallain]Cho fallain ris a’ bhreac.
[tioram]Cho tioram ris an spìon.
[coinneamh-baile]Cruinneachadh aig na bodaich airson gnothaichean a’ bhaile a chur ceart.
[siosar]Siosar a’ cheàird. – Airson gearradh na tuna (tin). Siosar a’ ghiomaich. – An ìne gheur aig a’ ghiomach. Na h-ìnean móra aig a’ ghiomach, tha an dàrna tè dhiubh maol agus an tè eile geur. Agus chan ann air an aon taobh a tha iad an còmhnuidh. An siosar uaireannan clì agus uaireannan eile deas.
[teàrr]Cho dubh ris an teàrr. – Oidhche dhorch. Tha e mar an teàrr (an oidhche).
[tuiteam]“Tha e tuiteam bhuaithe glé mhór.” – Declining with old age.
falachasanSomething hidden.
[fiacail]Tha fiacail a’ tighinn aige. – Baby cutting a tooth.
[thugad]“’S ann thugad a thà e bho Mhàiri Mhór.” – ’S ann thugad a tha do mhì-shealbh bho Mhàiri Mhór.
[srann]Srann aige a chuireadh na h-eich as a’ choirce. – Snoring like anything.
geadraisgPike (iasg).
[bad-lag]Tha am bad-lag ann. – He’s a softie. A soft spot in him, a weak spot in him. He’s under par.
brògan-iosalLorns.
[bhuat]Tha e bhuat tòiseachadh. – Time for you to begin.
A dhuine chridheich!Oh, dear me!
Fhalbh, fhalbhOh my, my!
fòrsailSeòl-mór (bàta).
[teine]An taca an teine. – At the fireside. By the fireside.
[goile]Air tòn a ghoile. – Swallowed right down.
[lomonachd]Dearg lomonachd. – Without a stitch on.
giorcachSquint-eyed.
[saoghal]Là cur an t-saoghail as. – Là air leth dona, le gaoth agus uisge. Latha air leth garbh.
smocanPaste made of wood.
balg-snàmhAir-bladder in fish.
ara-bhalgEye lid.
[cuimhne]“Seachd bliadhna an cuimhne bà, ’s gu là a bhàis an cuimhne an eich.” – arsa an ceàrd.
[còir]Còir gu’n deidheadh! – He would go! He would!
slaisA slap.
[claiseach]Claiseach a dhroma. – The broad of his back. The braid o’ his back.
[sùghadh]Sùghadh beag. – Anail ghoirid a leigeil, le eallach.
[maladh]“Thug e dhomh a dhà air mo mhalaidh.” – A dhà de’n uisge-bheatha.
[tom-ghlas]Tha e anns an tom-ghlas. – Air chall.
[cuims’]’Se cuims’! – The cheek! ’Se cuims’ loibht! – The bloody cheek! (Cha bhiodh an tè-sa cho tric ris an tè eile.)
[fàrradh]Am fàrradh a chuir e a steach. – The “tightener” he took. E-fhéin a lìonadh gu math le biadh.
coitA tramp ship. A coaster.
grabhaganPollagan mòna. Pollagan beaga.
sgathadairSgilb-fhuar. ‘Sgathaire’ ann an àiteachan. Ceann-shuas Uig an Iar againne ’se ‘sgathadair’ a chanas iad. An còrr de an sgìre ’se ‘sgilb-fhuar’ a chanas iad.
sabh-mórSàbh-mór – Two-handed saw for use in a saw pit. (Dwelly) Sàbh-mór – Whip-saw. (MacLennan) Whip-saw – A narrow saw for dividing timber lengthwise, usually set in a frame and often worked by two persons. (Chamber’s Twentieth Century Dictionary, 1960) [NOTES: the following comment copied from Mr MacLeod’s letter of 29/04/1968] Chan eil fhios agam am biodh sàbh-mór aca ’ga oibreachadh anns a’ Chomraich. Có dhiù bhios cuimhne leibhse. Bha cuimhne aig m’athair a bhith toirt fiodh ciste-laighe as a’ logainn nuair a bhàsaicheadh duine. Agus sin leis an t-sàbh-mhór. Làithean cruaidhe bha siod. (As a’ logainn, mar a chanadh na bodaich. ’Se a chanas sinne an diugh as a’ loga. ’Se còmhradh nam bodach bu chearta. Loga (I).)
[sgaitse]’Se sgaitse a chanadh na bodaich ris an àite bha aca air a dhèanamh airson sàbhadh leis an t-sabh-mhór [q.v.].
[muinichill]Cho aithghearr ’s a chaidh i ’n a mhuinichill. – How sharp she got round him.
[dol]Chaidh e riut. – He got round you.
[fuil]Chuir e a fhuil mu a fhiaclan. – Struck him in the mouth. Gave him a “mouthful”.
bonaid-roimhBonaid aodaich (tha mi ’n dùil) agus bil air a chùlaobh ’s air a bheulaibh. Fore and aft peak. Bil bhog, cha b’e tè chruaidh. Bha e rudeigin mar seo shìos. Dèanta aig an tigh, shaoilinn a bha e. Chan fhaca mise gin aca a riamh.
port a’ bheòilThe corner of the mouth.
[àlach]Cha sheasadh e aon àlach ri Tormod. – Wouldn’t stand one barrage of blows from Norman.
ruapA rough file. A course file.
[leig]Leig e air an at. – Lanced it.
[fitheach]Am fitheach a’ cur a mach a theangan. – Là teth, teth.
[gàireachdaich]A’ call a chiall a’ gàireachdaich. – Splitting his sides laughing.
[port]Pìobaire an aona phuirt. – A piper with only one or two tunes in his repertoire.
[buille]Buille air a’ chloich. Airson “cur air a’ chloich”. (Chanadh duine na dhà.)
muc-shneachdaSnowman.
[buille]Cha toir mi buille de mo shùil air. – Won’t clap an eye on it.
am bigearamDeath-watch beetle.
am biogaram[?] [See am bigearam]
[sonas]Aig a shonas. – At his rest. Marbh. Mu dhuine diadhaidh. Mu dhuine cumanta ’se ‘aig a dhachaidh’ a chanadh iad.
fidealadhCross stitching.
[daor]Cho daor ris an aran mhilis. – Very, very dear in price.
troigh-sgubhairFoot-rule.
[èaladh]“Tha èaladh an fheòir de chaoraich aige.”
[sàl]Bheireadh e sàl mu d’ fhiaclan. – Would make your mouth water.
[teine]As an teine do an ghrìosaich. – Out of the frying-pan into the fire.
beulagAn opening (air an teine ’s a leithid sin).
fosgalanOld time porch (aig tigh-dubh).
[laighne]A’ cur a mach na laighne. – Precenting [sic].
[a’ gèadhadaireach]“Am balach a’ gèadhadaireach air tobhta an tighe.” – The boy playing at fishing with a rod.
[fiacail]“Cuiridh mi a h-uile fiacail a th’annad gu tòn do ghoile.” – I’ll knock out all your teeth.
buisneachdAirson ‘buidseachd’. ‘Buisneachd’ a chanas sinne.
[talamh]“Ged a dh’ithinn an talamh ’s an t-adhar chan fhaighinn e.” – Mu rud air chall.
cliabh nan cearcSeana chliabh a bhithist a’ cur air leth airson na cearcan a bhith breith ann.
seacaid-bheagCorset.
[làmh]Thug e làmhan dha. – He struck him. He assaulted him.
dubCha d’thàinig dub air bho dh’fhàg e an sgoil. – He never grew an inch since he left school.
[uair]Thig ri aon uair rud nach tig ri dà uair.
singilteDuine singilte. – A tall man and very, very slender.
bodach-reòiteIcicle.
slocSloc buntàta. Sloc a bhithist a’ deanamh anns an talamh airson gleidheadh a’ bhuntàta. Thatar ’g an deanamh fhathast, cuideachd.
sùileaganBuntàta glé bheag.
rùileaganBuntàta glé bheag.
[searbh]Cho searbh, mar sùgh nan sealbhag.
[righinn]Cho righinn ri na goid.
[sleamhuinn]Cho sleamhuinn ris an easgainn.
cragan-tràghadSea urchin.
cragan-faoileig[See cragan-tràghad] Cràgan-faoileig a chanas iad air na Ceithir-peighinn-deug an Uig, againne.
crosgagStar-fish.
[beàrna]Tha beàrna ann. – He has got a hare-lip.
[coguis]Tha a’ choguis aige fosgailte. – He has a cleft palate.
[crotach]Am balach crotach aig Tormod Fhionnlaigh. Hunch-backed son of T. Fh.
[sneachda]Sneachda nan uan beaga. – Sneachda a bhiodh a’ tighinn aig àm nan uan beaga. Cha deach e riamh seachad, bha na bodaich ag radh.
[geadadh]A’ geadadh nan gruag. – A’ sabaid ’s a draghadh an fhuilt. (Chanainn gur h-ann mu shabaid bhoirionnach a dh’eirich seo an toiseach.)
stràicOne of the cane or strap at school.
stràiceadhCaning or strapping.
[gartan]E air leaghradh le gartain. (ainmhidh) – Infested with ticks.
[gaoth]Ag òl na gaoithe. – Looking into the wind, sniffing, and taking it all in (bo, fiadh, no an leithid sin).
[liagh]“’Se mo liagh a th’unnad.” – You are a great fellow, etc.
[cas]Cha robh a chas fada ’s an aona bhad. – A siubhal gu h-aithghearr ’ga chois. A’ cur slighe mhór as a dhéidh ann an ùine ghoirid.
[muir]Dh’iarr am muir a thadal. – Sean-fhacal.
[siolpan]Siolpan beag de bhata aige. – A short thick stick.
[teirig]Na teirig ’n a ghaoth. – Don’t go near it. Na teirig air a àrainn. – Don’t meddle with it. Na teirig faisg air ’s na cuir do làmh air.
[brà]’S fheàirde brà a’ breacadh. (Chuala sinn am fear-sa iomadach uair.)
[gealladh]Bheir mise mo ghealladh dhuit. – I can assure you. Theid mise mo ghealladh dhuit. – I can assure you.
[gràsda]Duine gràsda – Rough-featured, ugly-featured man.
[cas]Thoir do chasan leat! – Away you go!
rùsgadhBed sore. Cuideachd “Mo bhroilleach air rùsgadh” – le móran casadaich.
[teirig]Teirigidh Cruach Beann mur a téid ’n a ceann. – Sean-fhacal.
[cliù]“Smocaigeadh e a chliù.”
[léine]“Chuireadh e a léine air na h-eich.”
[briseadh-troimhe]Tha briseadh-troimhe air. – Skin eruption.
[bròg]Na pàirtean aig bròig. An dà phàirt mhór aig bròig: An t-uachdar. Am bonn. Beul na bròige. An strap-sàileach. Na sùilean. Sàil na bròige ’s Sròn na bròige aig a’ cheann eile. An cnap. An seangadh – ’S ann mar ‘faigheadh’ (fuaim caol) a chanas sinne seo. Ach ’se seangadh a th’ann cho fad’s is aithne dhomh. Far am bheil a’ bhròg a’ fàs seang. An dearcadh. Am balt. An teanga. Am fraochan. Bròg-built – Bròg air a’ fuaigheal le sreangan. (Sreangan – shoemaker’s thread.) Bròg built tonnidh [?] sibh i le gréim air sròn agus sàil. Bròg air a fuaigheal leis an iarunn, tha i cruaidh. Pàirt eile de an bhròig: Am bonn linigidh – tha seo a stigh fo an bhonn mhór. Cho dubh ri bréid na bròige, chanadh na bodaich. Bhiodh bréid aodaich anns na brògan, uaireigin.
prìne-beag
prìne-banaltruimSafety pin.
[poll-mòna]“Cha b’ann anns a h-uile poll-mòna a gheibheadh tu leithid Dhonnchaidh.” – Not everywhere you would find the like of Duncan.
[eallach]Eallach a’ ghille leisg. – ’Ga thoirt leis ann an aon eallach uamhasach an àite dà eallach chumanta a dheanamh dheth.
a’ fìreinPluming, preening. (Tha e seo sìos mar thà.)
an dubh’-chall“C’àit a nise an deacha tu?” “C’àit an deacha ach do an dubh’-chall.” – Lost. Well lost (a thing).
fiacail-stòrachBuck-tooth.
[leòbag]Leòbagan anns an adha aice. – Flukes in the liver (in sheep).
[crùbag]Tha crùbag ort. – A “crab” in rowing.
[luideag]Anns na luideagan. – In the nappies. Bha mise aig an iasgach agus tu anns na luideagan.
[duslach]Mar an duslach (cho pailt). Canaidh iad seo an ceann-shuas Uige an Iar againne. Cha chuala mi riamh ’s a’ chòrr de an sgìre e.
[cnàimh]Lùb do chnàimh. – Sit down. Ease yourself off your feet. Sit down.
[tròcair]Cha deacha tròcair ’n a bhus. – Never touched any food.
[teas]“Bha iad ann an teas buain na mòna.”
[dileag]Rinn e a dhileag. – Tharruing e uisge. He urinated.
[beart]“Tha duine anns a’ bheart.” – There’s a child in the womb. A woman pregnant.
[caora-mhìle]A’ deanamh caora-mhìle dhiot fhéin. (Chuala sinn mu black sheep.)
[gnos]Stialladh air do ghnois! (Faic gnos.)
[glùn]Tha i gus a glùn a chur ri làr. – Near her time. Expecting.
[breun]Tha e cho breun ris a’ bhroc. – Cha tugadh e dhuit fiù chow.
[còir]Tha i cho còir ri na h-eòin. (An ceart-aghaidh tè a’ bhruic [see breun].) Aig na Lochan thall, ’s e “cho còir ris an fhaoileig” a th’aca.
[sgearrach]Thug e sgearrach an duine-dhuibh dha. – He gave him a good telling-off. (Is ann a nuas bho thaobh na Hearradh a thainig ‘sgearrach’, tha mi an dùil.
[boinne]Am boinne ’n a bheul. (an aimsir) – Boinneagan uisge dìreach air tòiseachadh, agus coltas air gu’n tig barrachd dhiubh, agus gu’n lean iad.
[iomlaid]Chaidh e mar siod ann an iomlaid na h-aon oidhche. – Turned grey, or anything else, in the course of one night.
[sgìthean]Gus an robh e seachd sgìthean dheth. – Till he was sick tired of him.
[beul]“Tha am beul a shia smocan innte (anns a’ phìob).” – There is very nearly six smokes in it, or even six smokes in it (‘nearly’ would be better, I think).
bun-sgòthA muigh aig bun-sgòth. – A muigh cho fada ’s a chì an t-sùil, far am bheil am muir ’s an t-adhar a’ coinneachadh a chèile, mar a shaoilear. Cha chuala mi “bun-sgòth” a riamh air a chleachdadh ris an tìr.
liath-chladachAn cladach eadar na creagan móra agus am feur. Is aithne dhomh a dhà no trì àiteachan air cùl a’ bhaile againn fhìn anns am bheil liath-chladach.
[tòn]“Cha do bhìd thu a thòn.” – Duine a shaoileadh tu nach robh droch nàdur no càil de’n t-seòrsa sin ann, ach nuair a chuireadh tu dràgh air, a bhiodh fhios a chaochlaidh agad, chanadh tu siod mu a dheidhinn nuair a bhiodh tu a bruidhinn mu an chuis. Duine: “’Se duine sèimh, solt, gun ghluasad, gun mhìothlachd a th’ann an Uilleam Chaluim.” An duine eile: “Cha do bhìd thu a thòn.”
mìreadhCromain, picean, ’s nithean de’n t-seòrsa-sin, air an geurachadh ’s air an leasachadh mar a bhiodh feum air. Bha iad air am mìreadh. Aig a’ ghobha. Bidh lorg aig Murchadh MacLeòid, Southend, gu math air dé a bh’ann ‘mìreadh’. ’Se gobha a bha ’n a athair. Gobha nan Uigean a chanadh sinn ris.
Danns Mór WickDanns a bhiodh aig na bodaich. Tha mi deanamh a mach gur h-e foursome, no rudeigin coltach ris, a bh’ann.
both-shìtheanBlàth-fhleasg a bhiodh sinn a’ deanamh le dìthean agus ’ga chur mu ar n-amhaich. ’Se ‘paidirean’ a chanas iad ris ann an Nis ann an Leòdhas, ach ’se ‘both-shìthean’ a chanas sinne ris. Sìthean, ’se sin a chanas sinne ri dìthean. ‘Both’, chan eil fhios agam an e ‘beau’, no ‘both’, no gu dé, a th’ann.
[sìol]An t-sìol-ghainbheach – sand eel. An t-sìol-sgadain – white bait. Chanadh iad seo airson eadar-dhealachadh a chur eadar na dhà.
[siorruidheachd]Anns an t-Siorruidheachd. “Dh’aithnichinn Calum agus Tormod agus Eighrig agus Coinneach. Ach c’àit am bheil Tormod?” “Thà anns an t-Siorruidheachd.” (At his rest, marbh.)
[lach]“Bha dùil aige gu’n robh an lach air spòig aige.” – Bha dùil aige gu robh an nì soirbheachail leis, no gu bhith soirbheachail leis, glé shoirbheachail.
[fead]“Abair gu’n toir a’ ghaoth fead air an tigh tha siod.” – Abair gu’m buail a’ ghaoth gu math an tigh tha siod.
am peandaidhAppendicitis. Chaidh ceàrd suas chun an ospadail an Steòrnabhagh agus a bhean aige glé thinn leis an tinneas a bha seo. “Pendex, please”, arsa an ceàrd ris an fheadhainn a thachair ris. ’Se am “peandaidh” a chanas sinne ris, a’ bruidhinn air gu cumanta.
[fitheach]An rud nach tugadh am fitheach d’a isean. (Sùil na caorach.)
[blais]Mus blais an t-ian air an uisge. – Tràth, tràth anns a’ mhaduinn.
iallStiallan caola, caola de chraicionn airson fuaigheal leotha. Chunnaic mi bodach ann am Mangurstadh a’ fuaigheal le iall.
ministear-maideMinistear aig am biodh teagasgan tioram.
pluganan a’ phlucFluke capsules airson chaorach nuair a bha am pluc a’ dol.
[pluc]Boslachan oirre de an phluc (air caora).
[crùidh]Crùidhean a’ chait. “Chuir e na crùidhean ann.” – It clawed him.
[coirce]Bha e anns a’ choirce leatha. – Wenching with her in a barn (no math dh’fhaoidte “among the rigs of barley”).
[stadaich]Tha stadaich ann. – He’s got a stutter in his speech.
[capall]Is minig a thuit an capall ceithir-chasach. – Facal, no sean-fhacal.
[bata]Ceann caol a’ bhata. “Thàinig am bodach as ar déidh agus gréim aige air ceann caol a’ bhata.”
[coilear-cruinn]Tha an coilear-cruinn air. – He’s a clergyman.
gobagA giant sand-eel.
[maide]Cha chuireadh e maide ’n a phàirt. – Cha bheireadh e air cho math is ’g an dèanadh e e, a’ ruith as a dhéidh.
[toirt]’Se pneumonia a thug a mach e. – He died of pneumonia. Pneumonia was the cause of his death.
[griodhan]Chan eil griodhan siùcair anns an tigh. – Not a grain of sugar in the house.
seilchUileabhiast [sic] a bhithist a’ faicinn air lochan.
speucaidheanEasing-off of rain, and clearing up (airson greiseagan).
lannShe [sic] [’Se?] lann a th’innte. – She’s a good worker, math dà-rìribh.
[tarang]Bhuail e air a tharang e. – He struck the nail on the head. (Tuigidh sibh fhéin.)
[bréid na bròige]Cho dubh ri bréid na bròige. – Soiled black. Bhiodh bréid aodaich anns na brògan, uaireigin. Tha cuimhne agam fhin a fhaicinn.
[gaoth]“Pòsadh Dhòmhnuill, tha sin air a’ ghaoith.” – rumoured.
[dol]“Pòsadh Dhòmhnuill, tha sin a’ dol.” – rumoured.
[ceann-caol]Bha e dol air a cheann-caol. – He was going on his beam ends. It was going on its beam ends.
[dioltach]Bidh mise dioltach ’s tu. – I’ll be square with you. Is ann gu taobh nach biodh glé chàirdeil a bhiodh seo air a ràdh mar bu trice.
milteagEallach no ciomboll beag fraoiche.
soda-arainBaking soda.
criom-a-tartarCream of tartar.
leumadairAinm air sgeir bheag no cnap a mach bho rudha no a leithid sin. Tha a dhà dhiubh ’s a’ bhaile againn fhìn.
cuspaireachd“Ma chunnaic tusa a riamh cuspaireachd, ’se breith air na siarsagan.” Bha iad cho duilich breith orra.
[dubhan]Tha an dubhan aige ann. – Tha e an còmhnuidh fo chomhair a inntinn airson a bhith cur sìos air, agus a bhith bruidhinn air gu taobh nach eil càirdeil.
[seall]Gu’n sealladh E orm! – Oh goodness me! Oh my God! etc.
[àm]B’e seo fhéin an dàrna h-àm dhuit! – Some time for you, this!
snèagladhCrawling. Bodach a’ cantuinn mu chaoraich bodaich eile: “Chan eil càil ach gu bheil iad a’ snèagladh.” (Iad cho bochd.) Cuideachd, snèagalan.
[aighead] “Aighead” agus “agad” – tha na dhà againne “aighead” agus “agad”. Mar: “Am bheil càil aighead” no “Am bheil càil agad.”
[sgamhan]A h-uile sgamhan dhiubh. (daoine) – Every one of them.
[crotach]Am balach crotach aig Tormod Fhionnlaigh. – The hunch-backed son of T. Fh.
[sìoladh-fala]“Tha sìoladh-fala ann cho brèagha ’s a chunna tu ann an duine a riamh.” – Dreach ’n a aodann cho brèagha – sìoladh fala. Agus craicionn brèagha còmhla ris a sin.
geugaireAig lamraig far nach fhaigheadh tu clach no carragh ris an ceangladh tu ball, chuireadh na bodaich clach ann an sgor agus theannaicheadh iad gu bàs i. Ris an seo cheangladh tu ball uair sam bith a bhiodh tu cur feum air an lamraig. ’Se ‘geugaire’ a bh’aca air an seo. Tha fear dhiubh seo air lamraig Màs a’ Mhachair aig Tràigh a’ Cheadha ann an Carnis ann an Uig. (Carnis, fuaimnich mar ‘varnish’ air a chantuinn aithghearr.) (Barrachd mu a dheidhinn ann an còmhradh.)
[cuairteachadh]An t-aoradh air a chuairteachadh.
[sìgearran]Sìgearran aige air na puirt. (Tuigibh sibh fhéin.)
slagAirson lag (dent. [?]).
[dithis]“An dithis dhubha a bhios ri siubhal còmhladh.” – Dithis bhalach móra, no dithis dhaoine òga, a bhiodh an còmhnuidh a’ falbh còmhla ri chèile ’s a’ deanamh mallachadh ’s a leithid sin, ’se seo a chanadh tu riutha. Chanadh tu riutha fhéin e.
niùlagNiùlag de dh’adhairc oirre. Niùlag pìoba aige (p. thombaca). Adhaircean cumanta: [see illustration]. Niùlagan: [see illustration]. Pìob chumanta: [see illustration]. Niùlag: [see illustration].
niùlachadj. [See niùlag]
lionn a’ bheathaichLionn air a dheanamh le beirm agus bùirn ’s mar sin. (Ma’s e lionn a th’ann.)
[ceann]“An rud a chuireas e ’n a cheann cuiridh e ’n a chasan e.” – Tha e cho deamhnuidh.
mart làmh-thuaighBó, no mart, airson a marbhadh ’s a h-ithe.
[le]Mar a tha e leis! – He and his affairs! ’s mar sin.
muladTinneas-chloinne air ainmhidhean, caora agus bó, có dhiù.
[sgéidean]“An sgéidean aodaich a th’orra.” – Mar gu’n canadh tu air boirionnaich, the flimsy clothes they wear.
liarc“An liarc coise a th’air.” – The large size foot he’s got.
[brà]Balach ’s e ri fàs dh’itheadh mar a mheileadh brà. – Facal no sean-fhacal.
crann“Cuir an crann air.” (Faic stràc.)
[àlach]“Cha sheasadh e aon àlach ri Dòmhnull.” – He wouldn’t withstand one barrage of blows from Donald.
[molach]Tha broilleach molach aige. – Duine a chuireas an airde salchar uair sam bith a nì e casd.
[cnàmhallach]Duine cnàmhallach. – Duine le cnàmhan móra, fada, loma.
Almost!“Bha mi ’n a mo shuidhe a stigh gu dòigheil ris an teine agus chuala mi an almost sin – na càit a’ sabaid.”
[hét]Cha do rinn e hét air. – Cha do rinn e dad air.
bonnach-boiseBonnach a bhiodh na cailleachan a’ deanamh air am bois agus ’g a bhruiche ri lic. (Leac, ’se sin leac-arain.) Bha bonnach aca ’s an Eilean Sgitheanach agus ’se ‘bonnach-luathadh’ a bh’aca air.
fàireagCnap a thigeadh ann an ceann na sliasaid agad le cus ruith no cluiche, no nithean de’n t-seorsa sin, a dhèanadh [sic]. Dh’fhaodadh gu’n tigeadh fàireagan an aiteachan eile, cuideachd, saoilidh mi.
[paidhir]Stocainn as gach paidhir. – An odd pair of stockings (tè as dà phaidhir eadar-dhealaichte).
[mionach]“Tha do mhionach mar càrn phartan.” – Chanadh iad seo ri coin nuair a bhiodh corrdhuil agus rùchdail anns a’ mhionach aca as déidh a bhith aig closaichean, ’s a leithid sin. Agus mar sin thainig e gu’n canadh iad ri daoine e, eadar fhioraibh is mhisgaireachd, nuair a bhiodh rùchdail ’n am mionach.
[tobhta]Air a thobhtaichean móra. “Tha e air a thobhtaichean móra.” – Very comfortably off. Sitting pretty.
[cam]“Cho cam ri cù a’ mùn ann an sneachd.” (Cho cam ri cam.)
sporag cloicheCanaidh sinn seo airson mìr beag de chloich, mar: “sporag cloiche”.
sporan-fithichFaic sporan-feannaig.
[lite]“Dé an aois tha Peigi Mhór?” “Tha i dà-fhichead ’s a còig.” “Thà, ’s an tè a bha i ’g ithe an lite.” – Tha Peigi Mhór gu math na’s seana na dà-fhichead ’s a còig.
[falamh]“Nach è tha falamh!” (duine) – Nach è tha gòrach! (foolish)
[làmh]“Cha bu mhór a dheanadh e ’na dhà làimh.” – Wouldn’t be much against him in a grip. Ann an straighlich agus cha b’e tè chàirdeil.
cuibhleCìoch na cuibhle. Réim na cuibhle. Asnaichean na cuibhle.
an fheòil-mhórIndian Mess Beef. Bhiodh i tighinn dhachaidh ann am baraillean. Agus is i a bhà math!
clach-rathadCeum clachach, an cumantas eadar dà chnoc, a muigh air cùl baile no a muigh ’s a’ mhòintich.
glamradhA vice. Saor a bhiodh a’ deanamh nan eathraichean againne bha seòrsa de rud aige airson a bhith a laghadh nan timchioll. ’Se ‘glamradh’ a bh’aca air.
[sealg]B’e an t-sealg aig fear gun ghunna e. – Chanadh tu seo nuair a gheibheadh tu chance eagalach math airson gunna – geòidh, rabaidean, ròn no a leithid sin – ach gu’m biodh do ghunna aig an tigh. Cha bhiodh e agad aig àm na chance matha.
machineBhiodh an t-ainm-sa aca air gige (a gig vehicle). Chuala mi e chun an ama a sguir na gigeachan.
Gealach an t-SaillidhAn ath ghealach as déidh Gealach Bhuidhe an Abachaidh. Aig a’ ghealaich-sa – Gealach an t-Saillidh – agus as a déidh, ghleidheadh tu rud sam bith le salann.
ord-bhàrnachChunna mi fear dhiubh seo nuair a bha mi glé òg. Bhiodh e timchioll air deich òirlich a dh’fhad agus air a dheanamh aig a’ ghobha. Chuala mi uair is uair ‘òrd-bhàrnach’ ach ’se bha sin a’ ciallachadh rud sam bith a chuireadh bàrnach as a h-àite. (’Se ‘bàrnach’ a chanas sinne agus chan è ‘bàirneach’.)
[cas]Cas gacha taobh. “Chaidh i sìos an rathad air muin an eich, cas gacha taobh.”
[sguab]“Rinn e cleas na sguaba orra.” – Sguab e an làr leotha, ann an sabaid. Chuala mi bodach uair ag radh agus sabaid mhór cheàrdaichean air a bhith ann an Steòrnabhagh, “Mac Bob Newland”, arsa esan, “rinn e cleas na sguaba orra.”
[iarunn]“Tha iarunn ann.” – Iasg anns am biodh dubhan an sàs. Gheibheadh tu iad seo uaireannan. Bha iad an sàs uaireigin roimhe ach bha iad air faighinn as air dhòigh air choireigin. Bhiodh iad cho caol a bharrachd air an fheadhainn eile.
bonaid-cluasachBonaid agus lapaidean air a thigeadh a nuas mu do chluasan. Thogadh tu na lapaidean an àirde agus chuireadh tu iad air putan a bh’air mullach a’ bhonaid. Dheanadh e bonaid cumanta agus bonaid-cluasach.
corcadhBha uaireigin a bhiodh muc anns a h-uile tigh, aig na bodaich. Nuair a bhiodh iad ’g a marbhadh bha iad a’ cur na cuirce anns a’ mhuic. Bha iad an uair sin a’ toiseachadh ’g a ruith gu’n tuiteadh i an déidh an fhuil a chall.
toinneadhBha iad an uair sin [i.e. after corcadh q.v.] a’ cur connlaich air a’ chlosaich agus a’ doirteadh bùrn goileach oirre. ’Se ‘toinneadh’ a bh’aca air an seo. (Fuaimnich ‘toinneadh’ mar ‘boinneadh’.) As déidh sin bha iad ’ga séibhigeadh leis an ràsar.
roinneadhFacal eile air a fhuaimneachadh mar ‘toinneadh’ [q.v], ’se sin ‘roinneadh’. “Chaidh a’ ghaoth suas fo an tughadh air an tigh aig Calum agus thòisich i a’ roinneadh an tughaidh an àirde.” “Chaidh siorc do na lìn-sgadanach air na balaich an raoir. Fhuair iad seoba garbh rithe mu’n d’fhuair iad as i. Bha i air i-fhéin a roinneadh anns na lìn.”
[rionnag]A’ tilgeil rionnagan. “Tha nàdur reothaidh air an oidhche an nochd, tha e tilgeil rionnagan.”
rionnag an earbaill
plangaidPlaide bheag, no pìos de phlaide chumanta. Plaide a chuireadh tu air creathall aig naoidhean.
[sgur]Gun sgur, gun snasadh, gun innealadh. – ’Se sin dìreach a’ dol gun stad, gu h-àraidh ag obair.
[snasadh][See sgur]
[innealadh][See sgur]
[fras]Fras ghlanaidh an latha. – Là a bhiodh frasan ann, tè air muin tè, ach thigeadh an tè-sa, fras eagalach na bu chumhachdaiche ’s na bu chursa [?] na gin a bh’air tighinn roimhe, chanadh na bodaich “’se fras ghlanaidh an latha a bhios an seo”. Agus mar bu trice bhiodh iad ceart – dheadh e na b’fheàrr as déidh siod.
seatha“Thug mi seatha dha.” – Cheek, telling-off, standing up to him. (Fuaimnich ‘seatha’ mar ‘ràdh’.)
sùileaganBuntàta beag, beag. [Cf. rùileagan] (’Se sùileagan bu lugha.)
rùileaganBuntàta beag, beag. [Cf. sùileagan]
sgealbanPìosan buntàta. Agus na pìosan a bhithist a’ cur ’sa talamh as t-Earrach airson fàs, b’e sin sgealban, cuideachd. “C’àit am bheil d’athair?” “Tha e ri sgealbadh.” – Tha e ag ullachadh a’ bhuntàta airson a chur.
[sgealbadh]“C’àit am bheil d’athair?” “Tha e ri sgealbadh.” – Tha e ag ullachadh a’ bhuntàta airson a chur. [Cf. sgealban]
cailleach-mharbhB’e sin buntàta a bha dìreach marbh. A h-uile beatha a bh’ann air bàsachadh agus e air seacadh, agus air dreach buntàta a chall.
buntàta-grianachB’e sin buntàta a bha pàirt dheth air a bhith air uachdar anns an talamh agus a ghrian air buaidh a thoirt air. Aon bhodach a b’ aithne dhomh ’se buntàta-grianach a b’fheàrr leis uair sam bith – a h-uile gin a gheibheadh e dhiubh. Cha bhiodh càch ’g an ithe idir.
[uair]An uair a th’ann. – Ri aimsir air leth dona. Chanadh tu seo aig an dearbh àm a bhiodh è dona. Gaoth is uisge a’ cur sìon as na cnuic ’s as nì sam bith eile a thachradh riutha no tàirneanach is dealanach eagalach. No aimsir eagalach sam bith. “An uair a th’ann”, chanadh tu.
peiriceil(Fuaimnich mar ‘meirgeach’.) Chuala mi bodach ag ràdh uaireigin “Cha téid e as mo dhiochuimhn’ gu bràth peiriceil mo mhionaich.” Dh’ith e rudeigin a rinn cron anabarrach air. Thug e gaoth air, ’s thug e pian air, ’s thug e a h-uile seòrsa rud a bh’ann air. Tuigidh sibh fhéin. Bha na balaich a’ gàireachdaich.
[tòn]“Thuit an tòn á Purgadair.” Chanadh tu seo nuair a thuiteadh an tòn á baraille no nithean de’n t-seòrsa-sin, soithichean fiodha a b’fheàrr. Cha bhiodh dùil agad ri nì neo-àbhaisteach sam bith tachairt, agus dh’fhalbhadh (thuiteadh) an tòn as an t-soitheach.
[garadh]“Cleas na cailliche bha seachd bliadhna ’ga garadh.” Creutair nach biodh tric a’ dol a mach. Ach an latha-sa nuair a dheadh è no ì a mach thigeadh an t-uisge ’s an t-uisge mór, agus bhiodh air drùidheadh air a seiche, no air a sheiche, mu’s fhaigheadh an creutair dhachaidh. Chanadh tu an uair sin, “Cleas na cailliche bha seachd bliadhna ’ga garadh.”
luaths-analach“Mu’s do dhìrich mi an cnoc thàinig orm stad dà uair leis an luaths-analach.”
[làmh]“Chaidh an solus as agus bha mi ag obair fo mo làmhan anns an dorchadas.”
[paisean]“Chuir e paisean air.” – He stunned it.
[brùgh]Brùgh gu a beul oirre. (boirionnach) – Well advanced in pregnancy.
[aran]“Bidh do chuid de’n aran fuinte.” “Ma thuiteas tu a nuas as an fhàradh sin bho mhullach an tighe, bidh do chuid de’n aran fuinte.”
[gasda]“’Se gille gasda a th’ann.” – Duine cràbhach ’s a bhiodh a’ bruidhinn air nithean cràbhach, ’s a bhiodh ’na fhear-aideachaidh, ’s mar sin chanadh tu seo mu a dhedhinn. Ged a bhiodh e pòsda, no ged a bhiodh e sean, chanadh tu ‘gille gasda’ ris.
sguainneAn sguainne balaich ud aige, no an sguainne nighinn ud aige. – Pìos mór de chreutair. Co dhiu, pìos fada. Cha chuala mi ‘sguainne’ a riamh mu dhaoine air fàs suas.
[sad]Sad Sasunnach. “Cuiridh mise sad Sasunnach as. Agus asda.” Bha cat aig Màiri agus bha i a’ saoilsinn tòrr dheth. Chuireadh e na crùidhean ann an duine uair sam bith, ach bha Màiri a’ smaoineachadh gu’m bu chòir seo a leigeil leis. An latha-sa thuirt an duine aig Màiri: “Cuireadh casan na crùidhean annam-sa agus cuiridh mise sad Sasunnach as an deireadh aige.”
cusparBha grunn bhràithrean air an aon fhearann. Thòisicheadh a’ briseadh sìos nan tacannan ’s a toirt seachad fearainn. Thuirt am bràthair bu sheana, leis an robh am fearann air an robh na bràithrean, “Tha sibh ceart gu leòir fhad’s a bhios mise beò ach as mo dhéidh-sa chan eil fhios dé a dh’fhaodas tachairt. Mar sin chomhairlichinn dhuibh sealltainn a mach air bhur son fhéin fhad’s a bhios an cothrom ann.” Thuirt bodach mu an nì a bha seo: “Ma thà, ’s ann a bha an duine glic ann Iain MacDhòmhnuill, an cuspar a thug e do an fheadhainn eile.”
bana-chogach“An deach a’ bhana-chogach ort?” – Were you vaccinated?
a’ bhana-chogach bhreacSmallpox. (Faic banachrach.) Tha dà bhràthair-seanar agam air an tiodhlacadh ann am Pultneytown an Inbhir-Uige ann an Gallaibh. Chanadh na bodaich gu’n a bhàsaich iad leis a’ bhana-chogaich agus iad aig an iasgach.
gath, gathan[pl.] Shrimps. “Tha na balaich shios anns an fhadhail a’ breith air na gathan.”
[firichean]Air d’ fhirichean. “Feumaidh tu a bhith air d’ fhirichean mus dean thu còcaireachd do Dhòmhnull.” – Feumaidh tu bhith cho math ’s a théid agad air mus dean thu còcaireachd do Dhòmhnull.
[sùgh]“Cha b’ioghnadh ged a bhiodh sùgh ’n an cnàimh.” – Mar na Koréanaich ag ithe (no ag òl) uighean amha eadar na bidh eile.
sguaraigeadhArsa am bodach: “Bha i ann an siod (a’ bhana-cheard) aig dorus an tigh-change, ’s i a’ sguaraigeadh ’s a’ sguaraigeadh.” – squaring up for a fight.
[fanoid]“Is minig a thainig fìor á fanoid.” – Facal.
[ceartaich]Ceartaich a’ bhó. – Atharraich a’ bhó bho phìos a tha i air ithe gu pìos ùr. Canaidh sinne an dà chuid, ‘ceartaich’ agus ‘atharraich’. Ann am Beàrnaraidh, ann an àiteachan, co dhiù, ’se ‘tog a’ bhó’ a chanas iad.
ian-dubhAig na h-iasgairean b’e seo alca, tàmhaidh, gearra-breac, ’s mar sin, a’ cur eadar-dhealachadh eadar iad seo agus na h-eòin gheala, faoileagan, sùlairean, pulasdairean, ’s mar sin, a bhiodh a’ ruith an éisg. “Bha pailteas ian air Camus Fibhig an diugh – an t-ian-dubh.”
[amhach]“Is tu a chuir an gréim ’n am amhaich.” – Is tu a chuir an dragh, ’s a leithid sin ’n a mo luib.
godCreutair beag, gu h-àraidh duine. Creutair nach do dh’fhàs leis an fhàs chumanta.
top“Tha top innte” (ann an caora).
grunnadaireachd“C’àit am bheil na balaich?” “Tha iad a’ grunnadaireachd anns an fhadhail.” – A muigh anns an uisge anns an fhadhail, na tha fosgailte dhuibh.
cìoch-shlugainUvula. Tha tè dhùbailte agam-sa, ge b’e ’s bith dé is ciall dha.
glinn“Na dh’fhàg thu agam de dh’fhodar airson an eich, cha deanadh e glinn ’n a bhroinn.”
[ionnsachadh]“Cha bhith thu na’s òige ri d’ionnsachadh.” Calum: “Cha do rinn mise obair de’n t-seòrsa-sin a riamh.” Aonghus: “Cha bhith thu na’s òige ri d’ionnsachadh.” – Tha Aonghus a’ ciallachadh do Chalum tòiseachadh agus feuchainn air an obair. Cha bhith e na’s òige ri a ionnsachadh.
[beul]“Nach math gu bheil a bheul fo an tigh.” Latha bhiodh aimsir eagalach ann, gu h-àraidh tuil, chanadh na cailleachan: “Nach math gu bheil a bheul fo an tigh.”
gearradh-feòirNuair a bhiodh sinn a’ tarruing leum, a cheud àite anns an gearradh sinn an talamh anns an leum, b’e sin an gearradh-feòir. Agus is e an gearradh-feòir a bh’air a chunntadh.
[leum]Làrach do thòine do leum. – Nan tuiteadh sinn air ais an déidh an talamh a bhualadh anns an leum, agus gu’m buaileadh ar màs fodhainn, b’e seo “làrach do thòine do leum” agus ’se seo a bh’air a chunntadh. Is iomadh argumaid a bh’ann mu an seo.
[muilinn]Nach ann tha’n t-uisge aig a’ mhuilinn aig… Iain: “Nach ann tha’n t-uisge aig a’ mhuilinn aig MacLeòid.” – Tha MacLeòid ann an saorsa anabarrach airson bruidhinn. Agus the è ri bruidhinn. Agus móran còmhraidh anns a’ bhruidhinn.
blàr“Bha blàr de na h-itean air an liana far an robh an clamhan air calman a spidreadh.”
sìoman-ceàrrSìoman air a shnìomh le duine air an làimh cheàrr, gu a thaobh fhéin mar a shnìomhadh duine air an làimh dheis sìoman chun an taobh eile – gu a thaobh fhéin. Mar: na duail gu deas [see illustration]; na duail gu clì [see illustration]. Nuair a bhiodh an aibideil (galair) air a’ chrodh b’e siod an leigheas a bh’aig na bodaich air: sìoman-ceàrr.
June 1967
[corraibh-ochanaich]“Gheibh sinne e air do chorraibh-ochanaich.” – Gheibh sinne e ge b’e ’s bith dé cho mór ’s a bhios do dhorran no do dhuilgheadas. Agus bidh e coltach gur h-e sin a bhiodh ann. (Tuigidh sibh fhéin.) (Chan fhaca mi riamh ‘corraibh-ochanaich’ sgrìobhte.)
[crann]“Bidh an dà chrann air am bois aca.” – Bidh an dà nì air a chur f’an comhair airson roghainn a dhèanamh.
[cumail]Nach è tha cumail ris. – Nach e tha seasamh gu math an aghaidh na h-aoise.
[rionnag]“Am bì thu dol a shealltainn air Dòmhnull ’s air a bhean?” “O, ’se rionnag ’s an oidhche fhrasaich a bhios mi dol a shealltainn orra.” (glé, glé ainneamh)
connstabullOifigeach ann an Comataidh a’ Bhaile (Grazings Committee).
fàgail“Nach ann ort tha an fhàgail!” – failing, affliction.
[thuice]A’ dol thuice. – A’ dol a shealltainn air a’ mhaighdinn, ann an suirghe Caithris na h-Oidhche. (Bundling [?] style)
cnàimh-cagnaidh“Cumaidh sin cnàimh-cagnaidh ruith [?] [riutha?] airson greiseag.” – Cuspair airson argumaid no buaireadh, no a leithid sin.
staoragStaoragan de bhuntàta. – Buntàta nach biodh mór, no air nach biodh móran de choltas buntàta, ach a ghabhadh ithe. Bhiodh iad bho’n taobh a muigh preaslach, lachdunn. (Fuaimnich ‘staorag’ mar ‘aoradh’.)
smobIseabail: “Bha Pèigi Mhór a’ feitheamh ri dhol a dh’obair do an tigh-mhór, agus dùil aice nach deanadh iad a chùis as a h-aonais. Ach ’s ann a fhuair i bhuapa nach biodh iad ’ga h-iarraidh.” Màiri: “Nach i a fhuair an smob.”
prìosan-sàilPrìosan a bhiodh am muir a’ tighinn air na prìosanaich ach mar a chumadh iad fhéin bhuapa e.
spriotag“Chaidh Dòmhnull beag a losgadh le spriotag bho an phrais lite.” – A throw-out bho an phrais nuair a bhiodh i a’ goil, ’sa’ goil gu math. Is iomadh uair a fhuair sinn dathadh bho an nì a bha seo. Timchioll mu an teine le na casan lomnochd.
spriotadh [See spriotag]
séidhear-gàirdeanachArm-chair, no có dhiù, séidhear le gàirdeanan air.
[geabhraiste]Air a gheabhraiste fhéin. “Chan eil Tormod beag ach na trì bliadhna, ach théid e sìos am baile air a gheabhraiste fhéin.” – Gun duine ach e-fhéin. (Chan fhaca mi ‘geabhraiste’ a riamh sgrìobhte.)
srulaicheanBha Dòmhnull (balach) ag obair leis an sgithinn (agus i cho geur). Cha robh mi ann nuair a chaidh i chun na h-òrdaige aige, agus thàinig na srulaichean de an fhuil.
sùil-chruthaichAirson sùil-chritheach.
tump(Fuaimnich ‘thump’ gun ‘h’ idir.) “Thuit e le tump air a thòin.”
daithead“An d’fhuair sibh iasg?” “Fhuair sinn daithead.” – Na dheanadh a’ chuis airson aon uair. Na dheanadh cosg-an-tràth.
[siolp]Gheàrr e mu’n t-siolp e. Bha Donnchadh a’ cur an àirde bùth (tent) aig an fhéill, a’ dol a thòiseachadh a’ creic deoch-làidir. Agus sin gun òrdugh laghail. Có a nochd ach am polas. Cha deacha an obair aig Donnchadh na b’fhaide air adhart, gheàrr e mu’n t-siolp e.
glaganClach, no cudthrom air choireigin, a bhiodh iad a’ ceangal ri aodann bó chrosd – te a bhiodh a leum air cach ’s ’gan tolladh. Mar a dh’fheuchadh i ri ruith bha an cudthrom a’ tòiseachadh a’ bualadh air a h-aodann. Chuireadh seo ’n a tàmh i. Fhad’s a dh’fhuireadh i sùmhail bha fois aice.
[seas]Sheas iad aige. Thug am ministear, bho an chùbaid, an latha-sa latha-dubh air aon de an choimhthional aige. Bha dithis mac móra aig an duine a làthair anns an eaglais. A cheart cho luath agus a thàinig an sluagh a mach, an dithis fhear a bha seo sheas iad aig a’ mhinistear.
[sluagh]Againne ann an Uig an Iar ’s e ‘an sluagh’ a chanas iad ri na daoine air a thighinn a mach as an t-searmoin, aig an eaglais.
[grùnsgal]Bha e a’ grùnsgal ’s a’ brothlaich as a chadal. (Tuigidh sibh fhéin.)
[brothlaich]Bha e a’ grùnsgal ’s a’ brothlaich as a chadal. (Tuigidh sibh fhéin.)
eargnachadhTha an grunnd iasgaich air eargnachadh aig na tràlairean. – Chan eil creutair ann. (Faic ‘eargnachadh’ agus ‘eargnadh’.)
[càrn]“B’fhearr dhuit a bhith ann an càrn cladaich na a leithid sin.” – Chanadh iad seo mu dog and cat life.
[annas]As annas. – Ur dhuit, no annasach dhuit.
a’ chainbe-fhliuchPeanas-eaglais. Bhiodh iad a’ cur deise fhliuch chanabhais orra.
[Locha Buidhe]Rinn e Locha Buidhe. Aonghus: “Rinn Dòmhnull Locha Buidhe air a’ cheist an diugh.” (aig na h-Orduighean) – Chaidh e ro fhada, agus thug e ro fhada.
[salm]Salm aige de na guidheachan. – Na chuimhnicheadh e orra aig an àm. E aige mar rud a bhiodh aige air a theangaidh. Anns na seann làithean ’se sailmean, ’s rudan de’n t-seòrsa sin, bu mhotha a bhiodh iad ag ionnsachadh air an teangaidh. Có dhiu, saoilidh mi, bho thàinig buaidh na h-eaglais gu math orra. Canaidh sinne, cuideachd, “an t-salm a bh’aige”.
taighne (‘t’ cruaidh)A string (twine).
[biorach]Tha i cho biorach thuige. – Cha leig i facal as a bheul gun a bhith aige.
[leth-fhacal]Tuigidh fear leughaidh leth-fhacal. – Facal.
[gràinnean]“Tha gràinnean ann.” – A spark of pluck. A spark of manliness. A spark of temper. Ged a tha e solt, agus glé sholt, ’s ged a dh’fhuilingeas e móran, an déidh sin tha gràinnean ann.
[luath]Rinn e luath is deargannan ann. – Duine a bhiodh ro thric ann an tigh (tigh duine eile) agus a’ fantuinn ro fhada ann, chanadh sinn seo uime. Mar bu trice bhiodh seo a’ tachairt ri linn boirionnach a bhith anns an tigh, a bhiodh e as a déidh. Tuigidh sibh fhéin.
[deargann][Rinn e luath is deargannan ann. – See luath.]
[cluas]“Cluinnidh sibh air a’ chluais as buidhre a th’agaibh e.” – You’ll hear a lot about it. You’ll hear much about it.
[rup-rap]An tigh ’n a rup-rap. – An tigh troimhe chèile, gu’n rèiteach, gun sgioblachadh.
[làmh]Leig e ruith d’a làimh. “B’àbhaist do Dhòmhnull a bhith deanamh soithichean glé mhath. Ach am fear-sa chan eil lorg aige air a bhith math. Leig Dòmhnull ruith d’a làimh leis an fhear-sa.”
clachan-leum(a)Stepping stones.
glas-chrochaidhPadlock.
[dorus]Dorus an tigh(e)-mhóir – An dorus a muigh. Dorus an talain, b’e sin an dorus anns an talan, a stigh suas chun an teine. Dorus an tigh-mhóir an dorus a muigh. Dorus uachdar an tigh(e) – an dorus suas do uachdar an tighe. Chan chanadh muinntir Uige an Iar ‘cùlaiste’ idir. (Tha na tighean an diugh, mar a bhios fhios agaibh, eadar-dhealaichte ris an t-seann fheadhainn.)
siuncaSiunca de dh’earball as. – Iorball mór, mór anns a h-uile doigh. A cú no a leithid sin. (‘Iorball’ a chanas sinne – tail.)
[rud]Tha e dol a dheanamh rud dha-fhein. – Tha e dol a phòsadh. Tha e dol a dh’fhaighinn bean.
[isean]Droch isean. “Iain Dhonnchaidh. A, droch isean!” – A bad stick. Droch isean a tha’n Iain Dhonnchaidh.
cairt-chopaigAirson cairt-chopaigidh – coup cart.
[siùnach]An siùnach ud. – Cha b’ann a’ smaoineachadh ann an deagh bheachd air a bhitheadh sibh nuair a chanadh sibh seo mu fhear. That bloke. That fellow. That… Cha chanadh sibh ‘an siùnach ud’ mu dhuine a bhiodh sibh gu math suas ris, agus a’ saoilsinn tòrr dheth.
[set]“O, nach cianail an set iad!”
crann“Cuir an crann air.” (Faic stràc.)
[glic]Bu ghlic a’ bheart dha sin. – A wise thing for him to do that. Tormod: “Chaidh speach anns an lìon aig an fhigheadair ’s cha deadh am figheadair air a h-àrainn.” Coinneach: “Bu ghlic a’ bheart dha sin.” (Wasp agus spider.)
tàthag(Faic tàtag.) ’Se seo a bh’aig Calum MacLeòid do Dwelly (t-d 937). ’Se ‘tàthag’ a chuala mise a riamh ’s a bhaile. Baile Chaluim ’ic Leòid, cuideachd. ’Se buaidh bho’n taobh muigh, no bho sgrìobhadh, a bhiodh aig Calum. “Also used metaphorically as thug e t. dha, he gave him a stab (in speech).” (Dwelly t.d. 937)
[còrr]An duine nach bi ’n còrr aige ri dheanamh cuiridh e na cait do an teine. – Facal.
[dust]Chan eil mi cur breug air a dust. – Chan eil mi cur breug oirre agus i anns an talamh (marbh agus air a tiodhlacadh). Canaidh sinn ‘an dust’ ris a’ chorp mharbh (aig duine). Ann am Beàrnaraidh, tha mi smaoineachadh, gu’n can iad e mu ainmhidhean cuideachd. “Chuir iad an dust do an chairt aig an fhadhail.”
[brùchd]Bhrùchd iad a mach. – They burst out. Bhrùchd e a mach. – It bulged out.
òrdugh“Gu dé an t-òrdugh anns am bheil e.” (ainmhidh) – Good condition.
[sraoin ?]“Cha deacha a riamh le fear na ceud sraoine.” Bha dol gu math le Hitler (agus le feadhainn eile de a sheòrsa) an toiseach, ach cha deacha a riamh le fear na ceud sraoine. – Facal.
[beul]“Bidh dùil ri beul cuain ach cha bhith dùil ri beul uaigh.” – Facal.
suathadhSuathadh an eòrna. – A’ toirt dheth an t-sil le bhith ’g a shuathadh eadar na casan (na casan lomnochd, na casan rùisgte). Dheanainn fhathast e, nam faigheadh sinn beumannan eòrna.
[feamainn]Dh’fhalbh e mar an fheamainn ris a’ chloich (duine agus a shlàinte). – He declined so rapidly.
[còrr]Cha robh an còrr mór. “Fhuair sibh a nall roimh an mhuir” (an làn a tighinn a steach air an tràigh). “Fhuair, ach cha robh an còrr mór.” – We just made it.
[deamhais]Deamhais de bhoirionnach. (Tuigidh sibh fhéin.)
gollOdd-looking, queer-looking etc., creature.
tathaich(Faic Dwelly t-d 937. Cuideachd M’Ghillfhinnein.) “Gleann Surtabhat, bhathas a’ cluinntinn tathaich ann.”
tàbharadh(Faic tàbharnadh (M’Ghillfhinnein).) Calum, ’na sheann duine, a’ dol a mach a chreagach chun nan creagan móra, fiadhaich, a h-uile h-oidhche. “Tha e faicinn a thàbharaidh” bha Màiri Liath ag ràdh.
na pagaiseanThe privates (na buill dhìomhair). (males) Females: Dh’fhaodadh gu’n cual mi uair e mu females ach ’s ann do an fheadhainn eile, saoilidh mi, a bhuineas an t-ainm. ’S ann riutha a bhitheadh e.
tighinn an lathaDaybreak.
smùidFo bhuaidh an uisge-bheatha. Fo bhuaidh deoch-làidir. “Bha smùid air.” “Bha smùid mhath air.” An cumantas is ann toilichte bhios duine nuair a chanas sinn gu bheil smùid air. Nuair nach ann toilichte a bhitheas e ’se a chanas sinn: “Bha an deoch air.”
[iorball]A’ dol a leigeil an iorbaill leis a’ chraicionn. “Tha na Frangaich ag ràdh mur a fhaigh iad barrachd cuideachaidh air na tha iad a’ faighinn, bho Bhreatuinn, gu bheil iad a’ dol a leigeil an iorbuill leis a’ chraicionn.” (1940)
[fàrradh]Am fàrradh a chuir e steach. – Chanadh tu seo mu dhuine a dh’itheadh uibhir mhór de bhiadh aig an aon àm. “Am fàrradh a chuir e a steach.”
sniogastaireachdAig tigh Choinnich an còmhnuidh bhiodh gliogadaich le òrd no le rudeigin de’n t-seòrsa. Bhiodh Coinneach a’ dèanamh rudeigin no ri càradh rudeigin. Bhiodh Coinneach an còmhnuidh a’ sniogastaireachd.
[làmh]Cho math ri do làimh. – As good as you can. Cha robh Niall ach òg. Cha robh e glé chleachte ri bhith deanamh gnothach bhoirionnach . Ach dheanadh e gnothaichean gu math. Dheanadh e brota, ’s rudan de’n t-seòrsa cho math ri duine mór no ri boirionnach. “Nì e brota cho math ri do làimh” chanadh a mhàthair ri duine sam bith.
tàircA large piece. “Thuit tàirc de an pholl-mhóna a bhroinn a’ phuill.” Is ann mu rudan móra a chleachdas sinn ‘tàirc’, an cumantas.
Facail agus gnàthasan-cainnte
borbairAirson barbair. Uan òg agus na casan cinn aige cam mar a chunnaic sibh iomadach uair, ’se ‘borbair’ a th’aca air againne. Is ann as déidh borbair a bh’ann an Steòrnabhagh agus casan cam aige a thàinig an t-ainm.
clàbh“Dùin an clàbh doruis sin.” – An clàbh a bha deanamh a’ chlàbhaidh (dorus).
[siabunn]“Thug e a shiabunn dha.” – telling-off, dressing down, ’s a leithid sin. No, smaite, do dhuine òg, na h-uibhir de làimhseachadh.
[call]’Ga chall fhéin. “Bha Tormod a’ cumail ris glé mhath agus glé chuimhneach gu ruige seo, ach tha e a nise air tòiseachadh ’ga chall fhéin.”
[deathach]A h-uile deathach anns a’ bhaile. “Ruith sinn air a h-uile deathach a bh’anns a’ bhaile.” – A’ ruith air na tighean.
bruaich (air loch)“Loch grànda tha sin, cha téid thu mach fad sam bith air gu bheil thu sìos do dhoimhne chunnartaich: tha bruaich air.”
lòdadhLòdadh a mach le fallus. “Chan eil Donnchadh glé mhath (’na shlàinte). Thàinig air suidhe ri taobh an rathaid, agus lòd e a mach le fallus.”
[caraid]“’Se a charaid a bheireadh dhà e.” – Ghabhadh e e uair sam bith. Bhiodh e taingeil air a shon uair sam bith.
[bacan]“Buail do bhacan.” Tormod agus iàrna mhór aige agus e toirt ceum-leatha. Màiri, mu dheireadh: “A, buail do bhacan.” Bha Màiri a’ ciallachadh e fuireach aig cuimse agus aig an fhìrinn.
[lùdag]“Cha tigeadh e a lùdaig no a dh’òrdaig air.” Bha e feuchainn ri dhol ri Calum, ach cha tigeadh e a lùdaig no a dh’òrdaig air.
[òrdag]“Cha tigeadh e a lùdaig no a dh’òrdaig air.” Bha e feuchainn ri dhol ri Calum, ach cha tigeadh e a lùdaig no a dh’òrdaig air.
slupraichAn t-slupraich as fheàrr as aithne dhomh, ’s e each ag obair air siol ann am peile. Ag ithe ’s ag òl.
gliogaidDuine mór, lom, gliogach.
[làmh]“Dh’fhalbh e eadar mo làmh ’s mo thaobh.” – Dh’fhalbh e (chaill mi e) gun fhios domh. Mar: “Bha Domhnull beag agam ri mo làimh sìos gu dorus na bùtha. Ach dh’fhalbh e eadar mo làmh ’s mo thaobh agus ’s ann shìos am baile a fhuair mi e a rìthist.”
[sùithe?]“Cha do leag thu na seachd sùitheannan còmhla rithe.” “’Se creutar gun mhìothlachd a th’ann an Iseabail Dhonn.” Freagairt: “Cha do leag thu na seachd sùitheannan còmhla rithe.”
[flagaich]“Tha flagaich ann.” – The screw loose ann (duine).
leum“Thàinig leum de an t-siataig ’n a mo dhruim.”
sgàrsach“Sgàrsach de na guidheachan.”
[còrr]“Chan ith e an còrr.” “Ma dh’fhalbhas am fàradh á mullach an tighe leis chan ith e an còrr.”
[Droch Spiorad]“Tha thu air chuibhlichean aig an Droch Spiorad.” – Tha thu fuasgailte agus ag amadanachd ’s a’ caoch (cuthach). ’S mar sin.
[cat]“Gleidhidh tu thu fhéin bho an chat.” – Nuair a thigeadh tu dhachaidh bho iasgach agus na h-uibhir de dh’iasg agad, ged nach bitheadh móran, chanadh sinn seo.
preasain“Tha iad thall anns a’ bhaile (am baile-mór) a’ ceannach (no ag iarraidh) nam preasain.” – Gnothaichean a’ phòsaidh.
dùsgadhRevival (creideamh). Cuideachd ‘dùsgadh’ airson dùsgadh chlach an àirde as an talamh, agus ‘dùsgadh’ airson na sreathan buntàta a dhùsgadh an àirde le gràp.
[tom]“Bha i air i-fhéin a shìneadh ris an tom.” – marbh (caora no a leithid sin).
[fosgailte]“Na bha fosgailte dheth.” “Chaidh e fodha anns an rias, na bha fosgailte dheth.” – Gu a mheadhon. có dhiu, na bha fo chasan dheth.
[aithghearran]“Thàinig na h-aithghearran air.” – Ruith a fhoigidinn a mach. Cha b’ urrainn e fuireach na b’fhaide. Agus sheall e sin.
sionnachan(Fuaimnich mar ‘Donnchadh’.) “Coinneach agus sionnchan [sic] an duine-dhuibh aige le baighsagail.” Sion an duine-dhuibh air.
guagGuag de lite. – Lite a dheanadh bodach no cailleach agus a thionndaidheadh a mach air leth tiugh.
Mac ’ic Iain“Rinn e Mac ’ic Iain dheth fhéin.” – Mhill e e fhéin, ann an dòigh sam bith. Rinn e amadan dheth fhéin. Rinn e call dha fhéin. ’S mar sin. Tha mi cinnteach gu bheil i seo anns a h-uile h-àit.
[dèidh]“Cho dèidh ri dà cheann eich.” “Am bheil Iain agus Tormod dèidh?” “Thà, cho dèidh ri dà cheann eich.”
[bròg]Làir gobha agus bean greusaiche dithis air nach bu chòir droch bhrògan a bhith, chanadh na bodaich.
bocan“Tha bocan anns na brògan aige.” – Na casan fliuch. Iad a’ dìosgail leis an fhliuchadh.
giobarais“Cha do thuig mi smid de an ghiobarais a bh’aca”, arsa am bodach agus e air a bhith ’g éisdeach ri Frangaich a’ còmhradh.
[làmh]“Làmh fhada agus cead a’ sìneadh.” – Chanadh na bodaich seo aig biadh nuair a bhiodh iad a’ ciallach cantuinn riut thu fhéin a dheanamh gu math aig an tigh.
[feàrr]“Chan fheàrr an siud na an siad.” (‘siud’ do’n chluais mar siuthad) Chan fheàrr an dàrna fear na am fear eile. (daoine)
[tual-fhadan]“Thàinig mi ’na mo thual-fhadan chun an teine”, arsa am bodach leis an flu. Cha b’ann gu math a bha am bodach idir. (Chan fhaca mi riamh ‘tual-fhadan’ sgrìobhte.)
casa-ladhrachNa crodhanan boga a th’air laogh nuair a tha e air a bhreith.
gòbhlag“Tha gòbhlag anns a’ mhaide.”
[anail]“Anail bheag thric an ceann gach cnuic, comhairle an duine ghlic d’a mhac.” – Facal. Bha mi ’ga chluinntinn a riamh. (Bhiodh seo nuair a bha an t-eallach tric.)
[leud]Cha deacha e leud dubh na h-ìnghe a null no a nall. – Bho shlighe, bho cheann teagaisg, bho nì sam bith faodaidh tu a chantuinn: leud dubh na h-ìngh [sic].
[ian]“’Se ian a th’innte.” – Boirionnach, sunndach (an corp ’s an inntinn), dèanadach, math airson a gnothaich.
seic“Abair gu robh seic orra.” (ainmhidhean) – Abair gu robh am broinn làn.
starbhagStarbhag de lite, de bhrochan, ’s de nìthean de’n t-seorsa sin. (Feadhainn thiugh, thiugh.)
[làr]“Cha chomharraicheadh e an làr.” – Leòinte. Cha leigeadh e a chas fodha.
[muileann-choifi]“E cur dheth mar a’ mhuileann-choifi.” – E còmhradh, ’s a’ còmhradh ’s a’ còmhradh.
[lorg]“Chan eil lorg air mac an abhaig dhiubh.” – Not one of them to be found.
sgoileapaigeadh(Fuaimnich mar ‘dorchadas’) (Feuch scalloping.) Bideanan, no a leithid sin, air a dheanamh air pàipear, no a leithid sin, air sgeilpe no a leithid sin. Airson sealladh-sùla no a leithid sin.
glutaranaich(t no d: gludaranaich) “A’ chlann a’ gludaranaich anns an allt.”
[facain]“Thoir orm-sa a dhol as do dhéidh agus bidh facain aig do chorp air”, arsa a’ mhàthair ris a’ bhalach agus e ri crosdachd.
A’ dol air a’ chois-chaoilA’ dol sìos gu math (a’ teireachduinn ’s a’ caitheamh). Mar a thuirt am bodach mu an fhodair nuair a bha e ruith sìos gu math: “Tha e dol air a’ chois-chaoil.”
[ceàrd]“Bheir e an ceàrd as a’ bhaile.” – Nì e a’ chùis airson an ama a tha a làthair (temporary). Dìreach sin!
sgalldaidheanLà balbh agus frasan troma, troma aige ’ga dheanamh. Boillsgidhean tetha, tetha de an ghréin a’ tighinn a mach eadar na frasan. Chanadh na bodaich: “Tha e deanamh sgalldaidhean.”
sùnsalSrann làidir aig an anail a mach ’s a steach mu an t-sròin (aig duine) mar a chunnaic sibh aig cuid. “Tarmod a nuas an rathad agus sùnsal aige mar a b’àbhaist.”
[note]Ann an seo tha mi a’ cur sìos nam facal mar a thig.
goireach(Fuaimnich mar ‘coire’ (kettle) + ‘ach’.) Goirid, gun a bhith mór. Goirid ann am fàs, ’s mar sin. (Cha chuala mi seo tric mu dhaoine idir.)
[craicionn]Craicionn glan air. “Duine mór àrd” arsa Tarmod, “agus craicionn glan air”. Dìreach sin, craicionn glan air. Craicionn brèagha, gun làraichean sam bith, làraichean bana-chogaich no làraichean eile, no briseadh, no nì ach glaine.
glìobhainnAirson glìobhaid airson clìobhaid. “Rinn e glìobhainn sneachda.” “Ri glìobhainn sneachda.”
[gaoth]Cùl gaoithe ’s agaidh gréine. – Là agus gaoth fhuar ann, ach pailteas gréine. Nuair a gheibheadh tu fasgadh math bhiodh a’ ghrian teth ann. (As t-Earrach ’s a mach gu Samhradh, chanainn.) Chanadh na bodaich “cùl gaoithe ’s aghaidh gréine”.
[grian]Cùl gaoithe ’s agaidh gréine. [See gaoth]
glamaiseag(Chanainn gur h-ann bho ‘glaim’ a tha seo.) Do’n chluais ’se ‘glamaiseag’ a th’againne. (Fuaimnich mar ‘camacach’.) Làn beòil. No mar a th’aig M’Ghillfhinnein “v. seize upon voraciously”. ‘Glamaiseag’ bho seo.
biniceagAirson bimcionn [?] air minicionn (craicionn laoigh).
seacaid-shnàthCardigan no a leithid sin.
seacaid-bheagCorset.
seacaid-àrcaLife-jacket. ’Se àrca a bhiodh unnda an uair ud.
gabhail“Fhuair e gabhail aig an iasgach.” – ’Na iasgair ann am bàta.
putagBoirionnach beag, cruinn.
tuairneagFaisg air an aon seòrsa boirionnaich ri ‘putag’ [q.v.].
màrsachBoirionnach a bhiodh “làidir”, aghaidhneil ’s a leithid sin, timchioll air firionnaich. Chuala mi ‘màrsach’ cuideachd air a’ phìob-mhóir. “A’ mhàrsach.”
[séid]Séid na fiacail. – Duine a bhiodh a’ cur feòil air fhéin le bhith ag ithe gu math, chanadh tu seo mu a dheidhinn.
[gath]An aghaidh nan gath. “Cnòdan an aghaidh nan gath.” No nì sam bith an aghaidh nan gath. Bidh i seo anns a h-uile h-àit, chanainn.
[fianuis]A dhol am fianuis an rìgh. Duine a bhiodh an còmhnuidh sgiobalta, glan, ’s aodach math air, chanadh na bodaich m’a dheidhinn: “Dh’fhaodadh e dhol am fianuis an rìgh.”
[sgeul]Sgeul a thàinig! – O my, my! Dear, dear me! ’S a leithid sin.
[leogan]Buill’ leogain. Ceum leogain. – Ducks and drakes. ‘Clach sniog-sneog’ air a’ Bhac ann an Leòdhas.
[clach sniog-sneog][See leogan]
boinne-taig
taigeadhDòmhnull: “Am bheil bainne agad an dràsda?” Tarmod: “Chan eil taigeadh.”
[faoileag]“Thàinig an fhaoileag sin air.” – Las a aodann suas le toileachas.
sialtagAn odd one, ’s mar sin. Dòmhnull: “An robh an t-iasgach gu math an raoir?” Tarmod: “Bha na h-uibhir de chudaigean ann, agus an dràsda ’s a rithist thigeadh sialtag de shaoithean.” Agus saoilidh mi gur h-e fear no tè nach biodh glé mhath a bhiodh air a chiallachadh le ‘sialtag’.
[slige]A’ deanamh an airgid mar na sligean. “Tha Donnchadh a’ deanamh an airgid mar na sligean anns a’ bhùth ud a [sic] aige.”
ana-caitheamhnaichSquandering, ’s mar sin.
slinnSlinn na praise – Taobh a stigh na praise. “Tha slinn bhrèagha aice.” – Glan, lìomhte, mar gun canadh tu.
gèabht(Fuaimnich mar ‘sia’ (six) + ‘t’.) Chan fhaca mi am facal-sa a riamh sgrìobhte. Nuair a bhiodh am feur ’s an t-arbhar bog, fliuch as t-fhoghar, chanadh na bodaich: “A h-uile càil ’na ghèabht.”
[manadh]“Cha robh thu cho dona ’s a bha mi cur air do mhanadh.” – Not so bad as I thought you were.
gleobGlobe. Gleob lampa.
[nàbuidh]Nàbuidh bun na h-ursann. – Next-door neighbour.
stéidheadhA’ càradh nam fàd gu grinn ann an cruaich (mòine). (Mar a chàireadh tu brige.) A’ càradh nam fàd ann an cliabh (bho’s cionn beul a’ chléibh). Dà sheòrsa stéidhidh: an stéidheadh cumanta agus an stéidheadh air oir.
gnìomhadh[Airson stéidheadh (q.v.)] an àiteachan eile. (Faic gnìomhadh.)
straighlichean“Olaidh sinn na straighlichean air buideal bainnse Dhòmhnuill Peigi.”
flodraichTarmod air tighinn leis a’ chliabh-mhònach agus e ag obair air an trinnsear lite. Flodraich air bainne aig leis an lite. (An lite a’ snàmh ann.)
[ionad]An ionadan a chèile. (Ionadan – barrachd air aon ionad.) Bha na balaich a’ blaigeardachd air an dorus aig Tarmod. “Bha dùil ’am nach biodh e an ionadan a chèile aca mus do sguir iad.”
[geal]“Chan fhaca mi geal e do an deanainn sin.” (Bidh i seo, chanainn, anns a h-uile h-àite.)
“Ma thà tha mi!”(Do an chluais mar: ma hà hammy (faisg air có dhiu).) Bidh lorg gu math aig Ruairidh, am profeasar, mu an tè-sa. Bha i dol strong ann an Leòdhas bho bha Ruairidh ’na ruaganach balaich. Bidh fhios agaibh fhéin, chanainn, agus sibh cho seorp, dé mar a tha i air a cleachdadh. “Yes indeed.” “I would think so.” “To be sure.” ’S mar sin, ’s mar sin.
gàireachdaich’Se ‘gàireachdaich’ a th’againne. Ach Càrlabhagh ’s àiteachan mar sin sìos an Taobh Siar, ’se ‘gàireachdan’ (gàir’uch gun) agus ‘gàireachdainn’ a chanas iad. Tachraidh seo gu math ri fear na phonetics agaibh, bidh mi cinnteach.
tuing(Barrachd air aon – tuingeannan.) Bha seo againn uair eile.
[iaradh]“Cha deacha iaradh air a bhus fad na h-oidhche.” – He was talking away all night. “Cha deacha abhsadh air a bhus fad na h-oidhche”, a chanadh muinntir an Taoibh Siar, Borgh có dhiu.
[abhsadh][See iaradh]
[onarach]“Cho onarach ri na glasan.” “Tha Tormod cho onarach ri na glasan.”
[iar]“Is fhada an iar a bhitheas e.” Màiri: “Feumaidh tu a’ chruach a dheanamh do Dhòmhnull.” Tormod: “Is fhada an iar a bhitheas e.” – A’ ciallachadh nach dèanadh e a’ chruach do Dhòmhnull.
[tòn]“Cha b’fhuilear do MhacDhòmhnuill falach a thòine a bhith aige dha fhéin.” (Chanainn gu bheil i seo anns a h-uile h-àit. Gu’n tuigear i, có dhiu.)
comharr“Chan eil comharr a dh’fheum ann.” – Chan eil feum sam bith ann. Chan eil feum air domhan ann.
[sùil]“Chan eil sùil thuraidh ann.” – Tha an t-uisge dol gu math. Chan eil turadh idir, idir ann. No càil de a choltas. Turadh: Chan e ‘turadh’ a chanas sinn idir ach ‘turadh’ air a fhuaimneachadh mar ‘taoradh’ air a chantuinn aithghearr.
[turadh][Chan eil sùil thuraidh ann. – See sùil.]
cuibhneAdharc féidh. ‘Caoidhne’ a chanas sinn air a fhuaimneach [sic] mar ‘foighneachd’: caoidhne, foighne... Chan eil mi smaoineachadh gu bheil i seo aig an fheadhainn òga an diugh idir.
[bó]Math na bà. – Na thig bho an bhoin a chum feum an duine. (Bainne ’s ìm ’s mar sin.)
còirMu ainmhidh a bhios solt agus coibhneil mar gu’n canadh sibh mu chat: “Tha e cho còir.” Tha e cho solt, ’s cho déidheil air a bhith ’ga shlìobadh ’s mar sin. Cha tionndaidh e oirbh, ach fada, fada an aghaidh sin. Tha e cho còir.
drumag“Drumag eallaich air.” ’Se ‘druimeag’ a chanainn a bhiodh ann, ach ’se ‘drumag’ a chanas sinn. Buicean de dh’eallach air druim a tha e ciallachadh.
[druimeag][See drumag]
[taing]“Chan eil mi ’na taing.” ’S iongantach mur a h-eil i seo anns a [sic] [h-uile?] h-àit. Co dhiù: Tormod ri Dòmhnull: “Bheir am bodach mor dhuit an nighean aige airson an rud math a nì thu ris.” Dòmhnull: “Chan eil mi ’na taing.” (Tha t’éile aige no tha gu leòir eile aige.)
[feann]“Cha d’fhàg e feann air.” – Ate it all up. (ainmhidh, air feur)
reabhladh“Reabhladh de an mhuir air an tràigh.” – Na h-uibhir de an mhuir air an tràigh. Is ann nuair a bhiodh am muir a’ dol a mach bu trice a chleachdadh sinn ‘reabhladh’. Ach ’s iongantach mur a biodh e ceart gu leòir a mach no a steach.
closaigeadh“A’ closaigeadh troimh a’ bhaile.” – A’ falbh troimh a’ pholl bho thigh gu tigh gun ghnothaich sam bith. Ri a leithid seo a chanadh sinne ‘closaigeadh’. Cha chuala mi riamh e air a chleachdadh ri daoine na’m biodh gnothaich aca.
onagarraid’S iongantach mur a h-e seo ‘onagaid’ a gheibh sibh anns na faclairean. Dwelly: onagaid – confusion, row, disturbance. M’Ghillfhinnein: onagaid – confusion, row. ’S ann ri ‘row’ agus ‘disturbance’ na’s motha a chleachdas sinne e. Mar aig na balaich anns an dealbh-chluiche: an dotar a’ cur na pìoba (stethoscope) ri broilleach an fhir eile: “O mo chreach mhór an onaghail tha dol air adhart ’n a do bhroinn.” (Am fuam ’san troimhe-cheile ’s an gluasad tha dol air adhart ’n a bhroinn.) ‘Onaghail’, ’se seo ‘onagarraid’ againne.
slugaid“De na tha de bhùrn anns a’ phrais? Thà, mu a slugaid.”
colbhan“Colbhan an robha” (de thombaca). – the core. “Cha robh gearradh air a fhagail aige ach colbhan an robha.”
crùbadh“Chrùb sinn ris an fhrais” (an fhras uisge). – Took shelter from the shower.
saiplisgBùrn siabuinn anns am bi nìgheadaireachd ’s mar sin air a dheanamh.
saipleisg[See saiplisg]
troidhteanBandages etc. (faic na faclairean). (Againne air a fhuaimneachadh ‘traoidhtean’ mar ‘raoir’: raoir, traoidh…)
blàras“Nochd e a nall ’sam blàras sin air.” (air a aodann) (duine) (Bidh seo na’s fheàrr air a shoilleireachadh anns an làthair.)
giùdaireachdBha Tormod, am balach beag, air a dhòigh leis an iasg anns an tuba mar a thàinig e as a’ mhuir. Bha e a làimhseachadh is eile mar a thigeadh ris, agus abair gu robh. Mu dheireadh thuirt a athair ris: “Teann air falbh as an sin, a’ giùdaireachd ann an sin mar…” Dh’éirich am facal rium, cuideachd, nuair a chuir an lighiche Barnard an cridhe anns an duine an toiseach. “’Se giùdaireachd eagalach a th’ann air duine.”
cnapLeag an damh Alasdair. Chaidh e thuige le cnap. Chaidh e thuige le deann, mar tarbh ann an sabaid an tairbh anns an Spàinnt.
cuibhteachadh“Cha robh sinn air cuibhteachadh ris an tigh nuair a thàinig an t-uisge.” – Hadn’t got clear of the house when the rain came on.
lag-bhard(lag’-bhard) Bha am mult mór aig Dòmhnull a’ leum a’ ghàraidh a h-uile turus agus a’ tighinn do an phìos arbhair aig Tarmod (do an aon phìos a h-uile turus). Bha e an déidh lag’-bhard eagalach a dheanamh air pìos Tharmoid.
clach-nathrachA chlach a bhiodh aca air na dealganan – whorl. (Dealgan, faic fearsaid.) Bha dùil aig na bodaich gur h-e na nathraichean a bha deanamh na cloiche-sa.
glaganAir bó a bhiodh crosd, airson a cumail sùmhail. Clach air maoil an ainmhidh, crochte ri a adhaircean. Nuair a dheanadh e airson ruith airson a dhol as déidh ainmhidh eile gus a bhualadh, bha a’ chlach (an glagan) a’ tòiseachadh a’ bualadh air a mhaoil. Mar bu luaithe a ruitheadh e ’s ann bu mhotha a bhuaileadh a’ chlach e. Tha e coltach gu robh an glagan glé éifeachdach.
sglaipeid(Fuaimnich ‘sglaip’ mar ‘type’.) A thick spit.
spàrdanachdRuighinn an àirde air rudan, air mullach an dreasair, ’s air àiteachan àrda mar sin. Mar bu trice ’s ann air nithean a stigh ’s an tigh a bhiodh ‘spàrdanachd’ againn. [Cf. ruigheastaireachd]
ruigheastaireachdStretching for to get a thing. Tha ‘ruigheastaireachd’ againn airson duine, no ainmhidh. [Cf. spàrdanachd]
targadaireachdAiming, to get a thing, ’s mar sin. Bhiodh Dòmhnull gu math tric ’s an tigh aig Calum. Tormod: “’S ann a’ targadaireachd air an nighinn aig Calum a tha Dòmhnull.”
clàircAir ainmhidh. A good head of horns. A good wide head of horns. “Tha clàirc eagalach de dh’adhaircean air.”
na cothromaicheanThe testicles in animals. (Gu h-àraidh tarbh, rùd, each no leithid sin.) “Am bheil na cothromaichean ann.”
[gàtairean]An fheadhainn nach deadh a mach do an fhuachd ’s do an fhliuchadh (daoine) ach a dh’fhuireadh a stigh. “Chan eil annaibh ach gàtairean.”
[note]Seo uile ’s a’ phàipear-sa. Tha trealaich mhath agam fhathast de ainmeannan ’s de ghnàthasan-cainnte. Ach tha mi ’g am fàgail – na h-ainmeannan có dhiu – airson cinn, ge b’e ’s bith c’uin a nì mi pàipear dhiubh. Chan eil fhios agam cinnteach dé mar a nì sibh feum de na gnàthasan-cainnte anns an fhaclair. Có dhiu saoilidh mi gu’n d’fhuair sibh trealaich mhath a chum feuma dhuibh anns na deich pàipearan a chuir mise a steach. Bidh na chuir mi sìos air lorg, co dhiu, de chòmhradh Uig an Iar. Agus seo uile an dràsda, a’ cur crìoch air an 10mh pàipear.

© DASG
^ Return To Top ^