Maorach / Shellfish

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Origin
Lewis, Uig an Iar
Location
Leòdhas [Lewis], Uig an Iar, Crabhlastadh [In other questionnaires: Glasgow]
1. Maorach
[maorach]“Chan fhuirich muir ri uallach ’s cha bhuain bean luath maorach.”
[note]Tha eagal orm nach bith móran agam air a’ cheann-sa. Móran as ùr, có dhiù. Chanainn gu’m faigh sibh feadhainn an àiteachan eile a bheir gu leòir dhuibh air a’ cheann-sa. Có dhiù móran a bharrachd air na bhios agam-sa.
bàirneach(Air a fhuaimneachadh: bàrnach.)
faochag(Air a fhuaimneachadh: faochag.)
fèasgan(Air a fhuaimneachadh: fiasgan mar ‘feusag’.)
muirsigRazor fish. (Faic muirsgian.) (Air a fhuaimneachadh: mursaig.)
strùpan(Air a fhuaimneachadh: striùpan.)
conagagWhelk. (Air a fhuaimneachadh: conagag mar ‘monmhar’ (‘monabar’ ann an Uig againne).)
brùiteagA thuilleadh air na tha an seo shuas, tha ainm againn air faochag bheag, bhrèagha, dhearg a gheibhear an dràsda ’s a rithist am measg chaich. Le iongantach mur a h-e ‘brùideag’ a bhios an seo. (Faic brùideag.) Chan eil an t-ainm Beurla no an t-ainm Laidinn air a’ chreutar-sa agam.
[faochag]Gheibh sibh de sheòrsachan fhaochag againne – chan ann ann am mór phailteas mar na faochagan dubha – chanainn a chuid mhór de sheòrsachan a th’ann. Ach chan eil ainmeannan againn ach air na h-uibhir mar a dh’ainmich mi. Agus air Tràigh Mhór Uige, gheibh sibh sligean móran sheòrsachan maoraich, beag agus mór. Agus air móran dhathan.
[maorach]Anns na Bàigh, ann an Uig an Iar, sin agaibh far am faigh sibh a’ mhaorach. Chanainn gu bheil Sgoil Lochcroistean comasach air pailteas a thoirt dhuibh air a’ cheann ‘maorach’.
A thuilleadh air na maoraich a dh’ainmich mi tha aca:
eisirean
madaidh
breallaich
mùsganan
eachanan(Cha chan mi nach e ‘eachain’ a chanas iad ri barrachd air aonan.)
creachainBhiodh slige-chreachain aig na cailleachan airson toirt an uachdair bharr a’ bhainne.
[slige]Chan fhaca mi le m’ fhiosrachadh gin dhiubh seo a riamh. Chunnaic mi slige eisire agus slige creachain. Ach cha do bhlais mi a’ mhaorach a riamh mur do rinn mi aon uair ’s a’ bhaile-sa fhéin, seòrsa de bhlasd a dheanamh air eisir. Cha deach e na b’ fhaide na sin fhein.
[fiaclan]Anns na 1930-an ’s e na fiaclan a bh’ann an clann na sgoile aig Lochcroistean na fiaclan a b’fheàrr ’s a b’fhallain aig sgoilearan anns na h-Eileanan Breatunnach. Bha seo le na bha iad a’ tighinn beò air de mhath an àite fhéin – maorach, eòin-mhara, iasg, ’s mar sin.
2. A’ tional maorach
anns an tràigh bhàirneachCanaidh sinn seo airson buain nam maorach-sa, mar a chanas sinn “anns an tràigh fheamad” airson buain na feamad.
anns an tràigh fhaochagCanaidh sinn seo airson buain nam maorach-sa, mar a chanas sinn “anns an tràigh fheamad” airson buain na feamad.
anns an tràigh fhèasganCanaidh sinn seo airson buain nam maorach-sa, mar a chanas sinn “anns an tràigh fheamad” airson buain na feamad.
a’ togail shrùpananCho fada ’s a tha cuimhne agam, ’se seo a chanadh sinn mu thional na maoraich-sa. (Tha ‘maorach’ boirionn againn, ’s an àite-sa có dhiu, mar a thuit a mach bhuam an so shuas. Cha chanainn nach eil ‘maorach’ boirionn agus firionn againn mar a thionndaidheas a mach.) Tha ‘coilleag’ againn mar ainm annasach, no mar ainm litireil. Tearc air na bilean.
a’ sgileadh fhèasganNuair a bhiodh na bodaich a’ fosgladh nam fèasgan ’s a’ toirt a’ bhidh asda airson a chur ’n a bhiathadh air an lìon-bheag, ’s e ‘sgileadh’ a chanadh iad ris an obair. “Tormod a’ sgileadh nam fèasganan.”
“Aona ghoil an fhaochag, Dà ghoil a’ bhàirneach, ’S bùrn teth am fèasgan.”Bhiodh seo aig na bodaich airson a’ mhaorach a bhruiche.
ord-bhàirneachThug mi seachad seo ann am pàipear roimhe mar a bhios cuimhne agaibh.
[bocadh an éisg]Agus an leigheas airson bocadh an éisg: “Naoi naoidheannan de bhàirnich mhóra nan Eileanan Glannach.” (iad seo ithe) 9 x 9 = 81 bàirneach. (Thug mi seo seachad ann am pàipear roimhe air a’ bhliadhna.)
3. Beathaichean eile a gheibhear ’sa’ chladach
portan(Air a fhuaimneachadh: porsdan.)
portan-tuathalan(Tha seo air a fhuaimneachadh againn: porsdan n huathallan. Cha chan sinn idir glan geàrrte: portan tuathallan.) (Tuigibh sibh fhéin, agus cha bhith sibh fada uime, mu an nì àrraid a tha ’n a leithid seo.)
deargann-tràghad
clàimheag(Fuaimnich mar làimh + ag, làimheag, laivak, claivak.) Iasg beag dubh, donn, ruadh, no mar sin, a gheibheadh tu ann an lòn anns a’ chladach, ’s e clàimheag a bh’ann. Iasg sam bith de’n t-seòrsa seo shuas ’s e clàimheag a bh’ann. Chan eil cinnt sam bith agam mu’n ainm-sa ‘clàimheag’ – an robh e air iasg sònruichte sam bith, no an è ainm a bh’ann air éisg bheaga mar a dh’ainmich mi. (Faic clàidheag ’s a leithid sin.)
muirtèachdBhiodh seo a’ tighinn air tìr air a’ chladach; gheibheadh sibh e an tiùrr an làn. Ach tha e a mach as àite agam an seo. Tha e air a thighinn againn gu ‘murtèachd’. Na’s fheàrr no sin (air a neo na’s miosa) gu burtèachd. (Mar ‘thubhairt’, aithghearr + tèachd.) (Chan è burt' iachd. Burtiachd'.)
[note](Faic na Faclairean.)
[note]Tha droch eagal orm gu bheil mi air an dà phàipear-sa mu dheireadh a dheanamh nas rapaiche agus nas ceàrra na a b’àbhaist dhomh a thaobh sgrìobhaidh. Ach tha sibh fhéin cho air leth seorp agus nach cuir sin maille sam bith oirbh.
“bharr nam puill” X
toirpsgian
toirsgir
toirbhsgir
toirbhsgearAnn an Leodhas ruidegin mar ‘is mairg dhaibh’.

© DASG
^ Return To Top ^