1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain |
am blàr mòna | Far am bi a’ mhòine air a buain. Far am bi móran pholl. |
rodaigeadh | (‘d’ cruaidh) Poll air a rodaigeadh = comharran air a dheanamh anns an lèana airson sealltainn do dhuine sam bith gu robh thu dol a ghearradh poll ’s a’ bhad sin. |
rùsgadh | A’ rùsgadh na talmhainn bharr uachdar a’ phuill gu’m faigheadh tu an riasg glan. An uair sin bha thu deiseil airson tòiseachadh a’ buain. Leud an rusgaidh: Airson poll dhà fhad, dà throigh (2'). Airson poll thrì fad, troigh gu leth (1½'). Ach airson poll ùr ann an lèana b’e leud fad spaide an leud bu lugha a dh’fheumadh a bhith ann. Bha seo airson na’n deadh ainmhidh do an pholl gu’m biodh rùm aige airson tionndadh. (lagh an fhearainn no lagh an uachdarain). Doimhne an rùsgaidh: Gu robh thu a’ faighinn an réisg glan. |
riasg | (Bu chòir dhomh seo a bhith air a chur as déidh blàr mòna. An stuth de am bheil a’ mhòine dèanta. ’Se mòine a chanas a’ chuid mhór, tha mi ’n dùil, ris an riasg againne. Tha sinne a’ cur eadar-dhealachadh mór eadar riasg agus mòine. Mòine dhuinne, ’se sin mòine [riasg?] air a gearradh ’s air a deanamh ’na mòine. |
gheàrr e poll | “Ghearr e poll anns an lèana.” |
rinn e poll | “Rinn e poll anns a’ bhruthaich.” |
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc. |
carcaire | Far am bheil thu ’na do sheasamh air a’ pholl ’ga bhuain. (Faic Faclair MhicGhillFhinnein.) |
am bàrr-fhàd | Am fàd as airde ’s a’ pholl. (Fuaimnich mar barr’ad.) |
an dàrna fàd | An ath fhad sìos ’s a’ pholl. |
an caoran | Am fàd as ìsle ’s a’ pholl. (Ann am poll sam bith; 2, 3, 4 fòid no àireamh sam bith.) |
an corr-fhàd | Am fàd as fhaide a muigh ’s a’ charcaire (fàd aodann a’ phuill). (Fuaimnich mar corr’ad.) |
a’ leagail | A’ gearradh na mòna as a’ pholl. |
a’ tilgeil | A’ tilgeil nam fàd ’s a deanamh sgaoilteach. |
a’ leagail agus a’ tilgeil | Dithis mu’n toirbhsgear. |
saobhaidh | Toll (nàdurach) ann an aodann a’ phuill, no anns a’ charcaire. (Fuaimnich ‘ao’ mar ann an ‘aoradh’.) |
toirbhsgear | An t-iarunn gearraidh: – cas an toirbhsgeir – an smeachan – iarunn an toirbhsgeir – an sgian – crò an toirbhsgeir. Toirbhsgear agus spaid, an dà uineal a bh’air a chleachdadh againne ri buain na mònach. Cha do rug an caibe-làir no a leithid sin òirnne.
|
iarunn | Ainm eile air toirbhsgear, litireil, bàrdail, uasal. |
obair iaruinn | B’e sin sia fichead slat a bhuain agus leud an rùsgaidh dà throigh airson poll dhà fhad, agus troigh gu leth airson poll thrì fàd. Mar “Moine an tigh-mhóir (an Luige [?]) fichead obair iaruinn.” |
gàradh | gàradh de an mhòine air a dheanamh air bearradh a’ phuill airson barrachd ruma a thoirt dhuit no airson na h-uibhir de mhaise a thoirt do’n obair. Dà sheorsa gàraidh: gàradh cumanta, gàradh-air-oir.
|
spaid |
Mar ’san toirbhsgear: cas agus ceann (an dà phàirt mhór) – dul na spaide – lurga na spaide – cluaisean na spaide – oisean na spaide. Toirbhsgear agus spaid, an dà uineal a bh’air a chleachdadh againne ri buain na mònach. Cha do rug an caibe-làir no a leithid sin òirnne.
|
no cromadh a’ bhrochain | Bhiodh am brochan (chan è lite, ach brochan na feòla) aca a muigh aig buain na mòna. Dithis mu’n toirbhsgear bhiodh iad ag atharrachadh as déidh a’ h-uile biadh – na’m biodh tu a’ leagail, as déidh a’ bhidh dheadh tu a thilgeil. Bhiodh strì am measg nam bodach airson faighinn a thilgeil an toiseach airson faighinn a leagail as déidh a’ bhrochain. Bhiodh iad cho làn agus cho dùmhail as déidh a’ bhrochain agus gu robh e mòran na bu chomhfhurtail a bhith a’ leagail na a bhith a’ tilgeil. |
sgiobadh | Nuair a bhiodh grunn mór thoirbhsgearan de mhuinntir eile a bhaile agad a buain na mona. Bhuaineadh iad i ’s an aon latha. Bhitheadh tu fhéin a rithist aca-san air là an sgiobaidh aca. Chan eil fhios agam dé cho tràth ’s a thòisich an obair-sa, an sgiobadh. Iomadach uair do dhuine leth-làmhach a rinn sinn a bhuain dha ’s an aon latha. Cha chanadh sinn sgiobadh ris an seo idir. |
3. A’ tiormachadh na mònach |
rùghan | B’e a’ cheud nì a’ mhòine a chur air a casan as an sgaoiltich – a’ deanamh ’n a rùghanan. Dà fhad an taca a chèile, fàd aig gach ceann, agus fàd air a’ mhullach, b’e sin rùghan. Ach ’s ann tearc a bhiodh an rùghan cho beag an sin. Bhiodh fòid ’ga chur ris airson a dheanamh na bu bhonncharaiche. |
ath-rughan | (Fuamnich: ar’abhan.) Nam biodh feum air, a’ rùghadh an dàrna h-uair. A’ ceartachadh nan rùghan ’s ’g an deanamh na bu mhotha. A’ cur barrachd de na fàdan tiorma còmhla ri chèile, agus an fheadhainn fhliuch air an taobh a muigh. |
[rodaigeadh] | Chan eil cuimhne agam a riamh mi fhìn an obair-sa a dheanamh, ach ’s ann mar siod a bhà cho fad agus a tha lorg agam-sa. Nì àrraid eile, chan fhaca mi a riamh poll air a rodaigeadh. Agus mi air mo bhreith ’s air m’ àrach ann an saoghal na monach. |
4. A’ cruachadh na mònach |
cruachadh | As déidh nan rùghan bha an cruachadh. A’ mhòine, as na rùghanan, air a deanamh na cruachan móra air bearradh a’ phuill. Ach fada air falbh gu leòir bho an bhearradh airson rum a bhith do na cip airson an tughaidh. Bliadhna a bhiodh neo-chumanta math airson an tiormachaidh, chruachadh tu a’ mhòine as an sgaoiltich. Ach cha b’ann tric a bhitheadh seo. |
tughadh | A’ tughadh nan cruach airson nan siantaidhnean le na cip a bha thu air a thoirt as an rùsgadh. Mur a biodh na cip slàn gu leòir, no mur a biodh na cip ann, airson an aobhair, dheanadh tu cip leis an spaid. |
5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc. |
poca | Is ann le poca a thòisich mise an toiseach air toirt na mòna dhachaidh, tarruing na mònach mar a chanadh sinn. As déidh a’ phoca bha thu tighinn chun a’ chléibh. Tha cuimhne agam air bachlaibh (ba-chliabh) fhaicinn. (Rugadh mi an 1911.) |
bachlabh (ba-chliabh) | B’e sin cliabh beag, an aona chumadh ri cliabh mór. Is ann airson duine òg a tha cuimhne agam-sa air bachlabh. |
cliabh |
Cliabh: an iris – na spriotan (’Se staingean a chanas iad an ceàrnaidhean de Leòdhas ri na spriotan againne.) – an t-slat-bheòil – an t-sreang – breugan a’ chléibh (Fuaimnich briagan.) – na cabair oisein agus na cabair eile – an fhighe no an cura.
|
tàbhan | Lòd beag mòna ’s a’ chliabh air an drùim b’e sin tàbhan. “Tormod a’ tighinn leis an tàbhan mar is àbhaist.” |
sac | Lòd mór b’e sin sac. “Donnchadh agus saca an eilbhein air.” |
cairt agus each | Cairt chumanta. Cha robh cairt gun chuibhleachan, no nì de’n t-seòrsa sin, a riamh againne ri mòine. |
bara-cuibhle | Tha bara-cuibhle aca an diugh ’ga chleachdadh airson a’ mhòine a thoirt bharr nam poll gu taobh an rathad. |
làraidh | Chan eil móran each a’ dol an diugh an àite sam bith, cò dhiù mu ghabhas e seachnadh. Ach am bheil fhios aca de an fhìor rud a th’ ann horse-power? Cha robh duine de an obair mhóir a bh’aca ann an Aird Uige uaireigin a bha comasach air a’ cheist fhuasgladh, agus bràthair dhomh ’n am measg. ’Se mise a thachair a bhith comasach airson fuasgladh a thoirt dhaibh. Thug mi dhaibh togail 33,000 punnd aon troigh ann an aon mhionaid. Gheibh sibh an aon suidheachadh aig daoine ’s a’ bhaile-sa fhéin. Bha fear ag argumaid rium aig Kelvindale nach robh a leithid a rud agus differential ann an càr. Gu robh easan air a bhith a’ draibheadh fad bhliadhnachan. |
6. Seòrsachan mònach |
mòine-dhubh | Dh’fheumadh tu a gearradh tiugh. Bha i pronn. ’Se connadh math a bh’innte. Bha i trom ri a tarruing air an druim. |
mòine-bhàn | Bha thu ’ga gearradh tana. Bha i na bu duilghe a tiormachadh. Ach bha i aotrom ri a tarruing. Sgamhan bàn, chanadh na bodaich. Sgamhan de mhòine bhàin. Cha sheasadh a’ mhòine bhàn cho fada ’s an teine idir ris a’ mhòine dhuibh. |
mòine luath-deirg | Cha bu chaomh le na bodaich idir a’ mhòine-sa agus gun chàil cèarr oirre ach gu robh an luath aice dearg. Mar a’ mhòine bhàn bha i aotrom ri a tarruing. |
mòine-bharrach | Mòine faisg a làimh a bhith tu a’ gearradh leis an spaid. Bhiodh na h-uibhir de fhraoch, ’s na h-uibhir de thalamh, ’s na h-uibhir de riasg glan innte. Chunnaic mi seo ’s a’ bhaile, ged nach robh e againn fhìn. |
ath-mhòine | (Faic pàipear a chuir mi a steach roimhe air a’ bhliadhna.) |
geallabhal | An riasg a bhiodh air cruadhachadh ’s air tiormachadh a’ stigh fo na bruthaichean. Connadh math. Is ann ri àm a bhiodh connadh air leth gann a bhithist a’ cur thairis nam bruthaichean airson an stuth-sa. |
7. Faclan eile |
dronnag | No. 5. Cliabh. Faic dronnag. (Faclair MhicGhillfhinnein, Faclair Dwelly.) |
cruachan-tarruing | Cruachan a bhithist a’ deanamh aig an tigh mar a dheadh agad air. Cha robh làmh a’ dol orra gu’m biodh feum air – gu’n tòisicheadh an obair. |