Crodh / Cattle

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Age
[59]
Origin
[Lewis, Uig an Iar]
Location
Glaschu [Glasgow]
Date
25/05/1971
Notes
  • [NOTES: this is not the ‘cattle’ questionnaire itself but a letter that Mr MacLeod sent about a month after submitting it (see the first sentence: ‘Fhuair mi bhur litir as dèidh pàipear a’ chruidh agus tapadh leibh air a son’).  It contains a few additional words (‘Chuimhnich mi air nì no dhà bhon uair ud’). The questionnaire itself seems to be missing.]
an cruban ( an crùban)[pron.] B’ e seo galair a bhiodh a’ tighinn air crodh Gàidhealach (no smait air crodh sam bith) le a bhith air droch fheur, droch muis [?] ’s mar sin, agus le cus deoghail a bhith air a dheanamh orra leis an laogh. ’S ann deireadh an t-samhraidh agus as t-fhoghar a bhiodh an galair-sa an cumantas. Chan fhaca mise an galair-sa a riamh agus cha chuala, ach tha lorg agam gu robh a leithid sin.
brochan-cail ( brochan-càil)[pron.] B’ e seo brochan a bhiodh iad a’ toirt dhaibh airson galair sam bith – galairean cumanta ’s galairean buailteach. Do an chrodh-dhubh, co dhiu. Brochan, brochan mine, air a dheanamh agus geir agus gnothaichean gorma air a phronnadh troimhe (càl, chanainn, ’s gnothaichean gorma mar sin a bhiodh ri làimh agus feumail). Chan fhaca ’s cha chuala mi a riamh brochan-càil mar seo againne.
[maodal]A nise gu maodal na bà (na stamagan).
[stamagan](Fàgaidh sinn na stamagan mar seo an dràsda gu faigh sinn air an cur ceart, mar a tha iad againne.)
[a’ mhaodal-mhór][See maodal]
luamha[See maodal] Fuaimnich seo dìreach mar a tha e sgrìobhte (a réir dòigh na Gaidhlige) ach cur fuaim ‘gh’ an àite fuaim an ‘mh’. Leis an seo bidh e dìreach mar a tha e air a fhuaimneachadh againne. Luamha, ’se seo a’ bhinid anns an laogh agus a’ ghlas ([pron.] a’ ghlās) anns a’ chaoraich. Sin mar a tha iad againne mur a h-eil mise a’ dol ceàrr. (Feuchaibh Nic Neacail. Agus bu chòir gu’n innseadh i dhuibh mar a dheanadh iad binid airson bainne-binid (‘bainne-air-bhinid’ a th’againne).
[currac-an-rìgh][See maodal]
[am broilein][See maodal]
[an ceap][See maodal]
[bainne-air-bhinid]Na h-uibhir de mhin, de bhainne, agus na h-uibhir de shalainn, air a chur ann am binid (stamag) an laoigh agus ’ga chrochadh an àirde gu’m biodh feum air airson bainne-air-bhinid. Agus dheanadh e sin a cheart cho math ri stuth ’sam bith airson an aobhair a gheibh sibh as a’ bhùth. Cha robh na bodaich gun tùr!

© DASG
^ Return To Top ^