Stuigeadh Coin / Encouraging a Dog

Informant(s)
Name
Murdo MacLeod ( Murchadh MacLeòid )
Origin
Leòdhas, [Lewis], Uig an Iar
Location
[Glasgow]
Notes
  • [NOTES: all illustrations are on the second page but in this file they have been placed next to the relevant definitions.]
  • [NOTES: the words have been slipped and therefore, apart from the definitions provided by Mr MacLeod, the definitions from the slips have also been included (unless the two were the same).]
stuigeadh“Stuig e an cù.”
casg[sic] “Chaisg e an cù.” [NOTES: slipped under ‘caisg’.]
sgrìob“Chuir e air falbh air sgrìob e.” “Bheir an cù agam-sa sgrìob cho math ’sa thug cù a riamh.” Sgrìob:
seadadhA’ dealachadh nan caorach bho chèile. Aon, no dhà, no trì, no aireamh eile a mach bho chàch. “Tha e math air an seadadh.” (an cù) [SLIP: Separating one, two or several sheep from the main flock.]
cù-crodhaidh[NOTES: slip not found.]
[cròdhadh]A’ dol timchioll orra agus ’gan cumail. Cròdhadh:
[NOTES: slip not found.]
cù-fuadaichCha deanadh an cù-fuadaich càil ach am fuadach fhéin. Chan eil cù-fuadaich aca againne an àite sam bith an diugh cho fada ’s is aithne dhomh. [NOTES: slip not found.]
[fuadach]A’ dol dìreach as am deidhidh ’g am fuadach air falbh. Fuadach:
[NOTES: slip not found.]
“Tha an cù a dol cas orra.”Tha e dol faisg air na caoraich. A’ dol cas riutha:
[NOTES: slip not found.]
“Tha talamh ann.”Tha e cumail a mach fada bhuapa. Tha talamh ann:
[NOTES: slipped under ‘talamh’.]
“A mach á sin”, “Mach á sin.”A’ cur a’ choin air falbh.
“Thig gu mo chois”, “Gu mo chois.”A’ toirt a’ choin thugad. Come ahint. “Come(r) ahint” (mar a bhiodh aig fear Port a’ Chuilinn [?]) Anns na Hearadh, an àiteachan có dhiù, ’se “cùl nan cas” a chanas iad ri “Gu mo chois” againne. [NOTES: slipped under ‘cas’.]
“Mu mo chulaibh.”’Ga chuir air falbh mu do chùlaibh. [NOTES: slipped under ‘culaibh’.]
“Fan air d’ais”, “Fan a mach.”’Ga tharruing air ais a’ dol a mach air an sgrìob. Chan ann ’ga chasg air an sgrìob ach ’ga thoirt air falbh na’s fhaide a mach bho na caoraich. Cuideachd ’ga thoirt air a ais an aghaidh ’s mar a bha e roimhe. [NOTES: slipped under ‘fan’.]
“Gheàrr e fead.”’Se ‘gheàrr’ a chanas sinne, có dhiù ri fead mhór le na meòir anns a’ bheul. [NOTES: slipped under ‘fead’.]
”Sig!”, “Sig a mach á sin.”’Se seo a chanas sinne ri cù airson a teiche as an rathad ort agus laighe. [NOTES: slipped under ‘sig!’.]
“Do sheanmhair a stigh an sin!”’Se seo a chanadh sinne ri cù aig toll airson gu’n tòisicheadh e a’ sgrìobadh. Agus abair gu’n deanadh e sin! [NOTES: slipped under ‘seanmhair’.]

© DASG
^ Return To Top ^