| 1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain |
| Am blàr mona: |
| breacadh | a’ gearradh an réisg le spaid air fad a’ phuill agus air a leud airson a’ mhòine a rùsgadh. |
| rùsgadh | a’ gearradh fodha’s a’ tilgeil a’ chip thar a’ phuill. Ma bhitheas dithis ann, bidh am breacadh tarsuinn ’s an gearradh fodha air an deanamh aig an aon am. |
| an ceap | riasg – mu throigh air leud agus mu dhà throigh gu leth air fhad. |
| 2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc. |
| Am poll mona: |
| am barrad | a’ cheud fhàd. |
| an grunnad | an dara fàd. |
| an dubhad | an treas fàd. |
| [blank] |
| an sgaoilteach | far am bithear a’ sgaoileadh a mach na mòna airson a tiormachadh – seachd ’nan sreathan a ceann a chéile. |
| an gàradh uinneagach | nuair a bhios an sgaoilteach ro bheag bithear a’ deanamh gàradh air na fàdan agus uinneagan eatorra. |
| màthair mhòna | na fàdan anns a’ cheud sreath air tarsuinn a’ phuill. |
| an carcaire | sreath fhàdan air tarsuinn a’ phuill. |
| na fàdan (no fòid) | seachd fàdan as a’ bharrad air leud, sia as a’ ghrunnad agus cóig as an dubhad. |
| Innealan: |
| an tairsgian (no an t-iarunn-mona) | also referred to as ‘an tairsgil’. Actually, this was the common pronunciation. |
| (a) cas | |
| (b) sgrogan (also referred to as sgonnan) | far am bi am fear-buana a’ cur a choise. |
| (c) an t-iarunn (no an ceap) | |
| (d) claisean | far am bi a’ chas (agus an sgrogan) a’ dol an greim ’san iarunn. |
| (e) sgiath | a mach dìreach o’n iarunn air an taobh chlì. |
| 3. A’ tiormachadh na mònach |
| A’ togail na mòna: |
| 1. casa beaga | tri fadan an taic a chéile – fear air oir agus a dhà air uachdar an tacas ris – an taobh a bha fodhpa a mach. |
| 2. teinntean | na fàdan air an cur ’nan tarradanan beaga air chumadh teine mar a bhiodh e am meadhon an làir ’san tigh dhubh. |
| 3. rùdhain | cruachan beaga – mu thrì no ceithir a theinntean anns gach cruaich. |
| 4. cruachan | mu làn cartach anns gach cruaich. |
| 5. a’ chruach mhór | bha a’ chruach seo aig an tigh. |
| [blank] |
| griodhadh | fàdan ’nan sreathan air uachdar a chéile taobh a mach na cruaiche móire. |
| lìonadh | mòine am meadhon na cruaiche móire. |
| caorain | mòine bhriste. |
| smùrach | mòine ’na mìrean. |
| 4. A’ cruachadh na mònach |
| Tughadh: |
| sgrathan | nuair a bhios a’ chruach mhór ullamh bidh sgrathan fada réisg air an cur tarsuinn air a mullach air an aghaidh fodhpa. |
| 5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc. |
| An cliabh: |
| caol beag | tha an cliabh air a dheanamh air caol beag. |
| staingean | (also referred to as ‘asnaichean’) Bha an caol beag air fhighe ’na chuairtean mu thimchioll nan staingean. |
| a’ chuairt bheòil | a’ cheud chuairt a bha dol air a’ chliabh. |
| taobhaistean | fosglaidhean am meadhon a’ chléibh. |
| màs | |
| iris | an ròpa, anns na taobhaistean, leis an robhar a’ giùlain a’ chléibh. |
| [note] | (Tha mi duilich nach d’ fhuair mi cothrom ceart air na faclan uile mun chliabh a thional nuair a bha mi san Eilean Sgitheanach air an t-samhradh seo. RM [Ruairidh MacFhionghuin] 27/7/68) |
| 6. Seòrsachan mònach |
| mòine chóinntich | mòine aotrom. |
| mòine dhubh | mòine dhubh, throm – mar as trice as an dubhad. |
| mòine spaide | mòine, gun rùsgadh, air a gearradh le spaid – leud na spaide agus mu dhà òirlich air thighead. |
| mòine chreadha | mòine dhubh, throm, anns a bheil criadh – agus móran luatha. |
| 7. Faclan eile |