1. Ag ullachadh na talmhainn airson mòine a bhuain |
Am blàr mona: |
breacadh | a’ gearradh an réisg le spaid air fad a’ phuill agus air a leud airson a’ mhòine a rùsgadh. |
rùsgadh | a’ gearradh fodha’s a’ tilgeil a’ chip thar a’ phuill. Ma bhitheas dithis ann, bidh am breacadh tarsuinn ’s an gearradh fodha air an deanamh aig an aon am. |
an ceap | riasg – mu throigh air leud agus mu dhà throigh gu leth air fhad. |
2. A’ buain na mònach; na h-innealan a chleachdar; ainmean nam fàdan, etc. |
Am poll mona: |
am barrad | a’ cheud fhàd. |
an grunnad | an dara fàd. |
an dubhad | an treas fàd. |
[blank] |
an sgaoilteach | far am bithear a’ sgaoileadh a mach na mòna airson a tiormachadh – seachd ’nan sreathan a ceann a chéile. |
an gàradh uinneagach | nuair a bhios an sgaoilteach ro bheag bithear a’ deanamh gàradh air na fàdan agus uinneagan eatorra. |
màthair mhòna | na fàdan anns a’ cheud sreath air tarsuinn a’ phuill. |
an carcaire | sreath fhàdan air tarsuinn a’ phuill. |
na fàdan (no fòid) | seachd fàdan as a’ bharrad air leud, sia as a’ ghrunnad agus cóig as an dubhad. |
Innealan: |
an tairsgian (no an t-iarunn-mona) | also referred to as ‘an tairsgil’. Actually, this was the common pronunciation. |
(a) cas | |
(b) sgrogan (also referred to as sgonnan) | far am bi am fear-buana a’ cur a choise. |
(c) an t-iarunn (no an ceap) | |
(d) claisean | far am bi a’ chas (agus an sgrogan) a’ dol an greim ’san iarunn. |
(e) sgiath | a mach dìreach o’n iarunn air an taobh chlì. |
3. A’ tiormachadh na mònach |
A’ togail na mòna: |
1. casa beaga | tri fadan an taic a chéile – fear air oir agus a dhà air uachdar an tacas ris – an taobh a bha fodhpa a mach. |
2. teinntean | na fàdan air an cur ’nan tarradanan beaga air chumadh teine mar a bhiodh e am meadhon an làir ’san tigh dhubh. |
3. rùdhain | cruachan beaga – mu thrì no ceithir a theinntean anns gach cruaich. |
4. cruachan | mu làn cartach anns gach cruaich. |
5. a’ chruach mhór | bha a’ chruach seo aig an tigh. |
[blank] |
griodhadh | fàdan ’nan sreathan air uachdar a chéile taobh a mach na cruaiche móire. |
lìonadh | mòine am meadhon na cruaiche móire. |
caorain | mòine bhriste. |
smùrach | mòine ’na mìrean. |
4. A’ cruachadh na mònach |
Tughadh: |
sgrathan | nuair a bhios a’ chruach mhór ullamh bidh sgrathan fada réisg air an cur tarsuinn air a mullach air an aghaidh fodhpa. |
5. A’ toirt na mònach dhachaigh; an cliabh, etc. |
An cliabh: |
caol beag | tha an cliabh air a dheanamh air caol beag. |
staingean | (also referred to as ‘asnaichean’) Bha an caol beag air fhighe ’na chuairtean mu thimchioll nan staingean. |
a’ chuairt bheòil | a’ cheud chuairt a bha dol air a’ chliabh. |
taobhaistean | fosglaidhean am meadhon a’ chléibh. |
màs | |
iris | an ròpa, anns na taobhaistean, leis an robhar a’ giùlain a’ chléibh. |
[note] | (Tha mi duilich nach d’ fhuair mi cothrom ceart air na faclan uile mun chliabh a thional nuair a bha mi san Eilean Sgitheanach air an t-samhradh seo. RM [Ruairidh MacFhionghuin] 27/7/68) |
6. Seòrsachan mònach |
mòine chóinntich | mòine aotrom. |
mòine dhubh | mòine dhubh, throm – mar as trice as an dubhad. |
mòine spaide | mòine, gun rùsgadh, air a gearradh le spaid – leud na spaide agus mu dhà òirlich air thighead. |
mòine chreadha | mòine dhubh, throm, anns a bheil criadh – agus móran luatha. |
7. Faclan eile |