Thàinig na Sìthichean
Tar-sgriobhadh | Transcription
GFC002i06 THÀINIG NA SÌTHICHEAN
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archibald MacLellan
[Archibald MacLellan:] Chual' mise "Thàinig na Sìthichean." Chan eil e [pàirt?] a's an t-saoghal eil' idir. An tuirt—chan eil gin agad. Ach co-dhiù, bha 'ad a' gràdhainn—an e Lucifer, no—c' ainm a bh' air an fhear mhór, naomh mór a bh' ann 's bha e toil aige a—fhuair e—tha mi cinnteach gun d' fhuair e droch [...]. Dhia na Gràsan [...]
[John Shaw:] Seadh.
[AML:] Agus bha toil aige faighinn bhos a chionn.
[JS:] Bha.
[AML:] Agus dh'fhosgail aig dorus—dh'fhosgail e doras fhlathanais. Dh'fhalbh e a-mach agus dh'éirich na naoimh air a leantail a-mach.
[JS:] Dh'éirich.
[AML:] 'S dh'éibh 'ad a' sin doras flathanais a dhùnadh air neo a bhiodh, a bhiodh e falbh. Agus bha 'ad a gràdhainn gur e na h-aingeal seo a lean nach—an e Lucifer a bh' air, no c' ainm—
[Florence MacLellan:] 'S e.
[AML:] —a chuala sibh—'s e—a lean e. Gur e sin na sìthichean eadar nèamh agus talamh an-diugh, gu b' e dé tha dol a dh'éirigh dhaibh latha—you know—latha a' bhreitheanais.
[JS:] 'S e.
[AML:] Agus sin agaibh na sìthichean 's tha na sìthichean ann cuideachd.