GFC002i06 THÀINIG NA SÌTHICHEAN Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais | Archibald MacLellan [Archibald MacLellan:] Chual' mise "Thàinig na Sìthichean." Chan eil e [pàirt?] a's an t-saoghal eil' idir. An tuirt—chan eil gin agad. Ach co-dhiù, bha 'ad a' gràdhainn—an e Lucifer, no—c' ainm a bh' air an fhear mhór, naomh mór a bh' ann 's bha e toil aige a—fhuair e—tha mi cinnteach gun d' fhuair e droch [...]. Dhia na Gràsan [...] [John Shaw:] Seadh. [AML:] Agus bha toil aige faighinn bhos a chionn. [JS:] Bha. [AML:] Agus dh'fhosgail aig dorus—dh'fhosgail e doras fhlathanais. Dh'fhalbh e a-mach agus dh'éirich na naoimh air a leantail a-mach. [JS:] Dh'éirich. [AML:] 'S dh'éibh 'ad a' sin doras flathanais a dhùnadh air neo a bhiodh, a bhiodh e falbh. Agus bha 'ad a gràdhainn gur e na h-aingeal seo a lean nach—an e Lucifer a bh' air, no c' ainm— [Florence MacLellan:] 'S e. [AML:] —a chuala sibh—'s e—a lean e. Gur e sin na sìthichean eadar nèamh agus talamh an-diugh, gu b' e dé tha dol a dh'éirigh dhaibh latha—you know—latha a' bhreitheanais. [JS:] 'S e. [AML:] Agus sin agaibh na sìthichean 's tha na sìthichean ann cuideachd.