Alasdair MacArtair Mór agus na Sìthichean
Tar-sgriobhadh | Transcription
GFC002i05 ALASDAIR MACARTAIR MÓR AGUS NA SÌTHICHEAN
Beulaiche: Gilleasbuig Eòghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghais 'ic Aonghais 'ic Iain 'ic Iain 'ic Dhòmhnaill | Archibald MacLellan & Flòraidh Eóghainn Dhòmhnaill 'ic Aonghuis | Flora Mae MacLellan
[Archibald MacLellan:] Uill thàinig MacArtair Mór, 's e Alasdair MacArtair—fìor dhuine gasda—is bha fearann ac' os cionn an àit' againne. 'S e duine fìrinneach a bh' ann cuideachd. Agus 's ann á Canaich a thàinig e.
[John Shaw:] 'S ann.
[AML:] Agus bha e ag innse—an t-seann-té a bha 'fuireach goirid dha'n, dha'n chuan, nach e dha'n uisge shàillt' shìos—a h-uile beul-oidhche 'n àm an t-samhraidh bhiodh i falbh is 'toirt leatha bucaid airson sàile, bucaid dha'n t-sàile a bhiodh i a' cur a casan ann, bha lòine no rudeigin oirre.
Ach co-dhiù, bhiodh iad a' cumail sùil air an t-seann-té seo 'un fhios nach rachadh a bàthadh no 'n dh'éireadh sìon dhi. Ach by gosh, bha 'ad ga h-ionndrainn am beul na h-oidhche los nach fhaiceadh a' té ud shìos aig a' chladaich agus cha robh sgeul air a' bhoireannach is cha robh fhios dé dh'éirich dhaibh. Is dh'fhairich 'ad torcan a' tighinn 'san [adhar?]—'san eathar, agus 'bruidhinn ach cha robh 'ad a' tuigsinn. Is bha ise a' tighinn agus—sìthichean a bh' ann. 'S iad—i aig na sìthichean. 'S i air—i car 'na suidhe air thoiseach agus a' bhucaid seo aice 's i làn dha'n t-sàile.
Agus thàinig 'ad, thàinig 'ad a-staigh gu teann air a' chladach is dh'éibh an t-seann-té, bha i eòlach air coimhearsnach dhinn a bha 'san taigh 'n seo, is "Alasdair! Alasdair, a ghaoil, sàbhail mise!" thuirt i fhéin. Agus ruith 'ad 'na coinneamh is rug 'ad air a' bhoireannach agus thug na sìthichean, thug 'ad i—is bha 'ad a' dèanamh time oirre is thug 'ad, thug 'ad gu ruige eilein. An cuala tu dé an t-ainm a bh' air an eilean a thug 'ad?
[Flora Mae MacLellan:] Cha chreidsinn gu Barra Laomainn, Laomainn.
[AML:] Gu Eilean Laomainn.
[FML:] Laomainn.
[AML:] Agus chuir 'ad air ais i. 'S bha siod cho ceart 's a ghabhadh dha na sìthichean. 'S e naidheachd fìrinneach a tha siud, chan e sgeulachd idir a th' ann. Ach bha an duine, dh'innse e millean uair a' naidheachd ud agus 's e duine fìrinneach a bh' ann.
[JS:] 'S e.