Back to recordings

MacCoinnich agus an t-Each

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF349i05E MACCOINNICH AGUS AN T-EACH


Beulaiche: Murchadh Ghilleasbuig Mhurchaidh | Murdoch Gillis



Bha, bhiodh e suaip each, fhios agad, cha robh e…tha mi a' creidsinn, coltach ris a h-uile duine a bhios a' suaip each gu robh e car [treadachan?] ann; ach chreic e each ri duine agus dh'fhoigheachd e dha mu dhéidhinn an each, 's o a bha an t-each math. 'S thuirt e, "A bheil e dona gu leum?"
"O, chan eil," thuirt e. "Chan eil e dona gu leum idir."
Uill thug an duine dhachaidh e is chuir e 'mach ann am pasdur e. 'S ann an dà latha bha e 'sa phairc fheòir aige, an ath trup a choinnich e air.
"Uill nach tu fhéin an duine uamhasach," thuirt e. "Thuirt thu riumsa nach robh an t-each seo dona gu leum idir. Carson a rinn thu na breugan seo dhomh?"
"O, chan e breug a bha sin idir," a thuirt e. "Tha an t-each glé mhath gu leum," thuirt e.




Murdoch Gillis
Gleann nan Sgitheanach | Skye Glen 7 recordings Faic pròifil | view profile