Òran an Uaireadair
A’ chiad sreath | First Line
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348i12_348Bi01 ÒRAN AN UAIREADAIR
Beulaiche: Eòghann Dhòmhnaill Eòghainn Aonghais mac 'Illeasbuig | Hugh MacDonald
Bàrd: Raghnall Màiri Bhàin | Ronald Beaton
[Hugh MacDonald:] Tha mi 'dol a ghabhail nis òran a rinn Raghnall Màiri Bhàin do fear a dh'abradh 'ad "balach an uaireadair." Dòmhnaill [Iain?] Raib. Bha stòr beag aige aig an taigh sgoil, agus an dòigh a bha an t-òran a' dol gur h-ann mar seo a bhith …
An cuala sibhse mu na stòiridh
Air balach an uaireadair?
Gur e bìdeag do [neeesh/niece?] thug treabh air a' chist'
Feuch a robh diog aig an uaireadair
Gun dàinig teachdaire a dh'ionnsaigh na stairsneach
Gur robh soitheach air fhàgail a's an fhuaran
Chan fhaic thu nis ach cailleach a' tighinn le basgaid
A' faighneachd an gabh thu [cluich-craiceann?] is [cuaranan innte?]
Rinn e an t-òran seo...tha mi cinnteach gur ann airson…
[John Shaw:] Òran magaidh..tha mi cinnteach...
[HM:] Chan eil fhios 'am
[Rachel M:] Airson spórs a dheanadh air...an àm a bh' ann gu robh na h-uaireadairean gann
[JS:] 'S e.
[HM:] [Séisd:] Hì horó le illean is ó
Hì ho róro fhuair sibh
Hì ho róro le illean is ó
An cuala sibh stòiridh air balach an uaireadair?