GF348i12_348Bi01 ÒRAN AN UAIREADAIR Beulaiche: Eòghann Dhòmhnaill Eòghainn Aonghais mac 'Illeasbuig | Hugh MacDonald Bàrd: Raghnall Màiri Bhàin | Ronald Beaton [Hugh MacDonald:] Tha mi 'dol a ghabhail nis òran a rinn Raghnall Màiri Bhàin do fear a dh'abradh 'ad "balach an uaireadair." Dòmhnaill [Iain?] Raib. Bha stòr beag aige aig an taigh sgoil, agus an dòigh a bha an t-òran a' dol gur h-ann mar seo a bhith … An cuala sibhse mu na stòiridh Air balach an uaireadair? Gur e bìdeag do [neeesh/niece?] thug treabh air a' chist' Feuch a robh diog aig an uaireadair Gun dàinig teachdaire a dh'ionnsaigh na stairsneach Gur robh soitheach air fhàgail a's an fhuaran Chan fhaic thu nis ach cailleach a' tighinn le basgaid A' faighneachd an gabh thu [cluich-craiceann?] is [cuaranan innte?] Rinn e an t-òran seo...tha mi cinnteach gur ann airson… [John Shaw:] Òran magaidh..tha mi cinnteach... [HM:] Chan eil fhios 'am [Rachel M:] Airson spórs a dheanadh air...an àm a bh' ann gu robh na h-uaireadairean gann [JS:] 'S e. [HM:] [Séisd:] Hì horó le illean is ó Hì ho róro fhuair sibh Hì ho róro le illean is ó An cuala sibh stòiridh air balach an uaireadair?