Back to recordings
Dòmhnall Eóghainn Duinn: An Donas agus an Deoch
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348i09 DÒMHNALL EÓGHAINN DUINN: AN DONAS AGUS AN DEOCH
Beulaiche: Ailean a' Bhùidseir | Allan MacEachern
Bha Dòmhnall a' dol sìos, bha e dol a-staigh dha 'n an tavern is toil aige deoch fhaighinn is cha robh aige ach ten cents. Ach thàinig a' sagart. Chunnaic e 'na sheasamh e fhad 's a bha e 'feitheamh gus a [?] seo Dòmhnall. Is thuirt—stad a' sagart, thuirt e, "Fhios 'ad, a Dhòmhnaill, có tha dol a-staigh còmhl' riut a' sin?"
"Chan eil," thuirt Dòmhnall.
"Tha 'n Deamhan dol a-staigh còmhla riut."
"Uill ma tha, feumaidh e deoch fhéin a cheannach. Chan eil agams' ach ten cents airson mo dheoch fhéin."