Back to recordings
Maighstear Dòmhnall agus na Cranks
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348i07 MAIGHSTEAR DÒMHNALL AGUS NA CRANKS
Beulaiche: Ailean a' Bhùidseir | Allan MacEachern
John Shaw: Càr aig Mr. Dòmhnallach
MacEachern: Bha càr a' tighinn nall dha 'n town. Agus bha craing—dh'fheumadh tu 'n càr a chraingeadh.
JS: Seadh.
M: 'S e craing a bh' annta 'n uair ud. Ach bha Cranky Allan na shuidhe-s' air deireadh a chàir, stad an càr air Mr. Dòmhnallaich [cuin?] a dh' àite Raghnall Màiri Bhàin. Ach bha stòr beag aig Raghnall, is bha e 'na sheasamh 'san doraist. 'S bha iad a' feuchainn ris an càr fhaighinn air falbh. 'S cha robh an càr a' gabhail, is thòisich 'ad air. "Uill," thuirt Raghnall, "bu chòir dhi falamh dhut, thusa, tha trì cranks agad innt'."