Back to recordings

Còmhstri Eadar Raghnall Màiri Bhàin agus Cranky Allan

0:00
0:00 Download MP3

Tar-sgriobhadh | Transcription

Download transcription

GF348i06 CÒMHSTRI EADAR RAGHNALL MÀIRI BHÀIN AGUS CRANKY ALLAN


Beulaiche: Ailean a' Bhùidseir Dheirg mac Iain | Allan MacEachern



Raghnall Màiri Bhàin, bha e 'g obair air a' las, bha 'ad a' snaidheadh maidean leis an tuagh. Agus bhiodh e tighinn dhachaidh, bhiodh e tarraing na sliseagan, fhios agad, dheanadh e nas fhasa air do ghualainn. Agus bha e an uair sin air [?] is choinnich Cranky Ailean e is choimhead e, 's thuirt e, "Dé tha thu tarraing an sin air do ghualainn?" thuirt esan.
"Chan eil e cho iongantach ris a' rud a tha thusa tarraing air do ghualainn."
"Dé tha sin?" ors' Cranky Ailean.
"Tha do cheann."

Allan MacEachern
Siudaig Bheag | Little Judique 7 recordings Faic pròifil | view profile