Dòmhnall Eóghainn Duinn: An t-Each 's am Ministear
Tar-sgriobhadh | Transcription
GF348i04 DÒMHNALL EÓGHAINN DUINN: AN T-EACH 'S AM MINISTEAR
Beulaiche: Ailean a' Bhùidseir | Allan MacEachern
... dar a faiceadh Dòmhnall an t-each leis a' mhinistear…
Dh'fhoighneachd am ministear dha a robh an t-each math. Thuirt e gu robh.
"'Stuth a tha làidir, mhath 's gun tarraingeadh e 'n Deamhan."
Ach thàinig a' sin ministear eile a' visiteadh air a' mhinistear a' sin. Dh'fhuirich e còmhla ris fad seachdain. Ach bha an t-each a' fàs, a' dol air n-ais. Bha 'm ministear a' deanamh poidhle draibheadh ris 's bha e 'dol air n-ais, a' dol air n-ais.
Ach chunnaic e a' latha sin, bha am ministear eile còmhla ris 's e 'dol air draibh 's chunnaic e Dòmhnall a' tighinn agus swing mhath air. 'S thuirt e,
"Sheo shiud a' fear a chreic an t-each rium-as agus stad gus a' faic mis' e."
Ach thàinig 's Dòmhnall a-nuas.
"Stad," am ministear, a thuirt e, "Chreic thus' an t-each seo rium-as, thuirt thus' rium gu robh e cho làidir gun tarraingeadh e 'n Deamhan."
"Thuirt. Ach cha tuirt mi riut gun tarraingeadh e a dhà dhiubh!"